[i]

INBHE THEARAINTE DHAN GHAIDHLIG

Secure Status for Gaelic

Ceist fèin-spèis daonna, ceist buintealais agus ceartais!”

Dreach iùl airson Achd Gàidhlig

Comunn na Gàidhlig

Iuchar 1999

[ii]
[iii]

Comunn na Gàidhlig

Paipear Iùl Bile Gàidhlig

Ged is e slighe fhada a bha ann chun na h-ìre seo is ann le misneachd agus fìor thoileachas a tha Comunn na Gàidhlig a’ liubhairt an tagraidh seo a niste gu Prìomh Mhinistear Pàrlamaid na h-Alba, agus le dòchas gun dèan seo cuideachadh mòr leis a’ Phàrlamaid ann a bhith a’ cur an gnìomh a’ gheallaidh a thug iad dhuinn air Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig. Is e ceum air leth cudromach agus eachdraidheil a bhios ann dhan Ghàidhlig agus ceum a bheir brosnachadh da-rìreabh do shaoghal na Gàidhlig ann an Alba agus air feadh an t-saoghail. Ach is e ceum air leth fregarrach, dòchasach agus dligheach a tha ann cuideachd do chànan na dùthcha fhèin aig toiseach linn ùir.

Ann a bhith a’ cur nam molaidhean seo ann an clo, dhiarrainn as leth Comunn na Gàidhlig taing mhòr a thoirt dhan Bhuidhinn Obrach a rinn uidhir cuide rium air an iomairt airson Inbhe Thèarainte. Ruairidh Iain MacLeòid; Niall Mac an Tòisich, CBE; an t-Ard-Oll. Dòmhnall Meic; agus taing shònraichte dha Raibeart Dunbar agus Wilson MacLeòid airson an cuid saothraich leis an sgrìobhadh. Agus taing cuideachd dhan fheadhainn anns a’ choimhearsnachd a thug taing agus beachdan dhuinn.

Mòran taing agus tha min dòchas gum faicear luach na saothraich sin a dhaithghearr!

Ailean Caimbeul

CeannardComunn na Gàidhlig

25 Ogmhios 1999

le taic airgid bho IOMAIRT na Gaidhealtachd.

[iv]
[1]

Comunn na Gàidhlig

(Dreach Paipear Iùil air Bile Gàidhlig)

Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig

San Dùbhlachd 1997, lìbhrig Comunn na Gàidhlig (CnaG) do dhOifis na h-Albann sreath mholaidhean fon ainmInbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig”. Bhon uair sin, tha CnaG, le cuireadh bho Chalum Dòmhnallach BP, Ministear Oifis na h-Albann le uallach sònraichte thaobh na Gàidhlig, air a bhith ri co-co-luadar le oifigich an Oifis na h-Albann le rùn gun leasaich CnaG na molaidhean airson Inbhe Thèarainte ann an cruth a ghabhas toirt air adhart am Pàrlamaid ùir na h-Alba. Tha na leanas mar thoradh air an t-seòl seo.

Mus tionndaidh sinn gu ar molaidhean, bu mhath leinn ar dòchas a dhaingneachadh gum bi na molaidhean sin a tha an raointean comais Pàrlamaid na h-Alba air an toirt gu buil le aon reachd sa Phàrlamaid ùir, Achd Ghàidhlig, anns am biodh forailean a dhèanadh cinnteach à leasachadh cho-leanailteach air reachd sam bith eile le buntainneas. A thaobh chùisean an comas laghail Pàrlamaid Westminster, tha sinn an dòchas gu faod raighailtean leithid seo cuideachd an toirt gu buil le aon reachd sam biodh forailean a dhèanadh cinnteach à leasachadh cho-leanailteach air reachd sam bith eile le buntainneas.

Bu mhath leinn a dhaingneachadh gum bu chòir do dhAchd Gàidhlig sam bith tòiseachadh le cur an cèill prionnsabal dligheachais cho-ionnan do Ghàidhlig is do Bheurla an Alba. Bhiodh am prionnsabal seo a’ ciallachadh còirichean sònraichte bunaiteach a thaobh sheirbhisean tro mheadhan na Gàidhlig do dhuile luchd-cleachdaidh na Gàidhlig an àite sam bith an Alba. Ann an ro-ràdh Achd na Cuimris 1993, tha aithris mar seo a thaobh prionnsabal dligheachais cho-ionnan do Chuimris is Beurla an giollachd gnothaich phoblaich is riarachadh ceartais sa Chuimrigh. Bhiodh ar dùil aig a’ char as lugha ri ro-ràdh dhen t-seòrsa seo an Achd Ghàidhlig sam bith. Ged tha, an Achd na Cuimris 1993, tha e coltach nach eil am prionnsabal seo a’ buntainn ach ri ullachadh sgeamaichean cànaine le buidhnean poblach. Bhiodh dùil againn nach biodh am prionnsabal air chor sam bith cho cuibhrichte an Achd Ghàidhlig ach gum buineadh e ris a h-uile raon de bheatha phoblach air a bheil smachd laghail aig Pàrlamaid na h-Alba. Bu chòir do phrionnsabal dligheachais cho-ionnan a bhith coithcheann. Cuideachd, dhfhaodte ràdh gu bheil suidheachadh a’ phrionnsabail seo an ro-ràdh Achd na Cuimris 1993 a’ bacadh a bhuaidh laghail; b’ fhèarr leinn aithris dhen t-seòrsa seo a bhith an am forailean na h-Achd fhèin.

A) Foghlam

A thaobh foghlaim, bu chòir gur h-e co-ionnanachd ri foghlam tro mheadhan na Beurla prionnsabal bunaiteach Achd na Gàidhlig. Le sin, tha sinn a’ ciallachadh gum biodh e mar chòir aig na h-uile a roghnaicheas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dhan cuid cloinne an cothrom sin a bhith aca bho ìre fo aois sgoile gu ìre adhartach; tha sinn a’ tuigsinn nach eilco-ionnanachdan giollachd a’ ciallachadh giollachdgun eadardhealachadhsam bith.

