[12]

A DHA

ANN anCasaAngelo an teis-mheadhan abhaile thàinig am fear-freagairt Eadailteach le cupa cappuccino agus Calum Iain MacAsgaill ann am fradharc aChaimbeulaich aig an aon àm. Is ann à Roghadal a bha MacAsgaill, agus ged a bha eathraichean anns an teaghlach aige is iad acothachadh beòshlaint glè chomhartail. Bha sùil Chaluim Iain air ceòl abhogsa. Bu tric a thigeadh e air sgrìob gu tìr-mòr cho fada deas ri Glaschu is Dùn Eideann. Shuidh e aig abhòrd ri taobh aChaimbeulaich. Bha gruag fhada is speuclairean mòra dubha air.
Seadh, a Dhòmhnaill,” thuirt e. “Dhinnis Peigi agaibh gur ann an seo am broilleach namPaisana bhiodh tu.”
Dia gam shàbhaladh,” thuirt Caimbeul. “An ann ann an siorcas a tha thug obair a-nis, air neo an toigh leat a bhith sgeadaichte mar chlown?”
Chan e a h-uile duine againn a thèid dhan bhùth aig Ralphie Lauren a cheannach aodaich,” thuirt MacAsgaill. “n dfhuair thu an còta co-dhiù? Venezuela?”
Cha bann,” thuirt an Caimbeulach. “Wardrobe allowancea fhuair mi bhon chompanaidh neo-eisimeileach ud chanas tu rithe? Chulainn, an e? Dithis ghillean-tòine tha ga ruith, ’s tha nighean Eàirdsidh Mhòir à Griomasaigh ag obair dhaibh narunner.”
Ossian Productions, ”thuirt MacAsgaill. “Agus chuala mise nach robh na balaich sin cho bog idir. Bha Mòrag Eàirdsidh Mhòir ag innse dhomh gun tug am fear dorcha sin, Crispian, ionnsaigh oirre anns anedit suitenuair a bha iad agearradh aphrògram a bha thu fhèin atoirt seachad.”
Nach buidhe dhi,” thuirt an Caimbeulach.
Cha chreid mi nach eil thu ag eudach rithe,” thuirt MacAsgaill.
Chan eil,” thuirt an Caimbeulach.
Tha fhios am, ” thuirt MacAsgaill. “Chan fhaod e bhith gu bheil Don


[13] Campbell, Rìgh nan Glaoiceire às Uibhist a Deas, ag ionndrain leannanachd air an oidhche.”
Tha mo chuid fhìn air a bhith agam,” thuirt an Caimbeulach. “A dhinnse na fìrinn, ’s iad na boireannaich a dhfhoghain dhomh. Is ann air an adhbhar sin a tha mi ga ghabhail air mo shocair an dràsda.”
Chan e sin a chanas Peigi mu do dheidhinn,” thuirt MacAsgaill.
Dhinnis i dhomh nach do thill thu dhachaigh a-raoir ann. an ùr a thagad a-nis?”
thuirt thu?” thuirt an Caimbeulach.
An ùr agad,” thuirt MacAsgaill, is rinn e gàire ris an fhear-freasgairt, a thàinig lebottleleanna agus glainne. “Tha Peigi mionnaichte geil agad. Tha i ag ràdh gu bheil thu air a bhith muigh cha mhòr a h-uile h-oidhche. Seadh, bhon thill thu às Meagsacoà Venezuala, tha mi aciallachadh.”
Mhoire Mhàthairs a Dhia manam,” thuirt an Caimbeulach. “Tha mi dìreach air tighinn far saor-làithean? Bheil còir agam suidhe nam chnap air mullach an teine ag èisdeachd rim phiuthar atrod rium fad an latha? Feumaidh mi dhol a-mach los gun coinnich mi ri daoine, muinntir an telebhisean gu h-àraidh. Mairidh na coinneamhan a tha sin gu math fada aig amannan.”
Thòisich MacAsgaill air dòrtadh an leanna. “Seadh,” thuirt esan. “Uill, feumaidh gur e an fhìrinn a thaig Peigi.”
Nach tu a tha math air eòlas fhaighinn air duine,” thuirt an Caimbeulach. “An còrdadh e leat nan innsinn dhut a h-uile sìon a thachair dhomh ann a Venezuela? Gu dearbh fhèin chòrdadh. Ach chan fhaigh thu a-mach dad bhuamsa. Bheil fhios agad air seo, a Chaluim iain? ’S tu dhèanadh an dèagh chèile do Pheigi againn. Ise na bantraich, is tusa cho math gu ceasnachadh! Bhiodh sibh gu math dòigheil còmhla. Dhfhaodadh sibh mìos nam pòg a chur seachad abruidhinn mu mo dheidhinn. Atomhas na chaith mi de dhairgead nuair a bha mi air falbh.”
