[48] A SEACHD
THUG an nighean Thurcach as stoc bho amhach a’ Chaimbeulaich nuair a thàinig an ceòl aighearach, Arabach a bha a’ tighinn a-mach as reacòrdair-teipe gu crìch. Chuir i timcheall air a gualainn fhèin e, a’ falach a broillich, agus thug i taing dhàsan agus dhan t-sianar dhaoine eile a bha anns anResteraunt Bosporousair Sràid an Naoimh Seòras an Glaschu air oidhche na Sàbaid, le bhith a’ sealltainn làn a beòil de dh’fhiaclan mòra, glè-gheal dhaibh. Sheas an Caimbeulach am meadhan an làir far an robh ia air a bhith a’ dannsa letheach-rùisgte mus do chuir i teadhair dhen t-sìoda air amhaich, agus far an tug i air seòrsa de ruidhle Thurcach a dhèanamh còmhla rithe. Chrom e a cheann agus rinn e beic ris an fheadhainn a bha fhathast ag ithe bìdh aig bùird timcheall air an làr-dannsaidh. Bhuail e a bhasan ris an nighean agus rinn e gàire rithe mun do thill e chun a’ bhùird aige fhèin anns an oisean.
Chuir Seòras Kerr, is e na shuidhe anns a’ chathair a b’ fhaisge dha, a-mach a làmh cheart. “Rud milis às an Tuirc da-rìribh a bh’ agad an sin, a Dhòmhnaill,” thuirt e. “Nach ann innte a tha an tìodhlac beag laghach do dhuine a th’ air a bhith trang anns an leabharlann fad an latha?”
“Hoigh, Sheòrais,” thuirt an Caimbeulach, “ ’n do rinn thu gin a phrògraman math bho chionn ghoirid?”
“Tha fhios agad fhèin,” thuirt Kerr. “Feadhainn meadhanach math. Feadhainn nach eil cho math. Tha duil a’m fear sgoinneil a dhèanamh còmhla riut fhèin a dh’aithghearr – Cuid do Chroinn.”
“Dè mar,” thuirt an Caimbeulach, “a fhuair thu lorg orm?”
“Dh’innis an nighean agad,” thuirt Kerr, “far am bitheadh tu.”
“An nighean agam?” thuirt an Caimbeulach.
[49] “Seadh,” thuirt Kerr, “nighean mhòr bhàn, a’ fuireach os cionn anblenderann an Govan. Thuirt i gum biodh tu anns a’ Mhitchell fad an latha. An ann a’ deasachadh airson Cuid do Chroinn a bha thu?”
“Rudeigin mar sin,” thuirt an Caimbeulach.
“Agus,” thuirt Kerr, “nach eil thu a’ dèanamh obrach do dh’Iain Ailig cuideachd?”
“O,” thuirt an Caimbeulach, cha tàinig siud gu sìon. Leig mi bhuam an obair sin.”
“Dè bu choireach?” thuirt Kerr.
“Uill,” thuirt an Caimbeulach, “fhuair mi obair na b’ fheàrr. ’S e sin ri ràdh, shaoil mi aig an àm gun d’fhuair mi obair na b’ fheàrr.”
“Cia air a tha thu ag obair an dràsda?” thuirt Kerr.
“ ’S gann gun creid thu seo,” thuirt an Caimbeulach. “Tha mi ’m beachd a dhol air ais air an rathad a-rithist.”
“Thighearna,” thuirt Kerr, “bha dùil agam gun do chuir thu do chùl ris an obair sin. Dè cho fada ’s a th’ ann bhon a rinn thu an gig mu dheireadh – leth-bhliadhna?”
“Seachdain Dihaoine seo chaidh,” thuirt an Caimbeulach. “Rinn mi fàbhar do caraid dhomh thall an Govan. ’S e cion cleachdaidh a bha orm, agus bha mi airson oidhche bheag a dhèanamh air beulaibh an t-sluaigh mun rachainn a Pheairt airson Cuid do Chroinn.”
“Innis dhomh gu h-onarach, a Dhòmhnaill,” thuirt Kerr: “a bheil thu a’ coimhead air adhart ri Cuid do Chroinn?”
“Tha,” thuirt an Caimbeulach.
“Tha ’s mise,” thuirt Kerr. “Agus ’s e deagh phrògram a bhios ann. Nì mise cinnteach às sin. Tha mi an còrr air ceud gu leth deTake a Chancea riochdachadh anns a’ Bheurla, agus tha mi a’ dol a dh’innse seo dhut: am fear a bhios anns a’ chathair air a’ chiad shreath seo, bidh saoghal glòrmhor roimhe.” Smèid e ris an nighean Thurcach, a bha nis a’ frithealadh nam bòrd le dinichean Versace le blobhs fada geal air a dhùnadh gu h-amhaich air am muin. Dh’iarr e dà chofaidh Turcach agus thionndaidh e air ais chun a’ Chaimbeulaich. “Tha mi ’n dòchas, a Dhòmhnaill, gur tu bhios ann.”
