A TRI DEUG
AIG leth-uair an dèidh deich sa mhadainn air an t-seachdamh latha dhen Mhàrt, air taobh a-muigh an stèisean an teis-meadhan a’ bhaile, bha sreath de thagsaidhean dubha nan tàmh a’ feitheamh ri luchd-siubhail.
Thug MacAsgaill a’ Volkswagen Caravellebuidhe aige mun cuairt bho Shràid Renfield gu Sràid Ghòrdain aig astar mòr agus stad e ri taobh a’ chiad thagsaidh anns an t-sreath. Bho chùl a’ bhan thuirt an Caimbeulach: “Siud i, a Chaluim Iain. Seall – aig doras an stèisein.”
“Chrùb Màiri NicIllinnein, boireannach àrd le gruag fhada dhubh, mu aois seachd air fhichead, sìos air a corra-chnàmh nuair a chuala i MacAsgaill a’ seinn na dùdaich, thog i a màileid agus choisich i air a socair a-null chun a’ Charavelle.
Dh’fhosgail MacAsgaill doras clì na bhan agus thàinig Màiri a-steach. Thuirt i: “Siuthad, a Dhòmhnaill, beir oirre seo is tilg dhan chùlaibh i.” Shìn i a màileid dhan Chaimbeulach agus thug i pòg do ghruaidh MhicAsgaill. “Fàileadh brèagha mhòr dhiot, a Chaluim Iain. Dè th’ ann?”
“Tapadh leat, a Mhàiri,” thuirt MacAsgaill. “ ’S eLacostea th’ ann. Tha e gu math daor.”
“Breugan a th’ aige, Mhàiri,” thuirt an Caimbeulach. “ ’S e stuth ùr a th’ ann a tha iad a’ dèanamh ann am factaraidh an èisg am Barraigh. Rùda an t-ainm a th’ air. Tha tarraing ann dha na boireannaich a tha dìreach eagalach. A’ chiad thuras a dh’fheuch mi fhìn e, ’s ann aig cèilidh a rinn mi ann an taigh-òsda aig ceann a’ bhaile ann an Steòrnabhagh. Anns an luchd-èisdeachd an oidhche ud bha buidheann a-mach àsWeight - WatchersNa Hearadh, dà bhus làn de chailleachan Shearings agus” – rinn e casad – “dusan othaisg far lot AiligFatàs a’ Ghleann Dubh. O, tha cumhachd anns an Rùda gun teagamh.”
“ ’S ann a bha cus,” thuirt Màiri NicIllinnein, “anns an rùda às a’ Cheann a Deas a chaidh às mo dhèidh an oidhche ud ann am Bail’ a’ Mhanaich. Bheil cuimhn’ agad, a Dhòmhnaill?”
“ ’N e sin an oidhche,” thuirt an Caimbeulach, “a bha an t-sabaid mhòr ann?”
“Bha sabaid,” thuirt MacAsgaill, “aig a’ choncert?”
“Chan e sin an oidhche idir,” thuirt Màiri NicIllinnein. “Bha mise aig a’ choncertsin. Bha mi fhathast san sgoil aig an àm. ’S ann air a’ bhàl a bha an t-sabaid, ’s chan ann aig a’ choncert. Ach ’s ann tha mise bruidhinn mu oidhche eile. Thachair seo anns anGymbho chionn deich bliadhna. Sin a’ chiad bhliadhna a chaidh mi air chuairt air feadh nan Eilean còmhla riut, a Dhòmhnaill. Bheil cuimhn’ agad idir air an oidhche bha clann Fhionnlaigh às na Meadhanan a’ tathaich oirnn?”
“O,” thuirt an Caimbeulach, “ ’s math tha cuimhn’ a’m air an oidhche mhòr a bha sin.”
“ ’N e sabaid eile a bh’ ann,” thuirt MacAsgaill, “an oidhche sin?”
“Chan e,” thuirt Màiri NicIllinnein. “Cha robh ann ach am measgachadh àbhaisteach aig cèilidhean anns na h-Eileanan – deoch làidir, drabasdachd agus, an àiterock ’n roll, crodh.”
Rinn an Caimbeulach glag gàire. “Dhia, tha sin ceart, a Mhàiri,” thuirt e. “Dà, a ghaoil, cha robh mac Fhionnlaigh a’ dol gad leigeil dhachaigh gu d’ mhàthair mar a fhuair e thu idir an oidhche ud. Thàinig nuadal a-nuas gu rùm na Comataidh an toiseach gu robh rudeigin mì-chneasda a’ dol a thachairt air a’ bhàl.” Thug e putadh do ghàirdean MhicAsgaill.
