[5] FACAL BHON UGHDAR
Tha a’ chuid as motha dhe na daoine a tha a’ feuchainn ri prògraman telebhisean Gàidhlig a dhèanamh is a chraoladh gu math ao-coltach ris na caractaran a tha a’ nochdadh anns an nobhail seo. Chan eil brath aig duine air thalamh air sin nas fheàrr na agam fhìn. An dèidh sin, fad nan còig bliadhna a bha mi an lùib a’ ghnìomhachais craolaidh, feumaidh mi aideachadh gun do chuir mi eòlas air feadhainn aig an robh caitheamh-beatha a chuireadh eagal air an dearg mhèirleach. Mar sin, ’s dòcha gum faod mi ràdh gu bheil an sgeulachd a leanas, uill, leth fìor.
Far am faighear an iomairt, gabhaidh na damaich innte. Seanfhacal
[6]
[7] A H-AON
CHA robh ach botalBudweiseris glainneCokeair cunntair a’ bhàr. Na sheasamh air chùl a’ chunntair, thog am fear beag reamhar leis an robh an t-àite am botal leanna agus smèid e leis chun an àrd-ùrlair a bha teann ris a’ bhalla mu dhà fhichead troigh air falbh bhuaithe air a làimh cheàrr. Chuir am fear liath, na ghurraban air stòl, leth-char, gu ’m faiceadh e na b’ fheàrr anns an dorchadas.
“Innsidh mi seo dhut gu math cliobhar,” thuirt am fear beag. “Peavey 600 amp-head, Carlsboro combo amp – faodaidh tu an giotàr agad a chur troimhe ma tha thu dol ga chluich – agus micreafon Shure.”
Thionndaidh an duine liath air an stòl gus an robh am fear beag dìreach air a bheulaibh. Ghabh e balgam dhenChoke. “Orra shocair, ’ille,” ars esan. “Bheil rùm agad far am faod mi an t-èileadh a chur orm?”
“Faodaidh tu cur dhiot anns a’ chidsin,” ars am fear beag. “Gabh straight a-steach tron doras ud shuas aig a’ cheann thall. Tha an t-àite na mhess, tha eagal orm. Dh’fhalbh na peantairean, chan eil uair a thìde bhuaithe.”
“Cuin a tha dùil agaibh tòiseachadh?” thuirt an duine liath.
Thug am fear beag sùil air uaireadair Patek Philippe. “Leth-uair an dèidh ceithir an dràsda,” thuirt e. “Tha a’ chlann-nighean a’ tighinn uair sam bith tuilleadh. Ma tha thu fhèin ann mu leth-uair an dèidh ochd, faodaidh tu tòiseachadh. .. chan eil fhios a’m. .. timcheall air a naoi.”
A’ tòiseachadh aig naoi uairean,” thuirt an duine liath. “Agus cuin a bhios sinn a’ sgaoileadh?”
Choimhead am fear beag air an uaireadair a-rithist. “Trobhad,” thuirt e, “cha bhi agad ach a’ chùis a chumail a’ dol gu dà-reug.”
Las am fear liath toitean, chuir e car air an stòl gus an robh a chùl ris an fhear bheag agus dh’obraich e le cheann mar gum biodh e a’ dèanamh
[8] cunntais air na cathraichean agus na bùird bhon cheann thall far an robh an t-
àrd-
ùrlar sìos gu doras an taigh-
sheinnse.
Dh’
èirich e,
agus nuair a thionndadh e a bhruidhinn ris an fhear bheag,
bha snodha-
gàire air aodann. “
Dhèanainn seo,”
thuirt e, “
ged a bhithinn na mo chadal.”
“
Fhad ’
s a nì thu e nad dhùisg,”
thuirt am fear beag,
is thug e sùil air an uaireadair.
“
Chan eagal dhut,”
thuirt an duine liath, “
tha mi air a bhith ris an obair seo bho linn na Banrigh Anna.
