[82] A DHA DHEUG
BHA am bàr anns an taigh-òsda Hilton an Glaschu glè shàmhach tràth air an oidhche, le deannan de dh’fhireannaich anns na leth-cheudan nan suidhe aig bùird leotha fhèin, is iad a’ sgrìobhadh no a’ leughadh agus an dràsda ’s a-rithist a’ toirt balgam às na glainneachan aca. Ann an oisean bha sòfa chruinn air an robh trìuir dhaoine, dithis fhear agus boireannach, nan suidhe le bòrd ghlainneachan air am beulaibh.
Sheas Ruairidh Moireach, aona bliadhn’ deug air fhichead a dh’aois, aig doras an rùim, a’ coimhead mun cuairt air, is nuair a dh’aithnich e an ceannard aige, Aonghas Iain MacCoinnich, Striùiriche an Sgioba Telebhisean Gàidhlig, agus Manaidsear Gnìomhachais an Sgioba, Flòraidh NicDhòmhnaill, nan suidhe còmhla ri duine àrd, caol is deise Armanai air, liùg e air falbh air a shocair gu far an robh iad. Chuir am fear caol a-mach a làmh cheart. Rinn Moireach sòradh airson dà dhiog mar nach robh e cinnteach dè bha am fear eile a’ ciallachadh. An uair sin rug e oirre le grèim lag. “An Dotair MacIlleathain?” thuirt e. “Aonghais Iain? A Fhlòraidh? Duilich gu bheil mi fadalach. Dè ghabhas sibh?”
“Gabhaidh mi fhìnnip,” thuirt MacCoinnich. “Chan e. Faigh glainne mhòr dhòmhsa, Ruairidh.”
“Chan eil mise ’g iarraidh sìon,” thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill. “Tha tòrr agam ri dhèanamh fhathast a-nochd. Eil sinn dol a dh’ithe an dràsda?”
“Faodaidh sinn,” thuirt MacIlleathain, agus shìn e a ghlainne do Mhoireach. “Gabhaidh mise glainne fìon, a Ruairidh, mas e do thoil e.” Chùm e a shùilean air Moireach nuair a choisich Ionmhasair an STG a-null chun a’ chunntair. “Bha mi smaoineachadh,” thuirt e, “gun toirinn geàrr-chunntas dhuibh air mar a tha a’ dol dhuinn le Cuid do Chroinn an toiseach, mus biodh sinn ag òrdachadh.”
“Siuthad, ma-tha,” thuirt MacCoinnich, “nach greas thu ort. Tha
[83] coinneamh againne –
mi fhìn ’
s Flòraidh –
shìos an Lunnainn a-
màireach aigCentre one.
An do chuir thu crìoch air an òraid agam,
a Fhlòraidh?
“
Tha mi ’
g obair oirre fhathast,”
thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill is i a’
dìosgadh nam fiaclan.
“
Sin thu fhèin,
a ghràidh,”
thuirt MacCoinnich. “
Thighearna,
dè tha cumail Ruairidh leis na dramannan? Okay,
Iain Ailig,
dè th’
agad ri innse dhuinn mu dheidhinn Cuid do Chroinn? ’
N e càil a tha ceàrr?”
“
Chan e,”
thuirt MacIlleathain. “
Uill,
chan eil sin buileach fìor.
Tha IomhaighProductions
air ullachadh mòr a dhèanamh air chor ’
s gum bi prògraman air leth againn ’
s nach bi cnap-
starradh romhainn nuair a thèid sinn dhan stiùidio an ceann trì seachdainean.
Ach tha iomagain orm.”
“ ’
N e Mac na Ceàrdaich tha dèanamh dragh dhut?”
thuirt MacCoinnich. “
Tha e ’
g òl cus,
am fear sin,
De bhalach òg.”
“
O,”
thuirt MacIlleathain, “
chan eil càil ceàrr air Mac na Ceàrdaich.
Tha mi ga chumail air teadhair ghoirid,
bheil fhios agad,
a’
caitheamh tòrr tìde ga thrèanaigeadh, ’
s tha mi smaoineachadh gun tig e thuige fhathast.
Chan e am Barrach tha dèanamh dragh dhomh.”
“
Tha sin math,”
thuirt MacCoinnich. “
Feumaidh tu smachd a chumail air an fheadhainn òg,
tha fhios agad.”
