[99] A COIG DEUG
SHEAS Seòras Kerr an taobh a-staigh dhen doras aig IomhaighProductionsis a bheul fosgailte, agus sheall e mun cuairt. Air a bheulaibh bha deasg de dh’fhiodh beithe air an robh bogsa telebhisean, telefon agus inneal-facs. Bha brat-ùrlair is dath fìona air a’ còmhdachadh an ùrlair air fad. Bha trì dealbhannan, air an cur ri chèile le srianagan de phrìomh-dhathan Capercaillie a’ tighinn a-mach à dà bhogsa fuaimearra mòr a bha nan seasamh air pòlaichean, fear anns gach oisean.
Air cùl an deasg rinn Donna NicIomhair gàire ris. Bhiodh i mu fhichead bliadhna dh’aois. Bha falt dubh oirre air a ghearradh gu goirid. Bha aon ailbheag den òr na cluais cheàrr, agus bha tuilleadh ’s a’ chòir de rìomhadh air a h-aodann. Ach os cionn briogais-biob Versace is slapgan Bally bha blobhsa dubh den t-sìoda le crios-muineil ìseal a bha a’ leigeil fhaicinn dhan t-saoghal gu robh fhios aig Donna NicIomhair dè bha aice agus gu robh i deònach gum faiceadh càch iad. “Help you?” thuit i.
“Doubt it, ”thuirt Kerr. “Gave up playing with skate-boards years ago. ”Rinn e mar gum biodh e a’ dol a-steach dhan oifis bhig.
“Wait, ”thuirt Donna, agus dh’èirich i. “Doctor Maclean’s in conference. Please take a seat. I’ll tell him you’re here. Who’ll I say wants to see him? ”
“Sit down, dear, ”thuirt Kerr. “That way you’re not a threat. Now listen very carefully. My name’s George Kerr. I’m the Executive Producer ofCuid do Chroinn, the series – the sole series, I may add – of my programmes your testosterone-crazed employer has been commissioned to produce for the STG. Now, I’m going in to see Doctor Maclean and I’m going to do something that he won’t like – oh, I won’t hurt him, but he won’t be
[100] happy
about it.
While I’
m in there,
if you can tear yourself away from your new toys,
you’
ll make me a small cup of instant coffe and bring it through.
Understand?”
“
We’
ve got a new Gaggia, ”
thuirt Donna. “
I can do you espresso,
cafe solo,
cafe con leche,
un cortado –”
“
Sounds dirty to me, ”
thuirt Kerr. “
Instant’
ll do fine.
Any questions?”
“
Yes, ”
thuirt Donna, “
I have a question.
What I wanted to ask,
you being in television and all,
was,
well,
do you know anything about fax machines?”
“
What? ”
thuirt Kerr.
“
Fax machines, ”
thuirt Donna. “
You see,
I only started here yesterday and J.
A. –
I mean,
Doctor Maclean –
he,
he’
s been kind of busy,
and he hasn’
t had time to show me how to work this machine yet.
So,
I was,
like wondering –
I don’
t want him to think I’
m a complete bimbo,
you know?
The job’
s kind of important to me,
you know?
Every time I press the ‘
Power’
button the things growls at me.
I don’
t know.”
“
Ask Maclean to show you, ”
thuirt Kerr. “
He’
s a self-
declared expert at pressing people’
s buttons for them.
No doubt you’
ve noticed. ”
Thionndaidh e ann an cabhaig,
choisich e a-
steach dhan oifis bhig agus cha do rinn e fiù ’
s gnogadh air an doras an toiseach.
Na shìneadh air cathair leathair agus a chasan shuas air an deasg far an robh Mac na Ceàrdaich na shuidhe,
thionndaidh MacIlleathain a cheann agus thuirt e ann an guth searbh: “
Kerr.”
“
Cha chreid mi,”
thuirt Kerr, “
nach eil thu ceart an turas seo. ’
S mòr an t-
iongnadh.
A rèir coltais an àite seo, ’
s iomadh rud a chaidh ceàrr on chunnaic mi mu dheireadh thu.”
“
O,”
thuirt MacIlleathain, “
tha thu air mothachadh mu thràth gu bheil an t-
àite a’
coimhead nas fheàrr?”
“
Tha mi air mothachadh,”
thuirt Kerr, “
gu bheil sibh air taigh-
siùrsaich a dhèanamh dhen oifis.
Dè tha an òinseach ud a’
dèanamh a-
muigh an sin?
Na innis dhomh,
Iain Ailig –
th fhios a’
m.
Sin a’
phuiseag agad.”
“
Sin Donna,”
thuirt MacIlleathain, “
agus tha mi ga h-
oideachadh gu ’
m bi i naPA
dhomh.”
“
Seadh,”
thuirt Kerr, “
facal ùr air a son.”
Thionndaidh e ri Mac na Ceàrdaich. “
Tha sibh air taigh-
siùrsaich a stèidheachadh,
nach eil?
