[62]

A H-OCHD

RINN e dragh dhan Chaimbeulach, na shuidhe aig bòrd còmhla eir na h-uaislean àsAlbion Televisionann anChez Maurice, taigh-bìdh Frangach goirid do Phicardy ann an Dùn Eideann, nach robh am biadh a dhòrdaich Aonghas Miller dhaibh acòrdadh ri Carol NicLeòid. Bho oir a shùla bha e ga coimhead atoirt fad leth-mhionaid acur ìm air pìos arain fhads a bha e fhèin agus Miller asìor chagnadh. ’S e an aon bhiadh a bhacadiseagan a bha air am praidheadh ann an ìm chreamh an toiseach agus an uair sin a bha air am bruich anns an t-slige cho chnapan de dhfheòil na muice is uinneanan.
Nach feuch thu na diseagan, a nighean,” thuirt e. “Tha seo dìreach àlainn, Aonghais. Tapadh leibh le chèile airson mo thoirt a-mach.”
Phàisg Miller an crabhat uaine Hermes a bha air os cionn lèine phinc le Ghiaia eadar phutan los nach tigeadh sùgh air, agus rinn e gàire. “Tapadh leatsa, Dhòmhnaill,” thuirt e gu diùid. “Chòrd am pìos a sgrìobh thu uabhasach math rium – ’n dfhuair thu an t-seic bho Elaine?”
Fhuair, tapadh leat,” thuirt an Caimbeulach, ’s e afeuchainn ri tomhas phàigh Carol air an deise uaine le John Galliano is na brògan le Jimmy Choo a bha oirre. Thionndaidh e rithese. “Bha dùil am, a Charol,” thuirt e, “gu robh thu airson bruidhinn rium mu phròiseact air choreigin anns an roinn agad fhèin. tha fa-near dhut?”
Cha tug i freagairt dha idir. Chuir i dhe na diseagan na beul is chunnaic e gu robh an dath a bha air a beilleagan air a dhol fann is gum biodh i afeumachdainn tuilleadh dhen bhioran-bile ann an ùine nach biodh fada. Bha a mala aboillsgeadh cuideachd, agus thuig an Caimbeulach nach robh de dhùine air a bhith aice airson fùdar a chur air a h-aodann mun tàinig i dhan taigh-bìdh. A dhaindeoin sin, cha robh dad


[63] de choltas oirre gu robh cabhag sam bith oirre innse dha carson a bha an trìuir aca ag ithe ann am fear dhe na taighean-bìdh bu daoire anns abhaile.
A Dhòmhnaill,” thuirt Miller, “ciamar a chòrdadh e riut oidhche a dhèanamh ann an talla-cluich aChamasCentreanns aGhearasdan?”
Chòrdadh glè mhath,” thuirt an Caimbeulach.
O,” thuirt Miller,” bhiodh cuideachadh agad. Luchd-ciùil, ban-seinneadair, dannsairean, daoine mar sin. ’S e tha dhìth oirnn gun cuir sinn buidheann-seilge, mar gum bitheadh, à deasbhanOBagus sgioba-coisridh, thu fhèin nad cheannard orrasansuas gu ruige cridhe na dùthcha aigNorth Television. Chuireamaid cèilidh air teip. Ghearramaid shìos an seo i agus gheibheamaids dòcha phrògram leth-uair aiste.”
Trì,” thuirt Carol NicLeòid.
Seadh,” thuirt Miller. “ bu mhath leat a dhol còmhla riut, a Dhòmhnaill? An dèanadh MacAsgaill achùis?”
Tha mi creidsinn gun dèanadh,” thuirt an Caimbeulach. “Cha chosgadh e mòran co-dhiù.”
,” thuirt Carol NicLeòid, “cho saors a bhitheadh e?”
Ghabhadh e,” thuirt an Caimbeulach, “ceud nota.”
bhiodh còmhla ris,” thuirt Miller, “anns abhuidheann-ciùil?”
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “gheibheadh e grèim air Seonaidh Mòr air na drumaichean co-dhiù, agus tha e furasda gu leòr cuideigin a chluicheas an giotàr fhaighinn. Ach ma tha sibh acùmhnadh air airgead, chluichinn fhìn an giotàr.”
Tha,” thuirt Carol NicLeòid.
Tha?” thuirt an Caimbeulach, is car na bheul.
Tha,” thuirt Carol NicLeòid, “sinn acùmhnadh air an airgead. Fad an t-siubhail.”
“Okay,” thuirt Miller. “Can gu robh thu fhèins MacAsgaills cuideigin eile anns abhuidheann-ciùil, a dhiarradh tu mar bhan-seinneadair?”
Màiri Dhòmhnaill Ailein,” thuirt an Caimbeulach.
O, seadh,” thuirt Miller. “ ’S ise an chàileil dhorcha a rinn na prògraman-cloinne dhabBheeb, nach i? Nach ann à Paiblisgearraidh a tha i? Tha i math. do bharail, Carol?”