“Chan eil mi gad thuigsinn,” thuirt an Caimbeulach.
[50] “Eisd rium,” thuirt Kerr. “Goirid an dèidh na Bliadhn’ Uire thug an t-amadan ud aig IomhaighProductionsdà mhìle gu leth dhut. Uill, thug e an t-airgead do bhuidheann-siubhail ris an can iadWest End Travelagus fhuair mi a-mach gun do thog thusa tiocaidean agus seicean-siubhail bhuapasan airson a dhol do Venezuela. Thàinig sin gu h-iomlan gu cha mhòr mìle ’s ceithir cheud nota, agus sgrìobh iadsan seic dhutsa airson beagan a bharrachd air mìle ’s ceud nota. Seo cnag an sgeòil: mura toir thu an t-airgead air ais, bheir sinn chun na cùirte thu agus gheibh sinn cuideigin eile a nì Cuid do Chroinn.”
“Cha chreid mi,” thuirt an Caimbeulach, “nach eil mi gad thuigsinn a-nis.” Dh’fheuch e ri gàire a dhèanamh ris an nighean, a bha air tighinn leis a’ chofaidh.
Choimhead an dithis aca air tòin na h-ighne agus air a gruag fhada, chamalubach, dhubh, is i a’ coiseachd air casan dannsair air falbh bhon bhòrd.
“A Dhòmhnaill,” thuirt Kerr, “cha tèid sinn far a chèile air thàillibh seo, an tèid?”
“Cha tèid,” thuirt an Caimbeulach, is e a’ sìor choimhead air an nighean, a bha a’ cur thruinnsearan air treidhe aig ceann thall an t-seòmair.
“Am faca tu tè cho brèagha rithese,” thuirt Kerr, “nuair a bha thu thall?”
“Na ficheadan,” thuirt an Caimbeulach.
“Creididh mi sin,” thuirt Kerr. “Tha tarraing annad dha na boireannaich, a Dhòmhnaill, tha e coltach. Saoilidh mi gu bheil nòisean aig an tè Thurcach dhiot.”
“Chan eil,” thuirt an Caimbeulach. “Ach tha i ag obair, is tha i feuchainn ri bhith taitneach. Agus is toigh leam sin. Oir bidh mi fhìn a’ dèanamh an aon rud ris na h-igheanan. Bidh mi a’ feuchainn rin toileachadh. Tha cuimhn’ a’m air faclan mo sheanar nuair a bha mi nam Dhonnchadh òg. ‘Bi laghach ris na h-ighneanan,’ chanadh e, ‘oir ’s ann bhuapa a gheibh mac-an-duine furtachd is comhartachd.’ Is bha am bodach ceart.” Las e toitean. “Facal eile a bh’ aig a’ bhodach: Mura bi thu nad rùda ’s tu òg, a Dhòmhnaill, ’s e glè bheag de mhuineadaireachd
[51] a nì thu ’
s tu air a dhol seangarra.’
Bha e ceart a-
rithist.
Bha mise,
nuair a bha mi nam dhuin’
òg,
a’
smaoineachadh nach leiginn a leas oidhirp a dhèanamh airson faighinn dhan leabaidh còmhla ri nighean.
Agus nuair a chuimhnicheas mi air an liuthad oidhche a chaidh mi innte leam fhìn,
saoilidh mi gu robh mi craite dha-
rìribh.
Bha mi dhen bheachd, ’
s fheudar,
gu robh latha mòr a’
tighinn anns am biodh boireannaich rùisgte a’
brùchdadh a-
steach air uinneagan an taighe is an cuthach tioram orra gus miannan na feòla aca a shàsachadh air a’
bhodhaig bheag thruagh agamsa.
Nach bu mhi an giùd!
“
An dèidh poile,”
thuirt e, “ ’
s mi air a dhol dochair mar sin,
dh’
amais mi air mo thapadh,
agus riamh bhon uair sin bhithinn a’
strì ris na boireannaich a riarachadh mar a b’
fheàrr a b’
urrainn dhomh. ’
S e obair chruaidh a th’
ann,
agus ’
s e obair làn-
thìde a th’
ann.
Ach air mo shon-
sa,
co-
dhiù,
chan eil dòigh eile air.”
“
Tha ar caraid MacIlleathain,”
thuirt Kerr, “
titheach air na boireannaich cuideachd,
nach eil?”
“ ’
S e tha,”
thuirt an Caimbeulach. “
Ach tha diofar ann.
Chan eil na boireannaich miadhail airsan ann.
Tha iag ag aithneachadh air nach eil mòran aige mun deidhinn –
nach eil a dhìth air ach a bhith gam marcachd.
Cha toir e urram sam bith dhaibh.
Is tha fhios aig na boireannaich gur ann mar sin a tha e.”
“
Nach eil meas agad air?”
thuirt Kerr.
“
Tha e ri mholadh”
thuirt an Caimbeulach, “
airson cho math ’
s a rinn e –
seadh,
a’
faighinn a-
steach do thelebhisean leis cho beag tùir ’
s a bh’
aige.”