Tha aithne againn, ged tha, far nach eil ach iarrtas ìseal air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgìrean sònraichte ùghdarrasan foghlaim, gu faod uallach trom ionmhais


[2] tuiteam air ùghdarrasan nam biodh e mar thur dhleasdanas orra leithid sin de dhfhoghlam a thairgsinn. Mar sin, an ceartuair co-dhiù, tha sinn a’ meas iomchaidh gum bi an dleasdanas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a liubhairt an crochadh air iarraidh fhreagarrach a bith ann air a shon.

Air a’ char as lugha, dhfheumadh Achd na Gàidhlig na leanas iarraidh:

A) 1.

Ughdarrasan Foghlaim a bhith liubhairt foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig aig a h-uile ìre far a bheil iarrtas reusanta. Airson socrachadh cuin a ghabhar os làimh dleasdanas mar seo, bu chòiriarrtas reusantaa mhìneachadh mar iarrtas às leth 5 sgoilear no còrr fo aois sgoile no sa bhun-sgoil. Bu chòir an dleasdanas seo ainmeachadh mar chòir phàrant. Seach gu bheil foghlam sa bhitheantas ga thairgsinn air àrd-ìre le deifir luchd-teagaisg an cuspairean eadar-dhealaichte, bu chòir an dleasdanas airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, sa chiad dol-a- mach co-dhiù, a chumail ri suidheachaidhean far a bheil iarrtas reusanta, mar tha mìnichte gu h-àrd, airson teagaisg an cuspair sònraichte. Far a bheil an sgoilear/an t-oileanach air tighinn gu inbheachd, tòimhsear an t-iarrtas a-rèir iarrtais on sgoilear/oileanach fhèin.

A) 2.

Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chiad sgoil a tha a-mhàin airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a chuir Baile Ghlaschu air chois, agus tha sinn a’ cur luach air an taic a thug Oifis na h-Albann dhan iomairt seo. Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ag aithneachadh nam buannachd foghlamach is sòisealta an sgoiltean mar seo, agus tha iad gam meas mar an ath cheum reustanta an leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn dhen bheachd gum bu chòir dleasdanas reachdail a bhith ann airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann an sgoiltean mar seo far a bheil iarrtas gu leòr. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil fior chosgais an cur sgoiltean mar seo air chois, agus iomadh cuspair eile co-cheangailte riutha. Mar sin, tha sinn riaraichte, an dràsda, le aithne dhan phionnsabal mìnichte an seo. Chuireamaid fàilte, ged tha, air co-luadar le Oifis na h-Albann, Ughdarrasan Foghlaim ionadail agus buidhnean eile aig a bheil ùidh gus soilleireachadh na h-ìrean iarrais a dhfheumte airson a’ chòir seo a chur an sàs.

A) 3.

Bu chòir mothachadh a dhèanamh air luach na Gàidhlig agus a’ chultair na cois ann an leasachadh na h-Alba agus dòigh beatha an latha ’n diugh le bhith toirt àire do theagasg eachdraidh na cànaine is a’ chultair agus an dleasdanas aig an àm seo mar phrìomh phàirt de chuiricealam na bun-sgoile is na h-àrd-sgoile.

A) 4.

Gus ionnsachadh leantalachd do dhoileanaich a dhaingneachadh, feumar an ìre chuingichte de dhfhoghlam adhartach tro mheadhan na Gàidhlig a tha ri fhaighinn an dràsda a leudachadh le maoin iomchaidh do Shabhal Mòr Ostaig agus le taic dhan tuilleadh leasachaidh an colaisdean agus ionadan coimhearsnachd Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a thathar a’ cur air adhart.

Gus an solar deatamach reachdail seo a thoirt gu buil, feumaidh Achd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gum bi bun-structur nas treasa is nas taiceile air a stèidheachadh. Feumaidh na forailean a leanas a bhith na leithid sin de reachdas:

A) 5.

Bu chòir dleasdanas reachdail a bhith aig Buidheann Gnìomh na h-Alba dèanamh cinnteach gun coinnichear ri cosgaisean sam bith a bharrachd a dhèireas à stèidheachadh aonad na sgoil airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig nuair a bhios iarrtas gu leòr bho phàrantan. Mar sin, a’ lean an t-siostaim a tha ann an drasda, bu chòir dha Bhuidheann Gnìomh na h-Alba cosgaisean mar sin a phàigheadh mar thaic do dhughdarrasan foghlaim. Tha Oifis na h-Albann mar tha a’ dèanamh sin fo


[3] Riaghailtean nan Tabhartasan airson Foghlaim Gàidhlig (Alba) 1986, agus bu chòir an sgeama seo a leudachadh no innleachd eile dhealbh. Dhfheumadh an ìre ionmhais seo, a’ tighinn dìreach bho Phàrlamaid na h-Alba gu Ughdarrasan Foghlaim, leantainn gus am bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar bu chòir dha, an luib prìomh-shruth an fhoghlaim, no co-dhiù gus an daingnich rannsachadh neo-eisimeileach le maoin bhon Riaghaltas nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur barrachd chosgaisean air Ughdarrasan Foghlaim.

A) 6.

Feumar dèiligeadh gun dàil ri gainnead luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ma tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri soirbheachadh agus iarrtas phàrant fo na reachdan san amharc ri shàsachadh. Bu chòir dhan lagh toirt air Bhuidheann Gnìomh na h-Alba measadh bliadhnail a dhèanamh air feumlachdan agus tuilleadh ionmhais a bhuileachadh air ionadan foghlam luchd-teagaisg, ma nochdas am measadh feum orra, gus am bi iarrtas is toradh cothromaichte.

A) 7.

Dhfheumte ciad trèanadh luchd-teasgaisg a leasachadh gus na comasan is na sgilean sònraichte chòmhdach air am biodh feum an teasgasg tro mheadhan na Gàidhlig, le cùrsaichean air an liubhairt an Gàidhlig a ruigeadh air teisteanas bho Chomhairle Teagaisg Choitcheann. Bhiodh feum cuideachd air trèanadh freagarrach ion-sheirbhis a thairgsinn air stèidh raighailtich aig ìre ionadail agus nàiseanta.

A) 8.

