[20]

A TRÌ

AIG meadhan-oidhche anns an Islander, nuair a choisich an Caimbeulach a-steach, cha robh air fhàgail dhen luchd-òil ach triùir ghillean à Leòdhas acur ri chèile airson botal uisge-bheatha a cheannach mun rachadh iad gu pàrtaidh ann an taigh air choreigin. Shuidh e air stòl air beulaibh Gretta, mhòr bhàn às an Eilean Sgitheanach, a bha anighe ghlainneachan.
Eil e fhèin mun cuairt?” thuirt an Caimbeulach.
?” thuirt an nighean.
Micheal Jackson,” thuirt an Caimbeulach. “Troich beag is dath abhàis air. Cha bhi e acleachdadh ach aon mhiotag. Coltas air mar gum biodh eg obair air cidhe Loch Baghasdail.”
Rinn an nighean gàire is chuir i a h-uileannan air achunntair. “Bheil dùil aig Murchadh Beag riut?” thuirt i.
Chan eil fhios am, ” thuirt an Caimbeulach. “Dhinnis e dhomh gun toireadh e airgead dhomh nan dèanainn cèilidh dha. Rinn mi sin. A-raoir, ma tha cuimhne agad, Gretta. Agus thàinimi airson mairgid.”
“ ’S math a rinn thu, Dhòmhnaill,” thuirt an nighean. “Theab mi sracadh agàireachdaich nuair a dhinnis thu an ud mun bhalach Hearach. Fuirich mionaid.” Choisich i suas gu ceann achunntais, asmèideadh ris gu robh còir aige a leantail, agus chaidh i gu doras beag air an robh sgrìobhte Manaidsear. Ghnog i air an doras agus choisich i a-steach. Dhùin an doras. Dhfhuirich an Caimbeulach na sheasamh a-muigh.
Dhfhosgail an doras a-rithist. Stob an bhàn a ceann a-mach. “Tha e deònach dfhaicinn a-nis,” thuirt i.


[21]

Tapadh leat, a nighean,” thuirt an Caimbeulach, agus choisich e seachad oirre a-steach dhan oifis.
A Dhòmhnaill,” thuirt Murchadh Beag, “trobhad a-steach, a bhalaich. Suidh sìos.” Shuidh an Caimbeulach air sèise air beulaibh an deasg aig Murchadh. “Seo Gretta,” thuirt Murchadh Beag.
Bha faisg air sia troighean ann an Gretta, deich clachan de chuideam innte, agus bha cìochan mora oirre.
m bad dhen Eilean Sgitheanach às a bheil thu, Gretta?” thuirt an Caimbeulach.
“ ’S ann às Uige a tha i,” thuirt Murchadh Beag.
Tha thu eòlach air mo mhàthair, a Dhòmhnaill,” thuirt Gretta.
Doilìona. Doilìona NicFhionghain mus do phòs i. A Sgonnsair a bha i. Bàbhaist dhi a bhith ag obair anns nahotelsanns an Oban.”
Seadh, gu dearbh,” thuirt an Caimbeulach. Rinn Gretta gàire.
tha gad fhàgail an seo mun àm sa dhoidhche?” thuirt Murchadh Beag.
Bha miann bàis orm,” thuirt an Caimbeulach, “gun coinnichinn ris an nighean aig an t-seannlassagam. Shaoil mi, chan eil fhios am, nan gabhainn cuairt bheag sìos a Ghovan anmoch air oidhche Shathairne gum biodh deagh sheans ann gun rachadh momhuggadh. A bharrachd air sin, a Mhurchaidh, theab mo chluasan tuiteam dhiom ag èisdeachd ri Peigi mo phiuthar agearain a chionns nach eil mi uair sam bith aig an taigh agus nach eil mi atoirt airgid gu leòr dhi. Bhon thuirt mim facal, cha chreid mi nach eil agad ri beagan airgid a thiort dhomh.”
Gretta,” thuirt Murchadh Beag, “thalls faighBudweiserdhòmhsas glainneCokedo Dhòmhnall.”
Cho luaths a dhfhàg an bhàn an rùm, dhèirich an Caimbeulach is chuir e a thòn air oir an deasg is e acoimhead sìos air Murchadh. “Nach sibhse tha seasgair blàth a-staigh an seo,” thuirt e. “Tha mi gu math eòlach air taighean-seinnseag òl annta, agabhail smùidean annta, gam mharbhadh fhìn ag obair anntaach chan fhaca mi na bfheàrr namberta thagad fhèins aig Gretta Mhòr an seo. ’S bha cèilidh sgoinneil agaibh a-raoir cuideachd.”
Cha be droch oidhche a bhagainn idir,” thuirt Murchadh Beag.
A Mhurchaidh,” thuirt an Caimbeulach, “bha oidhche air leth math agad a-raoir. Tha an t-àm agad a-nis pàigheadh air a son. Thoir dhomh mairgead.”
Bruidhnidh sinn air a sin an ceartuair,” thuirt Murchadh Beag. “Trobhad, a Dhòmhnaill, il thu fuireach an dràsda?”


