33. Gaisgeach na Sgèithe Deirge
Bha ann roimhe seo Rìgh Eireann, ’s dh’fhalbh e fhèin ’s a shluagh ’s a laochraidh ’s a mhaithean ’s a mhòr-uaislean don bheinn shithinn agus sheilg. Shuidh iad, ’s iad sgìth fann airsnealach, air cnocan dath-uaine daite, far an èireadh grian gu moch agus an laigheadh i gu h-anmoch. Bha na mial-choin air lomhainn ’s na gaisgich air an uilinn, agus an dèidh dhaibh an cuibheas a ghabhail de bhiadh ’s de dhibh, thuirt an rìgh gum b’ait leis fhèin a-nis treis air cantainn nan sgeul, los togail cinn is cridhe thoirt daibh. Chaidh an cruitire air ghleus:
Sheinneadh e puirt is uirt is cruitean,
Ruitheanna teudor, ruitheanna tairteil,
Curaidhean ’s laoich is aoig mun casan,
Aoig is ainn is boil is buaireas,
’S gun cuirteadh ’na shìor shuain
An saoghal mòr gu lèir
Le binnead a’ phuirt shìogaidh
A sheinneadh an cruitire.
Ars am fear bu luaithe beul na chèile: “Bha iad ann gun teagamh, curaidhean ’s laoich is aoig mun casan — ach cò nis, ann an ceithir ranna ruadh an domhain, aig am biodh a chridhe tàir agus tailceas a dheanamh air Rìgh na h-Eireann, ’s e am meadhan slòigh agus laochraidh, mòr-uaislean is maithean a rìoghachd fhèin?” “Nach amaideach sibh,” ars an rìgh; “dh’fhaodadh e tighinn, fear a dheanadh tàir agus tailceas
ormsa, ’s nach b’urrainn sibh an rioba bu mhiosa ’na fheusaig a thoirt aisde.”
Mun gann a bha na facail mach às a bheul, chunnacas dùbhradh froise an iomall a’ chuain, a’ tighinn on àird-an-iar ’s a’ triall don àird-an-ear — ’s marcaiche fàlaire duibhe tighinn gu sunndach ’na dèidh.
Mar a bu churaidh air tìr nan slèibhte,
Mar reul air na rionnagan,
Mar mhuir mòr air lodannan,
Mar ghual guibhne gobha
Ga bhàthadh aig taobh na h-abhann,
’S ann mar sin a dh’amhairceadh fir agus mnathan an domhain làmh ris,
An dealbh ’s an dreach ’s an cruth ’s an aogas.
Labhair e riu, mar a b’fheàrr a b’aithne da, am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, fìor-eòlais, ’s mun robh an tuilleadh seanachais eatorra, cuirear thairis an dòrn, buailear an rìgh eadar am beul ’s an t-sròn, cuirear trì fiaclan às, ceapar ’na dhòrn iad, cuirear ’na phòc iad, falbhar mar thàinig an dùbhradh froise. ] “Nach dubhairt mi,” ars an rìgh, “gum faodadh e tighinn fear a dheanadh tàir agus tailceas ormsa, ’s nach b’urrainn sibh an rioba bu mhiosa ’na fheusaig a thoirt aisde.” [Bhòidich an seo a mhac mòr, Ridire Chùirn, nach itheadh e biadh, ’s nach òladh e deoch, ’s nach èisdeadh e ceòl, gus an tugadh e bhàrr a’ ghaisgich a bhuail an dòrn air an rìgh an làmh a bhuail. “An t-aon ceudna dhòmhsa,” arsa Ridire Chlaidhimh, “gus an toir mi dheth an ceann a dhealbh.” “An t-aon ceudna dhòmhsa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, agus e am broilleach na cuideachd, “gus an toir mi às an cridhe smaointich. ” ] “Thusa, bheathaich mhosaich,” arsa Ridire Chùirn, “dè bheireadh tusa leinn? Nuair a rachamaid-ne air thapadh, rachadh tusa air mhì-thapadh. Gheibheadh tu bàs am mòintich bhuig, no ’n sgeilpe chreag, no ’n talamh toll, no ’n sgàth gàrraidh, no ’n àit-eigin.” “Biodh sin ’s a roghainn da ach falbhaidh mi,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. [Thog dithis mhac an rìgh orra, ’s ghabh iad cam-lorg nan liath-chearc chon na h-àird-an-iar. ] Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “Dè,”
arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh, “a nì sinn ris?” “Nì,” arsa Ridire Chlaidhimh, “an ceann a sgathadh deth.” [Cha dean sinn idir e,” arsa Ridire Chùirn, “is ann a chuireas sinn an dubh-chapall air.” Rinneadh seo gu breodail, agus mach a ghabh dithis mhac an rìgh. Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “Dè idir a nì sinn ris?” ars esan ri Ridire Chlaidhimh. “Nì dìreach,” ars am fear eile, “an ceann a sgathadh deth.” “Cha dean sinn idir e,” arsa Ridire Chùirn, “is ann a chuireas sinn ceangal nan trì chaoil air.” Rinneadh seo, agus ghabh dithis mhac an rìgh rompa, a’ coiseachd. Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “Braidean dubh,” ars esan, “dè ’n t-aon nì fon ghrèin ghil a nì sinn ris?” “Nì dìreach,” arsa Ridire Chlaidhimh, “an ceann a sgathadh deth. ” ] “Ma tà,” arsa Ridire Chùirn, “cha dean sinn sin; ach tha carragh mòr cloiche shuas an seo agus ceanglaidh sinn ris e.” “Tha mi toileach sin fhèin a dheanamh,” ars am fear eile. Cheangail iad ris a’ charragh chloich e, an los fhàgail gus am bàsaicheadh e, ’s ghabh iad air falbh. Sùil gun tug Ridire Chùirn a rithist às a dhèidh, faicear a’ tighinn e, ’s an carragh air a mhuin. “Nach fhaic thu nis am fear sin a’ tighinn a rithist ’s an carragh air a mhuin,” arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh; “dè nì sinn ris?” “Nì, an ceann a sgathadh deth ’s gun a leigeadh nas fhaide,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Cha dean sinn sin,” arsa Ridire Chùirn, “ach tillidh sinn agus fuasglaidh sinn an carragh dheth. Is suarach dar leithid-ne de dhà làn-ghaisgeach ged a bhiodh e leinn; nì e fear ghlanadh sgiath, no shèideadh thùrlach, no rud-eigin.” Dh’fhuasgail iad e agus thug iad leo e. Ghabh iad sìos an seo chon a’ chladaich. [Cò thachair riu ach Gruagach nan Cumha. Labhair iad ris am briathra fiosnacha, foisneacha, filidheach, fìor-ghlic, fìor-eòlais, agus fhreagair esan anns na briathra ceudna ’s mur b’iad a b’fheàrr cha b’iad idir bu mhiosa san àm. “Bu mhiann leinn,” ars iadsan ris, “an t-aiseag fhaotainn an seo.” “Cha bhi chion oirbh,” ars esan:
Is leamsa an long
As fheàrr chuireas tonn ’na dèidh;
Stiùir ’na deireadh, siùil ’na toiseach,
Beairt ’na buill ’s iad uile rèidh.
