[121]

FICHEAD

NUAIR a thionndaidh Dòmhnall Caimbeul a-steach dhan Ghovan Road aig leth-uair an dèidh còig feasgar Diciadain as dèidh dha bhith aig abhanc, mhothaich e sa bhad dhanDiscoveryùr na shuidhe aig clobhsa Gretta. Dhìrich e an staidhre agus bha e an impis an iuchair a chur a-steach dhan ghlas nuair a dhfhosgaileadh an doras.
Bha Gretta na seasamh agus a corrag gu bheil a dhinnse dha gu robh cuideigin air tighinn air chèilidh. Bha i sgeadaichte ann an dinichean agus peiteag bheag gheal de chotan. Cha robh bròg no stocainn oirre agus bha rudhadh na gruaidh mar gum biodh i air ùr-thighinn a-mach às an tuba. “ bha gad chumail, a Dhòmhnaill?” thuirt i, is i acagarsaich. “Than duinud air a bhith feitheamh riut fad leth-uair.”
thann?” thuirt an Caimbeulach.
Maighistir Miller à Albion TV,” thuirt Gretta.
Cha bhi mise fada,” thuirt an Caimbeulach, “afaighinn cuidhteas e.
Cuir ort aodach cearts nach dèan thu thu fhèin pròiseil. Tha sinne adol a-mach a-nochd.”
Nach math sin,” thuirt Gretta, agus chaidh i a-steach dhan t-seòmar-cadail.
Choisich an Caimbeulach a-steach dhan chidsin far an robh Aonghas Miller na shuidheseacaid leathair, lèine thartain, dinichean agus brògan àrda airri taobh an teine ag òl cupa cofaidh.
Aonghais, a laochain,” thuirt an Caimbeulach. “ do chor? An ann leatsa thanDiscoverya-muigh an sin?”
“ ’S ann,” thuirt Miller. “Tha mi dol suas a Ghleanna Comhann a sgitheadh an dèidh seo. Tha iad glè mhath san t-sneachd’. tha thu fhèin adraoibheadh an dràsda?”


[122]

Chan eil càr agam ann,” thuirt an Caimbeulach. “Cha bhi thu afeumachdainn càr anns abhaile mhòr. Ach feumaidh mi aideachadh: bidh mi asìor choimhead air na sanasan anns na pàipearan.”
Uill,” thuirt Miller, “ ’s dòcha gun tèid agam air do chuideachadh leis a sin. Bheil cuimhnagad air achùmhnant ris an do chuir thu dainm bho chionn ghoirid?”
Am pìos ud mu Venezuela?” thuirt an Caimbeulach. “Tha deagh chuimhnam air a siud. Tapadh leat.”
An caomh leat an obair sin?” thuirt Miller.
Trobhad, Aonghais,” thuirt an Caimbeulach, ’s fìor thoigh leamsa obair sam bith. Fhads a tha airgead na cois.”
Saoilidh mi,” thuirt Miller, “gu bheil còir againn an còrdadh a tha eadarainn a chur air stèidh nasair bunait nas foirmeile, bheil thu tuigsinn?”
Chan eil,” thuirt an Caimbeulach. “ tha thu ciallachadh?”
Uill,” thuirt Miller, “bheil fhios agad an rannsachadh a rinn thu air MacGriogair? Tha feum agam air tuilleadhideasmar sin. Agus pàighidh mi air an son. An rud bu mhiann leamsa, ’s e gun tigeadh tusa suas le beachdan-smaoin airson prògraman telebhisean agus gun cuireamaid air cùmhnant airson bliadhna thu. mar a bhiodh sin?”
Bliadhna?” thuirt an Caimbeulach.
Uh-huh,” thuirt Miller.
Cia mheudideatha dhìth ort?” thuirt an Caimbeulach.
Uimhirs na thagad dhiubh,” thuirt Miller. “Cha tusa an aon fhear a bhios adèanamh seo dhuinn.”
Nach mi?” thuirt an Caimbeulach. “ eile tha ris an obair seo?”
Tud,” thuirt Miller, “tha grunnan math dhaoine a-muigh an sin ag obair air ar son-ne. Feadhainn dhiubh, tha iad gu math trang. Tha feadhainn aca nach eil cho èasgaidh.”
“ ’N aithne dhòmhsa gin dhiubh?” thuirt an Caimbeulach.
Tha mi cinnteach gun aithne,” thuirt Miller. “Achuid as mothas dhiubh, ’s e luchd-naidheachd no sgoilearan anns na colaisdean a thannta agus bidh iad adèiligeadh ri prògraman ann am Beurla. Ach bhithinn deònach gum biodh tusa an sàs am prògraman Gàidhlig.”
Agus cho cruaidh,” thuirt an Caimbeulach, “ ’s a bhiodh agam ri obrachadh?