“
An Caimbeulach,”
thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill. “
Sin an gille còir a tha gad leamhnachadh,
nach e?”
“ ’
S e nach eil,”
thuirt MacIlleathain. “
Tha làn-
dhùil agam gum bi Dòmhnall Caimbeul dìreach sgoinneil anns a’
phrògram. ’
S e sin ma,
tha fhios agaibh –
ma tha e ’
n dàn dha Cuid do Chroinn a dhèanamh.
O,
na cuireadh e dragh sam bith oirbh,
nì e ’
m prògram gun teagamh. ’
S e an rud a th’
ann,
tha e ann an staing a thaobh airgid an dràsda –
uill,
sin a tha iad ag ràdh co-
dhiù.
Ach obraichich mi fhìn a-
mach rudeigin leis, ’
s aig a’
cheann thall bidh e air leth math na fhear-
taisbein air Cuid do Chroinn.
Chan eil teagamh sam bith agam às a sin.”
“ ’
S buidhe dhut,”
thuirt MacCoinnich,
is e a’
cur a-
mach a làimh airson na deoch a thug Moireach chun a’
bhùird. “
Dhia,
bha mi feumach air seo.
Tha fhios a’
m dè bha gad chumail,
a Ruairidh –
bha mi gad choimhead a’
bruidhinn ris an tè bhàn ud leis a’ mhicro-
sgiort air cùl a’
bhàr.
Is ghabh thu dhà no trì a bharrachd nuair a bha thu thall cuideachd. ’
S fheàrr dhut an aire a thoirt,
a bhalaich.
Mus fàs thu ro dhèidheil air an sruth chruaidh.”
[84] “Chan e an aon duine,” thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill.
Shuidh Moireach air gàirdean na sòfa is choimhead e air MacIlleathain sùil mun t-sròin. “Carson a tha sinn an seo co-dhiù?”
“Deagh cheist,” thuirt MacIlleathain. “A dhèanamh sgeòil ghoirid dheth, tha adhbhar gearain agam. Tha mi air mo thàmailteachadh aig Seòras Kerr.”
“Ciamar a tha sin?” thuirt MacCoinnich. “Tha fhios a’m gu bheil e rud seann-fhasanta na dhòighean, ach cuimhnich air seo, Iain Ailig: tha e air a bhith sa ghnìomhachas faisg air deich bliadhna fichead.”
“Saoilidh mi aig amannan,” thuirt MacIlleathain, “gu bheil e air a bhith a cheart cho fada air mo mhuin. Tha e cho cruaidh ri Bean a’ Chàidseir; tha e daonnan a’ gabhail gnothaich ri airgead. Tha Seòras Kerr dìreach gam mhùchadh. Chan urrainn dhomh seasamh san t-suidheachadh seo nas fhaide. Feumaidh sinn Ard-riochdaire eile fhaighinn airson Cuid do Chroinn.”
“Chan eil fhios a’m, ” thuirt MacCoinnich,” ciamar a chomhairlicheas mi thu, Iain Ailig. Dè do bheachd, a Ruairidh?”
“Chaidh thu fhèin ’s e fhèin,” thuirt Moireach, “far a chèile – ceart? ’S e a’ cheist: a bheil an droch chòrdadh seo a’ dol a dhèanamh cron air aon t-sreath phrògraman?”
“Gun teagamh,” thuirt MacIlleathain.
“Uill,” thuirt Moireach, “ma tha, ’s e mo bharail gum bu chòir dhut iarraidh airNorthcuideigin eile a thoirt dhuibh mar Ard-riochdaire. Ghabhadh MacAnndrais ris a sin gun dragh sam bith. Tha thu fhèin ’s e fhèin glè mhòr aig a chèile, tha mi cluinntinn. Ach ’s e na prògraman as cudromaiche.”
“O,” thuirt MacCoinnich, “gu deimhinne, gu deimhinne, ’s e na prògraman a bhith math – sin a tha sinn uile ag iarraidh.” Thog e a ghlainne. “Cò tha ’g iarraidh deoch eile?”
“Chan eil duine agaibh feumach air deoch eile,” thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill gu fiadhaich. “ ’S e a tha a dhìth oirbh ach cinn-eanchainn, a h-uile duin’ agaibh. Chan eil e nad chomas, Iain Ailig, mar Riochdaire air Cuid do Chroinn, P45a thoirt dhan Ard-riochdaire. Tha e an urra ri Iomhaigh na prògraman a chruthachadh. Tha e an urra riNorthna prògraman agaibh a chur a-mach leis a’ ghaoith, agus los gum bi iad cinnteach gum bi iad math gu leòr airson an craoladh,
[85] feumaidh iad cuideigin a chur os cionn a’
phròiseact.