“
Chan eil thu,”
thuirt Kerr, “
a’
saoilsinn na h-
uiread dhen cheann-
eanchainn aige,
ma-
tà?
Duine a ràinig inbhe proifeasair san oilthigh ’
s gun e ach còig bliadhn’
deug air fhichead a dh’
aois?”
“
Cuiridh mi mar seo e,”
thuirt an Caimbeulach. “ ’
S e an aon obair a b’
urrainn do dh’
Iain Ailig a dhèanamh ann an telebhisean a bhith freagairt na fòna dha na h-
amadain a bhios a’
faighneachd cuin a tha Na Naidheachdan aig a Deich a’
tòiseachadh.”
Theab Kerr tachdadh air a chofaidh.
Thug e a-
mach nèapraig dhen t-
sìoda,
ach mun do chuir e ri bheul e,
siud an nighean Thurcach ri thaobh is i a’
toirt searbhadair dha.
Shuath Kerr a smiogaid agus cas a
[52] bhriogais. “
Nach i tha laghach,”
thuirt e. “
Nighean bhrèagha a th’
innte cuideachd.”
“
Cha seasadh i,”
thuirt an Caimbeulach, “
ri Marta no ri Mercedes.”
Rinn Kerr snodha-
gàire. “
Is fheàrr dhut innse dhomh mu dheidhinn,
ma-
tà.”
“
Tha e cho math,”
thuirt an Caimbeulach.
Las eMarlboro
agus chaidh a shùilean caogach is e a’
coimhead air an fhear eil tron cheò. “
Uill,”
thuirt e, “
thog mi na tiocaidean is na seicichean-
siubhail –
ceart?
Agus seic phearsanta air a dhèanamh a-
mach dhomh fhìn airson aon cheud deug.
Bha mi –
theab mi ràdh gu robh mi faireachdainn glè mhath,
ach bha e na b’
fheàrr na sin.
Bha mi dìreach air mo dhòigh glan lem staid.
Dh’
fhalbh sinn às Heathrow madainn Disathairne agus bha mi a’
deothal air ruma ’
sCoke
fad na slighe.
Bha smoidseag bheag laghach orm nuair a ràinig sinn Caracas,
agus a chionn ’
s gu robh againn ri fuireach anns a’
phort-
adhair an sin mum beireamaid air plèan eile airson a dhol a dh’
Isla de la Providencia,
chan fhaca mi fhìn sìon na b’
fheàrr na dhol dhan bhàr is dha no trì eile ghlainneachanCuba Libre
a ghabhail a ghabhail.
Cha robh i gam dhalladh, ’
eil thu tuigsinn?
Cha robh smùid orm,
ach bha an teas is an sgìths ag obair orm,
agus nuair a ràinig sinn an t-
eilean bha srann agamsa air chùl na plèana.
Bha an t-
uaireadair ag innse gu robh e còig uairean a bha ’
g obair dhan bhuidheann-
adhair sgràthail fhèin laghach,
agus chuireadh air tìr mi sa bhad.
Mun canadh tu ‘
Dia leat,’
siud Dòmhnall ann an tagsaidh ’
s e a’
dèanamh air an taigh-
òsda ann am prìomh-
bhaile an eilein.
“
Co-
dhiù,”
thuirt an Caimbeulach, “
dh’
òl mi searrag ruma a bha nam choinneamh san rùm,
fhuair mi fiach ceud nota debholívares
is ghabh mi cuairt sìos am bail"
e feuch am faighinn grèim bìdh.
Bha an t-
acras gam tholladh.
“
Chunna mi an taigh-
seinnse seo –
tha cuimhn’
a’
m air an ainm a bh’
air fhathast: Cantina Caribe –
shìos faisg air a’
mhuir agus chaidh mi a-
staigh.
Nis,
feumaidh tu tighinn mar a tha gnothaichean anns an dùthaich seo.
Sa chiad àite,
dhe na pàisdean a gheibh breith ann a Venezuela bliadhna sam bith, ’
s ann boireann a tha a’
chuid as motha dhiubh.
Chan eil fhios aig daoine carson a tha seo.
[53] Ach ’s e an fhìrinn a th’ ann. Tha boireannaich a’ dèanamh suas dà thrian dhen t-sluagh, math dh’fhaodte barrachd. Agus, san dàrna àite, tha iad brèagha. ’S e colmadh dhe gach dath a tha anns na daoine ud – feadhainn dhiubh ’s an craiceann aca dubh, dorcha, feadhainn eile cho bàn ri Suainich, agus an còrr aca dhe gach dath air an smaoinich thu eatarra. Tha muinntir an àite fhèin moiteil às na boireannaich aca. Innsidh mi dhut gun tug clann-nighean Venezuela dhachaigh tiotalMiss Worldfada a bharrachd thursan na thug nigheanan às dùthaich sam bith eile. Chan eil fhios a’m a bheil seo fìor. Ach tha mise gan creidsinn. Tha na boireannaich òga thall an sin air leth àlainn. Agus, tha iad pàilt. Agus a chionn ’s, ’s dòcha, gu bheil iad cho lìonmhor, tha iad gu math dàimheil. Ro dhàimheil, saoilidh mi a-nis, do bhodach às Gearraidh na Mòna.