Thog MacAsgaill a ghlainne is ghabh e balgam. “Ol do chofaidh, a Dhòmhnaill,” thuirt e. “Ma tha thu gann de dhairgead, ceannaichidh mi fhìn fear eile dhut.”
Ghràidhein nan daoin’ ,” thuirt an Caimbeulach, “tha mi cho gann de
[14] dhairgeads nach e prìs cupa cofaidh a dhèanadh an gnothachd. Is e tha dhìth ormsa ach cruit far am bi cofaidh afàs.”
Hoigh,” thuirt MacAsgaill, “ ’s e sin a chuir a Venezuela thu. Bha thu alorgplantationcofaidh, nach robh? Feumaidh gu robh thu asiubhal rudeigin.”
Bha airgead gu leòr agam mun deach mi a Venezuela,” thuirt an Caimbeulach. “Dhfhalbh siud is thàinig seo. ’S e tha mi ag iarraidh an dràsda ach cnap mòr de dhairgead a phàigheas na fiachan agam.” Thràigh e ancappuccinois thug e sùil air MacAsgaill. “An aithne dhut duine tha airsontenor saxa cheannach?”
“Tenorsagsofon,” thuirt MacAsgaill.
Seadh, rud mòr meatailteachs tuill ann,” thuirt an Caimbeulach.
Bidh thu ga stobadh nad bheuls ga shèideadh. Cuideachd, tha giotàrWashburnagam a tha mi airson a reic.”
Eadar am Buta Leòdhasach agus Ceann Bharraigh,” thuirt MacAsgaill, “chan aithne dhòmhsa aon duine a chluicheastenorsagafonach thu fhèin. ’S e am bogsa a bhios mise acluich, cuimhnich. Nam biodhHohner Golaagad, ’s dòcha gum faighinn dhà no trì cheud dhut air a shon. cho mòrs a tha an cnap airgid seo a tha thu afeumachdainn?”
mhìle gu leth,” thuirt an Caimbeulach.
Chanainn-sa,” thuirt MacAsgaill, “gur e cnap gu math, uill, mòr a tha sin. ’N e sin as coireach nach robh thu gam iarraidh a-raoir nuair a dhfhosgail thu an t-àite ùr do Mhurchadh Beag?”
Ud, cha robh ann ach cèilidh beag,” thuirt an Caimbeulach. “Fàbhar a rinn mi do Mhurchadh Beag, bheil fhios agad? Oran no dhà, sgeulachd agusUr beathan dùthaich, soraidh leibh is oidhche mhath leibh.’ Tuigidh tu fhèin an seòrsa rud a bhann.”
Cluinnidh min ceòl gun teagamh, ach cha tuig mi am port a tha thusa acluich,” thuirt MacAsgaill. “ bhagad acumail taice riut?”
Cha robh duine,” thuirt an Caimbeulach. “Cha bfhiach dhomh fiathachadh a thoirt dhut. Cha robh an t-àite ach beag, is thug mi leam an giotàr is aphìob.”
Agus bhon a tha an gnothach seachad a-nis,” thuirt MacAsgaillmtha thu airson na h-ionnsramaidean a reic? Feumaidh gur en fhìrinn a bhaig an mhòr Bharrach chanas tu rithe, Caitrìona Anna? – mu do
[15] dheidhinn. ’S e chanas ise: ‘Tha Dòmhnall Liath air a dhol na bhodach. Dhfhan e an oidhche còmhla rium Diluain seo chaidh, ’s bfheàrr leam a bhith gam sgrobadh seach a bhith afeuchainn ri fhaighinn cruaidh.’ Cor an t-saoghail, a Dhòmhnaill, nach e? Tha thu fhicheads a còig bliadhna dhaois a-nis, chan urrainn dhut bruidhinn ris na h-igheanan òga mar a bàbhaist dhut. ‘Dìreach botal fìon is coiridh, meudail. Chan fhuirich mi fada. Tha gaol mo chridhe agam ort, a ghràidh. Leig le Dòmhnall às do dhèidh.’ Dhfhalbh na lathaichean sin, a Dhòmhnaill. Tha an t-àm ahad sgur dhen ghòraiche ud.”
Tha an t-àm agam falbh,” thuirt an Caimbeulach. Thug e a-mach a mhàileid-airgid.