[123]

Coma leat dhen sin, a Dhòmhnaill,” thuirt Miller. “ ’S e chanas an t-Ollamh Seumas Calderwood mu dheidhinn an airgid a tha sinn atoirt dha a h-uile mìos gur ehinging aboot moneya thann. Chan e fortan a thann, ach le cosgaisean, e deagh mhogan dhut aig ceann a h-uile mìos.”
tha thu atairgsinn?” thuirt an Caimbeulach.
Bheirinn dhut,” thuirt Miller, “seachd mìle sa bhliadhna còmhla ri cosgaisean reusanta a bhiodh agad adèanamh na h-obrachfaradh-siubhail, leabhraichean, pàipearan-naidheachd, ràitheachain, rudan mar sin. Thigeadh e gu còig cheud, ceithir ficheads a trì gach mhìos, bheirinn sùil air agus choinnicheamaid a ghabhail bìdh am badeigin.”
Fhads nach ann an Taigh nam Bochd a bhiomaid acoinneachadh,” thuirt an Caimbeulach. “ ’S e fìor dhroch chuimhna thagam airChez Maurice. ”
Seachainidh sinn Maurice,” thuirt Miller is e adèanamh gàire. “Theab mi dìochuimhneachadhtha Carol gad fhaighneachd gu làidir. Tha i air a dòigh dhut mar thuarasdal. ’S e a thubhairt i: ‘Innis do Dhòmhnall gur e duine èibhinn dha-rìribh a thann, ged nach aithnich e an diofar eadar an treas pàirt agus an dàrna leth.’ Thuirt i gun tuigeadh tu fhèin sin.”
Thàinig Gretta a-steach is sgiort fhada shlìobach le craobhan oirre, agus bu ghann a dhfhalaich apheiteag bheag shìoda uaine na cìochan aice is a mionaich ris. “ ghabhas sibh ri òl, a Mhaighistir Miller?” thuirt i. “Cha chreid mi nach eil fìon againn a-staigh. Am bu mhath leibh glainne fìon?”
Cha ghabh mi càil, tapadh leat,” thuirt Miller. “Tha mi dìreach afalbh an ceartuair. Leigidh mi leibh ur biadh a ghabhail.”
O,” thuirt Gretta, “tha sinn ag ithe a-muigh a-nochd, ach cha chreid mi nach gabh mi balgam fìon mus falbh sinn.” Thionndaidh i ris aChaimbeulach. “ ghabhas tu, Dhòmhnaill?Cappuccino? Coke?” Thuirt esan gum bfheàrr leis cofaidh, agus choimhead an dithis fhear oirre fhads a bha i acur air dòigh nan deochannan.
Mu dheireadh bhruidhinn Miller. “ ’S e duine gu math fortanach a thannad, a Dhòmhnaill.” Chrom e air a bheulaibh. “ an càirdeas a tha eadaraibh?”


[124]

“ ’S e an nighean agam a chanas mise ri Gretta,” thuirt an Caimbeulach.
Tha i gu math coltach riut,” thuirt Miller.
Chan ann leamsa tha i,” thuirt an Caimbeulach. “Achs e sin a thagam oirre – ‘mo nighean.’ A dhinnse na fìrinn, ’s i mo nighean, mo phiuthair, mo chèile. Chan eil mi ga thuigsinn: tha Gretta dhòmhsa, tha i – ’s i mo shaoghal.”
Thàinig Gretta a-nall gu far an robh iad is shìn i cupacappuccinodhan Chaimbeulach. “Siuthad, a bhodaich,” thuirt i, is i atoirt balgam a-mach às aghlainne aice fhèin agus afàgail shrianagan dearga air a h-oir. “Nach isd thu, ’s òl do chofaidh.”
Uill,” thuirt Miller, “fagaidh mi an cùmhnant seo agad.” Chuir e cèis gheal air amhantail. “Faodaidh tu sùil a thoirt air,” thuirt e, “agus ma tha càil ann a bhios adèanamh dragh dhut, faodaidh tu gliong a thoirt dhomh an Dùn Eideann an ath sheachdain. Tha mi san oifis gu Diardaoin. Okay?”
Bidh mi gu math trang air an ath sheachdain, Aonghais,” thuirt an Caimbeulach. “Tha mi tòiseachadh air sreath phrògraman a dhèanamh do dhIomhaigh A Dhà anns an stiùidio aigNorthann am Peairtcuin a thann a-nis? – Diciadain seo tighinn. Bheil sin acur dragh sam bith ort?”
Chan eil gu dearbh fhèin,” thuirt Miller. “Tha thu saor, a Dhòmhnaill, gu bhithg obair do dhuine sam bith. Faodaidh tu falbh airgigsmas e do thoil e. Hoigh, ’s e òglach air do neo-ar-thaing a thannad. Chan eil miseg iarraidh ach na beachdan-smaoin agad, bheil thu tuigsinn?”
Fhads a chì mise,” thuirt an Caimbeulach, “chan eil cnap-starradh sam bith co-cheangailte ris an tairgse agad. ’S fheàrr dhuinn crìoch a chur air aghnothach tha seo an dràsda fhèin. Bheir dhomh mionaid no dhà gun coimhead mi air a seo.” Dhfhosgail e achèis is thug e mach an cùmhnant agus thòisich e air leughadh.
Dhfhaighnich Gretta a-rithist do dhAonghas Miller an gabhadh e glainne fìona agus thuirt esan gu robh e glè mhath mar a bha e.
Hoigh,” thuirt an Caimbeulach, “ tha seo?”
n rud, a Dhòmhnaill?” thuirt Miller.
An ceann-latha,” thuirt an Caimbeulach. “Chomharraich sibh an latha air a seo marDisathairne, an dàrna latha deug dhen Ghearran.’ Tha còig seachdainean bhuaithe sin, a dhuine.”