“Uill, coma leat co-dhiù,” thuirt an Caimbeulach, “bha mi a’ feitheamh air naFajitas, agus chuir mi romham, tha fhios agad, gu robh còir agam glainne bhranndaidh òrdachadh. Bha mi faireachdainn mar nach robh cnàmh nam chorp. Agus bha an tè-fhreasgairt uabhasach laghach – Marta an t-ainm a bh’ orra, agus bha i deònach gun gabhainn àireamh na fòna aice, nam bithinn a’ faireachdainn ònrachdail, ’s nach biodh agam ach gliong a thoirt dhi, agus gun tigeadh i dhan taigh-òsda agam sa bhad.
“O,” thuirt an Caimbeulach,” tha fhios a’m tagh’ cia air a tha thu smointinn. Ach tha thu ceàrr. Cha do ghabh mi ri a fiathachadh idir. Uill, cha do ghabh an uair ud co-dhiù. Dh’ith mi mo dhinnear, agus ’s e am biadh aca a chòrd rium. Agus – cha leig thu leas faighneachd. Dh’òl mi tòrr ghlainneachan branndaidh eile cuideachd. Phàigh mi an cunntas, dh’fhàg mi deagh bhonn-boise aig Marta agus ghabh mi tagsaidh air ais dhan taigh-òsda.
“A rèir an uaireadair agam,” thuirt an Caimbeulach, bha e a-nis timcheall air aon uair deug, leth-uair an dèidh aon uair deug – rudeigin mar sin – nuair a ràinig mi an taigh-òsda. Shaoil mi nach dèanadh e cron sam bith nan gabhainn botal leanna mun rachainn suas dhan rùm agam. Bha bàr aca ri taobh an amair-snàmh. Shuidh mi air stòl is dh’òrdaich mi botalSol. Bha Juan Luis Guerra a’ seinn air teip – Coma Abeja al Panal – ’s tha nighean a’ seinn an òrain còmhla ris agus cha chuala mi
[54] riamh a leithid. ’
S mi bha air mo dhòigh.
Chan iarrainn an saoghal fhàgail.
Bha gealach shlàn ann agus bha grunn math dhaoine fhathast nan suidhe fo na craobhan pailm a’
glagadaich gu h-
ìseal ann an Spàinnis ’
s a’
smocadh ’
s ag òl.
“
B’
ann an uair sin,”
thuirt an Caimbeulach, “
a rinn mi a’
chuid mhearachd.”
“
Dè,”
thuirt Kerr, “
a rinn thu?”
“
Thòisich mi,”
thuirt an Caimbeulach, “
air bruidhinn ris a’
ghille a bha ’
g obair air chùl a’
bhàr.
Sin a rinn mi. ‘
Seadh,
ill’
òig,’
arsa mise, ¿tiene
usted Scotch?
“
Scotch whi’
ky? ”
ars esan,”
thuirt an Caimbeulach. “
Bidh iad gu math liotach nan cainnt thall an sin,
bheil fhios agad?
Uill,
cha b’
fhada gus an robh an Caimbeulach fhèin a cheart cho liotach ’
s cho sgagach.
Thòisich mi airJohnny Walker,
am fear dearg,
a bhios iad fhèin a’
cur ann am botail thall an sin ach a tha tighinn bhon rìoghachd againnie.
Bha mi air mo leth-
dhalladh agus cha tug mi ’
n aire idir dhan dithis neònach a shuidh aig bòrd iarainn faisg dhuinn.
“ –Mira ,
la rubia,
ars an gille,”
thuirt an Caimbeulach. “
agus chunna mi an nighean mhòr bhàn a bha seo,
is gun sìon oirre achbikini.
Bha gruag bhàn oirre,
ach dh’
aithnicheadh tu gu robh fuil nan daoine dubha na cuislean.
Beilleagan tiugha is cuinneanan mòra fo shròin leathann, ’
eil fhios agad?
Chan fhaodadh e bhith gu robh i na bu shine na ochd bliadhn’
deug.
Ach ’
s e chuir nam bhoil mi buileach,
cò bha còmhla rithe is grèim teann aige mu meadhan ach bodachan beag grànda.
Agus creid thusa gu robh am fear seo grànda.
Cha bu mhotha e na bigeun,
sgall air gu chùl ’
s gun ach dhà no trì starragan na cheann.
Agus an tuirt mi gu robh e sean?
Bha an troich seo cho sean,
nan leigeadh e braidhm,
tha mi cinnteach gur e stùr a thigeadh a-
mach às a thòin.
“ –¿Qué
pasa?
thuirt mi ris a’
ghille,
is mi airson faighinn a-
mach dè dh’
fhàg an tè àlainn seo còmhla ti tàcharan a chuireadh eagal air an deug mhèirleach.
