[104]

A SIA DEUG

AIG caisteal an dèidh sia stiùir MacAsgaill anCaravellefar Drochaid Kingston gu Sràid an Naoimh Vincent agus stad e agus ghlas e e faisg airCasa Alberto. Chaidh e a-steach dhan bhlàr agus shuidh e aig bòrd ann an oisean aig achùl agus chùm e a shùilean air an doras. An dèidh dha botalSolòrdachadh bhon nighean, thug e a-mach peann agus duilleag phàipeir agus thòisich e air sgrìobhadh.
Aig an aon àm agus a ràinig an nighean am bòrd aige leis an leann thàinig an Caimbeulach, isblazercotain ann an dath an airgid agus lèine phinc air achoilear air, a-steach dhan bhlàr agus stad e airson dioga. Sheas MacAsgaill agus smèid e thuige.
A Dhòmhnaill,” thuirt MacAsgaill, “ do shunnd?”
Deagh shunnd,” thuirt an Caimbeulach. “Dhiarr thu orm do choinneachadh an seo. Shaoilinn gum biodh tu air blas achrogain a ghabhail dhiomsa às dèidh na h-oidhche raoir. tha dèanamh dragh dhut?”
O, thuirt MacAgaill,” chan eil dad adèanamh dragh dhomh. ’S e thann, dìreach, bha michoinnich mi ri Ceit Mhoireasdan a-raoir anns aGhearasdan – ’s aithne dhut an Sgalpach a thag obair air Reidio na Gàidhealtachd? – agus bha sinn abruidhinn a-nulls a-nall, bheil fhios agad?”
Uh-huh,” thuirt an Caimbeulach.
Agus,” thuirt an Caimbeulach.
Agus,” thuirt MacAsgaill, “bha iseg ràdh, fhads a bha sinn abruidhinn, bheil fhios agad, thuirt i, dhinnis i dhomh dhà no trì rudan a chuir iongnadh orm.”
Uh-huh,” thuirt an Caimbeulach.
Dhinnis i dhomh,” thuirt MacAsgaill, “gu robh an CamasCentreloma-làn a-raoir.”


[105]

An e,” thuirt an Caimbeulach, “nach rbh thu fhèin ann idir, a Chaluim Iain? Air neo, nuair a bha thu adalladh air na ruidhlichean a-raoir, an deach thu troimh-chèiles gun do smaoinich thu gur ann anns an Eaglais Bhig ann an Steòrnabhagh a bha thu aig àm nan òrdaighean? Bha an CamasCentre, mar as math tha fhios agad, làn gu bhus a-raoir airson an Don CampbellShow. mu dheidhinn?”
Dìreach,” thuirt MacAsgaill, “uill, bha i abruidhinn air an airgead a thug sinn a-steach. Bha fhios aice air na figearan air fad.” Thug e an duilleag phàipeir a-mach às a phoca agus chuir e sìos air abhòrd eatarra i.
Faodaidh tu,” thuirt an Caimbeulach, “am pàipear sin a chur an dàrna taobh. Rud sam bith a tha thu airson fhaighinn a-mach, bruidhinn riumsa mu dheidhinn.”
Faodaidh tu,” thuirt an Caimbeulach, “am pàipear sin a chur an dàrna taobh. Rud sam bith a tha thu airson fhaighinn a-mach, bruidhinn riumsa mu dheidhinn.”
Uill,” thuirt MacAsgaill,” bha mi dìreach, bheil fhios agad, asmaointinn, saoil –”
An robh beagan a bharrachd ann dhutsa,” thuirt an Caimbeulach. “An e sin an rud a bha thu afeuchainn ri ràdh?”
Chan e,” thuirt MacAsgaill. “Bha mi deònach faighneachd dhut an robh thu smaointinn oidhcheannan eile mar sin a dhèanamh. Sin uile.”
O,” thuirt an Caimbeulach, “tha thug innse nam breug. Ach innsidh mi dhut an fhìrinn. An oidhche raoir, ’s e oidhche air leth a bha sin. Cha dèan min còrr oidhcheannan mar sin.”
Carson,” thuirt MacAsgaill. “Rinn mi tòrr airgid.”
“ ’Rinn sinn tòrr airgid’, an tuirt thu?” thuirt an Caimbeulach. “Tha thu ceàrr ann an sin, a Chaluim Iain. Chan esinna rinn an t-airgead, a ghràidhein. ’S e mise a rinn an t-airgead. Cia mheud duine a thigeadh a-mach a dhèisdeachd riutsa air oidhche fhuar gheamhraidh, bheil thu smaointinn? No ri Màiri, ged a tha gaol mo chridhe agam air an nighean sins ged as beag orm a bhith ga cur sìos? Cha tigeadh mòran, ’s tha fhios agad air sin.”
Sin do bharail-sa,” thuirt MacAsgaill. “Achs e mo bharail-sa gun do ghabh thu abhrath oirnne, a Dhòmhnaill.”
Ciamar?” thuirt an Caimbeulach.
Uill,” thuirt MacAsgaill, “tha mise cinntecah gun do rinn thu airgead gu leòr a-raoir.”
Rinn,” thuirt an Caimbeulach. “Bheil thu deònach faighinn a-mach fhuair mi?”