[64]

,” thuirt Carol NicLeòid, “na dhfheumas sinn de thuarasdal a thoirt dhi?”
Uill,” thuirt an Caimbeulach, “bhiodh an oidhche ann an trì earrannan, saoilidh mi, ’s bhiodh Màiri atighinn air trì tursans agabhail trì no ceithir a dhòrain gach turas. Bhiodh i mar sin agabhail, can, dusan òran gu h-iomlan.”
,” thuirt Carol NicLeòid, “a chosgadh i?”
Mar a bha mi feuchainn ri ràdh,” thuirt an Caimbeulach, “ma tha i gu bhith seinn cho tric sin, cha bfhuilear dhuibh ceud gu leth a thoirt dhi. Cha dèanadh in oidhche dhuibhse air sin, achs dòcha gun dèanadh i fàbhar dhòmhsa.”
Ghlan Miller a sgòrnan. “Trobhad, a Dhòmhnaill,” thuirt e, “ bhiodh tu fhèin adèanamh? Apìobaireachd, tha mi cinnteach? A bheil thu gabhail nan òran fhathast? O, seadh, ’s cinnteach gun dèanadh tu na caractaran agadam poileasman Uibhisteach agus an sgiobair Barrach?”
Fìor mheasgachadh,” thuirt an Caimbeulach, “bheil fhios agad? Bidh mi greis aseinn, greis acluich agus an còrr dhen ùineg innse bhreugan dha na daoine.”
Tha coltas math air an oidhche mu thràth,” thuirt Miller. Thionndaidh e ri NicLeòid. “ thagad ri ràdh, Carol?”
Thog i a ceann. Bha dubhagan nan sùil aice air leudachadh gu mòr agus fhluich i a beul le teanga mun do thòisich i air bruidhinn. “Seo a-nis,” thuirt i, “an rud a chuireas mi romhad. Bidh an CamasCentrelàn an oidhche sin. sinne cinnteach às sin. Fad an ath thrì seachdainean seinnidh do chliù anns na pàipearan agus air an rèidio. Nuair a thig an oidhche bidh sia ceud duine anns an taigh-chluiche, agus bidh iad an dèidh pàigheadh, O, chan eil fhios agamcan ceithir notaichean an duine. Tha mi fhìns manaidsear an taigh-chluiche air tighinn gu còrdadh gum faigh iadsan cairteals gum faigh sinne, sin Albion agus thu fhèin, trì chairteil. Tha sin aciallachadh gum bi, ah, gum bi ochd ceud deug ri roinn eadarainn. Gearraidh sinn siud na dhà leth, ’s gheibh thusa naoi ceud nota airson nota na h-aon oidhche. Bheil thu air do dhòigh?”
Chan eil,” thuirt an Caimbeulach.
Carson?” thuirt Carol NicLeòid.
Cha robh guth,” thuirt an Caimbeulach, “cha tug thu guth air