“ –Ella
es una puta,
ars esan,
agus thuig mi an uair sin fhèin gu robh oidhche air leth gus ’
ith agam.
Cha robh fhios agam dè cho math ’
s a bhiodh i.
Ach bha fhios a’
m air seo:
nach tigeadh dìochuimhn’
agam
[55] oirre gu bràth.
Gu dearbh fhèin cha tig. – Una puta,
arsa mise. – ¿Cuanto
costaría por la noche?
“– No mucho,
ars an gille, – cuatrocientos
bolívares. ¿Quiere ?
“
Agus thuirt mise: “
No,
no,
no,”
thuirt an Caimbeulach. “
Ach bha mi ’
g innse bhreugan –
dhàsan agus dhomh fhìn.
Hoigh,
beagan a bharrachd air dà nota airson muin fhaighinn còmhla ri creutair mar sin?
Cha ghabhadh e chreidsinn.
Agus b’
ann air an dearbh mhionaid a chuir mi romham,
dìreach sa bhad,
gun a bhith smaoineachadh na b’
fhaide air a’
ghnothach. – ¿Puedo
telefonear de aquí?
arsa mise ris a’
ghille.”
Thog an Caimbeulach a ghualainn mar gum biodh e a’
gabhail a leisgeil. “
Agus mar a chaidh mi còmhla ri Marta.”
“
Am b’
fhiach i?”
thuirt Kerr.
“
Cha b’
fhiach,”
thuirt an Caimbeulach. “
Bha ’
n deoch orm. ’
S ann agamsa bha a’
choire.
Cha bhi feum a dh’
òrdaich Dia annam le boireannach nuair a bhios smùid orm.
Thachair e mu thràth,
agus tha mi creidsinn gun tachair e a-
rithist.
An aon chuimhn’
a th’
agam air a’
chòrr dhen oidhche, ’
s e bhith fosgladh botail de‘
whi’
ky’
shuas san rùm agam ’
s mi a’
feitheamh air Marta.
Bha mi nam chadal air an t-
sèise nuair a chuir i fòn thugam bhon deasg shìos an staidhre.
Leig mi a-
staigh i.
Ach bha ise na seasamh air mo bheulaibh agus rinn i rud a chuir iongnadh orm.
Phut i coilear na lèine aice sìos gu aon taibh gus an robh tè de na cìochan aice ris.
An uair sin,
is an dàrna làmh a’
cumail na cìche a-
mach gu stobach,
rug i air cùl m’
amhaich leis an làimh eile agus shlaod i mo cheann air adhart gus an robh an t-
sine nam bheul.
Bha i a’
gabhail òrain fhad ’
s a bha i a’
slìobadh cùl mo chinn.
Chluinninn – Cada
vez que me abrazas
agus cha do dh’
fhairich mi riamh sìon cho nàdarra ris a’
phòg ud nam bheatha.”
“
An deach thu,”
thuirt Kerr, “
air a muin?”
“
Cha deach,”
thuirt an Caimbeulach,
agus thàinig tùchadh air. “
Leig mi orm gun do dh’
òl mi cus airson a dhol dhan leabaidh còmhla rithe.
Tha cuimhn’
a’
m gun do rinn i gàire nuair a rinn mi atharrais lem chorrag gu robh am fear a th’
agam air a dhol bog,
Ach,
eil fhios agad air a seo,
a Sheòrais?
Cha robh ann an sin ach leisgeul.
Dhùraiginn a dhol
[56] còmhla rithe.
Ach bha mi faireachdainn ann an dòigh air choreigin nach robh mi airidh oirre,
eil thu tuigsinn?
Chan e Dòmhnall Caimbeul a bhi aice an oidhche ud,
ach seann bhodach gealtach a bha cho mì-
chinnteach às fhèin is gum feumadh e bhith air a dhalladh mun rachadh e air muin boireannaich.
Bha mi air mo nàrachadh gu dubh. ’
S an uair sin dh’
fhàs mi fiadhaich;
chan ann rithese –
rium fhìn,
eil thu tuigsinn?
Thilg mi mi fhìn fon phlaide is dh’
iarr mi oirre tarraing. – Necesito
poco dinero –
voy tomar un taxi,
ars ise.
Thuirt mise: – Aquí
es mi cartera.
Agus thug mi dhi mo mhàileid-
airgid.
Nach bu mhi am bumailear – ’
s i làn de dh’
airgead ’
s de sheicichean-
siubhail.
Nuair a smaoinicheas mi an-
diugh air an oidhche ud, ’
s e mo bharail gu robh pàirt dhiom a’
guidhe gun tachradh an rud a thachair.”
“
Dè bha sin?”
thuirt Kerr.
“
Dh’
fhalbh i leis an airgead agam,”
thuirt an Caimbeulach. “
Bha mi faireachdainn cho ciontach a chionn ’
s gun do ghabh mi ’
n deoch –
a dh’
aindeoin ’
s na thug mi de gheallaidhean nam bheatha nach dèanainn a leithid gu bràth tuilleadh.
