[68]

A NAOI

CAIT a bheil e?” thuirt Seòras Kerr ri Donnchadh Mac na Ceàrdaich anns an oifis aig IomhaighProductionsaig meadhan-latha. “Na can rium gun deach ceannard na companaidh seo do Steòrnabhagh a-rithist a dhfhaicinn Flòraidh.”
Chaidh e a dhÈirinn,” thuirt Mac na Ceàrdaich, agus na corragan aige adannsa air putain achoimpiutair, “dhan Fhèis Cheilteach ann am Baile Ath Cliath. Dhfhalbh e an- air aphlèan.”
Chan eil fhios agamsa,” thuirt Kerr, ’s e acrathadh a chinn. “Carson a tha an fhaireachdainn agam gur mise bhios apàigheadh airson seo aig acheann thall?”
Faodaidh tu,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “faighneachd dha a-màireach thug air falbh cho cabhagach. Dhinnis e dhòmhsa rudeigin mu dheidhinn mar a dhfheumadh companaidh mar Iomhaigh teannadh air co-riochdachadh. Ach bha mi air an telefon air an àm agus cha robh for agam air na thubhairt e. Bann anns amhadainn an- a bha seo, ’s cha robh e a-staigh fada. Cha do rinn e ach seasamh san doras.”
Cuin,” thuirt Kerr, “a tha dùil agad ris?”
Tha iad atilleadh an ath-oidhch’ ,” thuirt Mac na Ceàrdaich.
Chuir Kerr sgraing air. “Iad?” thuirt e.
E fhèin,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “agus Donna.”
,” thuirt Kerr, “a tha ann an Donna?”
Bhrùth Mac na Ceàrdaich putan air an inneal, dhùin e ceann achoimpiutair agus lìon e a sgamhan. “Donna NicÌomhair,” thuirt e. “Ban-Leòdhasachseadh, nighean òg às an Rubhaa thinnte. Bha Iain Ailig agus a bhràthair Murchadh glè mhòr aig a chèile uair dhen robh saoghal. Bha iad san oilthigh còmhla. Fear-lagha a thann dheth.”


[69]

Chan eil dragh achoin agam,” thuirt, “ thann dheth. tha inntese?”
Uill,” thuirt Mac na Ceàrdaich, is e agàireachdaich, “ ’s e nighean òg bhrèagha a thinnte. Tha i mar a chuireas mi e? – ’s e nighean bhrèagha a thinnte. ’S tha i, nam bharail-sa co-dhiùchanainn-sa gu bheil deich bliadhna agamsa oirre, ’s tha mi fhìn ochd air fhichead bliadhna dhaois, agus mar sin, nam biodh agam ri tomhas a dhèanamh air a h-aois, dhfheumainn a ràdh gu bheil i –”
Òg,” thuirt Kerr. “Bheil fhios agad, Duncan, a h-uile turas a bhios mi gabhail iongnaidh carson a chaidh do bhreabadh a-mach às a’ Bheeb, ths thu daonnan atoirt an reusain nam chuimhne.”
Okay, ”thuirt Mac na Ceàrdaich, “tha i dìreach an dèidh Sgoil MhicNeacail fhàgail, tha i airson obair sam bith fhaighinn ann an telebhisean, bidh tuilleadhs achòir de rìomhadh air a h-aodann agus cha bhi i acleachdadhbraann. ’N dèan sin an gnothach?”
Cha dèan,” thuirt Kerr. “Cha dèan e an gnothach idir. Tha sreath phrògraman againn ri dhèanamh ann an ceann mìos, agus tha ceannard na companaidh air falbh air sgrìob a dhEirinn, cuairt a phàigh mise air son, los gum bi hòro-gheallaidh aige fhèins aig. .. aigbimbo.” Thog e càrn phàipearan a bha air an deasg agus thug e sùil orra. “,” thuirt e, “a tha thu fhèin air a bhith ris?”
Litrichean,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “dhan fheadhainn a bhios an làthair anns an stiùidio airson nam prògraman, bheil fhios agad, atoirt taing dhaibh airson a bhith gabhail pàirt annta, cùmhnantan dha na farpaisichs dhan dithis cheannardanobair gun tlachd, tha thu tuigsinn, ach gu math feumail, saoilidh mi. O, tha mi air a bhithg obairseadh, afeuchainn ri loinn a chur air dhà no trì de bheachdan-smaoin a thair a bhith agam mu phrògraman eile.”
na prògraman eile?”
Chan eil iad deiseil fhathast,” thuirt Mac na Ceàrdaich,” ach faodaidh tu coimhead orra, feuch a bheil sgath feum annta. Tha fear aithriseachd an sin mu dheidhinn nam bràithrean Sobieski Stolberg Stuart, fear eile mu chùl-mhutaireachd anns na h-Eileanan agus ionmhas a tha air a thìodhlacadh air feadh na Gàidhealtachd, agus chì thu iomradh air prògram-cluiche eile. An seòrsa rud a chòrdadh riNorth Televisionnam biodh iad deònach a dhol a-steach nan craoladairean orra.”