A-
màireach bidh croit ort a’
giùlan an airgid dhan bhanca,
is bidh an fheadhainn nach do thionndaidh a-
mach gan ithe fhèin le aithreachas.
“
Uh-
huh,”
thuirt am fear beag, “
ach sin a-
màireach.
Feumaidh tu fhaighinn tron oidhche a-
nochd an toiseach. ’
S e a-
nochd a dhèanadh dragh dhòmhsa nam bithinn nad àite.”
Ge-
ta,
chan eil thu nam àite,”
thuirt an duine liath. “
Chan eil de thàlann agad a leigeadh leat a bhith nam àite.”
“
An do chuir thu d’
ainm ris a’ chontract?”
thuirt am fear beag.
“
Chan eil sìon agam mu dheidhinn‘
contracts’,”
thuirt an duine liath.
“
Oidhche bheag shuarach mar seo,
chan eil feum againn orra.
Nam b’
e concert ann an theatre a bhiodh ann ’
s deagh mhogan na chois, ’
s dòcha gun cuirinn m’
ainm ri cùmhnant.
Ach oidhche bheag ann an àite mar seo –
cia mheud a ghleidheas e?
Ceud?
Chan fhiach e.
Cha chreid mi gum bodraig mi."
"
Sin a chuala mi,"
thuirt am fear beag. “
Chuala mi sin gun teagamh. ‘
Cha chaomh leis a’
Chaimbeulachcontract
idir.
Cha bhi Don Campbell ag obair lecontract.’
Tha latha eile agad a-
nis,
a Dhòmhnaill.”
Thug am fear beag duilleag phàipeir a-
mach às pòcaid taobh a-
staigh na seacaid aige. “
Cuir d’
ainm seo.”
Ghabh Dòmhnall Caimbeul an cùmhnant eadar òrdag is sgealbag. “
Mar a thoilicheas tu fhèin, ’
ille,”
thuirt e. “ ’
S tusa an gafair.”
Chuir e am pàipear na phòcaid-
thòine.
“
Soighnig e,”
thuirt am fear beag. “
Tha mi ga mhinigeadh,
a Dhòmhnaill.
Ma tha thusa deònach do ghnothaich a dhèanamh le crathadh làmhan ’
sbullshit
mar sin,
biodh agad.
Ach nuair a tha thu ’
g obair dhòmhsa,
na mophub
fhìn,
cuiridh tu d’
ainm ricontract . Okay?
“
Trobhad,
a Mhurchaidh,”
thuirt Caimbeul, “
nam biodh fhios agad air an trioblaid a tha air a bhith agam bhon turas mu dheireadh a chuir mi
[9] m’
ainm ri cùmhnant,
thuigeadh tu carson nach eil mi cho titheach orra.”
“
Chuala mi beagan mu dheidhinn sin,”
thuirt am fear beag. “
Rudeigin mu dheidhinn sgrìob a Venezuela,
an e?”
“
Na bi faighneachd,”
thuirt Caimbeul. “
Gheall mi gun dèanainn angig.
Nì mi e.
An uair sin,
bheir thusa dhomh an t-
airgead a chruinnicheas tu aig an doras.
Deireadh an sgeòil.”
“
Toiseach an sgeòil,
a bhalaich,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “ ’
S mòr an diofar a nìcontract.
An-
diugh,
nuair a bhioscontract
eadar dithis,
is ann a tha thu air do dhìon.
Tha am fear eile air a dhìon cuideachd.
Can g’
eil thusa ’
g iarraidhjob
ann an telebhisean.
Agus on a thàinig an deich millean not gu telebhisean Gàidhlig,
bhiodh tu às do chiall mura do smaoinich thu air sin.
Thig amBeeb,
can,
thugad is iad deònachdeal
a dhèanamh leat –
tha iad airson gun sgrìobh thu comadaidh mu dheidhinn duine,
duine a tha. ..
tha. ..
a’
ruith bàta-
aiseig beag eadar dà eilean.