Is e adhbhar uallaich a tha ann an gainnead stuthan ionnsachaidh is teagaisg agus am feum a tha air seirbhis leasachaidh cuiricealaim. Dhfheumadh Achd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gu faigh Ionad Nàiseanta Ghoireasan airson stuthan teagaisg Gàidhlig, a tha an Riaghaltas a’ cur air chois an ceartuair, maoineachadh iomchaidh bho Bhuidheann Gnìomh na h-Alba agus taic bho structuran leasachadh ionadail ghoireasan. Tha sinn a’ moladh gu feumadh an reachdas measadh uair sa bhliadhna iarraidh air feumlachdan a thaobh stuthan teagaisg. Bu chòir cuideachd sgeama thabhartasan a stèidheachadh a bheir taic do dhfhoillsichearan foghlaim le ullachadh is sgaoileadh fregarrach.

B) Gàidhlig agus Buidhnean Poblach (nam measg Pàrlamaid na h-Alba)

B) 1. Poileasadhean Gàidhlig airson Bhuidhnean Phoblach

Sa phaipear againnInbhe Thèarainte dhan Ghàidhligmhol sinn gu feumadh deifir bhuidhnean poblach Poileasaidhean Gàidhlig a dheasachadh fo Achd Gàidhlig. Tha sinn a’ tuigsinn gur h-e cùis dhuilich a tha seo, an chuid a thaobh modh obrachaidh agus brìgh. Tha duilgheadas na chur an gnìomh ri linn a’ cheangail eadar a leithid de Phoileasaidhean agus a’ Phàrlamaid ùr is Buidheann Gnìomh ùr na h-Alba, gun an structuran a thaobh chomataidhean is mhinistearan fhathast air an suidheachadh; agus ri linn a’ cheangail le ceist nas fharsainge a thaobh forailean Achd na Gàidhlig san iomlan a chur an gnìomh is a thoirt gu buil. Tha an tuilleadh deasbaid air a’ chùis sin san ath earran dhen phaipear seo. Tha ceist mun bhrìgh an cois an duilgheadais a’ dealbh suidheachadh coitcheann poileasaidh do bhuidhnean poblach a tha glè eadar-dhealaichte a thaobh an gnè agus an dàimh ri Gàidhlig. Tha deifir mòr eadar Bòrd Slàinte nan Eilean Siar is Comhairle nan Ealan an Alba, agus eadar Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle Crìochan na h-Alba.

Tha sinn a’ tòiseachadh, ged tha, le ath-aithris a’ phrionnsabail choitchinn sa Phaipear Inbhe gu feum gach buidheann phoblach ag obair an Alba poileasaidh Gàidhlig a chur air adhart an àm reusanta an dèidh Achd na Gàidhlig a reachdachadh; tha sinn a’


[4] moladh trì bliadhna. Fo Achd na Cuimris 1993, tha earran 6 ag iarraidh gu feum raon farsaing debhuidhnean poblachclàraichte uallachadh a dhèanamh agus aonta fhaighinn airson sgeama Cuimris. Biodh liosta mar sin freagarrach an Alba (an dèidh an leasachaidh riatanaich a thaobh structuran foirmeil eadar-dhealaichte an Alba), agus mholamaid na leanas a bhith oirre: Pàrlamaid na h-Alba, Oifis na h-Albann, comhairlean sgìre is coimhearsnachd air fad; ùghdarrasan poilis, teine agus slàinte; urrrasan NHS; Ughdarrasan Seirbhisean Slàinte Teaghlaich agus Comhairlean Slàinte Coimhearsnachd; Companaidhean Iomairt Ionadail uile; Comhairle nan Ealan an Alba; Ughdarras nan Croitearan; Comhairle Maoin Foghlaim Adhartaich an Alba agus Comhairle Maoin Foghlaim Ard-ìre an Alba; comainn foghlaim adhartaich agus àrd-ìre. Mar a tha ainmichte sa Phaipear Inbhe, bu chòir do gach meur dhen Riaghaltas fo rianachd Whitehall a thug ag obair an Alba poileasaidh a dheasachadh cuideachd.

Mar a tha ainmichte sa Phaipear Inbhe cuideachd, dhfheumadh poileasaidhean Gàidhlig mar seo dèiligeadh ris na raointean a leanas, mar a fhreagras dha gach buidhinn shònraichte an sàs ann: (1) co-luadar leis a’ mhòr-shluagh; (2) Gàidhlig air soidhnichean pobach; (3) liubhairt sheirbhisean sòisealta; agus (4) solar foghlaim. Faodar iùl mionaideach mu chuspair phlanaichean mar seo ullachadh còmhla ris a’ bhuidhinn comhairleachaidh a tha mìnichte gu h-ìseal, le aonta bho Bhuidheann Gnìomh na h-Alba. Feumar aire thoirt do dhòigh deasachaidh is aontachaidh nam poileasaidhean seo, a thuilleadh air a’ mhodh san teid an sparradh, agus beachdaichear air seo gu h-ìosal. Tha sinn a’ moladh, ged tha, iùl choitcheann reachdail ann an sgìrean rianachd riaghaltais ionadail (an ceartuair, sgìrean Ughdarrasan Ionadail) far a bheil co-dhiù 30% de shluagh na sgìre a’ bruidhinn Gàidhlig, gum bi Gàidhlig is Beurla air stèidh gu tur co-ionnan, agus feumaidh a h-uile buideann phoblach a tha ag obair sna sgìrean sin a bhith air an stiùireadh le prionnsasbal làn dhà-chànanais ann an deasachadh am poileasaidh cànaine. Bu chòir dhan lagh iùl reachdail a stèidheachadh gum biodh ìrean nas àirde de sheirbhisean Gàidhlig, gu ìre faisg air -chànanas am prìomh raointean sònraichte mar fhoghlam, anns na sgìrean rianachd sin far am biodh roinn mhath de luchd-labhairt Gàidhlig (can 2,500 neach a-rèir fiosrachaidh às a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, no co-dhiù 10% dhen t-sluagh).

