[38]

A COIG

THAINIG Dòmhnall Caimbeul a-mach às stèisean na Banrigh aig leth-uair an dèidh uair, dìreach air abhuille. Choisich e gu sgiobalta dhan àird an iar gus an do ràinig e Sràid Bhochanain, far an robh bothag-fòna.
Anns abhothaig, chuir an Caimbeulach bonn leth-cheud sgillinn dhan bhogsa agus phronn e àiramh a pheathar. Thuirt e: “Pheigi? Dòmhnall an seo. ”Dhèisd e airson dhiog. “Tha thu sgràthail fhèin èibhinn, a Phèigi. Feumaidh gu bheil e san fhuil. ’S mise bhios ag innse nan stòraidhean èibhinn.” Stad e a bhruidhinn a-rithist. “Bha mi shuas acoimhead air Anna. Seadh, an Inbhir Nis. Gu dòigheil, a h-uile duine aca. tha thu ciallachadh, an tug i airgead dhomh. Chan iarrainn airgead oirrese. Seadh. Bheil cuimhnagad idir gu robh mi fhìns Dàibhidh ann anNess Recordsgu math càirdeil uair dhen robhn saoghal? Seadh. Timcheall air cheud nota.” Dhèisd an Caimbeulach a-rithist. “Trìcheud gu leth nam phòca, Pheigi, ’s tha agam ri mhìle eile fhaighinn. Seadh. Sin tha mi feuchainn ri innse dhut. Chaill mi sin ann a Venezuela is feumaidh mi a thoirt air ais mun tòisich mi air prògram na mallachd ud, Cuid do Chroinn.”
Dhèisd an Caimbeulach a-rithist. “Chan eil fhios am, a Pheigi. Mura cuidich thu fhèin mi?” Dhèisd an Caimbeulach a-rithist. “Trobhad, a Pheigi, cha robh mi ach atarraing asad. Gheibh mi e gun dragh sam bith. Seadh. Ann an ùine nach bi fada. Dhia seall orm, a nighean, tha fhios am air a sin. Gheibh thu dairgead cho luaths a gheibh mi mo chuid fhìn.” Dhèisd an Caimbeulach a-rithist. “Nis, cuimhnich, a Pheigi: duine sam bith a dhfhònas gam iarraidh, can riutha nach bi mi aig baile airson latha no dhà, okay? Tha mi dol a dhfhuireach oidhche no dhà còmhla ri caraid


[39] dhomh. Thall an Govan.” Dhèisd an Caimbeulach a-rithist. “Cuin a bha seo? Seadh. Kerr an t-ainm a bhair, an e? Ma dhfhònas e a-rithist, can ris gun do shoighnig mi airsonCeltic ’s gu bheil mi air falbh còmhla riutha a Mhilan a chluich.”
Chuir an Caimbeulach làmhag na fòna sìos air achreathaill. Chuir e làn a dhùirn de bhuinn airgid air an sgeilp roimhe agus an dèidh dha coimhead dhan leabhar bheag seòlaidh aige, thòisich e air pronnadh fhighearan a-rithist. Thuirt e: “Bheil Iain Ailig an sin?” Bha dàil ann, is theann e air bruidhinn. “Chan fhaod, chan fhaod thu àireamh na fònagam a ghabhail. ’N e Donnchadh a thagam an seo? Cuir Iain Ailig air an loidhne sa bhad, a Dhonnchaidh. Can ris gur e an Caimbeulach a thann.” Bha dàil bheag eile ann. “Iain Ailig,” thuirt e. “ ’s math gun dfhuair mi a-staigh thu. Trobhad, tha e coltach gu bheil amharag dhubh air a bhith coimhead air mo shon. Seadh, Kerr beag.” Bha dàil eile ann. “Tha fhios am air sin. Dhinnis Peigi againn gu robh e afònadh an-. Seo an rud a dhinnseas tu dha: tillidh an Caimbeulach aig toiseach na h-ath sheachdaincan ris gun deach mi suas a dhInbhir Nis a bhruidhinn ris abhancair agam, agus gun toir mi dha an t-airgead-leasachaidh air ais.” Chaidh e na thosd a-rithist. “Cha do sgrìobh facal. Feumaidh, feumaidh mi an t-airgead fhaighinn an toiseach agus an uair sin feumaidh mi a thoirt air ais.” Bha dàil bheag eile ann. “Cuimhnich gun innis thu dha gu bheil mi dìreach air bhiogairne gu tòiseachadh air Cuid do Chroinn.” Bha dàil eile ann. “Bruidhnidh mi ris Diluain seo tighinn. Aig na h-oifisean aig Iomhaigh.” Chaidh e na thosd a-rithist, is leig e osna. “Ailig Iain, cha tuirt mi gum biodh an t-airgead agam air Diluain. Thuirt mi gun coinnichinn ris Diluain, agus tha mi creidsinn gum bi fhios agam nas fheàrr an uair sin cuin a thèid agam air ur pàigheadh air ais.” Dhèisd e airson greis. “Tha fhios am nach ann agad a tha achoire. Tapadh leat, ’ille.”
Chuir an Caimbeulach an làmhag na h-àite fhèin is dhfhosgail e doras na bothaig. Cho luaths a bha e a-muigh thug e sùil air balach òg mu aois bliadhna air fhichead na sheasamh ro fhaisg dha is drèin air. “Hope shes good-looking, pop, ”thuirt e. “All I can say, I hope shes good-looking, you take as long as that on the phone, get yoursel on a promise the night.”
Oh, shes a looker all right, ”thuirt an Caimbeulach. “Too tall for you, though. You go over to sunny Govan to tackle this thing, youd have to grab an ice-pick and yodel. ”


[40]

Aye, right, ”thuirt an gille, agus dhfhàs a shùilean cruinn mar gum biodh e air aithneachadh gun chuimhne a dhèanamh air aChaimbeulach. “Wait a minute, ah know who you urr. Youre yon teuchter guy oan the telly. Yon comedian guy? Does the Gaelicnat, right? Come on, say somethinfunny. In English. ”
Sure, ”thuirt an Caimbeulach. “Fuck off, Mary. ”

titleA Còig
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page