[106]

Tha gu dearbh fhèin,” thuirt MacAsgaill. “Bhithinn ro dheònach faighinn a-mach fhuair thusa seach na fhuair sinne.”
Okay, ”thuirt an Caimbeulach. “Obair an telebhisean an toiseach: seachd ceud deug bho Albion. A-mach às sin phàigh mi cosgaisean airson abhana agadsa, airson peatroil, airson bìdh agus airson an tuarasdail agadsas aig Màiri agus na dannsairean. Dhfhàgadh sin mu mhìle agamsa, ach tha còig cheud acasan ormsa. Mar sin, bidh mi fortanach ma gheibh mi còig cheud acasan fhìn.”
Ach,” thuirt MacAsgaill, “ thachair dhan airgead a thàinig a-steach aig an doras?”
Chan eil fhios am an e do ghnothach-sa thann,” thuirt an Caimbeulach. “Ach a dhèanamh sgeòil ghoirid dheth, an dèidh chosgaisean, chaidh mfhàgail leis an treas cuid dhen phrothaid. Tha fhios am gun deach mo char a thoirt asam le Carol. Ach, a Chaluim Iain, ghabh mi leis. burrainn dhomh a dhèanamh? Bha mi cinnteach gum faighinn os a chionn. Rinn mi gàire, ach cha robh mi idir toilichte. A dhaindeoin sin, chan eil teagamh ann nach deach mo dhinneadh le muinntir Albion, aguss dòcha nuair a thàinig an tarraing agamsa gu robh mi rud beag cruaidh oirbhse. Mar a thachair, thionndaidh gnothaichean a-mach glè mhath dhòmhsa a-raoir. Agus cha robh droch oidhche agad fhèin a-raoir.”
Ach,” thuirt MacAsgaill, “cha robh i faisg cho math ris an oidhche agadsa.”
Trobhad, a Chaluim Iain,” thuirt an Caimbeulach, “gun toir mi dhut beagan comhairle. Mar tha fhios agad, chan fhaigh mi toileachas sam bith às nagigsanns na lathaichean sa. Cha robh miann sam bith agam anconcertud a-raoir a dhèanamh. Rinn mi e. Fo dhroch chùmhnantan. Ach cha do rinn mi gearan sam bith mu dheidhinn. Saoilidh mi gu robh thu air bhiogairne gus anconcerta dhèanamh. Rinn thu e, agus rinn mi mo dhìcheall gum faigheadh sibh deagh airgead. A-niss ann a tha thu agearan. Nach sguir thu, a dhuine, a bhith gad choimeas ri daoine eile.”
Ach ge-ta,” thuirt MacAsgaill, “saoilidh mi nach do riaraich thu a-mach an t-airgead ceart.”
Chaluim Iain,” thuirt an Caimbeulach, “chan eil thug èisdeachd rium. Is olc an coimeas. Ach, math a bhith bruidhinn? Chan eil mi fhìn ag èisdeachd ris na tha mig ràdh nas .” Thug e a-mach a


[107] mhàileid-airgid às a phòcaid thòine agus tharraing e a-mach cnap notaichean.
Coma leat an obair tha sin,” thuirt MacAsgaill. “Cur sin air falbh a-nis, a Dhòmhnaill.”
Tha an duanag air mo theanga,” thuirt an Caimbeulach, “ach chan eil mig èisdeachd ris na faclan.” Chuir e ceud nota air abhòrd. “Feuch an ceannaich thu tìodhlac laghach do Mhàiri,” thuirt e.
Thog MacAsgaill na notaichean gu mall agus choimhead e orra airson deagh ghreise. Dhèirich e, chuir e a-mach a làmh dheas agus, an ath rud, thug e air ais i. “Dhòmhnaill,” thuirt e ann an guth brònach, “innis dhomh gu h-onarach fhuair thu a-mach às an oidhche raoir?”
Dhèirich an Caimbeulach agus rug e air làimh air. “Chaluim Iain,” thuirt e, “fhuair mi saorsa bho dhraghannan beaga airson treiseag bheag. Thig iad a-rithist, ach an-diugh tha mi saor, aguss e deagh fhaireachdainn a thann.”
“ ’S math,” thuirt MacAsgaill, “gu bheil cuideigin afaireachdainn gu math. Bidh mi gad fhaicinn, a Dhòmhaill.” Agus dhfhàg e am bàr.
Dhòrdaich an Caimbeulach botalCokebhon nighean. “Put the Sol on my bill too, please, ”thuirt e. Dhfhalbh an nighean. “An t-aithreachas, a Dhòmhnaill,” thuirt e. “Bidh an t-aithreachas ort fhathast mu dheidhinn seo.”

titleA Sia Deug
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page