[65] tuarasdal airson nam prògraman telebhisean a tha sibhse adol a dhèanamh an dèidh làimh.”
Tha brìgh gach cluiche,” thuirt Carol NicLeòid, “gu deireadh. Bheir sinn dhut sias cheud nota airson gach prògram. Bhiodh e an urra riutsa an luchd-ciùil agus an dhubh a phàigheadh a-mach às sin. Ach mur eil mi air mo mhealladh, bidhfuirich diog gum faic misuas ru trì mìle nota agad airson sin a dhèanamh.”
Chuir an Caimbeaulach sìos an fhorc, thog e a nèapaigin agus thiormaich e a bheul. “Orra shocair, a nighean,” thuirt e. “Anns achiad àite, chan eil cuimhnam cuin a phòs mi fhìns tu fhèin cho brèagha, ach fhads a bha thu gabhail do dhuanaig ann an sin bha mi dèanamh mo dhìchill gus cuimhneachadh cuin a chaidh sinn còmhla. Achnach eil e neònach? – dhfhaillich e orm smaoineachadh air a rèiteach, air abhanais no eadhon air achiad oidhche còmhla. Nach i obair na dibhe tha dèanamh sgrios orm! ’S fheudar dhomh gu fìrinneach sgur dhen dram. Achagus thig mi chun aghnothaichcha do phòs sinn riamh. Tha mise air mo neo-ar-thaing. Ma bhios mi airson oidhche a dhèanamh anns aGhearasdan no ann an àite sam bith eile, cuiridh mi fhìn air dòigh an cèilidh. Agus ge be air bith bheir sinn a-staigh aig an doras, thèid fichead às acheud chun amhanaidseir, is bidh an còrr agam dhomh fhìn. mhìle nota do Dhòmhnall Caimbeul, bheil thu tuigsinn? Agus gu dearbh fhìn cha bhi bean agams a làmhan a-muigh ag iarraidh an dàrna leth dheth.”
Ghabh e anail mhòr is chrath e a cheann. “Anns an dàrna àite, a Charol, ged a dhaontaichinn leat a dhol nam chompanach còmhla riut, bhithinn nam chulaidh-bhùirds nam chulaidh-mhagaidhs nam chulaidh-thruais nan gabhainn ris an tuarasdal a dhainmich thu. Sia ceud nota dhan sgioba-coisridh! Gun luaidh air cosgaisean. ’S tha Albion adol a dhfhaighinn trì prògraman às?”
Bidh sinn,” thuirt Miller, “atoirt dhut ochd ceud deug mar thuarasdal.”
Sia ceud,” thuirt an Caimbeulach, “airson gach prògram. Tha sibh fada, fada ro ìseal. Mhoire, mum faighinn bhans peatroil air a son, mum pàighinn leabaidhs biadh, dannsairean às aGhearasdan fhèin, agus an dèidh dhomh Calum Iains Seonaidh Mòrs Màiri a phàigheadh,
[66] dhfheumainnbhiodh agam ri suas ri ceithir cheud gu leth a chur a-mach. Chan fhiach an t-airgead a bhiodh air fhàgail dhomh fhìn am poll.
Agus rud eile dheth,” thuirt e, is e ga coimhead san shùil, “carson a tha thu cho cruaidh air na daoinagad fhèin, a Charol? Bhiodh dùil agam coinneachadh ri cruadhlagan am measg nan Gall, ach cha do shaoilmi riamh gun tiginn tarsainn air spìocach bho Sgìre nan Loch.”
Thoir an aire,” thuirt Miller, “an rud a tha thug ràdh, a Dhòmhnaill.”
Leig leis, Aonghais,” thuirt Carol NicLeòid. “A Dhòmhnaill, tha min dòchas gu bheil thu gam chreidsinn nuair a chanas mi gu bheil mi duilich air do shon. Dhuinne ann an Albion chan eile sgaradh eadar Gàidheil is Goill. Tha sinne adèanamh phrògraman dhan luchd-coimhid air fad. Tha feadhainn dhe na prògraman air an dèanamh ler maoineachas fhìn agus tha feadhainn eile air an dèanamh le taic bhonSTG. Tha an t-airgead airson gach cuid atighinn bhon aon loch, agusfeumaidh tu seo a thuigsinn, a Dhòmhnailltha an loch againn asìor thràghadh. Tha sinn air ar cur gu dùbhlan le dìth airgid am measg an t-sluaigh, dìth airgid am measg an luchd-sanasachd, agus tha companaidhean nas motha asìor bhagairt oirnn. Sin as coireach gu bheil sinnspìocachleatsa, agus leis a h-uile duine eile a thag obair dhuinn. Innsidh mi seo dhut, a bhalaich. Bha obair againn air an t-seachdain seo chaidh ann an Roinn nan Naidheachdan airson neach-taisbein. Bheil fhios agad cia mheud neach-euma òg a chuir a-steach air a son? Còrr air ceud gu leth. Agus a bheil fhios agad bha sinn atabhainn mar thuarasdal sa bhliadhna? Bha seachd mìle gu leth.” Thog i a làmh mar gum biodh i airson casg a chur air aChaimbeulach mum fosgaileadh e a bheul. “Leam leam crìoch a chur air achòmhradh agam,” thuirt i. “ ’S e gnìomhachas,” thuirt Carol NicLeòid, “a tha seo anns a bheil sinn atoirt beòshlaint. Chan e cur-seachad a tha seo ann. Biodh e soilleir nad inntinn gun cuir sinn air adhart cèilidh anns aChamasCentretrì seachdainean a-nochd, co-dhiù bhios tu leinn air neo nar n-asgaidh, Mur bheil thu riaraichte leis aphàigheadh, biodh agad. ’S e an rud a sinn air cairtean a h-uile facal a chanas e ris achamara. ’S aithne dhuinn a-nis chluicheass a sheinneas, agus a bharrachd air sin, ’s aithne dhuinn ghabhas iad mar thuarasdal. Cuir romhad, a Dhòmhnaill.”