[70]

Chuir Kerr na pàipearan sìos gu cùramach air an deasg. “Trobhad, Duncan,” thuirt e, “am bi, ah, tòrr de bheachdan-smaoin mar seo atighinn thugad? Rud eile a tha mi airson fhaighneachd dhut cuideachd: thagh an Caimbeulach airson Cuid do Chroinn? ’N e Iain Ailig a smaoinich air an toiseach?”
Uill,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “a dhinnse na fìrinn, cha robh cus eòlais. Aig Iain Ailig air aChaimbeulach mun tàinig an t-ainm aige am bàrr. Bha mi fhìn riamh miadhail air on bha mi beag. Tha cuimhnam fhathast air an t-sreath phrògraman a rinn e dhanBheebo chionn còig bliadhndeug Ach Caimbeul? an t-ainm a bhorra, ’s bhiodh a h-uile duine am Barraigh gu call nan sùilean gan coimheadagus ann an feisdeas-aotrom cha chreid mi gu robh a leithid riamh ann. ’S e duine èibhinn a thann. ’S tha iad sin gu math gann anns an t-saoghal a thann?”
Is dòcha,” thuirt Kerr, “gu bheil thu ceart. Bheil MacIlleathain ga fhaighinn èibhinn?”
Chan eil fhios am, ” thuirt Mac na Ceàrdaich. “An seòrsa duine a thann an Iain Ailig, tha e doirbh, chan fhaigh thu a-mach le cinnt cia air tha e smaointinn. Tha e dùinte, bheil fhios agad?”
Tha fhios againn air fad,” thuirt Kerr, “cia air a tha e asmaoineachadh. Tha an eanchainn aige eadar a dhà chas.”
“ ’S e amMountiea bhios aig aChaimbeulaich air,” thuirt Mac na Ceàrdaich le siot-gàire. “Tha e ga shamhlachadh riMountieach tha tha eg ràdh, ‘Chan eil beathach eich aig MacIlleathain ann’. Bidh an t-eagal ormsa aig amannan gun cluinn Iain Ailig feadhainn dhe na rudan a bhios Dòmhnall acantail mu dheidhinn nuair a bhios e tarraing às. Nan cluinneadh tu e an latha roimhe nuair a bha sinn abruidhinn ri chèile a-staigh an seo, mi fhìns Dòmhnall, mu dheidhinn aphrògram air an ath mhìos. Bha esan ag innse dhomh mar a bhiodh e ag obair air an luchd-èisdeachd an teis-meadhan na cluiche, agus thuirt mise: ‘Dhòmhnaill, bhiodh sin math gu lèor nam biodh e an urra riumsatha e èibhinnach chan eil annamsa ach an sgalag anns achompanaidh. ’S fheàrr dhut fuireach gun tig Iain Ailig a-staigh.’
Uill,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “thàinig gàire air aodann agus thuirt e: ‘Leig Iain Ailig às dinntinn, a Dhonnchaidh, Mura be gu bheil e eòlach air Gòrdan MacAnndrais aigNorth Televisionbhiodh e areicThe Big Issueair na sràidean. Agus bhiodh e toilichte ga dhèanamh.


[71]

Dhfhaodadh e an uair sin bòsdadh gu robh obair aige ann am pàipearan. “Get your Big Issue. Check it out. Check it out.” Chaidh solas aphoirds aige às bho chionn fhada, Dhonnchaidh. Neo-ar-thaing gu bheil seasmhachd aige. Ach tha innealan aca a-nis a bhuaineas amhòine dhuinn. Dìochuimhnich mu dheidhinn Iain Ailig, a ghràidhein. Tha amProfcòir air a dhol a-mach à fàsan.’ Agus a rèir mar a bhruidhinn e, shaoil mi gum biodh e a chearta coma ged a bhiodh Iain Ailig ga èisdeachd. Bha e cho bragail sin.”
Tha e sin,” thuirt Kerr. “Ach chan e droch rud a tha sin do dhfhear a tha dol a bhith an urra ri Cuid do Chroinn.
Is math leam,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “sin a chluinntinn. Bheil sin aciallachadh gun do phàigh e an t-airgead air ais?”
Chan eil,” thuirt Kerr. “Ach cha do phàigh. Uill, thug e dhomh seic airson mìle agus tha an còrr agam ri fhaighinn fhathast. Ach gheibh sinn bhuaithe ecreid sin.”
Dhia,” thuirt Mac na Ceàrdaich, “tha min dòchas gum faigh e an t-airgeads gum bi e còmhla rinn air aphrògram. Bidh an Caimbeulach sgoinneil air an telebhisean.”
Tha mise an dòchas cuideachd,” thuirt Kerr, “gum faigh e a làmhan air mìle gu leth. ’S tha mi mionnaichte gum bi e math air telebhisean. Gu dearbh, cha burrainn dhomh sin a ràdh mu dheidhinn a h-uile duine as aithne dhuinn. Aig achar as lugha, tha fhios aig aChaimbeulach cuin a tha Na Naidheachdan aig a Deich atighinn air.” Rinn e snodha-gàire.

titleA Naoi
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
parent textCùmhnantan
<< please select a word
<< please select a page