Sin as
[101] adhbhar dhan bhrat-
ùrlair ùr ’
s dha na pioctairean ’
s dhan cheòl,
nach e?”
“
Tha sinn dìreach a’
feuchainn,”
thuirt Mac na Ceàrdaich, “
ris an t-
àite a dhèanamh suas rud beag ’
s gum bi e a’
coimhead nas coltaiche.”
“
Dè nis,”
thuirt Kerr, “
a thog seo a’
cosg?”
“
Uill,”
thuirt Mac na Ceàrdaich, “ ’
s ann air màl a tha a’
chuid as motha dhen stuth.
An t-
inneal-
facs,
sin ceithir fichead ’
s a còig,
na pioctaran timcheall air trì fichead,
an t-Akai
còig air fhichead,
agus am brat-
ùrlair agus an deasg –
uill,
cheannaich sinn am brat-
ùrlair ’
s an deasg –
tha e a’
tighinn gu,
can,
ceud ’
s trì fichead ’
s a deich.
Sin anns a’
mhìos.
Tha e a’
toirt deagh bheachd air a’
chompanaidh dhan fheadhainn a bhios a’
tadhal oirnn.”
“
Agus cia às,”
thuirt Kerr, “
a thig an t-
airgead airson beò?
Bheil Donna agaibh gu bhith ga siùrsachadh fhèin a-
muigh anns an lobaidh?”
“
A Sheòrais,”
thuirt MacIlleathain, “
thoir an aire dhan bhruthadh-
fala agad.
Na bi eadhaon a’
smaoineachadh air Donna.
Chan eil i math dha do shlàinte.
H-
uile turas a dh’
ainmicheas tu i tha d’
aghaidh a’
dol cho dearg ri portan.
Thàinig mi fhìn ’
s mo chompanach chun a’
cho-
dhùnaidh gu robh an t-
àm againn na h-
eich againn a leigeil gu aonach saor,
gun srian.
Chan e do ghnothaich-
s’
e dè mar a chaitheas sinn ar n-
airgead.”
“
Ach,”
thuirt Kerr, “
a bheil airgead dhaibh?
Cha leig mi leibh sgillinn ruadh dhan airgead-
riochdachaidh airson Cuid do Chroinn a chaitheamh air faoineas mar seo.”
“
Tha caraidean gu leòr agamsa,”
thuirt MacIlleathainn, “
a tha deònach gu leòr mo chumail a’
dol le airgead fhad ’
s a bheir mise dhaibh na tàlantan agam fhìn.”
“
Bidh cruaidh-
fheum agad,”
thuirt Kerr, “
air an dà rud –
caraidean agus tàlant.
Cha chreid mi na tàlantan a tha agad gun fhiach iad bruidhinn orra,
ach tha fhios agam air seo:
chan eil nàmhaid nas motha agad na mi fhìn.
Tha mi seachd searbh dhen dol-
air-
adhart agad.
Cha robh còir sam bith agad an nighean bheag sin a chur air na leabhraichean gun bruidhinn riumsa an toiseach.
Ach cha robh còir agad airgead-
leasachaidh a thoirt dhan Chaimbeulach.
Bheil fhios agad gu bheil esan ann am fiachain riumsa gu mìle gu leth fhathast?
Nì mise glè mhath gun na trioblaidean seo.
Bheil cuimhne agaibh idir gu bheil sreath phrògraman againn ri dhèanamh –
cuin,
a Dhonnchaidh?”
[102] “Cola-deug-màireach,” thuirt Mac na Ceàrdaich.
“Iain Ailig,” thuirt Kerr, “bheil thu dol a bhith ag obair cuide rium air neo nam aghaidh?”
“Cha dèan mi an dàrna rud seach rud eile,” thuirt MacIlleathain. “ ’S ann a tha mise leis-san.” Agus chuir e a làmh a-mach is chomharraich e Mac na Ceàrdaich. “Seo am fear,” thuirt e, “aig a bheil smaointean dha-rìribh airson prògraman telebhisean. ’S cha bhi mi fhìn fad gan cur air beulaibh dhaoine anns an STG agus ann anNorth Television. Daoine a thogas iad gu math cliobhar. Carson a tha feum ortsa?”
“Is mise Ard-riochdaire an t-sreatha,” thuirt Kerr.
“Deise a th’ annad, a Sheòrais,” thuirt MacIlleathain. “Chan eil annad ach an deise. Nuair a bhios deise air a caitheamh gu dona, bidh sinn ga tilgeil a-mach. Agus thèid sinn a-mach ’s gheibh sinn tè ùr. Cha chreid mi nach e sin a bhios mi fhìn a’ dèanamh a dh’aithghearr.”