Bha mi. ..
saoilidh mi gu robh mi feuchainn ri peanasachadh a thoirt dhomh fhìn.
Agus ’
s e an rud bu neònaiche dheth:
chan eil mi cinnteach chun an là an-
diugh an i a ghoid m’
airgead air neo an e a chall a rinn mi an dèidh dhi falbh.
Thàinig mi thugam fhìn làrna-
mhàireach air an t-
sèise anns an rùm eile is càrn chrogan is bhotal timcheall orm.
Dh’
fhairich mi cràdh eagalach nam ghàirdean ’
s bha dùil a’
m gu robh mi an uchd a’
bhàis.
Cha thuiginn cia às a thàinig na bh’
ann de bhotail. ’
S fheudar gun deach mi sìos an staidhre dhan bhàr tron oidhche a-
rithist,
ach –
an fhìrinn –
cha tèid agam air innse dhut le cinnt dè thachair an dèidh dhomh Marta a sgiùrsadh air falbh.
“
Co-
dhiù,”
thuirt an Caimbeulach, “
tha deagh chuimhn’
agam air làrna-
mhàireach,
ge-
tà.
Cha do chuir mi seachad latha cho grod ris riamh.
Bha mo cheann gu sgàineadh,
bha mi cho tioram ri àrc, ’
s cha robh sgillinn ruadh agam a cheannaicheadh fiù ’
s sùgh orainseit.
Dh’
fhuirich mi ann an shiud ri taobh an amair-
snàmh bho mhoch gu dubh.
An dràsda ’
s a-
rithist bhithinn a’
leum a-
steach dhan uisge dìreach airson mo bheul a fhliuchadh.
Cha robh air fhàgail ach clann bheag agus theab an sgeuchail aca mo chur far mo chinn.
[57] “Bha mi shuas,” thuirt an Caimbeulach, “anns an rùm agam air an oidhche a’ crochadh an aodaich agam mun rachainn sìos dhan taigh-bìdh far am faighinn deur a dh’òlainn. Bha seo mu dheich uairean is bha am pathadh dìreach gam mharbhadh. Bha mi a’ pasgadh na lèine a bh’ orm nuair a dh’fhàg mi ’n rìoghachd seo nuair a dh’fhairich mi pàipear air choreigin na pòca-broillich. Dè bha seo ach an t-seic a sgrìobh am fear anns a’ bhùth-turais dhomh a’ bhon-dè. A-mach à seo leam sa bhad sìos an staidhre guSeñorMendoza – sin am bodach a bhiodh ag atharrachadh airgid dhut aig a’ chunntair. Cha robh sgeul air. Nuair a sheall mi an t-seic dhan fheadhainn eile, choimhead iad orm mar gum b’ e coilleach a bhiodh annam. – Mañana por la mañana, chanadh iad. ’S bha mise a’ sìor chantail nach b’ urrainn dhomh fuireach gu màireach. Mu dheireadh thuirt tè dhe na h-igheanan rium gur i an aon tè a chuidicheadh leam Mercedes. ’S cò bh’ ann am Mercedes? Cò ach tè dhubh an fhuilt bhàin a chunna mi còmhla ris a’ bhodach an oidhche roimhe.
“Cha robh an còrr ann,” thuirt an Caimbeulach, “ach a dhol dhan bhùthaidh an ath dhoras far an robh i ’g obair a’ creic trealaich ris an luchd-turais. Sheall i air an t-seic is bha sinn a’ còmhradh a-null ’s a-nall, agus mu dheireadh thuirt i gum faigheadh i airgead dhomh air a son. Ach dh’fheumadh i dhol a Phorlamar a dh’fhaicinn caraid àraid a dhènadh an gnothach. Dh’fhalbh mo shlànaighear dhubh ann an tagsaidh lem sheic bheag bhòidheach na bois is dh’fhan Dòmhnall an t-amadan na chnap air sèise faisg air an doras is e aig àird a theasaich ag ithe thoitean. Dh’fhalbh i mu aon uair deug agus thill i aig uair sa mhadainn. Dà uair a thìde, no cola-deug, an dèidh dhi togail oirre. ’S mi rinn an toileachadh rithe nuair a thàinig i a-staigh, a craos dearg, fliuch fosgailte is pasgan debholìvaresna làimh.”
“Tha fhios a’m, ” thuirt Kerr, “dè thachair an uair sin. Ghabh sibh smùid còmhla is chaidh sibh air ais dhan t-seòmar agad.”
“Cha do ghabh,” thuirt an Caimbeulach, “ ’s cha deachaidh. Tha e doirbh a chreidsinn, ach cha do ghabh mi deur an oidhche ud. Thug mi taing do Mhercedes, cheannaich mi dusan croganCokeis chaidh mi suas dhan rùm. Leam fhìn.
“Làrna-mhàireach,” thuirt an Caimbeulach, “cha do bhean mi rithe
[58] nas motha.
Dh’
fhuirich mi ri taobh an amair-
snàmh nam fhluich-
fhallas fad an latha.