Tha sinn dhen bheachd gu feumar buidheann comhairleachaidh a chruthachadh fo Achd na Gàidhlig, is dòcha Bòrd Comhairleachaidh na Gàidhlig, air an taghadh agus an urra ri Buidheann Gnìomh na h-Alba agus air am bi daoine le ealantas an leasachadh cànaine a bheir taic ag ullachadh a leithid sin de phoileasaidhean cànaine. Bu chòir, ged tha, air a’ cheann thall aonta Buidheann Gnìomh na h-Alba fhaighinn ris na poileasaidhean. Tha sinn dhen bheachd gum bu chòir, ron aonta, gach poileasaidh a chur fa chomhair Rannsachair na Gàidhlig (faic earran C) 4. gu h-ìseal), “A’ toirt gu buil Dleasnasan is Còirichean Achd na Gàidhlig” ), a dhfheumas measasdh a dhèanamh do Bhuidhinn Gnìomh na h-Alba mus co-dhùin iad a dhol leis a’ phoileasaidh no na agaidh.

Tha sinn a’ moladh gu làidir Ministear le uallach sònraichte airson na Gàidhlig a shuidheachadh mar phàirt de Bhuidheann Gnìomh na h-Alba. Sa phaipear Inbhe, tha sinn cuideachd air a mholadh gun gabh Pàrlamaid na h-Alba fhèin pàirt bhunaiteach san iomairt planadh cànaine a tha air a mhìneachadh. Tha sinn mar tha air a mholadh Comataidh Ghàidhlig a stèidheachadh a bheir taic do Bhuidheann Gnìomh na h-Alba agus, gu dearbh, dhan Mhinistear le uallach na Gàidhlig ann a bhith a’ coilionadh nan dleasdanasan seo fo Achd na Gàidhlig.

Air sàillibh nan teagamhan a thaobh structur comataidh na Pàrlamaid agus structur ministreil a’ Bhuidheann Gnìomh, ged tha, tha sinn a’ meas iomchaidh gun cuir


[5] Buidheann Gnìomh na h-Alba air chois buidheann obrach oifigeil, le Ministear na Gàidhlig sa chathair, agus le riochdachadh bho Phàrlamaid, bho ChnaG, bho bhuidhnean Gàidhlig eile agus cho chuid dhe na buidhnean poblach air an toireadh seo buaidh, nam measg Buidheann Gnìomh na h-Alba. Chleachdadh a’ bhuidheann obrach na prionnsabail ro-ainmichte mar stèidh airson leasachaidh air na structuran gnìomh is structuran pàrlamaid freagarrach, agus iùl iomchaidh airson poileasaidhean Gàidhlig a chruthachadh.

B) 2. Gàidhlig sa Phàrlamaid

Tha Aithisg na Buidheann Comhairleachaidh is Stiùiridh iar Pàrlamaid na h-Alba (Aithisg CSG) air àireamh de cheuman feumail a mholadh a thaobh Gàidhlig sa Phàrlamaid. A dhaindeòin sin, tha grunn cheistean cudromach gun fhreagairt, agus tha beagan coltais nach eil na molaidhean car coitcheann an Aithisg CSG cho farsaing na cho fialaidh is a bha san amharc nuair a dhfhoillsicheadh iad anmoch an uiridh.

Tha an CSG air na leanas a mholadh do Bhuidhinn Pàrlamaid na h-Alba a tha sinn a’ tuigsinn a chumas air adhart an obair a thòisich CSG:

B) 2.1.

Gum bi goireasan eadar-theangachaidh air an solaris e sin uidheam eadar-theangachaidh agus bun-structur làimhseachaidh”. tha seo ceart gu leòr agus tha coltas gu bheil an t-ullachadh riantach air dòigh, gun an còrr ri dhèanamh aig an ìre seo ach daingneachadh gu bheil na goireasan seo gu bhith an dachaigh gheàrr-ùine na Pàrlamaid san Talla-cruinneachaidh Choitcheann, agus nach ann a-mhàin san togalach bhuan.

B) 2.2.

Gu feum Buill a tha deònach òraid Ghàidhlig a liubhairt sa Phàrlamaid fios a thoirt ro làimh dhan Cheann-suidhe gus gun cuirear goireasan eadar-theangachaidh air dòigh”. Is e beachd reusanta a tha ann am fios ro làimh seach nach bithear a’ cleachdadh Gàidhlig ro thrice agus ’s e mi-fheum de ghoireasan a bhiodh ann an eadar-theangaiche làn-ùine bhith an làthair tron h-uile giollachd sa Phàrlamaid. Cha ghabh, ged tha, am fios a bhith ro fhada ro làimh. Feumaidh Buill cothrom farsaing a bhith aca an roghainn na Gàidhlig, agus dhèanadh cus cuideim air achòir seo milleadh mòr air inbhe na Gàidhlig mar chànain oifigeil sa Phàrlamaid. Tha aithne dha seo na chuspair cudromach an eachdraidh agus ’s e bacadh eachdraidheil a bhiodh ann an dìth an cothrom seo a dhaingneachadh. Tha sinn a’ moladh nach bi an rabhadh nas fhaide na ceithir uairean a thìde, gus tomhas de dheòin is dligheachas a bhith aig a’ chòir Gàidhlig a chleachdadh. Cha bhiodh ùine nas fhaide na seo idir iomchaidh. A bharrachd, tha e deatamach airson deifir adhbharan air an leudaichear gu h-ìseal, gu fasdaidhear eadar-theangaiche no eadar-theangaichean air stèidh làn-ùine mar phàirt de luchd-obrach na Pàrlamaid fhèin, chan ann an suidheachadh sònraichte, geàrr-ùine. Thoiribh aire, an coimeas, nach bi feum air fios ro làimh a thaobh Cuimris sa Chòmhdhail Chuimrich agus gu bheil fichead (20) eadar-theangaiche làn-ùine air am fasdadh mar tha mar phàirt de luchd-obrach na Còmhdhail fhèin. Ged a dhfhaodte chantainn gur h-e fìor mhionchuid de shluagh na Cuimrigh a tha bruidhinn Cuimris, bidh eadar-theangaichean air am fasdadh cuideachd aig Còmhdhail Eirinn a Tuath gus cothrom a thoirt Gaelige agus Albais Ulaidh a chleachdadh. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil eadar-theangaichean Gaelige air fasdadh aig a’ Chòmhdhail seo mar tha agus gu bheil iad a nis an dùil eadar-theangaichean Albais Ulaidh fhasdadh.

