[53]

10

Fad na tìde bha na drumaichean abualadhs an dotair-buidseachd adanns is cabar fèidh air a cheann. Na drumaichean, na drumaichean, na dannsairean acur char, an-dràstas a-rithist atoirt èigh àrd mar gum biodh sleagh air a dhol tromhpa, èigh thana chruaidh chritheanach àrd. Mun cuairt air na teinichean bha iad adanns, ann am faileas is solas nan teinichean.

Bha a chasan gus gluasadcha mhòr gum burrainn dha an cumail aig fois: ’s e seo an t-àite seo an t-àite anns am faodadh e fhaireachdainnean a leigeil leis aghaoith, saorsa ùr ionnsachadh. Chunnaic e fear mòr làidir adanns na aonar, a shùilean sgeunach, a bheul fosgailte, asàthadh an adhair leis an t-sleagh a bhaige na làimh cheart.
Sin Morga,” ars an ceannard na chluais,” fear cho treuns a tha san treubh. An turas mu dheireadh a bha sinn air chogadh, mharbh e deichnear.” Thug Dòmhnall sùil gheur air. Bha aodann


[54] Mhorga asruthadh le fallas, ’s e asàthadh na sleagha don adhar a-rithists a-rithist, a shùilean air an t-anam a chall, an uinneag sin trom faicear, chan e sannt an ainmhidh, ach spiorad an duine.

Cha robh cuimhnaige cuin a dhanns e fhèin mu dheireadh. An ann aig ceann an rathaid nuair a bha e na bhalach aig àm foghairs aghealach dhearg anns an adhar mar chearc a bhios alaighe air uighean? Am foghar; danns; drochaid; clann-nighean. Sheall e suas don iarmailts chunnaic e aghealach agabhail seachad anns an adhar cho fadair falbh, cho ciùin, truinnsear geal. Bha i abruidhinn ris air a dhachaigh, fuar is cruaidh is geal. Mo shaoghal fhìn, an saoghal a chuir mi air chùl, an saoghal geal ud. Tha mi nam shrainnsear anns an àite seo. Theab e a làmh a chur a-mach ris acheannard mus tuiteadh e air an talamh. An danns, an danns, ’s an dotair-buidseachd atoirt sùil air bho àm gu àm, le a chorp stiallach, le adhaircean fada biorach. Is Morga adanns le fiabhras cogaidh.
Tha iad aguidhe ri Dia,” ars an ceannard ris gu socair. “Tha iad ag iarraidh air mòran iseanan a chur thuca, oir tha anaman nan nàimhdean asgiathalaich air falbh don adhar nuair a dhfhàgas iad an cuirp.”

Frasan iseanan anns an adhar aig àm foghair, atogail orra do dhùthaich chèin, afàgail nam faichean lom air an cùlaibh. An coirc air a bhuain. ’S aghealaich anns an adhars na dannsairean adanns. Chaidh Dòmhnall air chrith, oir bha na drumaichean na fhuil, bha iad mar bhainne borb ann an crannag.

An leig mi leam fhìn danns, an tèid mi sìos don dorchadas far a bheil Morgas an dotair-buidseachd? Agus aig an àm sin fhèin dhfhairich e sgreuch thana chruaidh adòrtadh a-mach


[55] às a bheul. Bha e mar isean asgiathalaich, alorg solais anns an dorchadas, alorg na grèine. Bha a chasan abualadh air an talamh, bha gach olc, gach fearg, gach farmad adòrtadh a-mach às a chorp mar a dhòirteas bùrn salach à pìob. Gach gamhlas is nàimhdeas adòrtadh a-mach às, afàgail a chuirp aotrom soilleir mar shlige a tha seinn le ceòl. Bha e am measg na gràisg anns an dorchadas, bha e còmhla riutha, bha e adèanamh comannachadh borb còmhla riutha, cha bhiodh e na aonar a-chaoidh tuilleadh, bha e afàgail aonaranachd na Roinn-Eòrpa air a chùlaibh (na sanasan-reice ud a bha aseòladh air feadh nan sràidean anns aghaoith), bha e afàgail na h-aonaranachd ghil us air a chùlaibh. Bha e uair mar shleagh afalbh tron t-saoghal, aon sleagh leatha fhèin, asathadh tro thìm, toiseach luinge. Ach a-nis bha e còmhla ris aghràisg, am measg na fala, am measg nan drumaichean, am measg nan corp fallasach. Dhfhairich e inntinn ga fhàgail mar ghath gealaich, chunnaic e i aruith air fàth a-steach do na duilleagan, ’s bha e fhèin anns an dorchadas a bha cho blàth, cho tèarainte, cho slàn. Carson nach do dhfhairich mi an tèarainteachd seo roimhe? Carson a bha mi cho fada nam aonar, acothachadh ri tìm? Ach a-nise tha tìm fhèin air mfhàgail (oirs e tinneas a bhann), tha mi mu dheireadh thall an Afraga. Tha mi ann am meadhan a ciùil.