“Innis duinn fàth do choibhneis,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Cha dhuilich sin,” arsa Gruagach nan Cumha, “an ceann seachd latha na seachdain, thig sibh gu h-Eilean na Fiacais, ’s ma chì sibh Ailleagan nam Ban an sin, is nighean dòmhsa i. Tha mi gur cur fo gheasa agus fo chroise gun a fàgail air an eilean.” Fhuair e an sin an long ris an abradh iad an Iùbhrach Bhallach. ]
Chuir iad a-mach i, ’s thug iad a toiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr.
Thog iad na siùil bhreaca bhaidealacha bhàrr-ruisgte,
An aodann nan crann fada fulangach fiughaidh.
Bha soirbheas beag laghach aca mar a thaghadh iad fhèin,
Bheireadh fraoch à beinn, duilleach à coill, seileach às a fhreumhaichean,
Chuireadh tughadh nan taighean ann an claisean nan iomairean,
An latha nach deanadh am mac no ’n t-athair e.
Cha bu bheag ’s cha bu mhòr leothasan sin fhèin,
Ach ga chaitheamh ’s ga ghabhail mar a thigeadh e.
An fhairge fulpanaich ’s a’ falpanaich;
An lear dearg ’s an lear uaine lachanaich,
’S a’ bualadh thall ’s a-bhos mu bòrdaibh.
An fhaochag chrom chiar a bha shìos an grunnd an aigein,
Bheireadh i snag air a beul-mòr agus cnag air a h-ùrlar.
Ghearradh i cuinnlein caol coirce le fheabhas ’s a dh’fhalbhadh i.
[ “Dè ’n t-astar a th’aig an luing?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Trian gaoithe ’na deireadh ’s dà thrian ’na sliasaid,” arsa Ridire Chùirn, “bheireadh i air a’ ghaoith luath earraich a bhiodh roimpe, ’s cha bheirteadh oirre leis a’ ghaoith luath earraich a bhiodh às a dèidh.” “Chan astar sin idir do mo luing-sa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “tuilleadh aodaich rithe.” Rinneadh seo, ’s bha na still a’ riasladh nan sgò. “Dè ’n t-astar a tha aice nis?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Ghearradh i an t-ubh air a tharsainn,” arsa Ridire Chùirn. “Chan astar sin idir do mo luing-sa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “tuilleadh aodaich rithe.” Rinneadh seo, agus
b’aon sgò an fhairge gu lèir. “Dè ’n t-astar a tha aice nis?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Tha i cho luath ri aigne nam ban baoth,” arsa Ridire Chùirn. “Fòghnaidh sin,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, ’s e toirt sàthaidh di suas gu fuaradh. ] Thug iad trì làithean ga caitheamh mar sin. “Tha mi fhèin a’ fàs sgìth de seo,” arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh, “bu mhithich leam sgeul fhaotainn às a’ chrann.” “ ’S tu fhèin is mòr-inbhiche an seo, a Ridire Chùirn, agus leig fhaicinn gum bi spèis agad a dhol suas; agus mur a tèid thu suas, bidh am barrachd spòrs againn ort,” ars Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridire Chùirn le roid, ’s thuit e nuas ’na ghlag paiseanaidh air clàr-uachdrach na luinge. “ ’S dona fhuaras tu,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Faiceam an tu fhèin as fheàrr; ’s mas tu as fheàrr leigear fhaicinn gum bi barrachd toil agad dol air t’aghaidh, air neo bidh am barrachd spòrs againn ort,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridire Chlaidhimh, ’s mun d’ràinig e ach leth a’ chroinn, thòisich e air sgiamhail ’s air sgreadail, ’s cha b’urrainn e dol a suas no tighinn a-nuas. “Rinn thu mar a dh’iarradh ort, ’s leig thu fhaicinn gu robh am barrachd spèis agad a dhol suas; ’s a-nis cha tèid thu suas, ’s cha mhotha thig thu nuas! Cha ghaisgeach mise, ’s cha leth ghaisgeach mi, ’s cha robh meas gaisgich orm an àm fàgail. Gheibhinn bàs am mòintich bhuig, no ’n sgeilpe chreag, no ’n sgàth gàrraidh, no ’n àit-eigin, agus cha bu spàirn orm sgeul a thoirt às a’ chrann,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “A shaoidh mhòir,” arsa Ridire Chùirn, “feuch ris.” “Is saoidh mòr mi an diugh ach cha b’eadh a’ fàgail a’ bhaile,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Thomhais e leum o cheannaibh a shleagh gu barraibh òrdag; ’s bha e suas a chlisgeadh anns a’ chrannaig. “Dè tha thu faicinn? ”, arsa Ridire Chùirn. “Tha e ro-mhòr do dh’fheannaig ’s tha e ro-bheag do dh’fhearann,” ars esan. “Fan mar a th’agad feuch an aithnich thu dè th’ann,” ars iad ris; ’s dh’fhan e mar seo treis. “Dè tha thu faicinn a-nis?” ars iad ris. “Tha eilean agus cearcall teine mun cuairt air, a’ lasadh an ceann a chèile; ’s tha mi smaointeachadh nach eil aona ghaisgeach anns an domhan mhòr a thèid thairis air an teine,” ars esan. “Mur tèid ar leithid-ne de dhà ghaisgeach thairis air,” ars iadsan. “Tha dùil agam gum b’fhasa dhuibh sgeul a thoirt às a’ chrann na dol a-steach an siod,” ars esan. “Chan athais e!” arsa Ridire Chùirn.