[67]

Chan urrainn,” thuirt an Caimbeulach, “chan eil sinchan fhaod sibh sin a dhèanamh.”
Faodaidh,” thuirt Miller. “Thug thu dhuinn comhairle an asgaidh, ’s tha sinn adol ga cur gu feum.”
Cha bann an asgaidh,” thuirt Carol NicLeòid, “a fhuair sinn a chomhairle ann, Aonghais. Nach e Albion a tha pàigheadh airson an diathad?” Agus thòisich i air ithe a-rithist.
Rinn an Caimbeulach cnap de nèapaigin na làimh is chuir e ri taobh a thruinneir e. “Dad ort, a Charol,” thuirt e. “ ’S dòcha gu robh mi car foileach an uair ud.”
Bheir mi,” thuirt Carol NicLeòid, “leth-mhionaid airson tighinn gu co-dhùnadh. Dèan suas dinntinn a bheil tha ga dhèanamh gus nach eil.”
“Okay,” thuirt an Caimbeulach. “Tha mi dol leat. Ach nach smaoinich thu air an airgead a-rithist?”
Tha mi,” thuirt Carol NicLeòid, “air sin a dhèanamh mu thràth. Dhatharraich mi minntinn. Than tuarasdal air a dhol sìos gu seachd ceud deug. A-mach às an airgead a sinn aig an doras, gheibh thu an treas pàirt dhe sin a-nis. An dèidh dhuinn manaidsear an taigh-chluiche a phàigheadh. tha ceàrr, a Dhòmhnaill? Nach ith thu do dhiseagan, ’s iad cho math?”
Dhfhalbh an t-acras dhiom,” thuirt an Caimbeulach.
Gabh thusa am biadh aige a rèisd,” thuirt i ri Miller. “Tha thu apàigheadh air a shon co-dhiù.”
Tha thu ceart gu leòr an sin, a Charol,” thuirt Miller, is e atogail truinnsear aChaimbeulaich thuige fhèin. “Cha dèan math dhuinn leigeil le biadh a dhol a dhìth, agus e pàighte.” Chuir e a-mach a làmh cheart agus thuirt e; “Do bheatha a Thelebhisean Albion, a Dhòmhnaill. Cùm thusa dlùth oirnne, agus chan eil fhios cho fadas a ruigeas tu fhathast.”
Tha eagal orm,” thuirt an Caimbeulach, is eg èirigh, “gur e Taigh nam Bochd an t-àite mu dheireadh dhòmhsa.” Choimhead e timcheall air air an t-seòmar-bìdh ann anChez Maurice. “ ’S fhada on chuala mi mu dheidhinn,” thuirt e, agus smèid e le làmhan is e atoirt a-steach acraichean de mheileabhaid, de leathar is de dhanart. “Ach cha robh fhios agam riamh gum biodh e cho brèaghas a tha e.”

titleA h-Ochd
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page