[72]

A DEICH

MHINICH an Caimbeulach do MhacAsgaill gu robh an t-airgead gann. “Mura be sin, bheirinn dhut barrachd, a Chaluim Iain, bheil thu faicinn?” thuirt e. Sheas e is a dhruim ri inneal thoitean ann an seòmar-ciùil an taigh-òsda air Rathad Phàislig air an robhThe Ben Lomondmar ainm. Aig cairteal mu mheadhan-latha air madainn Diluain cha robh an t-àite trang. “Cha leig thu leas, a Chaluim Iain, tha mi fhìn atuigsinn cia air a tha thu smaoineachadhgur e fìor droch phàigheadh a tha mi tabhainn dhut. Ach chan eil an còrr ann, bheil fhios agad? Chòrdadh e rium, ’n fhìrinn, tuilleadh a thoirt dhut. Ach cha tèid agam air.”
Chòrdadhs riumsa,” thuirt MacAsgaill. “Ach airson an rud air a bheil thusa bruidhinn, rud a bhios air an telebhiseanThighearna, cuin a tha e dol a-mach, bheil fhios agad? Ma tha sinn gus a bhith air abhogsa, mar a tha thug ràdh, bha dùil am gum faigheadh tu còrr is ceud nota airson sin?”
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “tha mi creidsinn gum faigheadh. Uair dhen robhn saoghal. Ach an turas seo tha Albion air gearradh sìos, agus mar sin feumaidh sinne gearradh sìos cuideachd. Ceud notasin e. Chan e agam na phàigheas nas motha.”
Chan àbhaist dhut,” thuirt MacAsgaill, “a bhith cho cruaidh seo, a Dhòmhnaill. Bàbhaist dhutsa bhith cho còir ris na faoileagan. Bheil fhios agad air seo? Bha thusa fada na bfheàrr nuair a bha thug òl.”
Bha mi na bu ghòraiche,” thuirt an Caimbeulach, “nuair a bha mig òl. Dhfhàs mi glic. Tha mi a-nis atuigsinn mar a dhfheumas sinn a bhith cùmhnadh air airgead. Agus mun can thuSTG, agus deich millean nota, leig leam rud no dhà innse dhut mu dheidhinn an telebhisean.
Feadhainn dhe na prògraman,” thuirt an Caimbeulach, “a tha Albion


[73] acruthachadh, tha iad air an dèanamh lem maoineachas fhèin, agus tha feadhainn air an dèanamh le taic bhonSTG. Choimhead air mar seo: tha an t-airgead airson an chuid atighinn, mar gun canadh tu, às an aon loch. Ach than loch sin asìor fhàs nas lugha. Tha na companaidhean telebhisean uile nan èiginn an dràsda, oir tha a leithid de chion obrach am measg an t-sluaigh, ’s chan eil na tha sin de dhairgead aig an luchd-sanasachd, ’s tha eagal am beatha orra gun dèan companaidhean nas motha glàmhach orras gun tèid an sluigeadh sìos. ’S e sin a tha gam fàgail cho cruaidh a thaobh airgid. ’S e gnìomhachas a tha san obair seo, ’ille, chan e cur-seachad a thinnte idir. ’S tha tòrr de dhraghannan beaga co-cheangailte ri telebhisean.”
Trobhad, a Dhòmhnaill,” thuirt MacAsgaill, is e abualadh a bhasan gu slaodach, “tha mise coma cho bochd dheths a tha muinntir an telebhisean. Chan e mo ghnothach-se. Tha trioblaidean aig a h-uile duine. Achs e na trìoblaidean agam fhìn as motha tha cur dragh orm. Ma thèid mise dhan bhùthaidh aigMarks & Spencersagus ma thogas mi paidhir stocainnean far na sgeilpe agus ma thèid mi dhargamaid ris an nighean a thaobh na prìse, eil thu smaoineachadh gum faigh mi iad dad nas saoire? ‘Hello, a ghràidh, tha fhios am gur e nota is leth-cheud sgillinns a trì a tha sgrìobhte air an tiocaid, achs dòcha gu bheil fhios agadtha mi rud beag gann an dràsda, agus feumaidh mi innse dhut, bha sinn afaighinn fìor dhroch phrìs air aghiomach air amhìos a chaidh seachad, is mar sin, bhithinn nad chomain nan toireadh tu dhomh iad air nota. chanas tu?’ Tha fhios agamsa chanadh i. ‘Check all hospital beds. Deranged person at large in GentsAccessories. I repeat: check all hospital beds. ’Chuireadh iad dhan taigh-chuthaich mi, a dhuine.”
Bu tum balach,” thuirt an Caimbeulach. “Bfheàrr leam gur e mi fhìn a thug am freagairt sin seachad. Acoimhead ort, cha chanainn gu sìorraidh gu robh thu cho tapaidh. robh thu seachdain an-diugh nuair a bha feum ort?”
An seo fhèin,” thuirt Mac Asgaill, “afeitheamh ort gus an ceannaicheadh tu glainne dhomh.”
Coma leat dhen sin an dràsda,” thuirt an Caimbeulach. “Tha cabhag eagalach orm. An tèid thu suas dhan Ghearasdan còmhla rium air an t-seachdmh latha dhen Mhàrt? Siuthad, a Chaluim Iain. Tha mi ann an staing.”