Chunnaic e e fhèin mar gum bann mìltean air falbh ri taobh an dotair-buidseachd, ’s bha an dotair-buidseachd agàireachdainn, ’s na stiallan dearg is geal asruthadh sìos aodann, croinn iarainn ann am prìosan. Bha e fhèin ag èigheachd dìreach mar a bha e acluinntinn na feadhainn eile adèanamh, ’s bha an onghail a bha e dèanamh coltach ris an onghail a bhiodh e cluinntinn air an oidhche anns an eaglais nuair a bhiodh na h-ainmhidhean


[56] abùireil. Bha e ann am fàinne de thoileachas, de shaorsa, agus aghealach aseòladh seachad na bu luaithes na bu luaithe, aghealach bha toirt Miraga na chuimhne.

Bha sleagh na làimhs bha e ga sàthadh anns an adhar fhalamh. Tha mi tighinn, an laoch dubh, a chuireas às do ghealtachd. Tha mo chorp dubh, tha mi beò air an dorchadas. Bha bùrn na saorsa aruith tro a chorp, bha e mar eas a bhios an-còmhnaidh atorman ann am meadhan coille, bha an ceòl aruith a-mach tro a ghob. Bha e cho aotroms nach mòr nach robh e asgiathalaich.

Agus anns amhionaid stad na drumaichean, stad an ceòl, agus bha an dotair-buidseachd adèanamh comharradh ris aghràisg. Thàinig an saoghal a bha acur char dheth gu stad, chaill achuibhle dhubh a gluasad, agus bha an dotair-buidseachd asealltainn ris. Thàinig facail a-mach à beul an dotair-bhuidseachd. bha e ag ràdh? ’S cinnteach nach. ..
Dèan ùrnaigh,” ars an dotair-buidseachd ris. “Dèan ùrnaigh ri do Dhia fhèin. Siuthad, dèan ùrnaigh gum bi ar cogadh sealbhach.” Agus bha aodann an dotair-bhuidseachd na aon chraos de bhuaidh, de ghlòir, de ghàirdeachas.

Sheas Dòmhnall far an robh e ann am meadhan na coille, air a chuartachadh le teinichean. Bha na drumaichean nan tàmh, cha robh ri chluinntinn, bha an t-sàmhachd ga cheusadh.

Miraga, Miraga, Miraga. nach dèan mi air do shon? Airson do chuirp, airson na saorsa a thug thu dhomh, airson do shliasaidean, de bheòil, do bhilean.
Siuthaddèan ùrnaigh,” ars an dotair-buidseachd, agus dhfhairich Dòmhnall aghaidh ainmhidh ga chur air aodann. Bha fàileadh nan ainmhidh mun cuairt air, fàileadh làidir fallasach.


[57]

Air a ghlùinean air an talamh, thòisich e ri ùrnaigh. “Gun cuidicheadh Dia ar n-ionnsaigh chunnartach. .. Gun tugadh E buaidh dhuinn air ar nàimhdean.” Bha na facail atighinn a-mach às a bheul gu cugallach mar a rinn iad uair, bha clachan mòra geala anns abhùrn.

Ach chuir e suas an ùrnaigh, ’s nuair a dhèirich e gu a chasan bha e afaireachdainn cho lom ri isean air madainn geamhraidh. Bha mar gum biodh stiallan dearga tarsainn air anam.

title10
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page