6
Nuair a dh’èirich e anns a’ mhadainn, cha robh cuimhn’ aige an toiseach càit an robh e. Bha a’ ghrian a’ dèalradh a-steach don bhothan ’s a’ dalladh a shùilean. Dh’èirich e bho leabaidh ’s chunnaic e ri thaobh poit làn bùirn is grunn de mheasan buidhe nach robh idir coltach ris an fheadhainn a chunnaic e air na craobhan. Nigh e e fhèin leis a’ bhùrn agus dh’ith e aon de na measan, a bha coltach ri coconut, oir bha seòrsa de bhainne na bhroinn. Cha robh e airson càil a dhèanamh, is shuidh e air beulaibh a thaighe a’ sealltainn ris an eaglais, a bha nise fad’ air falbh, gun fheum, a clagan balbh. Thuirt e ris fhèin gu robh cho math leigeil le fheusaig fàs, agus bha e smaoineachadh gur e co-dhùnadh cudromach a bha seo.
Bha e a’ faireachdainn tìm a’ laighe air mar chleòca a bha tuiteam tarsainn air a ghuailnean. Cha robh miann sam bith air inntinn, cha robh an t-àm a bha ri teachd a’ cur eagail air. Fhad ’s a bha e na shuidhe a’ coimhead an t-saoghail, a bha nise
Choisich iad astar mòr gus mu dheireadh an do ràinig iad rèidhlean domhainn anns a’ choille. Nuair a sheall e suas, chunnaic e gu robh cnàmhan a’ lìonadh nan craobh ’s a’ dèalradh am measg nan duilleagan, cnàmhan geala sàmhach mar ionnsramaidean ciùil.
Stad a’ ghràisg far an robh iad, is chunnaic e an dotair-buidseachd a’ tighinn ’s a’ dèanamh chomharran os cionn nan corp, ’s aig a’ cheart àm bha na daoine a’ dèanamh fuaim coltach ri torman nan eun.
Le ròpaichean mòra de dhuilleach nan craobh, thòisich iad ri slaodadh ’s ri togail nan corp suas don adhar, gus an robh iad nan laighe am measg nam meangan shuas gu h-àrd. Fhad ’s a bha seo a’ tachairt bha na daoine a’ seinn ’s a’ danns gun sgur, ’s a’ ruith air adhart ’s air ais air an talamh mar gum b’ e eòin a bh’ annta, ’s iad mar gum biodh a’ cur a-mach an sgiathan.
Bha an ceòl is gormachd nan craobh ’s an danns a’ dèanamh a’ bhàis fhèin beòthail, is thàinig e steach air gu robh an treubh seo a’ dèanamh gach nì nàdarrach. Bha iad a’ toirt nan corp do
Bha aire cho domhainn air an t-sealladh a bha air a bheulaibh ’s nach do mhothaich e gu robh an ceannard ri thaobh.
Thuirt an ceannard ris ann an guth ìosal, “Tha seo a’ toirt do dhachaigh nad chuimhne, nach eil? ”, is sheall e ris a’ mhiseanaraidh le sùil a bha aost is glic.
“Tha,” ars am miseanaraidh, a’ smaoineachadh air na tiodhlacaidhean aig an taigh, ’s a’ ghaoth, geur is fuar, a’ gluasad na glasaich, ’s na daoine còmhdaichte ann an aodach cumhang dubh.
“Tha sin nàdarrach,” ars an ceannard.
“A bheil sibh a’ creidsinn anns an anam?” dh’fhaighnich am miseanaraidh.
“An t-anam?” ars an ceannard. “Tha an t-anam mar cheòl nan eun.”
“Bha mi smaoineachadh gur e Crìosdaidh a bh’ annaib’ fhèin,” arsa Dòmhnall Dubh.
Cha do fhreagair an ceannard a’ cheist, ach thuirt e, “Tha iad a’ smaoineachadh gun do rinn Banga nì a bha nàdarrach. Bha e nàdarrach gum marbhadh e a bhean agus ann an dòigh àraid gum marbhadh e a chlann cuideachd. Tha iad a’ tuigsinn sin.”
Nàdarrach? arsa Dòmhnall ris fhèin, nàdarrach? Bha na cuirp crochte anns an adhar, a’ chlann ’s am pàrantan.
“Carson a dh’fhàg bean Bhanga e?” dh’fhaighnich e.
“Bha e ga bualadh,” ars an ceannard. “Ruith i air falbh. Bho chaidh e na Chrìosdaidh dh’fhàs nàdar Bhanga na bu mhiosa. Nach fhaca tu na stiallan air a druim?”
