[24]

4

Làrna-mhàireach chaidh e air tòir bean Bhanga airson a toirt dhachaigh gu a cèile. Bha bothan Thobbuta domhainn anns achoille, a bha dorch uaine mun cuairt air, ach an-dràstas a-rithist gum faiceadh e lainnir na grèine asàthadh eadar na craobhan. Lean e am frith-rathad a bha iomadh cas air a dhèanamh air làr na coille, acluinntinn aig amannan feadalaich nan eun. O a shaoghail a chruthaich thu, a Dhè, cho bòidheachs a tha e, cho beairteach le beannachdan. Ann an ceann ùine chunnaic e dhà no trì bhothanan air a bheulaibh agus dhfhaighnich e de bhalach beag rùisgte càit an robh taigh Thobbuta. Sheall am balach an taigh dha, agus choisich e thuige agus fhios aige fad na tìde gu robh daoine afarchluais air. Bha aodach dubh am measg an uaines an òir.

Bha Tobbuta fhèin na shuidhe aig beulaibh an taighe ageurachadh pìos fiodha.
Thàinig mi air tòir bean Bhanga,” arsa Dòmhnall ris.


[25]

Thog Tobbuta a shùilean is sheall e ris. Gun smid a ràdh, sheall e broinn abhothain dha, is chaidh am miseanaraidh a-steach. Bha boireannach na suidhe air an làr is dithis nighean beaga ri taobh.
Feumaidh tu dhol air ais gu do dhuine,” thuirt e rithe. “Tha òrdugh agam bhon cheannard.”

Leig i sgreuch aiste mar gum biodh e air sgian a chur troimhpe, mar gum be ainmhidh a bhinnte abàsachadh anns achoille.

Rinn an dithis nighean grèim bàis oirre, asealltainn ris le iongnadh nan sùilean mar gum be nàmhaid a bhann.
Thugainn,” ars esan, “tha do chèile afeitheamh riut.”

Choisich i mach gu mall is chuale i abruidhinn ri Tobbuta ann an guth marbh ìosal. Bha Tobbuta ageurachadh aphìos maides am boireannach na seasamh ri thaobh, umhail is sàmhach, mar bhò a tha afeitheamh ris an òrd. Thàinig an dithis chloinne a-mach às abhothans sheas iad ri a taobh.

Shaoil am miseanaraidh gu robh an a bha tachairt air a bhith tachairt airson bliadhnachan mòra, gu robh e ann am meadhan sìorraidheachds gu robh tìm fhèin air stad. Smaoinich e gu robh e air a bhith an siud roimhes gum face Tobbuta ageurachadh aphìos maide roimhe agus gu robh ciall àraid aig gach a bha atachairt.

Nuair a dhfhalbh e, lean am boireannach e le a dithis chloinne. Thog Tobbuta a cheann agus sheall e ris airson mionaid, an sgian na làimh. Cha tug am boireannach leatha goireas-turais no trealaich sam bith. Anns an aon shàmhachd choisich iad tron choille, ise air thoiseach air a-nis, còmhla ri a cloinn, is esan air dheireadh. Bha e dìreach mar gum biodh e atoirt ainmhidh dhachaigh an dèidh sealgaireachd.


[26]

Chunnaic e a casan dubha, a sliasaidean dubha, air thoiseach air, agus smaoinich e, Chan eil fhios am air càil mu deidhinntha i dorch, neo-ainmichte. Tha am Bìoball acumail taic rium, tha a dhuilleagan geal anns achoille. Bha a corp stàtail, uallach. An e gaol a tha mi milleadh, dhfhaighnich e dheth fhèin, ach cha robh guth ga fhreagairt. ’S fad na tìde bha achlann atoirt sùil air le eagal. Ann am meadhan na coille stad iad uile agus chuir e ùrnaigh suas, oir bha e afaireachdainn cudrom air a spiorad mar gum biodh oillteil ga dheasachadh fhèin anns achoille.