“Chan eadh, is fìrinn e!” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Ràinig iad an taobh muigh den teine, ’s chaidh iad air tìr, ’s tharraing iad an Iùbhrach Bhallach suas a seachd fad fhèin air feur glas, ’s a beul fòidhpe, [far nach dubhadh gaoth i, ’s far nach sgagadh grian i, ] ’s far nach deanadh sgoilearan bail-mhòir bùrt no fochaid no magadh oirre, [ ’s far am faigheadh iad fhèin i seach gun iarradh iad i. ] Shèid iad tùrlach, ’s thug iad trì oidhchean is trì làithean a’ leigeadh an sgìos.
An ceann nan trì latha thòisich iad air lìobhadh nan arm. “Tha mi,” arsa Ridire Chùirn, “a’ fàs sgìth de seo; bu mhithich leam sgeul fhaotainn às an eilean.” “ ’S tu fhèin,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “is mòr-inbhiche an seo, agus falbh an toiseach feuch dè ’n sgeul as fheàrr a bheir thu dar n-ionnsaigh.” Dh’fhalbh Ridire Chùirn, ’s ràinig e an teine, ’s thug e làmh air leum thairte ’s a sìos ghabh e innte gu ghlùinean; ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille no craicinn eadar a ghlùinean ’s a mhuthairnean nach robh ’na chuaran mu bheul nam bròg. “ ’S don’ e, ’s don’ e,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Faiceam an tu fhèin as fheàrr,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Leig fhaicinn gum bi barrachd spèis agad a dhol air t’aghaidh, air neo bidh am barrachd spòrs againn ort.” Dh’fhalbh Ridire Chlaidhimh, ’s ràinig e ’n teine, ’s thug e làmh air leum thairte ’s chaidh e sìos innte gu ceann reamhar na slèisde, ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille no craicinn eadar ceann reamhar na slèisde ’s am muthairne nach robh ’na chuaran mu bheul nam bròg. “Ma tà,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “cha bu ghaisgeach mise an àm fàgail a’ bhaile nur beachd-se; ’s nan robh mo rogha arm is èididh agam de na bheil anns an domhan mhòr, cha bu spàirn orm sgeul a thoirt às an eilean.” “Nam biodh sin againn, gheibheadh tus’ e,” arsa Ridire Chùirn. “A Ridire Chùirn, b’e t’airm agus t’èideadh fhèin dara airm agus èideadh a b’fheàrr leam agam anns an domhan mhòr, ged nach tu fhèin dara gaisgeach as fheàrr a th’ann,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Is e m’airm agus m’èideadh fhèin as fhasa fhaotainn,” arsa Ridire Chùirn, “agus gheibh thus’ iad; ach b’fheàrr leam gum biodh tu cho maith ’s gun innseadh tu dhomh cò na h-airm agus an t-èideadh eile as fheàrr na m’ fheadhainn-sa.” “Tha airm agus èideadh Mhacaibh Mhòir Mhacaibh an Domhain a bhuail an dòrn air t’athair,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge.
Chuir Ridire Chùirn dheth airm agus èideadh, ’s ghabh Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge na h-airm agus na h-èididh. Ghabh e ’na threallaichean cath agus cruaidh-chòmhraig. Mar a bha lèine ’n t-sròl ’s an t-sìoda shleamhainn bhuidhe sìnte ra chneas:
A chòtan caomh cotain air uachdar na caomh chotaige,
A sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air a làimh chlì
A cheanna-bheart, clogada cruaidh-chòmhraig
A’ coimhead a chinn ’s a cheanna-mhullaich,
An toiseach na h-iorgaill — ’s an iorgaill an-diomain,
A shlacanta cruaidh curaidh ’na làimh dheis,
Urra-sgithinn gheur an taice ra chneas.