Bheir iad dhut beagan airgid ’
s iarraidh iad ort sgriobt a sgrìobhadh dhaibh.
Cuiridh sibh ur n-
ainm ricontract.
An dithis agaibh.
Sgrìobhaidh tusa an sgriobt,
ach dh’
atharraich iad an inntinn.
Chan eil iad airson am prògram a chur a-
mach.
Bha thu salach,
no rudeigin –
chan eil fhios agamsa.
Faodaidh tusa do chuid airgid a ghleidheil,
ge-
ta.”
Thug an Caimbeulach dà cheum chun an dorais is stad e. “
A Mhurchaidh,”
thuirt e, “
bha fhios a’
m air sin bho chionn fhada.”
“
Chan eil mi ullamh fhathast,”
thuirt am fear beag. “
Mathaid gun do ghabh thu an t-
airgead aig an fhìor thoiseach.
Can gun do chaith thu e –
air deoch no air boireannaich,
chan eil e gu diofar –
is nach do rinn thu an sgriobt.
An uair sin faodaidh iadsan do thoirt gu lagh,
is bheir iad na fiaclan asad.
Air m’
onair, ’
s e gnothaich cudromach a tha sachontract.”
“ ’
S e,”
thuirt Caimbeul.
Choisich e air ais chun a’
chunntair.
Shlaod e an cùmhnant a-
mach às a phocaid-
thòine,
chuir e ainm ris agus shìn e dhan fhear bheag e.
“
Do bheatha a shaoghal ùr nan Gàidheal,”
thuirt am fear beag. “
Thòisich mise le taigh-
òsda air taobh siar Leòdhais còig bliadhna air ais.
An ceann trì bliadhna bha diosgo agam an Steòrnabhadh is trì taighean-
seinnse air an tuath.
Tha fhios agad fhèin gur e ’
n fhìrinn a th’
agam,
a Dhòmhnaill.
Nach tu a dh’
fhosgail iad dhuinn,
a Thighearna.
An uair sin,
a’
bhòn-
uiridh,
chuir mi Coinneach mo bhràthair a-
steach dhanIslander
anns an Oban.
Dh’
fhosgail thu am fear sin cuideachd.
A-
nochd,
[10] fosglaidh tuThe
Islander Two
an Glaschu.
Bheir dhaibh oidhche a chòrdas riutha,
is an ath bhliadhna bidh thu a’
fosgladhThe
Islander Three
an Dùn Eideann.”
“
Bheil thu airson ’
s gun dèan mi na caractaran a-
nochd?”
thuirt Caimbeul.
“
Chan eil,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Bidh e gu mathrough
a staigh an seo a-
nochd ’
s cha chreid mi gu bheil napunters
an seo ann an Govan uabhasach dèidheil air a’
chomadaidh againne.
Nam bithinn nad àite chumainn orm leis an t-
seinn fad na h-
oidhche.”
“
Seadh,”
thuirt Caimbeul, “
a’
seinn fad na h-
oidhche.”
“
Orain Ghàidhlig gu leòr,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Tha tòrr de nursaichean is de dh’
oileanaich às na h-
Eileanan a’
tighinn. ’
N Diabhal ort,
carson nach tug thu leat am fear sin às Na Hearadh a bhios a’
cluich a’
bhucais.
Dè chanas iad ris?
Calum Iain?
Dh’
fhaodadh esan cluich airson dannsa ’
s bheireadh ebreak
dhut fhèin.”
“
Cha robh an t-
airgead ann air a shon,”
thuirt Caimbeil. “
Is gann gu bheil airgead gu leòr ann dhomh fhìn.”
“
Tha mi tabhainn ceud gu leth dhut,”
thuirt fear an taighe-
seinnse. “
Bha uair ann cha bhiodh tu gearain leis a sin.”
“
Mar a thubhairt thu,”
thuirt Caimbeul, “
tha latha eile agam a-
nis.”