Trobhad, a Dhòmhnaill,” thuirt MacAsgaill, “an do smaoinich thu riamh air a dhol air ais gu bhith dèanamh nangigs. Chuidichinn fhìn thu. Chan eil dad agam mu dheidhinn an iasgaich. Mura bheil thu airson tilleadh gu Anna an Inbhir Nis, ’s ma tha thu deònach fuireach an seo an Glaschu, dhfhaodamaid flat a cheannach. Tha bhan agam fhèin. Dhèanainn-sa an draoibheadh. Bhiodh deagh thimes againn a-rithist. mu dheidhinn?”
A Chalum Iain,” thuirt an Caimbeulach, “an ann às do chiall a tha thu? Mar a thubhairt thu, tha mi fhicheads a còig bliadhna dhaois. Mar a thubhairt thu, tha an t-àm agam sgur dhen ghòraiche. Agus mar a thubhairt thu, dhfhalbh na lathaichean sin. ’S e an rud as motha a tha dhìth ormsa an dràsdaseadh, an-diugh fhèin – ’s e airgead.”
Tha airgead anns nagigs,” thuirt MacAsgaill.
Tha airgead anns an iasgach cuideachd,” thuirt an Caimbeulach,” ach mharbhadh an obair sin, an chuid, an t-each. Eil thu airsons gum bi thu afàgail Cheann Loch Gilb aig trì uairean sa mhadainn, an dèidh dhut na dubhagan agad a chur asad afeuchainn ris na drungairean a thoileachadh, afalbh às an Argyll, uaireannan beaga na maidne, ’s agad ri draoibheadh suas gu Ulapul gum beir thu air aiseag Steòrnabhaigh aig leth-uair an dèidh naoi, agus gun sìon romhad ach barrachd de mhuinntir òil?”
Ach bha na boireannaich math, a Dhòmhnaill, nach robh?” thuirt MacAsgaill.
Thug an Caimbeulach sùil am broinn a mhàileid-airgid agus dhùin e gu cabhagach. “Bha iad mar a bha iad,” thuirt e. “Nuair a sguir mi dhen
[16] tidseadh anns an Ard-sgoil an Inbhir Nis agus a chaidh mi nam chleasaiche làn-thìdetha mi creidsinn gu bheil còig bliadhna deug bhuaithecha robh duine eile air thalamh cho sona rium. Bha taigh beag agam sìos mun Haugh, bha Anna agam agus bha na gillean toilichte anns abhun-sgoil.
Is ann mar sin,” thuirt e, “a bha gnothaichean fad bhliadhna. Cha do dhòl mi deur fad na h-ùine sin. Bha mi ag obair mar bheathach eich. Rinn mi sreath de phrògraman dhanBhBC, Ach Caimbeul, ’s bha an t-airgead pailt. Ach bha mise shìos an Glaschus ise shuas an Inbhir Nis. Mu dheireadh, chuir mi romham sgrìob a ghabhail dhan ghrèin, ach cha rachadh Anna còmhla riumbfheàrr leatha a dhol a Leòdhas gu a màthairs gu piutharis mar sin bfheudar dhomh a dhol a Mheagsago às a h-aonais.”
Ach cha deach thu ann leat fhèin,” thuirt MacAsgaill.
Thug mi an a bha còmhla rium,” thuirt an Caimbeulach. “Chan eil fhios agam le cinnt, ach cha chreid mi nach ann afeuchainn ri bhith laghach a bha mi. Bha beachd agam gur e sin an seòrsa rud a dhèanadh bhoireannach òg nach fhaca mòran dhen t-saoghal riamh?”
A Dhòmhnaill,” thuirt MacAsgaill, “cha robh Raonaid NicAmhlaigh ach sia bliadhndeug a dhaoisma bha i sin fhèinnuair a theich thu leatha Mheagsaco.”
Sia deug asreup ri fhichead,” thuirt an Caimbeulach.
Thighearna,” thuirt MacAsgaill, “bha na balaich agad fhèin cha mhòr a cheart cho aosda rithe. Càit an do choinnich thu rithe co-dhiù?”
Air nagigs,” thuirt an Caimbeulach. “Bhiodh i an còmhnaidh atighinn dha naconcertsnuair a bhithinn ann an Leòdhas no anns na Hearadh. Bha i ag iarraidhautographnocassetteno rudeigin. Bha i bragail is cho beothails gun tug mi fiathachadh dhi tighinn air ais dhan taigh-òsda còmhla rinn aig deireadh achèilidh. Ghabh sinn glainne branndaidh no dhà, dhfhuirich i, agus mun canadh tuDia leat,” siud Raonaid nam bheatha.”