Thog e suas bràigh a’ chladaich, ’s cha robh fòid a thilgeadh e an dèidh a shàlach nach robh cho domhain ri fòid a thilgeadh dalachrann airein nuair bu doimhne bhiodh e treobhadh. Ràinig e an cearcall teine. Leum e o bharraibh a shleagh gu barraibh òrdag thar na teine. Bha ’n sin an aon eilean bu bhòidhche chunnacas o thùs an domhain gu deireadh na dìleann, [agus thuirt Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge ris fhèin gum bu mhaith an dachaigh-càin seo do ghaisgeach, agus na h-àra seachad. Cluinnear an seo an ceòl-sìdhe bu bhinne chual a dhà chluais riamh fo ghrèin no fo ghealaich, agus a dheòin no dh’aindeoin b’èiginn da leantainn. “Trom-lighe gun tàmh orm,” ars esan, “mur beir mo dhà chois air na chual mo dhà chluais. ” ] Ghabh e suas feadh an eilein, ’s chunnaic e cnoc maol buidhe ’na mheadhan. Thog e ris a’ chnoc. Bha Ionmhainn Mhnatha ’na suidhe air a’ chnoc, ’s òglach mòr ’s a cheann air a glùn, ’s e ’na chadal, [agus ise sìor dhùrdail ciùil os a chionn. “Seo an ceòl,” ars esan ris fhèin, “a mhealladh deòir à sùil is osann à cridhe, ’s a chuireadh boil is buaireas ’nan gil-suain fad finn fann foinn na gealaich. ] Labhair e rithe ann am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, mìne, maighdeanna, fìor-eòlais. Fhreagair ise e anns na briathra ceudna, ’s mur b’iad a b’fheàrr, cha b’iad dad bu mhiosa san àm. “Is ionmhainn leam fhèin fear do choslais, ’s nam biodh còir agam ort dh’fhàgadh tu an t-eilean,” ars an Ionmhainn. “Nam b’ionmhainn leat fear mo choslais, dh’innseadh tu dhomh dè bu dùsgadh don òlach seo,” arsa Mac
an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Tha bàrr na lùdaig a thoirt deth,” ars ise. Thug e làmh air an urra-sgithinn ghèir a bha ’n taice ra chneas, ’s thug e an lùdag dheth on bhun. Cha tug siod smaoisleachadh no gluasad air an òglach. “Innis domh dè ’s dùsgadh don òglach, air neo is dithis den toir mi na cinn, thu fhèin ’s an t-òglach,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Is dùsgadh dha,” ars ise, “rud nach dean thusa, no aona ghaisgeach anns an domhan mhòr, ach Gaisgeach na Sgèithe Deirge, dan robh e san tairgneachd tighinn don eilean seo, agus an carragh cloich ud thall a bhualadh air an duine seo ann an carraig an uchd; ’s tha e gun bhaisteadh gus an dean e sin.” Chual esan seo, gu robh a leithid anns an tairgneachd dha, ’s e gun bhaisteadh. Chaidh dòrn air thapadh, ’s dòrn air ghleusadh, ’s dòrn air spionnadh ann. Thog e ’na dhà làimh an carragh ’s bhuail e air an òglach mhòr an carraig an uchd e. Thug am fear a bha ’na chadal blaomadh air a dhà shùil ’s dh’amhairc e air. “Aha!” ars am fear a bha ’na chadal, “an tàinig thu, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge? Is ann an diugh a tha ’n t-ainm ort. Chan fhada sheasas tu dhòmhsa.” “Dà thrian de t’eagal ort fhèin, ’s a h-aon ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, “chan fhada sheasas tusa dhòmhsa.”
An caraibh a chèile ghabh iad, ’s bha iad a’ cruaidh leadairt a chèile gus an robh beul an ath-dhath ’s an anmoich ann. [Dheanadh iad creagan den bhogan agus bogan den chreagan; na clacha beaga dol an ìochdar ’s na clacha mòra teachd an uachdar; an t-àite bu lugha rachadh iad fodha rachadh iad fodha chon a’ ghlùine, ’s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha rachadh iad fodha chon an sgròbain. ] Smaointich Gaisgeach na Sgèithe Deirge gu robh e fad o chàirdean ’s fagas da naimhdean, ’s thug e an togail bheag shoilleir ud air, ’s bhuail e ris an talamh e. Thug òrdag a choise sanas do bhun a chluaise, agus sgath e dheth an ceann. “Ged is mi rinn seo cha mhi gheall e,” ars esan. Thug e ’n làmh on ghualainn deth, ’s thug e ’n cridhe às a chom, ’s thug e ’n ceann bhàrr a mhuineil. Chuir e làmh am pòc a’ ghaisgich mhairbh, ’s fhuair e trì fiaclan seann eich ann, ’s leis an deifir ghabh e ’n àite fiaclan an rìgh iad, ’s thug e leis iad. Chaidh e gu tom coille, ’s bhuain e gad, ’s cheangail e air an làmh ’s an cridhe ’s an ceann.
