[82]

RATHARSAIR.

Le IAIN MAC ’ILLEATHAIN, A.M.

Chaneil móran eileanan anns a’ Ghàidhealtachd, a tha cho leth-oireach ri eilean Ratharsairàite eile air a bheil agus an robh cho beag de thadhal le luchd-siubhail chan aithne dhòmhsa. Feumair aideachadh nach e aon chuid doicheall no spìocaireachd aghnath-muinntreach a baobhar da so, oir is ainneamh ceàrna, eadhon anns aGhàidhealtachd, anns am faighear a leithid de bhàigh agus de fhior choibhneas agus a nochdar don choigreachs an eilean so.

do nach aithne an cuimhneachan a dhfhàg an t-Ollamh MacIain againn air an dòigh a chaidh deanamh ris air dha tadhal an Ratharsair, anns abhliadhna seachd ceud deug, trì fichead agus a trì deug. So agaibh mar a chuir esan e, “Tha a leithid so de ionad aoidheachd, cuartaichte mar a tha e le gaoith agus le uisge, alionadh na h-inntinne le cuspairean a tha sòlasach agus aig acheart ám tur eadar-dhealaichte. Am muigh tha an cuan fiadhaich, am fonn creagach, torunn nan tonn, coltach ri beucail na gaillinne, ach a stigh gheibhear pailteas, grinneas, maise agus cridhealas, an t-òran agus an dannsa. Nan do thachair mi air Ulysses an Ratharsair, shaoilinn gu dearbh gun robh mi anns achuid a bfheàrr den Ghreig.”

Gidheadh is ann mar a thubhairt mi a tha; agus a dhaindeoin gach maise a bhuilich nàdur air, le a chnuic stuadhach, a leacann torach, a ghlacagan domhainn tìorail, agus a choilltean ùra, tha an t-eilean so air fhàgail da fhéin gun móran dragha a bhiga chur air bho an taobh a mach.


[83]

Ach mar is minig a thachras ris an neach no an aig nach bi buntainn ris na thaga chuartachadh, tha subhailcean sònruichte air cinntinn am measg an t-sluaigh, agus tha iad a bhith cho iomallach ag aobharachadh an gnàths, am beachdan, ach gu h-àraidh am fearas-chuideachd a bhi air leth bho dhòighean nan daoine sin a thanan coimhearsnachd.

Is ann mar sin a thàrmaich iomadh dàn agus sgeul an eilean Ratharsair, nach cluinnear an àiteachan eilecuspair annasach agus taitneach, anns an robh muinntir an eilein adeanamh mór uaill, agus a thogadh aire luchd fuadain mar an ceudna.

Ged is beag an t-eilean so an coimeas ri eileanan eile, bha e mór gu leòir air son iomadh fear ealainn agus fìor ghàisgeach a thogail. Cha robh pìobairean ri an latha a bfheàrr na ClannIc Aoidh, agus nach cuala iomradh air achuraidh threun Iain Garbh MacIlle Chaluim a ghluais na pìobairean agus na bàird gu luaidh a dheanamh air a chliù. Ach ged a tha a liuthad sgeul air innseadh mu a thimchioll-san tha barrachd ann mu dhéidhinn laoch eile fear ris an abrar Calum MacLeòid. Tha e air ainmeachadh air Oig an Scoirebreac, ach bann an àite am meadhoin Ratharsair ris an canarAm Bràidhea tha e ag gabhail seilbhleitir cho fàsail, agus a tha ri a faotainn air fad agus leud na Gàidhealtachd.

Be MacLeòid so mac brathar a chinn fheadhna ainmeilCalum Camachasachesan a bha cho dealasach an aobhar aPhrionnsa, agus a ghabh pàirt le còrr agus ceud de a chuid daoine anns an ar-a- mach a rinneadh air taobh Thearlaich.

An déidh Chul-lodair thill na bha an lathair de na Ratharsairich dachaidh agus cha bfhada gus an tugadh am Prionnsa fhéin, air dha a bhina fhògrach, don eilean.