Agus bha sin nàdarrach cuideachd, arsa Dòmhnall ris fhèin. Bha a’ choille nàdarrach, an ceòl nàdarrach, am murt nàdarrach.
Fad na tìde bha an ceannard a’ sealltainn ris le sùilean geura. Ach an robh na nithean seo nàdarrach? Dè a-rèiste mu dheidhinn an Lagh?
Chunnaic e Tobbuta a’ tighinn ga ionnsaigh, ’s thuirt an ceannard ris, “Feuchaidh e ri do mharbhadh. Chuir thu dhìot do choilear ’s tha thu nise mar dhuine sam bith eile.”
Bha aodann Thobbuta mar sgàilean dubh. Sheall a’ ghràisg ris gu coma, mar gum biodh fhearg nàdarrach cuideachd. Tha e dol a dh’fheuchainn ri mo mharbhadh, arsa Dòmhnall ris fhèin, ’s chan eil dragh agam. Stad Tobbuta air a bheulaibh, ’s gun smid a ràdh thug e sgian dha, e fhèin a’ cumail tèile. Thug Dòmhnall sùil air an sgian a bha na làimh mar nach biodh e tuigsinn dè a bh’ ann.
An sin shad e an sgian air an talamh agus sheas e far an robh e, a’ sealltainn ri Tobbuta fad na tìde.
Thog Tobbuta a làmh agus bha an sgian na lainnir gheal anns an adhar. Anns a’ mhionaid sin thachair nì àraid don mhiseanaraidh: dh’aithnich e nach robh e airson bàsachadh.
Rug e air ghàirdean air Tobbuta agus chuir e car dheth, a’ cleachdadh a h-uile mìr neairt a bha na chorp, a’ smaoineachadh air na lathaichean anns am biodh e a’ sadail an ùird anns an oilthigh. Bha Tobbuta a’ tionndadh mar iasg air ceann slait agus bha am miseanaraidh a’ sabaid airson a bheatha. Bha na fèithean a’ bòcadh air a mhaol, bha fearg mhòr a’ dalladh a spioraid.
Chan eil mi airson bàsachadh, bha e ag ràdh ris fhèin, agus shaoil e gum biodh e baoth a bheatha a chall anns an rèidhlean us cho fad’ air falbh bho a dhachaigh.
Mu dheireadh chual’ e brag, ’s bha Tobbuta a’ sealltainn sìos ri a dhòrn, a bha gun fheum aig a chliathaich.
“À,” ars a’ ghràisg, ’s bha an anail a’ falbh air feadh na coille mar uspag gaoithe.
Thionndaidh Tobbuta air falbh, a’ feuchainn ris an sgian a chur na bhroilleach, ach shad am miseanaraidh i air falbh bhuaithe. Thug Tobbuta sùil àraid air ’s an dèidh sin ruith e tron ghràisg gun sealltainn air ais.
“Tha gach nì nàdarrach,” ars an ceannard ri Dòmhnall ann an guth ìosal.
Mar nach robh nì air tachairt, thòisich a’ ghràisg ri seinn ’s ri danns a-rithist, ’s chaidh am miseanaraidh air tòir Thobbuta.
Fhuair e e na shuidhe leis fhèin ’s a chùlaibh ri bun craoibhe. Nuair a dhlùth am miseanaraidh air, rinn e airson èirigh agus a shùil misneachail is feargach.
Stad Dòmhnall Dubh e is thuirt e ris. “An robh gaol agad oirre?”
Dh’aom Tobbuta a cheann gun bhruidhinn.
“Carson a-rèist a leig thu dhomh a toirt air falbh?” dh’fhaighnich Dòmhnall.
“Cha b’ urrainn dhuinn a dhol an aghaidh a’ cheannaird,” arsa Tobbuta. Agus thòisich e ri gal, na deòirean a’ sruthadh sìos a phluicean.
“Cha robh fhios a’m, ” arsa Dòmhnall.
Shuidh iad còmhla ri chèile anns a’ choille airson ùine mhòir. Nuair a dh’fhàg am miseanaraidh Tobbuta mu dheireadh, bha e ciùin is sèimh. Chunnaic Dòmhnall Dubh sùilean mun cuairt air anns a’ choille, ach thill e gu a thaigh gun leigeil air gum fac’ e duine.
Cha robh càil a dh’fhios dè dhèanadh Tobbuta a-nis. Am marbhadh esan e fhèin cuideachd?
title | 6 |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p |
parent text | Am Miseanaraidh |