Agus Anna a-mach às do bheatha?” thuirt MacAsgaill.
Cha chanainn sin idir,” thuirt an Caimbeulach, atogail a chinn.
Gun teagamh, nuair a thill mi fhìn agus an a bhann à Meagsago, cha robh Anna fada gam sgiùrsadh a-mach às an taigh an Inbhir Nis, ach cha
[17] be Raonaid a chuir an cuthach oirre buileach. ’S e a bha acur oirre gu robh mi air tòiseachadh air òl a-rithist. Nan cluinneadh tu i, a Mhoire: ‘Tha mise coma, Dhòmhnaill, ged a rachadh tu còmhla ris a h-uile siùrsach anns an eilein. Tha min dòchas gum bi iad snog riut. Achs e tha gam ghonadh geil thu gad mharbhadh fhèin leis an sgudal ghrànda ud.’ Bhithinn afaireachdainn cho diabhalta mu dheidhinn cho reusantas a bha is gum bithinn agabhail smùid eile agus adol a sheachd mhiosad.”
An gabh i air ais thu?” thuirt MacAsgaill.
Dhfheumadh tu faighneachd dhìse,” thuirt an Caimbeulach.
Saoilidh mi gun gabhadh. Nan sguirinn dhen òl, ’s dòcha gun gabhadh. Ach, gu -fhortanach, dhfhaillich e orm sin a dhèanamhthuige seo co-dhiù. Nam faighinn beagan airgid ri chèile airson taigh mo sheanar a chur air dòigh an Uibhist, ma dhfhaoidte gun rachamaid còmhla dhachaidh a dhfhuireach. Chì sinn. Tha meas mòr agam oirre. Cha chreid mi gu bheil gràin aice ormsa. Nuair a thèid mi suas air chèilidh cha bhi sinn asabaid, cha bhi sinn ag argamaid agus cha bhi sinn anàrachadh a chèile. Uill, bidh mi feuchainn mar as fheàrr as urrainn dhomh gun a bhith ga mhaslachadh.”
Sheas e. Rinn e gàire ri MacAsgaill. “Mar a chanadh na seann daoine: ‘Feumaidh duine a bhith greis gòrach mum fàs e glic.’
Nach gabh thu mo chomhairle, a dhuine?” thuirt MacAsgaill. “Theirg air ais dha nagigs. ’S e sin an obair as aithne dhut. Tha thu math oirre. Chan ann gad shlìobadh a tha mi nuair a chanas mi nach eil do leithid ann. Tha e coltach gu robh oidhche air leth aig muinntir anIslandera-raoir. Bheireadh Murchadh Beagresidencydhut anns an àite aige sa bhad, ’s dhfhaodamaid falbh dhan tuath aig ceann na seachdain. Ann ceann bliadhna no dhà bhiodh airgead gu leòr agad airson taigh a chàradh an Uibhist, is gheibheadh tu fhèins Anna air ais còmhla.”
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “tha thu ceart ann an dòigh, ’ille. Cha dèan mi stèam air an taigh an Uibhist mura bi deagh mhogan agam mun tòisich mi air. Agus chan eil dòchas fon ghrèin agam gun till Anna còmhla rium mura bi àite agam anns am fuirich sinn. Ach tha thu ceàrr ma tha thu asmaoineachadh gun dèan duine sam bith airgead afalbh mar cheàrd air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean acluich ionnsramaideans aseinns afeuchainn ri toirt air daoine gàire a dhèanamh. Tha mi air mo chùl a chur ris aghòraiche ud. Tha mi a-nis air mo shùil a chur air
[18] ciùird a tha fada, fada nas motha na cèilidhean ann an taighean-seinnse is tallachan a-muigh sa bheinn.”
an rud tha sin?” thuirt MacAsgaill.
Tha,” thuirt an Caimbeulach,” telebhisean. Telebhisean Gàidhlig. Tha deich millean nota aig an STG tha seoSgioba Telebhisean Gàidhligri caitheamh air prògraman telebhisean Gàidhlig am bliadhna. Agus a h-uile bliadhna, ghràidhein. Index - linked. Chan eil a dhìth ormsa ach na criomagan a thuiteas nuair a thèid am bonnach sin a ghearradh.”
Nach e sin tha mig ràdh riut, a Dhòmhnaill,” thuirt MacAsgaill. “Bu chòir dhuinn còmhlan-ciùil a stèidheachadhNa Clansman, no Na h-Eileanaichis oidhirp a dhèanamh faighinn air an teilidh.”