[84]

Bann am bothan beag air leadhad iomallach, faoileachail, ris an canar Glam, a bhatarga fhalach; ach bfheudar teicheadh le cruadhas na tòire an ceann latha. A sin dhaisig Calum MacLeòid e gu Scoirebreac agus troimh ioma cunnart threòraich se e gu Eallaghuala far an dfhuaireadh bìrlinn Mhic Fhionnghain gus a thoirt air ais gu tìr-mór.

Air don Arm Dhearg a chluinntinn gun robh am Prionnsa an Ratharsair, leum iad air an eilean mar ealta fhitheach, agus rinn iad a leithid de sgrùdadh, de gharbh spùileadh, agus de chreachadh, agus nach dfhuair an tuath os a chionn fad ioma bliadhna. Chaidh trì bailtean deug an curnan teine, agus cha deachaidh bàta fhàgail slàn air cladach ach aon a fhuaras fhalach faisg air ceann a tuath an eilein. Chaidh an tigh mór a churna smàl cuideachd.

An uair nach dfhuaireadh am Prionnsa thugadh oidheirp dhian air greim a dheanamh air MacIlle Chaluim, ach chaidh aige-san air teicheadh am measg a chliathnan do Chnoideart. Mar sin thuit cùram achinnich air guaillean ChaluimIc Leòid, agus bha móran de na naimhdean den bheachd gum besan an ceann-feadhna. Is e sin a dhaobharaich teanntachd na tòire a bhith cho cruaidh air an diunlaoch sofear cho misneachail, tapaidh agus a dhàraich aGhàidhealtachd ri a linn. Theirear fhathast mu a dheidhinn gun robh e cho seasmhach ri darag na beinne, cho dìreach ri giùthas aghlinne, agus cho sùbailte ri seileach nan lòn.

Agus chuireadh e uile fheum air a thapachd agus air a theòmachd oir bha an tòir an nis cho dian air agus gun ainneamh a burrainn da eadhon oidhche a chur seachadna thigh féin. Ged a bha ena chleachdadh aige àite falaich atharrachadh gu tric, cha do chum sin e bho


[85]

ghàbhadh. Air maduinn mhoich, agus e ag èaladh gu beul na h-uamha anns am bitheadh e ag cur seachad an latha, thàinig e air còmhlain de na saighdearan dearga, agus bann le fìor luathas nan eang a chaidh aige air tarruing bhuapa. Rinn e air mullach àird an eilein, ach mar a bha am mi-shealbh an dàn da, ciod air an tigeadh e ach cuideachd eile de arm an rìgh anns an robh eadar leth-cheud agus trì fichead duine. Cha robh gràisg mhiol-chon riamh cho dian aruith an fhéidh air creachan beinne agus a bha na saighdearan sin an déidhIc Leòid, agus iad den bharail gum be so gu cinnteach MacIlle Chaluim. Ach dhaindeoin an cuilbheartan agus an ruagadh, fhuair e car mu chnoc a ghabhail orra agus a shaorsainn fhaotainn aon uair eile. Cha bfhada a mheal e i, ged tha; an oidhche sin fhéin agus e air fannachadh le acras rinn e air taigh caraide gus biadh agus fasgadh fhaotainn. Fhuair e sin agus ri sheachnadh, agus ghabh e mu thàmh. An camhanaich na maidne thug bean an tighe an aire do na saighdearan adeanamh air an tigh agus air ball thog i an iollach. Cha robh ann ach gun deach aig an fhògarach air dusgadh agus air teicheadh mun robh an tigh air a chuartachadh. Thàrr e gu àite dìdean an glomhar mhór an Inbhir, toll dubh dorcha, ris an canar Uamh Caitriona Duibhe, agus chaidh aige air a thoirt am mach gun fhios do a luchd-tòir.

Bha an lion a nis cho teann agus nach burrainn da a cheann a chur thar beul na h-uamha, agus chuir e seachad trì oidhcheannan agus trì laithean mun dfhuaireadh am mach an fhròig anns an robh ega fhalach. Anns an dubh-thrath, an ceathramh feasgar, agus e gu faiceallach abeachdachadh mun cuairt dha, thug e an aire do bhannal shaighdearan air taobh eile na h-aibhne, agus iad le an cuilbheireangan tomhadh ris.