[Thog Gaisgeach na Sgèithe Deirge air an seo gu falbh, ’s
gabhar lorg a dhà shùla chon a’ chuain. Chuir e dà ghleann is dà mheall agus thog e giùthsach nan eun, nuair a ghiùlain osag-thoisich na gaoithe osann da chridhe, agus chaidh stad ’na cheum. “Is truime osann na eubh air mo chridhe,” ars esan, ’s e tilleadh. Faicear àilleagan nam ban ’na suidhe air a’ chnoc mhaol bhuidhe. ] “Cò aca ’s fheàrr leatsa fantainn an seo, air an eilean seo leat fhèin, na falbh leamsa?” ars esan ris an Ionmhainn. “Is fheàrr leamsa falbh leat fhèin na le fir na h-uir-thalmhanta gu lèir,” ars an Ionmhainn. Thog e leis i air fras-mhullach a ghuaille ’s air uallach a dhroma, ’s ghabh e gus an teine. Leum e thairis ’s an Ionmhainn air a mhuin. Faicidh e Ridire Chùirn is Ridire Chlaidhimh a’ tighinn ’na chòdhail, agus boil is buaireas ’nan sùilean. “Dè an gaisgeach mòr,” ars iadsan, “a bha às do dhèidh an siud, agus a thill nuair a chunnaic e ar leithid-ne de dhà ghaisgeach a’ tighinn?” “Seo dhuibhse,” ars esan, “an Ionmhainn mhnatha seo, agus trì fiaclan ur n-athar, agus ceann agus làmh agus cridhe an fhir a bhuail an dòrn air. Deanaibh fuireach beag, agus tillidh mise, ’s chan fhàg mi fuigheall sgeòil anns an eilean.” Ghabh e air falbh air ais, agus an ceann treis thug e sùil às a dhèidh, ’s faicear iadsan agus a’ Bhreacach a’ deanamh falach-cuain air. “Marbhaisg oirbh fhèin!” ars esan; “sian fala mur sùilean! manadh ur crochaidh oirbh! m’fhàgail an eilean leam fhèin, gun duine shìol Adhaimh ann, ’s gun fhios agam an nochd dè nì mi!” Ghabh e air aghaidh feadh an eilein, ’s cha robh e faicinn taigh no tùrais an àite sam bith, ìosal no àrd. [Bha dubhadh air a bhonnaibh agus tolladh air a bhrògan; neòil shìthe shèimhe an latha falbh, ’s neòil dhubha ghruamach na h-oidhche tighinn, ’s na h-eòin bheaga bhinne bhuchallach a’ gabhail mu bhun nam preas ’s mu bhàrr nan dos; ’s ma bha, cha bu tàmh ’s cha bu chlos dhàsan e gus am faiceadh no ’n cluinneadh e cù no duine, laogh no leanabh. ] Mu dheireadh chunnaic e seana chaisteal an ìochdar an eilein, ’s ghabh e da ionnsaigh. Chunnaic e trì òganaich a’ tighinn gu trom, airsnealach, sgìth chon a’ chaisteil. Labhair e riutha ann am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, fìor-eòlais. Labhair iadsan an comain nam briathra ceudna. Thàinig iad ann am briathra seanachais air a chèile; agus cò bha seo ach a thriùir dhearbh chodhaltan. Ghabh iad a-steach an deagh thoil-inntinn air a’ mhòr-bhaile.
Thog iad ceòl ’s leag iad bròn,
Bha deochanna mìne misgeach,
’S deochanna garga gachannach,
Beathanna saora socharach,
Eadar e fhèin ’s a chodhaltan;
Ceòl eadar fhìdhlean leis an caidleadh fir ghointe ’s mnatha-siùbhla;
Searganaich a’ sìor-ghabhail le faram a’ chiùil sin,
A bha sìorachd gu sìor-bhinn an oidhche sin,
[ ’S na dorsan gan sìor-dhùnadh air eagal ’s gun teicheadh an ceòl. ]
Chaidh iad a laighe. Anns a’ mhadainn an làrna-mhàireach dh’èirich e ann an deagh thoil-inntinn ’s ghabh e biadh. Dè chual e ach gliogarsaich arm, agus daoine dol ’nan èideadh. Cò bha seo ach a chodhaltan! “Càite bheil sibh a’ dol?” ars esan riutha. “Tha sinn o chionn latha ’s bliadhna anns an eilean seo, ars iadsan, “a’ cumail cogaidh ri Mac Dorcha Mac Doilleir, ’s ciad sluaigh aige, agus a h-uile h-aon a mharbhas sinn an diugh bidh e beò am màireach. Tha gheasan oirnn nach fhaod sinn seo fhàgail gu bràth gus am marbh sinn iad.” “Thèid mise leibh an diugh; is fheàirrde sibh mi,” ars esan. “Tha gheasan oirnn,” ars iadsan, “nach fhaod duine dhol leinn mur tèid e ann leis fhèin.” “Fanadh sibhse staigh an diugh, agus thèid mise ann leam fhèin,” ars esan. Thog e air falbh agus dh’amais e air sluagh Mhic Dorcha Mhic Doilleir, agus cha d’fhàg e ceann air colainn aca. Dh’amais e air Mac Dorcha Mac Doilleir fhèin, ’s thuirt Mac Dorcha Mac Doilleir ris, “An tu seo, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge?” “Is mi,” ars Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Ma tà,” arsa Mac Dorcha Mac Doilleir, “chan fhada sheasas tu dhòmhsa.” An caraibh a chèile ghabh iad, ’s bha iad a’ cruaidh-leadairt a chèile gus an robh beul an ath-dhath ’s an anmoich ann. [Dheanadh iad creagan den bhogan agus bogan den chreagan; na clachan beaga dol an ìochdar ’s na clachan mòra teachd an uachdar; an t-àite bu lugha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha chon a’ ghlùine, ’s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha chon an sgròbain. ] Mu dheireadh thug Gaisgeach na Sgèithe Deirge an togail bheag, shùnndach, shoilleir ud air Mac Dorcha Mac Doilleir, ’s chuir e
fòidhe e, ’s thilg e dheth an ceann. Bha an seo Mac Dorcha Mac Doilleir marbh, ’s a thrì mic dheug, ’s còmhrag ceud air làimh gach fir diubh. Bha esan an seo air a mhilleadh ’s air a reubadh cho mòr ’s nach b’urrainn e an àrach fhàgail, ’s cha d’rinn e ach e fhèin a leigeadh ’na laighe measg nam marbh fad an latha. Bha tràigh mhòr fodha gu h-ìosal, agus dè chual e ach an fhairge tighinn ’na caora teine teinteach — ’na nathair bheumannaich — ’na tarbh truid. Dh’amhairc e uaithe agus dè chunnaic e tighinn air tìr air meadhan na tràghad ach cailleach mhòr fhiaclach nach facas riamh a leithid. Bha an fhiacaill a b’fhaide ’na bata ’na dòrn, agus an tè bu ghiorra ’na dealg ’na h-uchd. Ghabh i nìos gus an àraich, ’s bha dithis eadar i agus esan. Chuir i a meur ’nam beul ’s thug i beò iad, agus dh’èirich iad suas slàn mar a b’fheàrr a bha iad riamh. Ràinig i esan, ’s chuir i a meur ’na bheul, agus sgath e dhith on alt i. Bhuail i buille de bhàrr a coise air, agus thilg i thar seachd iomairean e. “A bheadagain,” ars ise, “is tu am fear mu dheireadh a dh’ath-bheothaicheas mi san àraich.” Chrom a’ chailleach air fear eile, agus bha esan an taobh shuas dith. Cha robh fhios aige ciamar a chuireadh e às don chaillich. Smaointich e air an t-sleagh gheàrr a bh’ aig a mac a thilgeadh oirre, ’s nan tuiteadh an ceann dith gum bu mhaith. Thilg e an t-sleagh ’s chuir e an ceann den chaillich.
