A H-AON DEUG
GOIRID an dèidh deich uairean air madainn Dìmairt ràinig Iain Ailig MacIlleathain oifis IomhaighProductions. Bha Donnchadh Mac na Ceàrdaich a’ bruidhinn air an telefon. Nuair a chunnaic e MacIlleathain a’ coiseachd a-steach thuirt e: “Gabh mo leisgeul – feumaidh mi falbh.” Chuir e sìos an telefon.
Thug MacIlleathain dheth a bhrògan agus a sheacaid is chaidh e a shìneadh air an t-sèise. Sgioblaich Mac na Ceàrdaich na pàipearan a bha air an deasg. “Tha thu gu toirt thairis?” thuirt e. Rinn MacIlleathain omhail. “ ’N robh thu ’n Eirinn thuige seo?”
“Thill sinn,” thuirt MacIlleathain, “Dihaoine seo chaidh. Tha mi air a bhith san loidseadh aig Donna. Tha mi gus a bhith marbh aice.”
“Obair shalach,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “ach feumaidh cuideigin a dèanamh – nach e sin e?”
“Thighearna,” thuirt MacIlleathain, “chan eil nàire idir san tè ud. Fhuair mi nàdar de rabhadh air a’ phlèana a’ dol a-null. Cha bu luaithe bha sinn air ar ceangal leis nastrapaichean na thoiseach i air faighneachd dhiom am b’ urrainn dhomh a cuideachadh gu ’m faigheadh i obair ann an telebhisean. Dh’fheuch mi ri comhairleachadh. ‘Uill, Donna, tha thu òg fhathast, ’s bhiodh barrachd seans agad nan deigheadh tu a-steach dhan oilthigh an toiseach,’ arsa mise.
“ ‘Carson’ ars ise,” thuirt MacIlleathain, ‘a dhèanainn sin?’ Uill, tha i òg gun teagamh, ach chan eil an dearbh thè gun chiall. Bha de chiall aice gun do dh’fhàg i a’ chuid trì putain dhen bhlobhs aice fosgailte, agus is mathaid gur e sin a chuir ceàrr mi. ‘Ionnsaichidh tu rudan, coinnichidh tu ri daoine,’ arsa mise.
“Chuir i nam thuaineal mi,” thuirt MacIlleathain, “nuair a chuir i làmh air a’ chlibean agam agus a rinn i pluchadh air le corragan. Theab mi
title | A h-Aon Deug |
internal date | 1996.0 |
display date | 1996 |
publication date | 1996 |
level | |
parent text | Cùmhnantan |