“Tionndaidh gu d’ làimh dheis an seo, a Chaluim Iain,” thuirt e. “Thèid thu suas mu leth-mhìle agus thig thu guslip - roada chuireas air a’ mhotorwaysinn.”
Thionndaidh MacAsgaill anCarvellegu Cowcaddens. “Dè chuala sibh?” thuirt e. “Dè ’n rud oillteil a bha dol a thachairt? Cò bha ’g innse dhuibh?”
“Dh’innis gillean na Comataidh dhuinn,” thuirt an Caimbeulach, “gu robh, agus bha an gille aig Dòmhnall Iain a’ Ghrèidheir air chrith mar gum biodh slat-iasgaich ’s a bha e bruidhinn. Dh’innis e dhomh gun cualas –”
“Gu robh clann Fhionnaigh,” thuirt Màiri NicIllinnein, “a’ tighinn dhan bhàl.”
“Agus ’s iad a thàinig,” thuirt an Caimbeulach, “aig dà uair sa mhadainn air a’ bhuille. Agus am fear ruadh – ’n e Raghnall a th’ agad air? – air thùs dhiubh agus coltas air gu robh e dol a dhèanamh sabaid gu calma. Choisich e suas chun an àrd-ùrlair, choimhead e timcheall air an àite, a bha làn gus spreaghadh le daoine a’ dannsa, agus chunnaic e gu robh e math. An ath rud, chunnaic e Màiri, ’s i cho diùid dhith fhèin, na seasamh aig doras rùm na Comataidh.
“Uill, ma chunnaic,” thuirt an Caimbeulach, “cha mhòr nach deach an duine ann an seachd neòil. Shìn e a làmhan a-mach mar seann mhinistear às an Eaglais Shaoir. Choimhead e sìos air an làr. Chuir e sgraing air aodann. ‘A mhnathan agus a dhaoin’ -uaisle,’ thuirt e, ‘ ’s aithne dhuibh air fad am fear tha bruidhinn ribh an dràsda. ’S mise Raghnall mac Fhionnlaigh ’ic Iain Ruairidh ’ic Mhìcheil. Ged a chuirinn mìle bliadhna seachad a’ tighinn a-nuas a Bheinn a’ Bhadhla dhan bhàl aig anGym, chan fhaicinn nighean cho brèagha ris an tè dhorcha sin às a’ Cheann a Tuath a tha mi faicinn eadar mo dhà shùil thall aig an doras sin an dràsda. Seo agaibh na cùmhnantan, dìreach mar a thàinig iad a-nuas bho Bheinn Shinài: Ma Chaidhleas Ise Còmhla Riumsa A-Nochd Bheir Mi DhiLand RoverAs Fhiach Ochd Ceud Not. Agus Laogh Fireann Hereford, Dubh Is Geal. ’”
“Mo nàire,” thuirt MacAsgaill. “Dè rinn thu, Dhòmhnaill?”
“Uill,” thuirt an Caimbeulach, “choisich mi dìreach thuige. Bha mi mar gum biodh ugh air ghlugaman. Dh’innis mi dha nan toireadh e dhi dealbh de Chalum Ceanadach, ’s an t-ainm aige na làimh-sgrìobhaidh fhèin air, gun tigeamaid gu còrdadh.”
“Na bi ’g èisdeachd ris idir,” thuirt Màiri NicIllinnein. “Cha b’ e sin a rinn e idir. Bha e dìreach mìorbhaileach. Thug e lethbhreac dhen bhidio-casait aige – Cò Ach an Caimbeulach?, bheil cuimhn’ agad? – dhan amadan, agus lìon e glainne mhòr uisge-bheatha dha agus sgrìobh e, tha mi creidsinn, mu dhusan litir leis na beannachdan gu cloinn Fhionnlaigh air fad. Fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart thug Annag a bhean a-mach mi air an doras-cùil agus thug i air ais mi do Chreag Ghoraidh, far an robh sinn a’ fuireach.”
“Nach tu shàbhail,” thuirt MacAsgaill. “ ’S math nach bi a leithid a’ tachairt a-nochd shuas anns a’ Ghearasdan.”
“Tha fhios nach bi,” thuirt Màiri NicIlleinnein. “An aon rud a bhithinn
title | A Trì Deug |
internal date | 1996.0 |
display date | 1996 |
publication date | 1996 |
level | |
parent text | Cùmhnantan |