Rinn iad sin.
Mar a thachair, ’
s e Seòras Kerr a chuir iad anns an àite.
Cruaidh-
fhortan dhutsa.
Iain Ailig,
ach cha robh e riamh sgrìobhte sa chlàr aig Maois gum faigheadh tu do thoil fhèin leat anns a h-
uile dòigh.
Nach ceannaich thu flùraichean dha,
agus an ath thuras a chì thu e bheir dha pòg ’
s can ris gur e droch àm dhen mhìos a th’
ann dhut.
Agus cha chreid mi,
Aonghais Iain,
gu bheil còir againne aig an STG a bhith toirt seachad comhairle air cuspair mar seo. ’
S e ar dleasdanas a bhith làimhseachadh air airgid agus a bhith dèanamh chompanaidhean air an neo-
ar-
thaing agus craoladairean eòlach air a chèile.
Sin uile.
Chan eil gnothach againn ri obair poileataics eadar companaidhean.
Mura bheil an còrr ann air am bruidhinn sibh,
tha mise dol suas dhan rùm agam. ’
S dòcha gum faigh mi grèim a chagnas mi mun cuir mi crìoch air an òraid agad,
Aonghais Iain.”
“
Fuirich,
a Fhlòraidh,”
thuirt MacIlleathain. “
An aidich thu fhèin nach e fear dhe na daoine againn fhìn a th’
ann?
Tha smodal de Ghàidhlig aige gun teagamh,
ach cha tèid e chaoidh nar faireachdainn.
Nach biodh e na b’
fheàrr cuideigin Gàidhealach fhaighinn?
Dè mu dheidhinn Carol NicLeòid aig Albion?
Air neo, ’
s cinnteach gu bheil cuideigin freagarrach aig a’ Bheeb.”
“
Ghràidhein nan daoin’ ,”
thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill, “ ’
s ann ort a bhiodh an t-
aithreachas nam faigheadh tu Carol bheag nad uchd.”
“
Ciamar?”
thuirt Moireach. “
Chan eil mise faicinn càil ceàrr air Carol.
Bha i riamh comasach. ’
S ann agam tha fios.
Bha ia air an aon chlas riumsa ann an Sgoil MhicNeacail agus bha i gu math tapaidh eadhon an uair sin.”
“
Uill,”
thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill, “
chaidh an dithis agaibh do dheagh sgoil.
Chan eil fhios a’
m mu do dheidhinn-
sa,
Ruairidh,
ach airson na tè a th’
ann,
nuair a bha i dol dhan sgoil an Steòrnabhagh,
ma bha rud ann nach do dh’
ionnsaich i mu dheidhinn an car a thoirt às daoine a thaobh airgid –
uill,
chan ionnsaicheadh i e anns a’ Chasbah
ann an Tangiers.”
“
Saoilidh mi,
ge-
ta,”
thuirt MacCoinnich, ’
s e a’
gabhail balgam às a ghlainne, “
gu bheil Iain Ailig ceart an sin.
Cha bhuin Seòras dhuinn idir.
Chan e fear dhe na daoine againn fhìn a th’
ann.”
“
A rèir coltais,”
thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill, “
chan e fear dhiubh sin a th’
annam fhìn nas motha.
Taing dhan Aigh.
Bheil an deoch oirbh air fad o nach do thuig sibh na bha mi ’
g ràdh? ’
S eNorth
am craoladair
[86] Thagh iad Kerr na Ard-
riochdaire.
Sin agaibh e.
Chan eil an còrr ann ach cur suas leis.”
“
Chan eil fhios a’
m, ”
thuirt Moireach, “
a bheil sin fìor.
Mar a tha fhios agaibh, ’
s e an lagh a leugh mi san oilthigh,
rud nach do rinn duine agaibhse,
agus ’
s e mo bheachd-
sa nam biodh tu airson a chur à dreuchd,
no cuideigin eile a chur na àite,
nach biodh e cho doirbh sin.”