[74]

An toir mi leam Seonaidh?” thuirt MacAsgaill.
Cha leig thu leas,” thuirt an Caimbeulach. “ sinn an gnothach leis an triùir againn.”
n treas duine a thann?” thuirt MacAsgaill.
Chan e duine a thann ach boireannach,” thuirt an Caimbeulach.
thann, ma-ta?” thuirt MacAsgaill.
Màiri Dhòmhnaill Ailein,” thuirt an Caimbeulach.
O, tha i sin math,” thuirt MacAsgaill. “ ’S fìor thoigh leam Màiri.”
Tha fhios am, ” thuirt an Caimbeulach. “ ’S ann mar sin a tha thusa dol a chur fòn thuice dìreach an ceartuair ag iarraidh oirre falbh còmhla rinn. ’S ma thu sin, a Chaluim Iain, cuiridh mi do phàigheadh suas gu ceud nota fichead. mar a tha sin acòrdadh leat?”
Math gu leòr,” thuirt MacAsgaill.
Aguss e abhan agadsa a chuireas sinn gu feum?” thuirt an Caimbeulach.
Gu eile ach sin?” thuirt MacAsgaill. “Nach ann annad a than slaightire, a Dhòmhnaill. thabhainneas mi do Mhàiri?”
Ceuds deich air fhichead not,” thuirt an Caimbeulach.
Tha fhios,” thuirt MacAsgaill, “nach eil thu ciallachadh sin, a Dhòmhnaill. Dhèanadh Màiri cleas abhoireannaich Ameireaganaich ud orm nan innsinn sin dhi. Rachadh i naBobbighlan mas e sin na bha thu atoirt dhi.”
Dia gam shàbhaladh,” thuirt an Caimbeulach, “tha an dithis agaibh adol gam fhàgail gun sgillinn ruadh. Mun tòisich mi air rud suarach sam bith a chosnadh dhomh fhìn, tha mi air cheud gut leth air chall mu thràth.”
Ach feumaidh tu,” thuirt MacAsgaill, “pàigheadh airson apheatroil cuideachd.”
Ud,” thuirt an Caimbeulach, “tha thu air an gnothach a dhèanamh orm. ’S beag orm fhìn a bhith dèanamh comh-strì mu phrìsean mar seo. Trobhad, fòn thuice, ille. Innis dhi gum bi mise gu math buidheachd aiste.”
mi e co-dhiù,” thuirt MacAsgaill, “ach chan eil mi ro chinnteach am bi gu leòr an sin dhi.”
Feuch,” thuirt an Caimbeulach, “am faigh thu i, huh, a Chaluim Iain?” Thog e a shùilean gu mullach an taighe. “Saoilidh mi gun cluinn mi mo mhàthair bhochd fhathast. ‘Chan eil sìon eadar thu fhèin agus do


[75] Dhia, a Dhòmhnaill, ach gum bi feadhainn eile agabhail brath air do choibhneas.’ ’S cha chreid mi gu robh i fada ceàrr. Can ri Màiri gun toir mi dhi cheud, agustaigh na gallabheir mi ceud gu leth dhut fhèin.” Chrath e a cheann. “Canaidh mi seo mu mo dheidhinn fhìn: cha bhi mi gu sìorraidh ro àrd ann an obair telebhisean.”

titleA Deich
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page