[22]

Tha fhios agad damainte fhèin math il mi fuireach,” thuirt an Caimbeulach. “ ’S ann an taigh Peigi a tha mi. Tha mi fhìns mo phiuthar bheannaichte, Bantrach Iain Bhig, ansodium amytal, afuireach ann am bothag chearc am Partaig. Bheil fhios agad air a seo, a Mhurchaidh? Tha an rùm agamsa cho beags nach fuiricheadh Anne Frank ann.”
Thaflatagamsa,” thuirt Murchadh Beag. “Os cionn a’ phub. Tha Gretta afuireach ann an dràsda, ach tha bhedroomann, ’s tha th di-bheathte thighinn a dhfhuireach ann.”
Uh huh,” thuirt an Caimbeulach, “ ’s bhiodh aig Gretta ri ràdh ris a sin?”
Chuir Murchadh beag làmh air a ghobhal. “Tha i cho teth ris an diabhal,” thuirt e. “An caomh leat i?”
Thàinig Gretta a-steach le treidhe. Bha botalBudweiser, botalCokeagus ghlainne oirre. “An toigh leat ?” thuirt i.
Thusa,” thuirt an Caimbeulach. “Tha Murchadh an seo dìreach air bhiogairne gum faigh e thusas mise còmhla shuas an staidhre. Creid thusa, meudail: uair dhen robhn saoghal, ’s mi dhèanadh an t-amadan dhiom fhìn leat. Nuair a chuimhnicheas mi air, ’s e rinn mi le do mhàthair. Cha mhòr nach eil thu cho brèagha rithe cuideachd, Feuch an can thu rithe gu robh mi ga faighneachd.”
Chan eil fhios agam cia air tha sibh a-mach,” thuirt Gretta, is i acrathadh a cinn. Chùm i oirre acoimhead air Caimbeul, ge-ta.
Gretta, thalla a-mach,” thuirt Murchadh Beag.
Is aithne dhut ambossagam,” thuirt Gretta, “fìor dhuin’ -uasal a thann.”
Dhinnis mi dhut,” thuirt Murchadh Beag. “Thallas tilg a-mach na balaich thag eubhachd a-muigh an sin.”
Taigh na galla dhutsa,” thuirt Gretta. “Chuala mise an rud a thuirt thu mu mo dheidhinn nuair a bha mi muigh an sinchuala mi thu. ‘Tha i cho teth ris an diabhal.’ Thighearna, chan eil modh achoin agad, a Mhurchaidh. mar a chòrdadh e riut nam bithinn ag innse dha na h-igheanan eile cho beags a bha am bod agad, ’s bhiodh tu adèanamh leisan còrdadh sin riut?”
Thàinig am fear beag a-mach bho chùl an deasg ann an cabhaig is thug e sgailc dha h-aodann le cùl a dhùirn. “Nach tuirt mi riut falbh,” thuirt e. “Sin a tha mi ag iarraidh ort a dhèanamh. For fucks sake, thalla a-mach.”