Fhads a bha e acur suas na h-ùrnaigh bha e air a ghlùinean air freumhaichean tioram briste agus acoimhead sheangan agabhail seachad gu slaodach nan rìoghachd fhèin. An dèidh dhaibh èirigh thairg e deoch bhùirn dhi, ach cha ghabhadh i i. Dhiùlt i an t-uisge le fiamh coma. Thàinig e steach air gur e seòrsa de dheaglais a bhanns achoille, le a colbhan àrd làidir adìreadh chun an adhair. Bha sùilean abhoireannaich cho ciùin is cho coma, gun sholas sam bith annta, mar gum biodh i coiseachd ann am bruadar. Dhfheuch e ri còmhradh rithe mar gum biodh cionta air. “Tha mi duilich,” ars esan, “ach rinn thu ceàrr. Agus chunnaic Dia do pheacadh agus chuir e mise thugad air theachdaireachd.” Ach cha robh i ag ràdh smid ach asealltainn ris le iongnadh, mar nach robh i atuigsinn às a thàinig e. Mhothaich e gu robh stiallan air a druim mar gum biodh cuideigin air sràicean a thoirt dhi. Chan en gaol a bhann a-rèist, ars esan ris fhèin, agus dhfhairich e achuip na làimh. Tha an dithis againn asealltainn ri chèile ann am meadhan na coille, ars esan ris fhèin, ’s chan eil sinn atuigsinn a chèile.

A Dhè, cuidich mi, ach cha robh mun cuairt air ach gormachd nan craobhs os a chionn gormachd an adhair.

Fad na tìde bha eagal air gu robh rudeigin adol a thachairt,


[27] bha ro-fhiosrachadh na chnàmhans na anam. Agus bha e asealltainn air a chùlaibh gun sgur, air eagal gu robh Tobbuta anns achoille air a thòir. Ach cha robh e acoimhead gluasad sam bith am measg nan duilleag. a-rèist tha ceàrr, bha e afaighneachd dheth fhèin, ’s e afosgladh a choileir beagan is beagan air sgàth an teas.

Mu dheireadh ràinig iad am bothan far an robh Banga afuireachd. Tha mi air mobair a dhèanamh, ars esan ris fhèin. Dhfhàg e am boireannach, a ceann crom, còmhla ri Banga, is dhfhalbh e. Aon thuras thug e sùil air ais, is shaoil e gu robh iad uile mar ìomhaighean dubha, daingeann ann an tìm, ’s gu robh e fhèin mar thaibhse afalbh air feadh an t-saoghail. Nuair a ràinig e an eaglais, chuir e suas ùrnaigh eile. A Dhè, chan eil mi faireachdainn socair anns an àite sa idir. Chan eil mi tuigsinn tha tachairt. Tha sannt na feòla orm. Dìreach nuair a bha mi tighinn dhachaigh tro Do choille, dhfhairich mi e. Feumaidh Tu mo chuideachadh anns an àite iongantach dhìomhair seo, anns an dorchadas a tha gam chuartachadh.

An dèidh an ùrnaigh a chrìochnachadh thoisich e anighe a làmhan gun sgur, ’s a-rithist aodann. Thug e dheth a choilear is nigh e amhaich. Nuair a sheall e anns an sgàthan, chunnaic e an làrach a dhfhàg an coilear geur air amhaich agus thug e steach air na stiallan a bhair druim abhoireannaich. An gaol, an gaol, ars esan ris fhèin. Smaoinich e air Tobbuta ageurachadh aphìos maide. Cha do dhfheuch e ri cumail, ’s cha be a-rèist an gaol a bhann. Chuir òrdugh acheannaird eagal air Tobbutasin bu choireach gun do ghèill e.

Thòisich e aleughadh aBhìobaill, ’s bha e domhainn na dhuilleagan geala airson uairean a thìde gus an do thuit an dorchadas, faramach le gleadhraich nan ainmhidh.

title4
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page