Bha e an seo ’na shìneadh air an àraich; fuil is fèithean is feòil air an dochann, ach gu robh cnàmhan slàn aige. Dè mhothaich e ach cruitire-ciùil feadh na h-àraich. “Dè tha thu ag iarraidh?” ars esan ris a’ chruitire. “Tha mi cinnteach gu bheil thu sgìth,” ars an cruitire; “thig a-nìos, ’s cuir do cheann air an tulmsaig seo, ’s dean cadal.” Chaidh e suas agus laigh e. Tharraing e srann a’ leigeadh air gu robh e ’na chadal. Air a bhonn a bha e gu brisg, ealamh èasgaidh. “Tha thu bruadar,” ars an cruitire ris. “Tha,” ars esan. “Dè chunnaic thu?” ars an cruitire. “Cruitire-ciùil,” ars esan, “a’ tarraing seana chlaidhimh mheirgich an los an ceann thoirt diom.” Rug e an seo air a’ chruitire-chiùil, ’s chuir e eanachainn ’na cuibeanan teine trìd cùl a chinn. Bha e an seo fo gheasa nach marbhadh e cruitire-ciùil gu bràth ach le chruit fhèin.
Chual e an seo caoineadh feadh na h-àraich. “Cò siod?” ars esan. “Tha an seo do thriùir dhearbh chodhaltan gad iarraidh o àite gu h-àite an diugh,” ars iadsan. “Tha mise am shìneadh an
seo,” ars esan, “agus fuil is fèithean is cnàmhan air an dochann.” “Nam biodh againn an stòpan-ìocshlaint a th’ aig a’ chaillich mhòir, màthair Mhic Dorcha Mhic Doilleir, cha b’fhada bhiomaid gad leigheas,” ars iadsan. “Tha i fhèin marbh shuas an sin,” ars esan, “agus chan eil nì aice nach fhaod sibh fhaotainn.” “Tha sinne às a geasan gu bràth,” ars iadsan. Thug iad a-nuas an stòpan-ìocshlaint, agus nigh is dh’fhailc iad e leis an rud a bh’anns an stòp. Dh’èirich e an sin suas cho slàn fallain ’s a bha e riamh. Chaidh e dhachaigh leo, agus chuir iad an oidhche seachad ann an deagh thoil-inntinn. Chaidh iad a-mach an làrna-mhàireach ann an deagh thoil-inntinn a dh’iomain. Chaidh esan ris an triùir, ’s chuireadh e leth-bhàir sìos agus leth-bhàir suas a-steach orra. Mhothaich iad do Mhacaibh Mòr Mhacaibh an Domhain a’ tighinn don bhaile. B’e seo an dearbh chodhalta cuideachd. Chaidh iad a-mach far an robh e, agus thuirt iad ris, “Fhir mo ghaoil, seachainn sinne ’s am baile an diugh.” “Dè as coireach?” ars esan. “Tha Gaisgeach na Sgèithe Deirge staigh, agus is tusa tha e ’g iarraidh,” ars iadsan. “Falbhadh sibhse dhachaigh, agus abraibh ris falbh agus teicheadh, air neo gun toir mise an ceann deth,” arsa Macaibh Mòr Mhacaibh an Domhain. Ged a bha seo uaigneach, mhothaich Gaisgeach na Sgèithe Deirge dha, agus chaidh e mach air an taobh eile den taigh, agus bhuail e beum-sgèithe agus fàd-còmhraig. Ghabh an gaisgeach mòr a-mach às a dhèidh. Thòisich iad air a chèile:
Cha robh cleas a dheantadh le sgithich no le sgothaich,
No le dìsnein ghillean feall,
No le òrgan nam manach,
Nach deanadh na gaisgich:
Mar a bha cleas a’ chleiteam, cleas an òigeam,
Ubhal a’ chleasaiche ga thilgeadh ’s ga cheapadh
An uchdannaibh a chèile,
Gu dèisinneach, dasannach,
Fuilteach, cneadhach, creuchdanta.
Toil-inntinn, toil-eadraiginn!
Chuireadh iad trì dìtheannan dearga teine den armaibh;
A’ cailceadh, den sgiathan, fal’ agus feòla
Den cneas agus den caomh-cholainn,
’S iad a’ cruaidh-leadairt a chèile.