[23]

Rug an Caimbeulach air gruag an fhir bhig is shlaod e air ais e gus an do thuit e na chnap air an t-sèise. Thilg e nèapraig chun na h-ighne. Chùm e grèim teann air gruag an fhir bhig gus an robh e cinnteach gu robh e air sìoladh sìos. “Na caraich, a Mhurchaidh,” thuirt e. “Cha leig ise leas falbh nas motha. Thoir dhomh an t-airgead is falbhaidh mi fhìn. Tha mi ag aithneachadh nach eil daire air bruidhinn a-nochd co-dhiù.”
Fuirich far a bheil thu, Dhòmhnaill,” thuirt Gretta. “Faigh nas urrainn dhut de dhairgead às a’ bhastard, ’s nuair a bhios tu deiseil, thig a-nuas an staidhre gu cupa teatha no rudeigin. Bidh mi afeitheamh riut.” Shuath ia a beilleagan leis an nèapraig agus shìn i air ais e dhan Chaimbeulach. “Bu mhath leam tuilleadh a chluinntinn mun dol-air-adhart a bhagad fhèins aig mo mhàthair san Oban.”
Rinn Gretta stampadh le cnapan àrda a brògan afalbh, agus dhùin i doras na h-oifis as a dèidh le brag.
An deach thu riamh dhan leabaidh còmhla ri boireannach às aonais trod is aimhreit?” thuirt Murchadh Beag. “Sin a tha mi minigeadh. Tuigidh mi a-nis carson a bhios feadhainn de dhfhireannaich adol dha namassage - parlours. Thèid thu sìos an sin, taghaidh tu pìos math, bheir thu dhi leth-cheud not agus canaidh tu: ‘Cuir nad bheul e.’ Cuiridh i na beul e. As aonais trod. Tha e glan. Cha bhi iad abruidhinn, a dhuine.”
Sguir thusa a bhruidhinn, a Mhurchaidh,” thuirt an Caimbeulach. “Faigh an t-airgead is fàgaidh mi mo bheannachd agad.”
Hoigh,” thuirt Murchadh Beag, “an t-airgead. thagam ri thoirt dhut?”
Ceud gu leth,” thuirt an Caimbeulach.
Bidh mi leat ann an dhiog.” Dhèirich Murchadh Beag is chaidh e a-mach dhan bhàr. An ceann mhionaid thill e. Bha cèis gheal aige na làimh. Thug e dhan Chaimbeulach i. “Cunnt e,” thuirt e.
Cha leig mi leas,” thuirt an Caimbeulach. Ghabh e achèis bhuaithe agus chuir e na phocaid i. “Seo an turas mu dheireadh a ghabhas mise airgead bhuatsa, a Mhurchaidh. Agus chan obraich mi dhut nas motha.” Thionndaidh e gu falbh.
Feumaidh tu falbh?” thuirt Marchadh Beag.


[24]