B) 2.3.

Nach bu chòir ullachadh a dhèanamh sa chiad dol-a- mach airson eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gàidhlig no cànainean sam bith eile; ach gum bu chòir dhan Phàrlamid fhèin, aon uair ’s gum bi i stèidhichte, a rèiteach ma tha i deònach


[6] barrachd eadar-theangachaidh a chur air dòigh”. Chuireamaid fàilte air mean-bheachdachadh air a’ chùis le Pàrlamaid na h-Alba.

B) 2.4.

Gum bu chòir soidhnicheanan togalach na Pàrlamaid a bhith an Gàidhlig is am Beurla”. Gabhaidh an rùn seo breithneachadh an iomadh dòigh agus tha sinn a’ moladh iùil nas soilleire is nas fharsainge. ’S e cuspair cudromach a tha ann an soidhnichean -chànanach aig a bheil buaidh bhrìghmhor air inbhe is iomhaigh na cànaine. Cho fad ’s a ghabhas, tha sinn a’ moladh gum bi inbhe na Gàidhlig co-ionnan ris a’ Bheurla. Tha soidhnichean nan dòigh shìmplidh nach eil ro chosgail air seo a thoirt gu buil. Tha an t-àm glè chudromach cuideachd seach gu bheil e mòran nas saoire is nas fhasa soidhnichean -chànanach a chur suas sa chiad dol-a- mach na nas fhaide air adhart. Is e an aon chuspair mu dheireadh an seo gum biodh stiùireadh mu shoidhnichean -cànanachis e sin briathrachas gach soidhne, agus dèanamh cinnteach à aonta le prionnsabal shoidhnichean dhà-chànanachmar dhleasdanas cudromach oig oifigeach Gàidhlig air fhasdadh leis a’ Phàrlamaid, dreuchd a tha sinn a’ moladh gu làidir.

B) 2.5.

Gum bu chòir an Aithisg Oifigeil air giollachd na Pàrlamaid a bhith foillsichte san àbhaist am Beurla a-mhàin, agus òraidean sa Phàrlamaid an cànainean eile seach Beurla is Gàidhlig a bhith san Aithisg Oifigeil san eadar-theangachadh Beurla a-mhàin”; “gum bu chòir òraidean sa Phàrlamaid an Gàidhlig a bhith foillsichte san Aithisg oifigeil sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh Beurla”; agusgum bu chòir do Bhall a’ dèanamh òraid sa Ghàidhlig leth-bhreac dhith a chur gun Aithisg Oifigeil an Gàidhlig le eadar-theangachadh Beurla”. Tha feum air puingean mhìneachaidh an seo. Tha gabhail ris a’ phrionnsabal gum bu chòir òraidean an Gàidhlig fhoillseachadh an Gàidhlig na shàr thaisbeanadh air inbhe na cànaine, agus tha fàilte ri chur air sin. Bu chòir, ged tha, goireasan pàrlamaid a bhith ann airson taice le eadar-theangachadh òraidean Gàidhlig: is e sin, dhfheumadh neach-dreuchd eadar-theangachaidh a bhith mar thaic a’ deasachadh òraidean Gàidhlig do bhuill deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh, is cha bu chòir fhàgail an urra ri buill fhèin gu h-iomlan. ’S e a’ phuing mu dheireadh seo as cudromaiche seach gu bheil e ciallachadh cleachadh na Gàidhlig sa Phàrlamaid a ghnàthachadh, agus cuideachd a’ nochdadh an fheum a tha air luchd-dreuchd làn-ùine.

B) 2.6.

Gum bu chòir do dhionad fiosrachaidh poblach na Pàrlamaid cuairt-fhiosan cunbhalach a thoirt a-mach an Gàidhlig ag amas gu sònraichte air an t-sluagh a bhruidhneas a’ Ghàidhlig”. Tha feum air a’ mholadh chudromach seo a leudachadh an dhòigh. Sa chiad àite, tha sinn a’ moladh gur h-ann uair no dhà sa mhios a bhiodh iomchaidh na cuairt-fhiosan seo a nochdadh. San dàrna àite, tha sinn a’ daingneachadh gum bu chòir luchd-dreuchd fasdaichte chleachdadh airson na h-obrach seo. Bhiodh deasachadh a leithid de chuairt-fhiosan seo, coltach ri stiùireadh shoidhnichean dhà-chànanach, freagarrach aig Oifigeach Pàrlamaid fasdaichte, leis an eadar-theangaiche fasdaichte na urra gu h-iomlan ri eadar-theangachadh an aithris is an sgrìobhadh.

B) 3.

Bha grunn chuspairean cudromach eile mun Phàrlamaid ris nach do dhèilig an CSG:

B) 3.1.

Cleachdadh Gàidhlig air seirbhisean cian-teacs na Pàrlamaid, lìon-làraich, cinn-litir is eile. Mar a tha le soidhnichean, bu chòir dhaibh sin uile bhith -chànanach bho thus, agus maoin freagarrach air a chur a thaobh a cinnteach à seo. A rithist, tha cosgaisean mòran nas ìsle ma nithear deasachadh aig toiseach gnothaich: tha e gu math nas fhasa lion-làrach -chànanach a dhealbh na feuchainn ri lìon-làrach aon-chànanach am bith mar tha ath-dhèanamh no ath-ìnnleachadh.


[7]

B) 3.2.

Còir luchd-taghaidh sgrìobhadh gu BPA na Gàidhlig agus freagairtean fhaighinn na Gàidhlig. Bu chòir seo a mheas fìor èiginneach ma tha Gàidhlig gus inbhe oifigeil fhaighinn. Tha caochladh ùghdarrasan ionadail aig nach eil ceangal làidir ri Gàidhlig, nam measg Comhairle Baile Dhuin Eideann, air strìochdadh dhan phrionnsabal seo mar tha. A rithist, feumaidh solar ceart sheirbhisean mar seo seirbhisean eadar-theangaiche no eadar-theangaichean fasdaichte làn-ùine a chothaicheas ri feuman na cuid seo agus nithean gnàthach eile de ghnothach na Pàrlamaid.

B) 3.3.

