Am Measg Nam Bodach
Co-chruinneachadh de sgeulachdan is beul-aithris a chaidh a chraobh-sgaoileadh air an fhritheud eadar Samhuinn, 1936, agus An Gearran, 1937.
ROIMH RADH
An uair a chaidh na h-iomraidhean so a liubhairt air an fhritheud chuireadh meas mór orra leòsan a thuigeas Gàidhlig, anns gach ceàrn de’n dùthaich. Fhuaradh fàth gu’n robh iarrtas aig móran air na h-iomraidhean a shealbhachadh air dòigh a dheanadh comasach dhoibh an leughadh aig an cothrom, agus le cead is deagh-ghean am B.B. C. agus nan ughdar, do am bheil An Comunn Gaidhealach fo mhór fhiachan, tha e nis comasach an t-iarrtas sin a dhìoladh.
Cha do rinneadh oidheirp air an litreachadh a chothromachadh ri gnàths sam bith agus tha iad, mar sin, air an clò-bhualadh mar a fhuaradh iad.
Tha Comhairle a’ Chlò-bhualaidh am beachd gu’n cuir an leabhar so ri luach àireamh nan leabhraichean a tha aig làimh luchd-leughaidh Gàidhlig, agus tha dòchas aca gu’m faigh e an fhàilte agus am furan air am maith is fhiach e.
Bha mór iarraidh aig luchd éisdeachd gu’n rachadh na h-òraidean a chaidh a chraobh-sgaoileadh fo’n ainm “Am measg nam Bodach” a chur an clò, agus tha sinn gu mór an comain A’ Chomuinn Ghàidhealaich a ghabh an cothrom air am miann so a riarachadh. Tha an leabhar air a chur am mach le cead nan ùghdar, agus tha dòchas gu’m measar e mar oidhirp air sgeul a chumail air na céilidhean a bhiodh aig na seann daoine ann an cuid de Eileanan na Gàidhealtachd.
As leth am B.B.C.,
EOGHAN MAC A PHI.
title | Roimh Radh |
writers | Hugh Macphee |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Am Measg nam Bodach Roimh-Radh |
parent text | Am Measg Nam Bodach |