Feumaidh mi tuilleadh airgid fhaighinn,” thuirt an . “ ’S fheàrr dhutsa dhol às dèidh na h-ighne ud feuch am faigh thu mathanas bhuaipe.”
Bheireadh i Taigh Iain Ghròt oirre,” thuirt Murchadh Beag. “Eisd rium, a Dhòmhnaill. mar a chòrdadh e riut trì oidhcheannan a dhèanamh ann an seo a h-uile seachdain gu deireadh na bliadhna?”
Cha chòrdadh idir,” thuirt an Caimbeulach. “Ach dhèanainn e nam biodh an t-airgead ceart.”
Bheirinn dhut ceud nota gach oidhche,” thuirt Murchadh Beag. “Nam biodh tu airson am Fear Hearach a thoirt leat, bhiodh sinokay. Ach dhfheumadh tu fhèin a phàigheadh. Bhiodh trì cheud nota san t-seachdain agad.”
Trì cheud san t-seachdain,” thuirt an Caimbeulach. “Bhiodh siud atighinn gu còig mìle deug gu h-iomlan sa bhliadhnaceart?”
Rudeigin mar sin,” thuirt Murchadh Beag.
Okay, ”thuirt an Caimbeulach.
Okay? ”thuirt Murchadh Beag. “Bheil thu deònach a dhèanamh?”
Cha tuirt mi gu robh mi deònach,” thuirt an Caimbeulach. “Ach dhèanainn e air chors gun sgrìobh thusa a-mach dhòmhsa, a-nochd fhèin, seic airson mhìle gu leth.”
Dad ort, a Dhòmhnaill,” thuirt Murchadh Beag. “Chan urrainn dhomh sin a dhèanamh. Tha sin. .. tha mhìle gu leth cus. Tha mi minigeadh sa bhad. Eil thu tuigsinn: aig an aon àm?”
“ ’S ann a tha mi gad thuigsinn ro mhath, a Mhurchaidh,” thuirt an Caimbeulach. “Chan eil annad ach an slaightire beag cac. Pulaidh beag reamhar a tha e còrdadh leis a bhith dochann nam boireannachsin a thannad. Is ann aig Dia tha fios geil cruaidh-fheum agam air mhìle gu leth, ach ged a bheireadh tu dhomh e an dràsda fhèin, stobainn na do thòin e.”
Fuirich, a Dhòmhnaill,” thuirt Murchadh Beag. “Bheir mi dhutsubma tha th ga iarraidh. Bheil an t-acras ort? Thèid sinn a-mach gu coiridh. Bheir sinn Gretta leinn. Fuirichidh tun oidhche shuas anns aflat.”
tha thu afeuchainn ri ràdh?” thuirt an Caimbeulach.
Choimhead Murchadh Beag air le sùilean cruinn.
Thuirt mi tha thu afeuchainn ri ràdh?” thuirt an Caimbeulach.
Chùm Murchadh Beag air acoimhead air. Cha do ghluais na sùilean aige.


[25]

Thug thu fiathachadh dhomh,” thuirt an Caimbeulach. “Fiathachadh a dhol a-mach gu dinnear còmhla riut fhèins ris an sgalag agad.”
Thug,” thuirt Murchadh Beag. “Tha meas aige a h-uile duine againn an seo ort.”
Bha meas aig do shinn-sheanair air aPhrionnsa Teàrlach,” thuirt an Caimbeulach.
Dhfheuch Murchadh Beag ri snodha-gàire a dhèanamh.
“ ’S iad a bha miadhail air,” thuirt an Caimbeulach. “Is iomadh fiathachadh a fhuair e fhèin. ‘Siuthad, a Theàrlaich, gabh do lite. Balgam eile fìon? An do choinnich thu ri mo phiuthar, Flòraidh? ’”
Rinn Murchadh beag lachan mòr gaire. “Tha mi creidsinn,” thuirt e, “gur ann mar sin a bha gun teagamh.”
Ach tha na daoine a thann air a dhol bhuaithe gu mòr, a Mhurchaidh,” thuirt an Caimbeulach. “Thu fhèin nam measg. Cha robh na seann daoine ag iarraidh dad air ais dhaibfhèin. Tha thusa. Tha thu sanntach. Ged a dhfhaodadh iadsan deich air fhichead mìle nota fhaighinn nam brathadh iad e, cha dèanadh iad sin idir.”
Tha feum aig a h-uile duine air airgead,” thuirt Murchadh Beag is bus air.
Nach e Teàrlach còir a bha fortanach,” thuirt an Caimbeulach, “nach robh e timcheall air Govans tusann. Bhrathadh tusa an truaghan air botal leanna. Budweiser.”

titleA Trì
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page