“Nach amaideach thusa, Ghaisgich na Sgèithe Deirge, nuair tha thu cumail gleachd no cruaidh-chòmhraig riumsa,” arsa Macaibh Mòr Mhacaibh an Domhain. “Ciamar sin?” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha, nach eil gaisgeach anns an domhan mhòr a mharbhas mise gus am buailear mi os cionn teach mo thriubhais,” arsa Macaibh Mòr. “A bhuaidh bheannachd sin duit ga innseadh dhòmhsa! Nan innseadh tu sin domh o chionn fada, is fhada on sgrìob mi an ceann diot,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha sin barrachd agus as urrainn thu dheanamh. Tha trì fiaclan an rìgh an am phòca, agus feuch an tusa bheir às iad,” arsa Macaibh Mòr. Nuair a chuala Gaisgeach na Sgèithe Deirge càit an robh bàs Mhacaibh Mhòir, bha dà bhuille aige air a thoirt seachad mun bhuille, dà shàthadh mun t-sàthadh, dà fhriochdadh mun fhriochdadh, ’s bha ’n treas aon anns an talamh, gus an do chladhaich e toll. Leum e an sin an comhair a chùil. Leum an gaisgeach mòr da ionnsaigh, ’s cha tug e an aire don toll, agus chaidh e sìos ann gu teach an triubhais. Ràinig esan air an seo agus thilg e dheth an ceann. Chuir e làmh ’na phòca, ’s fhuair e trì fiaclan an rìgh ann, ’s thug e leis iad, agus ràinig e an caisteal.
Bha chodhaltan a’ gleusadh chlàr is chruit, agus fios aca gu robh iad a-nis saor o gheasa dhraoidh ’s o ghuin daoidh. “Fàilt ort, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge,” ars iadsan, “bhiomaid gad chùl-chàineadh nam biodh tu na b’fhaide gun tighinn.” “Cùl-chainnt na h-ionndrainn, cha chùl-chainnt idir i,” ars esan; “ach eadar dhà sgeul ’s eadar dhà bheul a’ chlobha, tha gnothach beag agam thall an Eirinn, agus bhithinn fada nur comain, nan deanadh sibh saod domh air an eilean fhàgail. ” ] “Chan eil saod againn,” ars iadsan, “air am fàg thu e; ach fan leinn fhèin gu bràth, ’s cha bhi dìth bìdh no dibhe ort.” “Cha bhi chùis mar sin; ach mur dean sibh saod air mo leigeadh air falbh, [is e bhios ann gum feum mi cleas nan ròn a dheanamh,” ars esan. ] “Tha curachan a bh’ aig do mhuime ’s aig t’oide an seo, agus cuiridh
sinn leat i gus an tèid thu air tìr an Eirinn. [Chan iarr i seòl no stiùir ach rùn do chridhe fhèin, agus bidh siubhal-sìdhe aice eadhon ri sìde nan seachd sian. ] An taobh a chuireas tu h-aghaidh falbhaidh i leat, agus tillidh i air a h-ais a rithist leatha fhèin [mar thilleas an fhaoileann do chladach a h-eòlais. ] Agus tha ’n seo trì chalmain ’s cumaidh iad àirdeachd riut air an rathad,” arsa chodhaltan ris. [Dh ’fhàg Gaisgeach na Sgèithe Deirge an seo beannachd na caoime ’s na caime aig a chodhaltan agus chuir iadsan uisg an easain air a dhos-san los nach èireadh beud no dochair dha a latha no dh’oidhche, agus bhòidich is bhriathraich iad ’nan ceathrar nach leigeadh iad cach-a- chèile air dì-chuimhn gu bràth. ] Chuir esan an sin an curachan a-mach, ’s shuidh e innte, ’s cha d’rinn e stad no fois gus an deachaidh e air tìr an Eirinn. Thionndaidh e h-aghaidh a-mach, ’s ma bha i luath tighinn, bha i na bu luaithe tilleadh. Leig e air falbh na trì chalmain a’ fàgail na h-eathaire. Bha duilichinn air gun do leig e air falbh iad leis cho bòidheach ’s a bha ’n ceòl a bha aca.
[Bha an oidhche ann a-nis agus ghabh esan lorg na lacha on chuan ’s rinn e calg-dhìreach air solas beag biorach a chunnaic e eadar beinne is machair. Gheàrr e an fhead chaol chruinn chruaidh a bh’aig Caoilte, agus cò thàinig a-mach ’na choinnimh ach Gruagach nan Cumha. “Fàilt ort, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge,” ars esan, “dh’aithnichinn do cheann air cladach agus t’fhead ri fèath nan eun fionn — ach càite bheil laogh mo chridhe, Ailleagan nam Ban?” Dh’innis Gaisgeach na Sgèithe Deirge dha gach nì mar a thachair, agus bhòidich iad le chèile an seasamh nam bonn, nach itheadh iad biadh, nach òladh iad deoch, nach èisdeadh iad ceòl, gus an ruigeadh iad Rìgh na h-Eireann agus an rèiticheadh iad cùisean ’na làthair. “Bha mi fhèin fo gheasa roimhe seo,” arsa Gruagach nan Cumha, “nach rachainn thar cuan dh’fhios mo nighinn, ach shiùbhlainn a-nis còig còigeadh na h-Eireann cas-ruisgte ri sneachd ’s ri gaillinn, agus cha mhaoidhinn oirre gu bràth e ach mi ga faotainn an deireadh sgeòil.” Thog iad orra le chèile, agus ma bha an t-astar buan bu bhuaine na sin ceòlagraich Ghruagaich nan Cumha agus beòlagraich Ghaisgich na Sgèithe Deirge. ]
Bha abhainn mhòr eadar iad agus taigh an rìgh. Nuair a ràinig iad an abhainn, chunnaic iad duine liath tighinn ’na dheann, agus e glaodhaich, “A dhaoin’ -uaisle, fanaibh thall, gus an toir