[125]

Tha sin ceart,” thuirt Miller. “Sin an latha a dhiarr mi ort a pìos mu Venezuela a sgrìobhadh.”
Thòisich an cùmhnant air amhìos seo chaidh, mar sin?” thuirt an Caimbeulach.
Thòisich,” thuirt Miller. “Tha sin aciallachadh gu bheil Albion rud beag air dheireadh leis an tuarasdal agad, nach eil?” Leig e air gun do chuir seo iongnadh air agus thug e a-mach a mhàileid-airgid. “Bheir mi dhut achiad earrann an dràsda fhèin. ’S e airgead a bhios ann, tha eagal orm. Ma chuireas tusa sgrìobag bheag air bonn na duilleig ag ràdh dìreach gun dfhuair thu pàigheadh airson achiad mhìos, bidh mi nad chomain.”
Nach ann ort a tha achabhag, Aonghais,” thuirt an Caimbeulach, “gus mainm fhaighinn air chùmhnant. Carson?”
Okay, ”thuirt Miller, “innsidh min fhìrinn dhut. Feumaidh mi dearbhadh sgrìobhte fhaighinn gu robh thusa air na leabhraichean againne mar Chomhairliche mus do rinn thu anconcertdhuinn anns aGhearasdan.”
Carson a tha sin?” thuirt an Caimbeulach.
A chionns gu bheil anITRair mo mhuin,” thuirt Miller. “Tha iad air gearan air choreigin fhaighinn bho chuideigin nach robh am pàigheadh a bha sinn atoirt seachad airson a’ ghigud math gu leòr. Tha iad ag iarraidh orm lethbhreac dhe na cùmhnantan a thabhainn sinn do dhaoine a shealltainn dhaibh. Chan eil mise airson seo a dhèanamh. Agus cha dèan mi e mas urrainn dhomh.”
mar,” thuirt an Caimbeulach, “a tha smaoineachadh a gheibh thu às?”
Staff, ”thuirt Miller. “Mas e anstaffagainne a rinn na prògraman, n gnothach a thacasan thug sinne dha na daoine a thag obair dhuinn? Ma chuireas tusa dainm ris aphàipear sin, a Dhòmhnaill, faodaidh mise dhol dhanITR, agus dhan STG cuideachd, agus a ràdh riutha: ‘Thallaibh às mo shealladh’. ’S e a chòrdadh rium suid a dhèanamh.”
Sin an rud bu mhiann leat a dhèanamh?” thuirt an Caimbeulach.
Sin an rud a dhfheumas mi dhèanamh,” thuirt Miller. “Feumaidh buintealas a bhith agad ri Albion, a Dhòmhnaill. Chan ann atòiseachadh an-diugh. Ach atòiseachadh sa Ghearran.”
Thog an Caimbeulach am pàipear agus rinn e gàire. “Mar a bhios tu a


