[48]

9

Bha e na sheasamh air beulaibh abhothains bha an ceannard ri thaobh. “Tha mi duilich,” bha e ag ràdh ris, “tha mi duilich, duilich. nis a mi? Am fàg mi Miraga mi?” Agus chaidh a chorp air chrith mar gum bann le fiabhras.
Chan eil fhios am, ” ars an ceannard.

Chaidh Dòmhnall air a ghlùinean air a bheulaibh. “Chan eil mi airson a call. mi càil sam bith,” ars esan.
Tha na daoine feargach,” ars an ceannard. “Cha robh gnothach agam an gunna a thoirt dhut.” Agus thàinig e steach air Dòmhnall: chan eil fhios nach ann a dhaon ghnothach a thug e an gunna dhomh. Bha fhios aige bha dol a thachairt. Ach ann an guth làidir dhèigh e, “s urrainn dhomh a dhèanamh? mi càil sam bith.”

Bha e air a ghlùinean ann an lìon de dhfhaileasans an ceannard asealltainn sìos ris.
Feumaidh sinn cogadh a dhèanamh airson ar bìdh,” ars an


[49] ceannard. “Feumaidh sinn sabaid ri treubh eiles am biadh a thoirt bhuapa.”

Dhfhairich Dòmhnall e fhèin adol a-steach a dhorchadas às nach fhaigheadh e air èirigh. “Cogadh?” ars esan.
Seadh,” ars an ceannard. “Cha thill na fèidh gus an ath-bhliadhn’, ’s cha dèan sinn achùis às aonais feòla.”

Tha manam a bha geal afàs dubh, arsa Dòmhnall ris fhèin. Cuin a thig an ùpraid seo gu a ceann?
Ceart,” ars esan, “faodaidh mi an gunna a chleachdadh anns achogadh.”
Glè mhath a-rèist,” ars an ceannard. “Glè mhath.” ’S dhfhalbh e.

Chaidh Dòmhnall a-steach don bhothan, far an robh Miraga na suidhe. Ach nuair a thàinig e steach cha do sheall i ris, ’s cha do bhruidhinn i ris.

Thug e pòg dhi, ach bha a bilean fuar. “Ma dhfhàgas tu mi, tha mi caillt,” arsa Dòmhnall rithe, ach cha do fhreagair i e. Bha i mar ìomhaigh de mhàrmor dubh.

Thill e a-mach don t-sràid a-rithist is shuidh e air beulaibh abhothain, ach ann an ceann ùine thill e steach.
Innis dhomh,” ars esan, “ thachair don mhiseanaraidh eile. Innis dhomh.” Rug e oirres thòisich e ga crathadh. “Innis dhomh.”
Bhàsaich e,” ars ise.
thug bàs dha?”
Mharbh e e fhèin.”
Chan eil sin ceart,” arsa Dòmhnall. “Tha fhios am nach eil sin ceart. Innis dhomh thachair.” Bha e cho fiadhaichs gu robh e deiseil airson a bualadh. “Innis dhomh, innis dhomh,” bha eg èigheachd.


[50]

Nuair nach robh an t-uisge atighinn,” ars ise, “thairg e a chorp mar ìobairt. Chaidh a cheusadh air crois. Anns achoille. Bha eg ràdh nach robh e dèanamh feum san àite sa, agus thairg e a chorp dhuinn. Nuair a bhàsaich e, thàinig an tuil, ’s bha aGhlasach gorm is fliuch a-rithist.”

Shad e air falbh bhuaithe i, agus thòisich e ri smaoineachadh. Bha i ceart gu leòr: ’s e sin a thachair, oir chunnaic e anns an leabhar-latha e – ’s e sin an rùn a bhair inntinn amhiseanaraidh. Bha e cinnteach gur e.
Is thàinig an t-uisge,” ars esan.
Thàinig,” ars ise.
Carson a chuir an ceannard thugamsa thu?” dhfhaighnich e.
Thug e òrdugh dhomh,” ars ise.

Sheall e gu domhainn na sùilean.
A bheil gaol agad orm?” ars esan.
Gaol?”

Cha robh i atuigsinn bha eg ràdh. Bha e air an fheòil a chall, agus bha an fheòil cho ceangailte ris aghaols nach robh fhios aice theireadh i.
Chan eil diofar ann,” ars esan, is chaidh e mach is shuidh e anns aghrèin a bha adòrtadh mun cuairt air cho làidirs cho borb. Bha fhios aige gur e nàmhaid dha a bhanns acheannard is anns an dotair-buidseachd, ’s aig acheart àm bha fhios aige nach burrainn dha Miraga fhàgail.

Bha e domhainn anns an fheòil, ’s bha an t-anam asgiathalaich am measg nan craobh.

Chaidh e steach don bhothan a-rithist. “Chan fhàg thu mi, am fàg?” thuirt e a-rithist. “Ma thèid mi don chogadh. Bidh thu dìleass fuirichidh tu an seo?”


[51]

Tha gach nàdarrach,” ars ise ris, agus bha a h-anam dùinte na aghaidh.
Anns an t-Seann Tiomnadh,” ars esan ris fhèin, “tha e ag innse mar a bhiodh na rìghrean acur ìobairt suas do Dhia mus deigheadh iad a-mach don chogadh. An dùil am bu chòir dhòmhsa sin a dhèanamh?”
Chuir sinn mathair a-mach às an taigh,” arsa Miraga anns aghuth-thàmh.
rinn sibh?” arsa Dòmhnall le uabhas is le eagal.
Chuir sinn a-mach às an taigh e. Chuir mo pheathraichean a-mach e.”
Càit a bheil e nis?” arsa Dòmhnall.
Tha e anns achoille. Chuir sinn a-mach e nuair a thàinig sibhse dhachaigh às aGhlasach Fhada. Dhaithnich sinn nach biodh biadh gu leòr againn.”

Mo choire-sa, mo choire-sa, arsa Dòmhnall ris fhèin.

Chuir i a gàirdeanan mun cuairt airs thòisich i ga phògadh. “Nach robh sin ceart?”

Dhfhairich e a broilleach air a bhroilleach fhèin, dhfhairich a cridhe abualadh.
Cha robh e ceart,” dhèigh e. Ach bha i afeuchainn ri a shlaodadh sìos air an leabaidh.
Cha robh e ceart.”

Ach bha e a-rithist anns an dorchadas a bha air a lìonadh le fuil is gaoir is toileachas. Bha e ationndadh anns an abhainn.
Thuirt an dotair-buidseachd rinn gu robh e ceart,” ars ises a bilean air a chluais.

Chaidh e sìos don dorchadas, ’s nuair a dhèirich e às bha e na aonar. Nigh e aodann le bùrn às apheiles theab e dhol air tòir


[52] Miraga, ach cha robh fhios aige càit an robh i.

Chunnaic e na inntinn am bodach anns achoille is beagan bìdh ri thaobh. Bu chòir dhomh a dhol ga shàbhaladh, ars esan ris fhèin, ach cha robh e afaireachdainn làidir gu leòr airson sin a dhèanamh.

Bha e acoimhead mar gum biodh a ghunna fhèin atoirt brag às, ’s am bodach atuiteam air an talamh mar eun beag aost anns achoille.

title9
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page