[1] [2]
[3]

Am Miseanaraidh

Iain Mac a’ Ghobhainn

[4] [5] [6] [7] [8]
[9]

Am Miseanaraidh

Tha am miseanaraidh a’ falbh tro Afraga,
a’ smaoineachadh air Dia gu h-àrd.
Tha gach an seo dubh ach tha Dia geal.
Tha aodannan leòmhann air na h-easan fhèin
ach tha Dia faisg is blàth.

Uaireannan chan eil fhios aig’ càit a bheil ean Afraga, An Afraga
far a bheil gach rionnag gheal
a’ deàrrsadh os a chionn.

Ach tha creideas aige, creideas gu leòr,
nach eil anns a’ phreas,
anns a’ phreas dheàlrach chòir,
nathair le ceann de dhaoimean,
trusgan neo-Chrìosdaidh grad.

Tha am miseanaraidh a’ falbh tro Afraga,
mun cuairt air tha na duilleagan a’ fàs,
cùbainnean borba gorm.
Tha sùilean air a’ mhiseanaraidh gun sgur
Nach fhaca Nèamh a-riamh.
Cho fionnar is cho ciùin a choilear geal,
cearcall geal de chnàmh.

Mar nach biodh e idir ann,
tha na craobhan geal’ nach cual’ mu Dhia a-riamh
a’ dùnadh air a cheann de chnàmh,
agus tha a smaointean faoin
a’ crìonadh ann an Afraga
far a bheil gach smaoin cho gorm.


[10]
title0
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page