Luchd-obrach a thaobh na Gàidhlig. A’ leantainn air na tha gu h-àrd, tha sinn a’ moladh triùir neach-obrach, aig a’ char as lugha, a shuidheachadh dhan Phàrlamaid: (1) oifigeach fiosrachaidh is gnìomh a ghabhas uallach fiosrachaidh mu Ghàidhlig sa Phàrlamid fhèin agus dha na meadhanan is dhan mhòr-shluagh, agus a bheir taic le cur an gnìomh agus sparradh poileasaidhean taisbeanach na Pàrlamaid a thaobh Gàidhlig, m.e. solar shoidhnichean dhà-chànanach, (2) eadar-theangaiche (no eadar-theangaichean) fasdaichte le teisteanas aig am bi dleasdanas paipearan is òraidean pàrlamaid eadar-teangachadh, agus (3) teigneòlaiche comasach an Gàidhlig a dheasaicheas teacs Ghàidhlig airson seirbhis cian-teacs na Pàrlamaid (dhfhaodadh seo a bhith an luib dhleasdanasan eile, leithid prìomh uallach airson pìomh sheirbhis na Beurla).

B) 3.4. Eadar-theangachadh paipearan pàrlamaid.

Ged a tha sin nag aideachadh gur h-e Beurla a-mhàin a bu chòir a chleachdadh airson reachdan, riaghailtean agus ionnleachdan reachdail, tha sinn a’ moladh gum biodh taghadh riaghailteach farsaing de phaipearan air an cur a-mach an riochd Gàidhlig, gu h-àraidh an fheadhainn sin airson an sgaoileadh air a’ mhòr-shluagh, mar sin a’ cuideachadh le gnàthachadh na Gàidhlig sa Phàrlamaid. Chan e rud gu tur ùr a bhiodh an seo ach leudachadh nàdarra de ghnàths Oifis na h-Albann an dràsda. Gun teagamh, tha seo a’ taisbeanadh as ùr an fheum air eadar-theangaiche no eadar-theangaichean fasdaichte.

B) 3.5.

Mu dheireadh, agus an as cudromaiche, ceist Comataidh no Fo-chomataidh Sheasmhach Ghàidhlig agus a dleasdanas. Ged a tha structure comataidh Pàrlamaid na h-Alba an urra ris a’ Phàrlamaid fhèin, tha sinn a’ moladh, mar a tha aig B) 1. gu h-àrd, “Poileasaidhean Gàidhlig airson Bhuidhnean Phoblach”, gun cruthaichear buidheann obrach oifigeil a bhreithnicheas air na cùisean seo. Mar a chomharraicheadh, bu chòir ma Ministear le uallach airson na Gàidhlig a bhith sa chathair aig a’ bhuidhinn obrach, agus riochdachadh a bhith oirre bhon Phàrlamaid, bho ChnaG, bho bhuidhnean Gàidhlig eile agus bho chuid dhe na buidhnean poblach air an toireach seo buaidh, nam measg Buidheann Gnìomh na h-Alba.

C) Gàidhlig agus an Lagh

C) 1. Na Cùirtean:

Sa Phaipear Inbhe, tha sinn a’ moladh còir reachdail choitcheann a stèidheachadh dhan h-uile neach a nochdas fo chomhair uile chùirtean le ùghdarras laghail coitcheann (a thaobh lagh na h-eucorach no sìobhalta), cùirtean-rèite rianachd agus buidhnean breitheach no, mar gum bitheadh, breitheach sam bith eile gum faod iad an cùis a chur an cèill agus fianais a thoirt tro mheadhan na Gàidhlig. Dhfheumadh an neachrabhadh iomchaidha thoirt dhen rùn a bhiod aige/aice thoirt dhan chùirt/chùirt-rèite agus dhan neach/fheadhainn eile a bha an luib na cùise. Bhiodh e an urra ri Ughdarrasan Cùirt na h-Alba eadar-theangaichean a lorg is a phàigheadh.

Tha an dleasnas seo san fharsaingeachd a-rèir earrann 22 de dhAchd na Cuimris a tha ceadachadh do neach sam bith, neach-fianais no eile Cuimris a bhruidhinn ma thogras


[8] iad ann an giollachd laghail sam bith sa Chuimrigh, cho fad ’s a bheir iad ro-fhios dligheach a thaobh riaghailtean na cùirte. Bhiodh e an urra ri Pàrlamaid na h-Alba dèanamh cinnteach seirbhisean eadar-theangachaidh iomchaidh a bhith ri làimh.

Tha sinn a’ toirt aire nach eil Achd na Cuimris a’ cur an cèill ach cothrom Cuimris abhruidhinnle neach sam bith, agus, mar sin, chan eil coltas gu bheil solar sam bith ga dhèanamh airson paipearan sgrìobhte is eile. Air an aon làimh, ma tha Gàidhlig a’ dol a dhfhaighinndligheachas co-ionnanri Beurla, tha argamaid ann gum bu chòir cothrom a bhith aig neach a h-uile taobh dhe chuid/cuid gnothaich laghail a làimhseachadh sa Ghàidhlig. Air an làimh eile, tha aithne againn gu faodadh fìor dhuilgheadas maoin a bhith an cois an cothrom seo a thairgsinn. Mar sin tha sinn a’ moladh gu faigh a’ Ghàidhlig giollachd co-ionnan ri Cuimris, agus gu lean Achd na Gàidhlig briathran earrann 22 de dhAchd na Cuimris 1993.

Tha sinn gu làidir dhen bheachd gu feum còir mar seo a bhith air stèidh nàiseanta, chan ann ceangailte air mhodh ioralta, gun sheagh ri corra àite sgìreil: is e sin còir Gàidhlig a chleachdadh san cùirtean a-mhàin ansgìrean far am bruidhnear a’ Ghàidhlig”, leithid nan Eilean Siar. Tha seirbhisean sònraichte tro mheadhan na Gàidhlig mar a tha foghlam air am bu chòir còir a bhith aig muinntir Alba gu lèirgu cinnteach, luchd-labhairt na Gàidhlig uilege b’ e cèarn sam bi iad a’ fuireach. Ged is dòcha gum biodh e doirbh eadar-theangaiche lorg an sgìre dhen dùthaich far nach eil mòran a’ bruidhinn na Gàidhlig, gabhaidh fuasgladh riarachail a thoirt air a’ cheist seo le iarrtas gu faigh a’ chùirt ro-fhios iomchaidh a bheir ùine gu leòr dhan riaghaltas eadar-theangaiche a lorg.