“
Mhothaich mi dhan sin,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Nach brèagha an deise a th’
ort.
Cà’
n d’
fhuair thu siud?
Ann a Venezuela,
an ann?”
“
Coma leat,”
thuirt Caimbeul, “
agus na ainmich an t-
àite sin tuilleadh.”
“
Feumaidh gun do chosg thu cus thall an sin,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Mathaid gun toir mi dhutbonus
beag aig deireadh na h-
oidhche.”
“
Dè cho beag?”
thuirt Caimbeul.
“
Bidh sin a-
rèir dè cho math ’
s a nì thu a-
nochd,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse.
“
Bidh e a-
rèir dè cho math ’
s a tha do chuimhne cuideachd,”
thuirt Caimbeul. “
Bheil cuimhn’
agad idir air an liuthad fàbhar a rinn mi dhut mu thràth?”
“
Tha,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Bheir mi dhut fichead nota eile.”
“
Fichead?”
thuirt Caimbeul. “
Dhia seall orm,
an ann à Tel Aviv no
[11] Tolstadh a tha thu?
Tha thu fada ro ìseal.
Ciamar a thèid agam air na fiachan –
seadh,
ciamar as urrainn dhomh beòshlaint a dhèanamh le airgead mar sin?
Cha chumadh sin ann an dramannan mi,
gun luaidh air tuarasdal.”
“
Cha chumadh,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse, “
oir chan fhaigh thu gin a dhramaichean a-
staigh an seo a-
nochd.
Thug mi rabhadh dhanstaff.
Ma bheir duine aca deoch laidir dhut,
gheibh iad an leabhraichean.
Tha fhios a’
m g’
eil thu far deoch an dràsda,
ach an e gun do bhris thu a-
mach nuair a bha thu ann a –
nuair a bha thu thall thairis?”
“
Cha tusa an aon fhear Gàidhealach aig a bheil taigh-
seinnse an an Glaschu,”
thuirt Caimbeul.
“
Ach ’
s mise an aon fhear aig a bheil cùmhnant is d’
ainm air,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
A-
nochd,
a Dhòmhnaill.
Naoi gu dà-
reug.
Ceud ’
s trì fhichead ’
s a deich nota.”
“
Cha deach mi na bu lugha na dà cheud roimhe,”
thuirt Caimbeul. “
Agus cha tèid mi nas lugha an turas seo nas motha.”
“
Tha thu làn dheth,
a Dhòmhnaill,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “ ’
S iomadh triop a ghabh thu ceud ’
s fichead bhuamsa aig an taigh,
ged a bhiodh tu tighinn thugam ro dheireadh na h-
oidhche a dh’
iarraidhsub
mus rachadh tu gu pàrtaidh còmhla ri òinseach de nighean òg a dhèanadh tu athair dhi. ’
S aithne dhòmhsa thu o shean.”
“
Innsidh mi dhut dè nì mi,”
thuirt Caimbeul. “
A chionn ’
s gu bheil mi ann an staing an dràsda a thaobh airgid,
gabhaidh mi ceud,
ceithir fichead ’
s a deich.”
“
Do thòin,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Cha leig mi leas ach ceud gu leth a thoirt dhut.
Thabhainn mi ceud,
trì fichead ’
s a deich.”
“
Nach feuch thu ceud ’
s ceithir fichead,
ma-
thà?”
thuirt Caimbeul.
“
Leth mu leth,”
thuirt fear an taigh-
sheinnse. “
Bheir mi dhut ceud,
trì fichead ’
s a còig deug.”
“
Thoir dhomh còig air fhichead an dràsda,
ma-
tha,”
thuirt Caimbeul.
“
No problem, ”
thuirt am fear beag.
Thog Caimbeul na notaichean a chuir fear an taigh-
sheinnse air a’
chunntair,
chuir e suas gu bhilean iad agus thàinig atharrachadh air aodann:
rinn e gàire.