“Dèan cinnteach,” thuirt Kerr, “gum bi deagh mhogan agad nad chois mus tèid thu a-mach. Tha mise a’ falbh a-nis, feuch am faigh mi grèim air a’ Chaimbeulach. Mura faigh mi an t-airgead bhuaithe, cuiridh mi am balach Hearach a bhios a’ leughadh nan naidheachdan dhuinn ann am Peairt an àite. Fàgaidh mi mo bheannachd agaibh, agus tha mi ’n dòchas gum bi sibh toilichte còmhla. An trìuir agaibh.” Thionndaidh e air a shàil is choisich e gu stobach a-mach às an rùm.
An dèidh dha falbh dh’fhan MacIlleathain agus Mac na Ceàrdaich nan tosd fad dà mhionaid. Mu dheireadh leig MacIlleathain osna agus thuirt e: “A bheil thu tuigsinn a-nis na tha mi ’g ràdh, a Dhonnchaidh? Feumaidh sinn faighinn cuidhteas an duine sin.”
“Bha coltas gu math fiadhaich air,” thuirt Mac na Ceàrdaich.
“Ud,” thuirt MacIlleathain,” tha a bheul nas miosa na ghnìomh. Èisd rium: chan eil cumhachd aige ann. Bhruidhinn mi ri muinntir an STG mu dheidhinn agus thug iad cead dhomh, no cho math ris, iarraidh airNorthcuideigin eile a chur na àite. Chan eil agam ach litir ghoirid a chur gu MacAnndrais a’ fàgail air agu bheil e air a dhol ro mhionaideach a thaobh airgid, ’s gu bheil e cur anstafftroimh-chèile. Och, tha fhios agad fhèin dè mar a chuireas tu i.”
“An toir mi iomradh,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “air‘irreconcilable differences’agus‘project in jeopardy’?”
“Sin e,” thuirt MacIlleathain. “Iarraidh mi air Donna facs a chur gu
[103] MacAnndrais cho luath ’
s a bhios i deiseil agad.”
Dh’
fhosgail e an doras agus leig e eubh às: “
Donna,
a ghràidh,
am bi thu cho math ’
s gun tig thu a-
steach mionaid?”
“
Dè mu dheidhinn a’
Chaimbeulaich?”
thuirt Mac na Ceàrdaich. “
Chan ann breugach a bha Seòras nuair a thuirt e gum faigheadh e cuideigin eile airson Cuid do Chroinn.
An tèid mise a-
mach feuch am faigh mi e?
Agus an t-
airgead?”
“
Coma leat,”
thuirt MacIlleathain. “
Tha Dòmhnall Caimbeul a’
dol a dhèanamh a’
phrògram co-
dhiù,
às bith dè eile thachras.
Mathaid an ceann seachdain nach bi sgeul air Kerr ann,
agus dìochuimhnichidh sinn mu dheidhinn an airgid.
Ma bhios againn ri thoirt air ais,
bheir sinn mìle gu leth a-
mach às an tuarasdal aige.
Na dèanadh e dragh sam bith dhut,
a Dhonnchaidh. “
Thionndaidh e ri Donna,
a bha air nochdadh san doras,
peann agus leabhar-
notaichean na làmhan. “
Donna,
a ghaoil,”
thuirt e, “
tha Donnchadh a’
dol a sgrìobhadh litreach an ceartuair.
Bu mhath leam nan cuireadh tu facs dhith gu Gordan MacAnndrais aigNorth Television
an-
diugh feasgar.
Nuair a chì thu sin,
coinnichich tu rium aigLa Fiorentina
anns anItalian Centre.
Chunnaic mi blobhsa snog ann am bùth Armani a bhiodh dìreach àlainn ort.
Chì mi thu aigLa Fiorentina
aig,
can,
leth-
uair an dèid trì –
ceart?
Tillidh sinn an seo agus seallaidh mi dhut mar a dh’
obraicheas tu amPowerBook.”
“
Ceart,”
thuirt Donna,
is i a’
coimhead gu math iomagaineach. “
Iain Ailig?”
“
Dè,
ghaoil?”
thuirt MacIlleathai.
“
Chan aithne dhomh,”
thuirt i, “
chan eil mi uabhasach cinnteach,
ciamar,
bheil fhios agad –
càit a bheil anItalian Centre.”
“
Faigh tagsaidh,”
thuirt MacIlleathain,
is e a’
toirt deich notaichean a-
mach às a mhàileid-
airgid is ga thoirt dhi. “
Agus ’
s fheàrr dhutsa dèanamh air an taigh,
a Dhonnchaidh.
Cho luath ’
s a bhios tu deiseil dhen litir.
Cuiridh tu peatroil dhan chàr cuideachd.
Theirg innte airson greis.
Gu ’
m bi thu deiseil airson na h-
oidhche nochd.”
“
Carson?”
thuirt Mac na Ceàrdaich. “
Dè tha tachairt a-
nochd?”
“
Tha mi fhìn ’
s tu fhèin,”
MacIlleathain, “
a’
falbh air sgrìob a-
nochd.”