[86]

Cha robh a dhol as aige. Rinneadh greim air agus a thoirt do Phort-Righ, far an do chuireadh e air bòrd long-chogaidh còmhla ri iomadh priosanach eile, am measg an robh Domhnull MacLeòid a Galtraigil. Bu gheur an giulan anns an ghainntir oillteil sin, fo ainneart chaiptein Mhic Fhearguisduinemun dthubhairt an seanachaidha bu bhuirbe a chaidh riamh a leigeil ma sgaoil air Gàidhealtachd na h-Albainn.”

An déidh dhaibh a bhi fad mhìosan air an claoidh le cipeachadh agus gorta anns an luing so thugadh mu dheireadh iad gu baile mór Lunnainn. An sin sheas MacLeòid cùirt. Bha dùil aig a luchd-dìdidh fad an t-siubhail gum besan MacIlle Chaluim Ratharsair. Cha dfheuch am priosanach ri an cur ás am barail oir bha fios aige mar bu daingnichte a bhitheadh iadsannam beachd gum bann bu mhotha a gheibheadh Calum Camachasach féin faochadh bho an tòir. Mar sin leig e leotha riamh gus an deachaidh e air beulaobh nam Morairean.

An sin chaidh an fhianuisna aghaidh a chur turrach air shearrach. Be an comharradh bu chinntiche a bha aig a luchd-casaid air MacIlle Chaluim gun robh e Cama-chasach, ach an uair a leigeadh ris luirgnean an fhir a bhàtairg a dhiteadh chunnacas gun robh iad cuimir, dìreach.

Chuireadh air ais don phrìosan e, far an deachaidh feuchainn ioma uair ri a cho-eigneachadh gum brathadh e e fhéin a bhith an cogadh aPhrionnsa. Bhitheadh luchd-bratha atadhal air gu tric, atagairt cairdeis agus eòlais air, ag cumail am mach gun robh iadna chuideachd an ám Theàrlaich, ach bha e cho teòma, agus cho sgiobalta le theangaidh agus gun dhfhairtlich orra riamh an car a thoirt as.


[87]

Thugadh a shaorsa dha mu dheireadh air an dearbh a leigeadh Fionnaghal Nic Dhomhnuill ma sgaoil. Bu mhinig a theireadh e féin an déidh sin le fealla-dhà, air a bhi abruidhinn air an ám sin, gun tugadh do Lunnainn e a chum a chrochaidh, “agusarsa esanbu gheal a bfhiach e an t-saothair, oir chuireadh dachaidh mi an cuideachd Fionnghal NicDhomhnuill.”

Air don Ollamh MacIain agus a chompanach Boswell, an cuairt iomraiteach a ghabhail don Ghàidhealtachd anns abhliadhna seachd ceud deug trì ficheads a trì deug, be ar cuspair sgeoil a chuir MacIlle Chaluim aChoire-chatachain a chum cuireadh agus aiseag a thoirt don luchd-turuis sin do eilean Ratharsair. Bann am bàta làidir daraich a thogadh san Lochlann, tha Boswell ag innseadh dhuinn, agus le ochd raimh oirre a ghabh iad an t-aiseag don Chlachan. Be Calum a bha aig an stiùir, esan gu loinneil aseinn òran Ailein MhuideartaichTha Tighinn Fodham Eirighagus a chuideachd uile gu togarrach atogail an fhuinn.

Bha Calum MacLèoid cho sean ri trì fichead bliadhna agus a dhà aig an ám sin, agus so an cunntas a tha Boswell atoirt air. “Bha ena dhuine càirdeil, foghainnteach, le tuar na slàinte air a ghnùis. Bha a shùil mhear, bheothail anochdadh gu robh an so neach a bha seasmhach agus cridheil. Chan fhaca mi riamh cruth eile a bfheàrr a dhfhoillsich mo bheachd air dealbh fìor-Ghàidheal. Fhuair mi e a ghnàth, faoilidh, furanach, am fior-bhrigh an fhacail.”

A thuilleadh air gach subhailc eile a bhuilicheadh bha ena chluicheadair ealanta air aphìob, agus dheanadh e na puirt mar an ceudna. Is aon diù sinFàilte aPhrionnsaa dheachd e air dha a shaoirsinn fhaotainn agus tilleadh dachaidh á Lunnainn.

titleRatharsair
writersJohn MacLean
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page