[126] cur,” thuirt e, “ ’s ann mar sin a bhios tu abuain.” Chuir e a-mach a làmh. “Am faigh mi iasad dhen pheann agad, Aonghais?”
Thug Miller peann òir dha agus chuir an Caimbeulach ainm ris achùmhnant.
Dhèirich Miller, thog e an cùmhnant agus choisich e chun an dorais. Thionndaidh e agus thuirt e: “Tapadh leat, a Dhòmhnaill, agus tapadh leat, Gretta, airson choceud mìle taing dhuibh le chèile, airson achofaidh agus airson a bhith cho, cho. .. nàdarra? Cha ruig thu leas cabhag sam bith a bhith ort, a Dhòmhnaill, acur a-steach stuth thugam.”
Cha bhi, Aonghais,” thuirt an Caimbeulach, is e adùnadh an dorais às a dhèidh. Cha robh sgeul air Gretta nuair a thionndaidh e agus choisich e a-steach dhan t-seòmar-cadail, far an robh i sìnte anns an leabaidh. Sheas e aig ceann na leapa agus thòisich e air cnapan de notaichean a thoirt a-mach às a phòcaidean agus a dhòrtadh air a muin. Mun do dhfhalamhaich e a phòcaidean air fad bha an bhàn lag agàireachdaich is i fo bhrat notaichean.
Gretta, a ghaoil,” thuirt an Caimbeulach, “tha mig iarraidh ort a dhol dhan bhùthaidh-seilbhe a-màireach feuch am faigh thu flat air màl dhut fhèin. Bhiodh Hillhead no Hyndland laghach. Faigh air falbh on bhugair ud shìos an staidhre. Chan fhuirich mi fhìn còmhla riut, a ghràidh. Uill, chì sinn – ’s dòcha gun cuir mi corra oidhche seachad an dràsdas a-rithist. Ach feumaidh mi àite beag fhaighinn dhomh fhìn.”
Tha thu di-beathte, a Dhòmhnaill,” thuirt Gretta. “Tha fhios agad air a sin.”
Tha fhios am, ” thuirt an Caimbeulach. “Ach cha toigh leam a bhith air mo cheangal ro fhada san aon àite. Tha e gu math leanabail, tha fhios agam, achs fheàrr leam a bhith siubhal.”
Carson, a Dhòmhnaill?” thuirt Gretta. “Dhfhaodadh tu bhith glè chomhartail còmhla riumsa. Bhithinn math dhut.” Shìn i a-mach a gàirdean is rinn i gàire.
Fad mo bheatha,” thuirt an Caimbeulach, “chan eil fhios am, tha mi air a bhith feuchainn ri àite àraidh a ruighinn. Ach a dhaindeoins na tha mi adèanamh strì, tha e afailleachadh orm faighinn dhan cheann-uidhe agam.”
bheil an t-àite àraidh tha seo?” thuirt Gretta.
“ ’S aithne dhomh far a bheil e, ceart gu leòr,” thuirt an Caimbeulach.


[127]

Achs e an duilgheadas a bhagam riamh, meudail, chan fhaighinn thuige, oir cha robh fhios agam càit an tòisichinn. Chan eil fhios am a bheil thu tuigsinn seoaig amannan chan eil mise gam thuigsinn fhìnach mun tèid thu air astad feumaidh tu bhith cinnteach às far a bheil thu, ’eil fhios agad, mus tog thu ort. Riamh on dhfhàg min sgoil tha mise air a bhith coltach ri damh ann an ceò. Ach, taing dhan Aigh, agus taing dhut fhèin, a luaidh, tha tuairmeas nas fheàrr agam air mo shuidheachadh san t-saoghal.”
Tha thu aig 1413 Govan Road,” thuirt Gretta.
Cha bhi ro fhada, ge-ta,” thuirt an Caimbeulach. “Nuair a bhios tu a-muigh anns na bùithean a-màireach feuch am faigh thu briogais thana airson an t-samhraidh dhòmhsa. Ma thèid thu a Frasers, tha deagh aodach aca an sin. An dèan thu sin dhomh, a ghràidh?”
Bheil thu am beachd cuairt a ghabhail?” thuirt Gretta.
“ ’S dòcha,” thuirt an Caimbeulach.
Càite?” thuirt Gretta.
Chan eil fhios am fhathast,” thuirt an Caimbeulach.
An ann afalbh leat fhèin a tha thu?” thuirt Gretta.
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “be sgrìob gun bhuannachd a bhagam an turas mu dheireadh a dhfhalbh mi leam fhìn.”
Bheil thu dol gam thoirt leat?” thuirt Gretta.
Chan eil,” thuirt an Caimbeulach. “Mar tha fhios agad, dhèanainn rud sam bith dhut. Cluichidh mi aphìob air do bhanais. Achs ann a dhfheumas tu fhèin duine òg fhaighinn a phòsas tu an toiseach. ’S cha tèid agad air sin a dhèanamhs bodaich liath nad chois.” Choisich e chun an dorais. “Cuir umad, a nighean, oidhche mhòr bhrèagha romhainn a-nochd, ’s chan eil a-màireach air a ghealltainn dhuinn.”
A Dhòmhnaill,” thuirt Gretta, “càitan tèid thu?”
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “mar a chanas iad an uibhist, ’s dòcha gun tèid mi sìos gu tuatha dhInbhir Nis, bheil fhios agad? – air neos dòcha gun tèid mi suas gu deas, chun na grèine. Tha mi creidsinn gum bi gu leòr bhantraichean ònrachdail san àite.”
Chrom e sìos los nach buaileadh achluasag a thilg Gretta air, thòsich e air òran a ghabhail ann an Spàinnis agus dhfhàg e an rùm.

titleFichead
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page