Nuair a gheibhinn mo leòr dè dh’
èigheach na cloinne rachainn suas dhan àite agam fhìn a ghabhail balgam dhenChoke.
Aon turas,
thadhail mi air an t-
seòmar-
bìdh,
far an robh iad a’
cur leasanan Spàinnis air adhart.
Cuimhnich gur e seo Diluain,
an dàrna latha dhe na saor-
làithean agam, ’
s mi an impis mo chiall a chall.
Bha na daoine a bh’
ann a’
dol air an nearbh agam cuideachd.
Fir mhòra reamhar is criosan-
teasairginn orra a’
plubadaich san uisge is seann chranàidsichean a’
dòrtadh ola air an creubhagan.
A h-
uile taobh a sheallainn bha cuideigin a’
cur sgreamh orm.
Eadhon na gillean-
freasgairt,
bha iadsan iad fhèin a’
cur gràin orm leis cho stràiceil ’
s a bhiodh iad a’
coiseachd le botail de dh’agua mineral.
Smaoinich mi: ‘
Dia bhith timcheall orm,
a Dhòmhnaill,
chaith thu oidhche na b’
fheàrr na seo aig coinneamh-
uaigneach ann an eaglais mhòr a’
Bhac.’
Ach,
mar as àbhaist,
bha mi ceàrr a-
rithist.
Mar a thionndaidh gnothaichean a-
mach,
bha oidhche agam ann am Porlamar nach robh a samhail agam,
no aog duin’
eile,
riamh anns a’
Phoileagan.
“ ’
S e thachair,”
thuirt an Caimbeulach, “
gun tàinig Mercedes mhòr dhubh chun a’
bhùird agam. – Hola , papa,
ars ise. – ¿Por
favor,
puedo tomar una cerveza?
Agus tha mi ’
g innse dhut,
a Sheòrais,
ged a thigeadh Dia mòr nan Gras E Fhèin a-
nuas agus e air m’
àite a ghabhail an oidhche ud,
cha robh E air a dhiùltadh.
Chaidh mi chun a’
chunntair is thill mi le botal beag leanna – ’
s e Polar an t-
ainm a bh’
air –
agus glainne delimonada. – ¿Cuanto
es?
ars ise,
a’
faighneachd dhomh dè phàigh mi air an deoch.
Dh’
innis mi dhi is thòisich i air gàireachdaich. – Las
bebidas están incluidos,
ars ise.
B’
ann an asgaidh a bha an deoch?
“
Uill,
thuirt an Caimbeulach, “
nuair a smaoinich mi mar a dh’
fhuiling mi fad dà latha bha cuthach dearg orm,
agus ma bha,
thòisich an t-
òl an uair sin.
Cha do thromaich mi oirre an toiseach ann.
Nach robh a’
bhan-
dia dhubh còmhla rium air taobh thall a’
bhùird,
is a’
lasadh mo chridhe le a sliasaidean fadam dubha ’
s iad ach òirlich air falbh bhuam agus le a cìochan letheach-
rùisgt’
cha mhòr a’
stobadh nam shùilean. – Vamos
a bailar,
ars ise an ceann greise,
is i toirt fiathachaidh dhomh a dhol còmhla rithe gu diosgo anns a’
phrìomh-
bhaile.
Cha b’
e ruith ach leum le Dòmhnall.
Carson a dh’
fhuirichinn gu comhastail
[59] anns an àite agam fhìn far am faodainn na b’
urrainn dhomh de dheoch òl, ’
s gun agam ri mo làmh a chur nam phoca,
nuair a dh’
fhaotainn glaoic a dhèanamh dhiom fhìn aig bàl ann an cuideachd a bhiodh,
math dh’
fhaoidte,
glè chunnartach ’
s far am faodainn fortan a chosg air dramannan?
Mach leinn ann an tagsaidh gu ruige Porlamar.
Fhad ’
s as cuimhneach leam,
bha oidhche air leth againn – ’
s na bi faighneachd,
a Sheòrais,
chan eil fhios a’
m an e Mercedes a chuir dhachaigh mi.
Ach ’
s fheudar gun do chuir cuideigin dhachaigh mi,
oir dhùisg mi nam leabaidh fhìn san taigh-
òsda is bha an t-
àit na shitig –
botail ruma,
bogsaichean shiogàran,
bogsaichean theoclaidean,
aodach sgapte air feadh an àite.”
“
Ciamar,”
thuirt Kerr, “
a bha thu a’
faireachdainn?”
“
Cumhachdach,”
thuirt an Caimbeulach. “
Rud beag tioram a-
mhàin. ’
S cha do mhair sin ro fhada.
Dhall mi air na botail Polar a bh’
air fhàgail,
ghabh mi fras fuar,
chaith mi orm luideagan aodaich agus ruith mi sìos dhan bhùthaidh aig Mercedes Mhòr.
An dèidh dhomh ruma no dhà a ghabhail anns a’
bhùthaidh bha mi cho dàna ’
s gun do dh’
iarr mi oirre an latha a ghabhail dheth ’
s gun rachamaid airpicnic
sìos dhan tràigh.