B) 2. Gàidhlig agus Paipearan Laghail/Poblach

Tha sinn cuideachd air a mholadh sa Phaipear Inbhe gun leasaichte na laghan gu lèir a bhuineas ri clàradh ainmean pearsanta, laghan taghaidh gu lèir, laghan a thaobh riaghailtean is co-chorpachadh chompanaidhean, stèidheachadh charthannas, urrasan, sealbhadaireachd agus co-roinn gus cleachdadh ainmean is mìneachadh Gàidhlig (m.e. co-chorpaichte, earranta is eile) a cheadachadh. A rithist, bhitheamaid a’ sireadh leantainn ri forailean Achd na Cuimris 1993 a tha a’ dèiligeadh sa choitcheannas ris an ceistean seo an earrannan 25–33. Far a bheil na forailean sin a’ toirt roghainn do Mhinistear na Stàite airson na Cuimrigh a thaobh solair tro mheadhan na Cuimris, dhfhaodte roghainn mar sin a thoirt do Mhinistear na Gàidhlig, comataidh no fo-chomataidh na Gàidhlig, no dhan Mhinistear Roinne iomchaidh a dhèanadh co-dhùnadh air an toireadh Ministear na Gàidhlig, a’ chomataidh agus/no an fho-chomataidh ath-bhreithneachadh.

Tha duilgheadasan an cois nam molaidhean seo, ged tha, seach gu bheil feadhainn dhe na raointean ris am buin iad, mar eisimpleir laghan taghaidh, laghan chompanaidhean is eile, nancuspairean glèidhtefo Achd na h-Alba, agus, mar sin, chan urrainn dhaibh a bhith nam pàirt chorporra de dhAchd Gàidhlig sam bith a bheireadh Pàrlamaid na h-Alba gu buil. Mar sin bu chòir dhuinn moladh solar freagarrach a chur air adhart na Achd na Gàidhlig a mholamaid a thoirte am follais aig Westminster.

C) 3. Neo-leathachas

Sa Phaipear Inbhe, mhol sinn gun dèanadh an riaghaltas an Cùmhnant Eòrpach Chòirichean Daonna na phàirt de lagh dùthchail na Rioghachd Aonaichte, ach gun rachadh am forail mu neo-leathachas an Artigeal 14 a neartachadh a thaobh nan


[9] Gàidheal is na Gàidhlig is mion-chànainean eile dhe leithid. Tha an riaghaltas mar tha air Caidreachas na h-Eòrpa ghabhail a-steach gu corporra, an cruth neo-leasaichte san fharsaingeachd, le Achd nan Còirichean Daonna. Chan eil e coltach gun dèanar an còrr leasachaichean, agus is e Westminster a ghabhadh gnothach ris co-dhiù.

Mhol sinn cuideachd atharraichean an Ach Dàimh nan Cineal agus Achd Orduigh Poblaich a dhaingneachadh gum biodh tèarainteachd aig na Gàidheil is a’ Ghàidhlig fo na laghan seo co-ionnan ri muinntir mhion-chànainean eile. Is e cuspairean glèidhte tha seo cuideachd a dhfheumadh reachdas Westminster. Chan eil sinn a’ moladh laghan mar seo a leasachadh gu h-àraidh airson na Gàidheil a thoirt a-steach fon tèarainteachd, ach tha sinn a’ moladh an leasachadh gus dèanamh soilleir gu bheil còmhdach ann do bhuill do choimhearsnachdan nam mion-chànainean mar a tha luchd-labhairt na Gàidhlig, na Cuimris is na Gaeilge.

C) 4. A’ toirt gu buil Dleasnasan is Còirichean Achd na Gàidhlig:

Tha grunn thaobhan air stiùireadh Achd Cànaine. Sa chiad àite tha dèiligeadh ri gearanan. San dàrna àite, tha cumail aire air an Achd agus an ìre seirbhis a tha i liubhairt, is dhfhaodadh dleasdanas rannsachaidh a bhith an cois seo. San treas àite, tha comhairleachadh dhan riaghlatas agus seirbhisean taice dhan riaghaltas agus do bhuidhnean poblach a dhfheumas an lagh a ghleidheadh, mar eisimpleir toirt comhairle ghleusda airson deasachadh is sgrùdadh innleachdan cànaine.

Tha sinn a’ moladh na trì dleasdanasan seo a sgaradh, agus a’ chiad fhear, rannsachadh ghearanan fo Achd na Gàidhlig, a bhith an urra ri Oifis Rannsachair na Gàidhlig a bhiodh stèidhichte fon lagh. Bhiodh an Rannsachair agus luchd-obrach na h-Oifis neo-eisimeileach bho Bhuidhinn Gnìomh na h-Alba agus bhon Phàrlamaid fhad ’s a mhaireadh an dreuchd; bhiodh seo fada gu leòr airson urras a bhith air tomhas de neo-bhith ann, aon a thaobh dìth dleasdanasan coitcheann a choilionadh fon Achd no fo phoileasaidhean sònraichte airson cànaine (an luib seo cion poileasaidh iomchaidh a thoirt air adhart le buidhinn phoblaich), agus an roinn eile a thaobh dìth dhe leithid seo a tha buintinn gu dlùth ris an neach-gearain (m.e. cion foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a liubhairt). Sa chiad roinn ghearanan, chan e a-mhàin cumhachdan farsaing rannsachaidh a bu chòir a bhith aig an Rannsachair ach an comas an lagh a sparradh, tro na cùirtean nam biodh feum, far an do dhfhàilig an riaghaltas. San dàrna seòrsa ghearain, a thuilleadh air na cumhachdan seo, bhiodh còir a bharrachd aig neach- (luchd- )gearain e/i fhèin a thoirt na cùise fa chomhair nan cùirtean na tha e/i mi-riaraichte le co-dhùnadh an Rannsachair. Bu chòir do dhAchd na Gàidhlig còmhnadh sònraichte chruthachadh a dhfhosgladh an t-slighe dha na Cùirtean san shuidheachadh. Mu dheireadh, mar a tha ainmichte an earran B) 1. gu h-àrd, “Poileasaidhean Gàidhlig airson Bhuidhnean Phoblach”, bhiodh an t-uallach air an Rannsachair airson geur-mheasadh a dhèanamh air na poileasaidhean Gàidhlig uile a chruthaicheadh buidhnean phoblach.