Chuir an Caimbeulach a làmh air gualainn MhicAsgaill, a bha fhathast na shuidhe aig abhòrd is acoimhead suas thuige. “Eisd rium, a Chaluim Iain,” thuirt e. “Tha thusa cho dall ris a h-uile Gàidheal a thann. Nuair a chluinneas sibh am facaltelebhiseanchan fhaic sibh nas fhaide na uinneag abhogsa. Chan eil for agaibh ach air na seallaidhean a bhios na daoine mòra acur a-mach leis aghaoith. Tha sibh fo gheasaibh aig faileasan. Neo-ar-thaing nach faigh thu ablach de sheic is, mas es gur e nighean brèagha los gum bi thu air air dèideadh ma thèid thu air beulaibh na camara. Ach ged a chuireadh tu mìle bliadhna seachad chan fhaigheadh tu airgead ceart. Is ann air chùl na camara a than cumhachd. Agus an t-airgead. An do smaoinich thu riamh air na h-uaislean shuas am Peairt aigNorth Televisionno thall an Dùn Eideann aigAlbion TV, no eadhon an seo aig a’ Bheeb – an saoghal mìorbhaileach a thacasan? Anns gach companaidh tha bodach reamhar na chnap air sèithear atoirt seachad òrdaighean: ‘Hoigh, dèan am prògram seoagusHoigh, na dèan am prògram sinagusCarson nach faigh sibh Crispian na riochdaire agus Su na ban-stiùiriche?’ Sin am bodach air a bheil mise asuirighe. Sin am bodach a tha mi airson a phòsadh.”
Ciamar a tha thu adol dhèanamh sin?” thuirt MacAsgaill.
Tha mi air tòiseachadh mu thràth,” thuirt an Caimbeulach. “An cuala tu riamh iomradh air Iomhaigh Productions? Bumailear de dhuine bhon aBhac tha ga ruith? Bàbhaist dha bhith nalecturersan oilthigh? Chuir mi eòlas air fhèins air aBharrach thag obair còmhla ris dìreach mun deach mimun do dhfhalbh mi a Venezuela.”


[19]

“ ’S aithne dhomh Donnchadh Barrach,” thuirt MacAsgaill. “Uill, chan aithnich mi e achs aithne dhomh e. Nach bàbhaist dha bhithg obair shuas an Steornabhagh aig a’ Bheeb? Nach e bhiodh adèanamh Beannachdan?
Sin agad an dearbh dhuine,” thuirt an Caimbeulach. “Ach dhfhàs e glic, is dhfhàg e rèidio, air neo fhuair e anGabh a-mach’ – chan eil fhios agam. Dhfhàg e Steòrnabhagh co-dhiù, is chaidh e còmhla ri MacIlleathain nuair a chuir amProfair bhonn IomhaighProductions. Tha mi fhìns iad fhèin gu math mòr aig a chèile. Uill, bha mi fhìns iad fhèin gu math mòr aig a chèile.”
An deach sibh far a chèile?” thuirt MacAsgaill.
Cha deach,” thuirt an Caimbeulach. “Fhathast, cha deach. Agus cha tèid. Mas es gum faigh mi mhìle gu leth ro dheireadh na h-ath sheachdain.”
Thug MacAsgaill sùil gheur air. Leig e osna. “Tha e dèanamh dragh dhomh nuair a chluinneas mi thu abruidhinn mar siud,” thuirt e.
Leid às dinntinn e,” thuirt an Caimbeulach. “Gheibh mi fhìn os a chionn. Tha mi air a bhith afeitheamh fad mo bheatha air cothrom mar seo. Tha daoine a-muigh an sin an dràsda ag iomairt air geall. Tha deich millean nota air abhòrd. Chòrdadh e riumsa àite-suidhe fhaighinn faisg air. An aon rud a chuiread casg orm, ’s e cion airgid. mhìle nota gu leth. Air dòigh air choreigin gheibh mi e.”
Uill,” thuirt MacAsgaill, “tha aon rud glè chinnteach. Chan fhaigh duine mhìle nota gu leth areic sagsafon is giotàr.”
Tha sin ceart, a laochain,” thuirt an Caimbeulach. “Cuimhnich air a sin. Cum grèim teann air abhogsa agad agus na reic e eadar seo agus ceann amhìos. ’S dòcha gum bi thu ga chur gu feum a dhaithghearr.”

titleA Dhà
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page