mise nall air mo mhuin sibh, mum fliuch sibh sibh fhèin.” “A dhuine bhochd, is cosmhail gur h-ann ad phortair air an abhainn a tha thu,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “ ’S ann,” ars an seann duine liath. “Agus dè chuir ann thu? ars iadsan. “Innsidh mi sin duibh,” ars an seann duine liath. “Bhuail gaisgeach mòr dòrn air rìgh Eireann, ’s chuir e trì fiaclan às, agus dh’fhalbh a dhà mhac a thoirt a-mach dìoghlaidh. Dh’fhalbh balachan òg amaideach a bu mhac dhòmhsa leotha, agus nuair a chaidh iadsan air thapadh chaidh esan air mhì-thapadh. Bu shuarach an dìoghaltas leo mise chur am phortair air an abhainn air a shon.” “A dhuine bhochd,” ars esan, “chan athais sin. Mum fàg mis’ am baile bidh thusa gu maith.” Rug e air ’s thog e leis e, agus chuir e ’na shuidhe anns a’ chathair a bha ri gualainn an rìgh e. “Chan eil annad ach duine mì-mhodhail a thàinig don bhaile. Chuir thu am bodach sin ’na shuidhe ri gualainn m’athar, ’s chan fhaigh thu leat e,” arsa Ridire Chùirn, ’s e ’g èirigh agus a’ breith air. “Air mo làimh-sa, ’s air mo dhà làimh a shaoradh, gum bu cho maith dhuit breith air Cnoc Leothaid agus breith ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge ris, ’s e ga leagadh ris an talamh. Chuir e ceangal nan trì chaoil air gu daor agus gu docair. Bhuail e buille de bhàrr a choise air, ’s thilg e thar nan seachd sparrannan a b’àirde bh’anns a’ chùirt e, fo shileadh nan lòchran ’s fo chasan nan con mòr. Rinn e leithid eile air Ridire Chlaidhimh, agus rinn an Ionmhainn gàire. “Marbhaisg ort fhèin,” ars an rìgh rithe, “tha thu o chionn bliadhna air chomh-biadh, air chomh-deoch rium, ’s chan fhaca mi gean no gàire agad ga dheanamh gus a bheil mo mhic air am maslachadh,” “O rìgh,” ars ise, “tha fios mo riasain agam fhèin.”
“Dè, a rìgh, an sgreadail ’s an sgreuchail a tha mi cluinntinn on thàinig mi don bhaile, cha d’fhuair mi fhaighneachd gus an seo,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha, trì fiaclan eich aig mo mhic gan sparradh am cheann o chionn bliadhna le òrd, gus a bheil mo cheann air dol roimhe chèile le bristeadh cridhe ’s le cràdh ’s le dòrainn,” ars an rìgh. “Dè bheireadh tusa do dhuine chuireadh ann ad cheann t’ fhiaclan fhèin gun neimh gun dòrainn?” ars esan. “Leth mo stàit fhad ’s a bhithinn beò, ’s mo stàit air fad nuair a dh’fhalbhainn,” ars an rìgh. [ “Is motha an ceannach t’èiginn,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, agus e breith air pìos loma-làn den fhìon, ’s a’ cur nan trì fiaclan innte.
Cha bu luaithe rinn na chaidh gach nì trulainn; leum an rìgh bhàrr na cathrach; dh’atharraich Ridire Chùirn is Ridire Chlaidhimh na trì dathan; thàinig sac is gàire air Ailleagan nam Ban. “A rìgh na h-Eireann”, arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, “nach òl thu deoch-slàinte nan saoidh agus deoch-nàire nan daoidh? ” ] Dh’òl an rìgh an deoch, ’s chaidh fhiaclan fhèin ’na cheann gu làidir daingeann, a cheart cho maith ’s a bha iad riamh, ’s a h-uile tè ’na h-àite fhèin. “Aha!” ars an rìgh, “tha mis’ aig socair. Is tusa rinn an tapadh, ’s cha b’e mo chuid mhac-sa.” “Is e,” ars an Ionmhainn, “a b’urrainn an tapadh a dheanamh, ’s cha b’e do chuid mhac leibideach-sa, a bhiodh ’nan sìneadh an siùrra feamann nuair a bhiodh esan a’ dol air ghaisge.” “Chan ith mi biadh ’s chan òl mi deoch,” ars an rìgh, “gus am faic mi mo dhà mhac gan losgadh am màireach. Cuiridh mi feadhainn a dh’iarraidh cuallan glas-daraich airson an losgadh.”
Anns a’ mhadainn an làrna-mhàireach cò bu mhuiche bha air a ghlùn aig leabaidh an rìgh ach Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Eirich às an sin, a Ghaisgich; dè ’n aon nì bhiodh tu ag iarraidh nach faigheadh tu!” ars an rìgh. “Is e an rud a tha mi ag iarraidh, do dhà mhac a leigeadh air falbh; chan urrainn mi bhith an aon àite am faic mi gam milleadh iad,” ars esan; “b’fheàrr bearradh eòin is amadain a dheanamh orra, agus an leigeadh air falbh.” Thoilich an rìgh siud a dheanamh. Rinneadh bearradh eòin is amadain orra. Chuireadh a-mach às an àit iad, ’s coin is geòcaich baile-mhòir às an dèidh. Phòs agus chòrd an Ionmhainn agus Gaisgeach na Sgèithe Deirge. Rinneadh banais a mhair latha ’s bliadhna, agus bha an latha mu dheireadh dith cho maith ris a’ chiad latha.
title | Gaisgeach na Sgèithe Deirge |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VIII. Sgeulachdan Leasaichte |