Tha sinn cuideachd a’ moladh Oifis shònraichte Coimiseanair na Gàidhlig a chruthachadh. Bhiodh dleasdanas eadar-dhealaichte is na b’ fharsainge aig a’ Choimiseanair. Chumadh e/i smachd is aire air cur an gnìomh Achd na Gàidhlig, làimhseachadh bhuidhnean phoblach air am planaichean cànaine, inbhe, ìre agus freagarrachd seirbhisean na Gàidhlig, seasamh amhòr-shluaigh a thaobh nan seirbhisean sin, agus mar sin air adhart. Dhfhaodadh an Coimiseanair aithisgean bhliadhnail a dheasachadh do Phàrlamaid na h-Alba, agus sgrùdaidean cunbhalach air cànain a chur air adhart air an toirte fiosrachadh dhan mhòr-shluagh cuideachd.


[10]

Dhfhaodadh an Coimiseanair cuideachd molaidhean a dhèanamh airson leasachaidhean riaghailteach/reachdail, agus chuireadh e air adhart rannsachadh air a’ bhuaidh chànaineach, shòisealta is eaconamach a bheir Achd na Gàidhlig agus poileasaidhean na Pàrlamaid sa choitcheannas. Mu dheireadh, bhiodh e an urra ri oifis a’ Choimiseanair mion-sgrùdadh a dhèanamh air buaidh uile reachdan is poileasaidhean an riaghaltais air a’ Ghàidhlig, agus fiosrachadh mun seo a thoirt do Mhinistear na Gàidhlig agus do mhinistear(an) /chomataidh(ean) sam bith a tha an sàs an deasachadh nan reachdan/nam poileasaidhean.

Mu dheireadh, bu chòir buidheann a bhith ann, Bòrd Comhairleachaidh na Gàidhlig, ainmichte an earran B) 1. gu h-àrd, “Poileasaidhean Gàidhlig airson Bhuidhnean Phoblach”, aig am biodh ealantas proifeiseanta an deasachadh phlanaichean airson Gàidhlig, agus ann an cuspairean liubhairt sheirbhisean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn cuideachd a’ moladh gun stèidhichear air comhairle Bòrd Comhairleachaidh na Gàidhlig co-dhùnaidhean mu dhleasdanas is maoineachadh an caochladh bhuidhnean Gàidhlig shaor-thoileach, nam measg Comhairle nan Sgoiltean Araich, Comann an Luchd-Ionnsachaidh, Comann nam Pàrant and An Comunn Gàidhealach, a thuilleadh air na buidhnean Gàidhlig sin a tha nam pàirt dhen raon phoblach as fharsainge, leithid Pròiseact nan Ealan agus Iomairt Chaluim Chille. Seach gum bi am Bòrd seo gu dlùth an luib deasachadh poileasaidhean cànain bhuidhnean phoblach, bidh sàr chothrom aige poileasaidhean nam buidheann sin a cho-òrdanachadh an dàimh ris na buidhnean Gàidhlig seo. ’S e a’ bhuidheann obrach oifigeil, a tha mìnichte gu h-àrd, a bu chòir dèiligeadh ri modh suidheachaidh nan oifigeach is nam buidheann seo uile.

D) Craoladh

Sa Phaipear Inbhe, chomharraich sinn mòran dhe na duilgheadasan a tha aig craoladh tro mheadhan na Gàidhlig na dràsda, agus mhol sinn gum biodh reachdas ann airson seirbhis dhlùthaichte craolaidh Gàidhlig a chruthachadh aig am bi comas fàs gus coinneachadh ri feuman luchd-amais agus gus inbhe craolaidh àrdachadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus tachartasan ealanta is cultarail an dàimh rithe.

Tha sinn a’ cur fàilte air a’ bhuidhinn obrach a chaidh a shuidheachadh fo stiùireadh Alasdair Milne, agus gun deòin ro-bhreith a thoirt air obair na buidhne seo, chan eil sinn ach a’ dèanamh ath-aithris air ar taic làidir dha na molaidhean aig Niall Friseal na aithisg air craoladh Gàidhlig a chaidh fa chomhair Oifis na h-Albann. Tha sinn a’comharrachadh, ged tha, gum bu chòir do leasachadh ùghdarras craolaidh Gàidhlig sam bith iùl a ghabhail bho dhà phrionnsabal. An toiseach, bu chòir dhan h-uile co-dhùnadh a thaobh structar is toradh na seirbhis a bhith, sa chiad dol-a- mach, air an stiùireadh leis a’ bhuaidh a’ dhfhaodadh a bhith aca air coimhearsnachd na Gàidhlig. Bu chòir gu feumadh an t-seirbhis aithrisean cunbhalach a dheasachadh do Phàrlamaid na h-Alba is coimhearsnachd na Gàidhlig mun bhuaidh a tha aig a h-iomairt is a phrògramadh air a’ chànain. San dàrna àite, bu chòir do structar seirbhis dhe leithid seo dèanamh cinnteach gu bheil a luchd-gnìomh a’ riochdachadh coimhearsnachd na Gàidhlig agus cunntachail dhith. Bu chòir dhan bhuidhinn obrach, ainmichte an toiseach an earrann B) 1. gu àrd, “Poileasaidhean Gàidhlig airson Bhuidhnean Phoblach”, aire thoirt dha na cuspairean seo agus molaidhean a dheasachadh dhan taobh.

Comunn na Gàidhlig

Buidhneann Obrach Inbhe Thèarainte

25 Ogmhios 1999

titleInbhe Thearainte Dhan Ghàidhlig
internal date1999.0
display date1999
publication date1999
level
reference templateInbhe Thearainte Dhan Ghàidhlig %p
<< please select a word
<< please select a page