Smèid e ris an nighean bhàn agus chuir e suas na ceithir meòirean. “
Tha fhios a’
m air seo:
nam bithinn ann am brògan Iain Ailig ’
s nam biodh cuideigin,
duine sam bith,
a’
cur a’
bhàta ann an cunnart a’
lorg saoiread,
gheibhinn cuidhteas e sa bhad.”
Thràgh MacCoinnich a ghlainne agus choimhead e air MacIlleathain. “
Tha thu faicinn,
Iain Ailig,
cho neo-
thruacanta ’
s a tha na seòid agamsa,
a bheil?
Tha iad an còmhnaidh a’
maoidheadh orm.
Cò a-
nis am pulaidh tha dol a thoirt orm dram eile a ghabhail?”
“
Dè tha thu ’
g iarraidh,
Aonghais Iain?”
thuirt MacIlleathain.
Dh’
òrdaich e dà leth-
thè agus glainne fìon bhon nighean bhàn a bha na seasamh ri taobh a’
bhùird. “
Aonghas Iain,
chan eil a dhìth orm ach bhur cead a dhol far a bheil MacAnndrais agus iarraidh air Ard-
riochdaire ùr a chur an àite Kerr,
a bheil thu tuigsinn?
Cha ghluaisinn ach ler cead,
bheil fhios agad?”
“
Siuthad,”
thuirt Moireach, “
cuir an gunna ris.
Tha beatha duine ro ghoirid airson a bhith tuainealaich mun cuairt.
Bheil a h-
uile càil seachad a-
nis?
Chòrdadh e riumsa faighinn a-
mach às an àite seo.
Tha e cho marbh.”
“
Uill,”
thuirt MacIlleathain, “
chuir mi air dòigh rudeidin ’
s dòchas a chòrdadh ribh uaireigin an dèidh seo. ’
S e sin mas caomh leibhsnap
bìdh ’
s dramannan a ghabhail ann an àite beag inntinneach as aithne dhomh.
Aonghais Iain,
dè bu chòir dhomh a dhèanamh?”
“
Nach dèan thu mar a tha thu fhèin a’
faicinn iomchaidh?”
thuirt MacCoinnich. “
Innis dhuinn tuilleadh mu dheidhinn an àite seo.”
“
Uill,”
thuirt MacIlleathainn, “
bha mi smaoineachadh gun deigheadh sinn –
uill,
tha e coltach gum bi Flòraidh gu math trang is mathaid nach biodh i deònach a dhol còmhla rinn.
Ach bha mi dhen bheachd gun còrdadh e ris an dithis agaibhse a dhol dhanBhosporus
a dh’
ithe an toiseach –
àite beag annasach a th’
ann – ’
s gun deigheadh sinn an uair sin dhanBhen Lomond,
no àiteigin mar sin,
airson dà no trì dhramaichean.
[87] Agus an uair sin, mathaid gun toir sinn sgrìob gu taobh deas na h-aibhne dhan àite a th’ aig fear as aithne dhomh, Desert Palms – faodaidh sinn suathadh-cuirp fhaighinn ann – agus, cò aig tha fhios, mathaid gun till sibh chun an taighe agamsa airson – uill, chì sinn dè thachras, bheil fhios agaibh?”
“Bhiodh sin glè mhath,” thuirt MacCoinnich.
“Thugainnibh, ma-tha,” thuirt Moireach.
Thug Flòraidh NicDhòmhnaill an nèapaigin a-mach às a h-uchd agus leig i leis tuiteam air a’ bhòrd. “Uill,” thuirt i, “nach gabh sibh mo leisgeul, a dhaoin’ -uaisle? Tha obair aig feadhainn againn ri dhèanamh. Agus ma ghabhas tu mo chomhairle, Iain Ailig, cumaidh tu air falbh bho Sheòras Kerr. A dh’aindeoin dè chanas mo dhà chompanach, chan eil de chumhachd againne, mar Ghàidheil, a nì ’n gnothach air an fheadhainn Ghallta ann an telebhisean. Chan eil fhathast co-dhiù.” Dh’èirich i. “Na caraichibh, a dhaoin’ -uaisle,” thuirt i. “Seachain Kerr, ’ille. Ann an sùilean nan Gall, cha mhotha thu na bigeun. ’S gu dearbh fhèin chan eil sin mòr sam bith.” Sheall i a fiaclan is rinn i gàire fanaid. “Ach innsidh na h-igheanan anns anDesert Palmssin dhuibh a-nochd fhathast, tha mi làn-chinnteach.”