Làithean geala dha-
rìribh,
a Sheòrais.
Agus sin an dol-
air-
adhart a bh’
agam cha mhòr a h-
uile latha.
Cha do dh’
fhuaraich mi fad trì seachdainean. ’
S cha robh cùmhnadh air canabhas fad na h-
ùine sin cuideachd.
Cheannaich mi fàinneachan,
camara,
aodach samhraidh dhomh fhìn ’
s dhìse,
teipichean-
ciùil –
chaidh mi dìreach glan às mo chiall.
“
Coma leat,”
thuirt an Caimbeulach, “
chaidh a’
chuibhle mun cuairt,
ghrad thionndaidh gu fuachd am blàths.
Air an latha mu dheireadh dhen fhòrladh bha mi cho dona leis an deoch –
bha mi ag òl ‘’
whi’
ky’
aig bàr an amair-
snàmh ’
s mi a’
critheadaich mar gum b’
e slat-
iasgaich a bhiodh annam – ’
s gun tàinig am fear seo à Dùn Eideann thugam is chuir e a làmh timcheall air mo ghualainn.
Bha e fhèin ’
s a bhean nan aoighean anns an àite cuideachd agus bha iad air a bhith coimhead orm a’
dèanamh amadain dhiom fhìn fad trì seachdainean –
agus cha tuirt e ach: ‘Time
to go back to bonnie Scotland.
Come on,
I’
ll give you a hand with your stuff.’
Dh’
èirich mi bhon stòl,
thug mi pòg do Mhercedes agus,
gun sìon ann am pòca mo bhriogais ach ampassport
agus na
[60] tiocaidean-
siubhail,
chuir mi mo chùl ris an taigh-
òsda agus ri Venezuela ’
s a chuid bhoireannach.
“
Air an t-
slighe dhachaigh,”
thuirt an Caimbeulach, “
bha mi am beachd leam a-
mach às a’
phlèana leis cho diabhalta ’
s a bha mi faireachdainn.
Ach chuir mi crìoch air a’
chuid a b’
fheàrr de bhotal ruma ’
s chaidil mi mar chloich eadar Caracas is Lunnainn.
Nuair a ràinig mi Glaschu, ’
s gun orm ach lèine bheag chotain,
briogais ghoirid is slaopagan,
ghabh mi tagsaidh gu taigh mo pheathar ann am Partaig is dh’
fhuirich mi fon phlaide cha mhòr fad seachdain mun deach agam air grèim bìdh a chumail shìos.”
Leig e osna. “
Sin an ceangal a tha eadar Marta ’
s Mercedes agus an dàrna mhìle gu leth,
a Sheòrais.”
“
Carson,
a Dhòmhnaill,”
thuirt Kerr, “
nach cuir thu romhad nach tèid thu na còir tuilleadh?”
“
Tud,”
thuirt an Caimbeulach, “
tha mi air siud a dhèanamh Iomadach uair.
Agus ’
s ann a tha mi a-
nis dhen bharail gur ann an sin a tha ’
m mì-
shealbh.
Tha mi air a bhith a’
cur uiread de mheas air a bhith-
cumail sòbarra ’
s gu bheil mi gam bhàthadh fhìn innte ma ghabhas mi deur idir.
Ach ’
s e beachd-
smaoin ùr a tha seo a tha air a bhith fàs annam bho chionn ghoirid,
dìreach bhon thill mi às Venezuela.
Beag air bheag tha dol nam fhaireachadh,
ma tha mi dol a chumail far deoch,
gur ann a dh’
fheumas barrachd thoileachas a bhith nam bheatha.
Tha mi air a bhith ro eagalach,
a dhuine.
Sin aon rud a dh’
ionnsaich mi bho Mharta ’
s bho Mhercedes.”
“
Uill,”
thuirt Kerr, “
bha daor-
an-
ceannach agad air do thuras,
a Dhòmhnaill.
Fiach dà mhìle nota gu leth.
Cuin a bhios dùil agam ris an t-
seic agad?”
“
Innsidh mi dhut an rud a nì mi,”
thuirt an Caimbeulach. “
Bheir mi dhut còig cheud an dràsda, ’
s bheir mi dhut an còrr aig deireadh a’
mhìos.”
“
O gu dearbh,”
thuirt Kerr, “
cha ghabh mi gnothach ri còig cheud.
Chan eil ùidh agam anns na tha thu a’
toirt seachad.”
“
Dè mu dheidhinn,”
thuirt an Caimbeulach, “
nan toirinn mìle dhut a-
nochd agus mìle gu leth seachdain a-
màireach?”
“
Glè mhath,”
thuirt Kerr, “
agus cumaidh sinn aig a sin fhèin e.”
Thug an Caimbeulach an leabhar-
sheicichean a-
mach agus thòisich e
[61] air sgrìobhadh.
Ris an nighean Thurcach a bha air nochdadh mar thaibhs rin taobh thuirt e, “
My uncle George’
s paying for the meal.
Very keen on exotic women is our George. ”