[88]

AN SCARPA.

Leis an Urr. CALUM MACGILLEATHAIN, A.M.

Fàilte stigh oirbh a mhuinntir Ghàidhealach, agus an tuilleadh buaidh leibh!

An uair a bha Gilleasbuig MacDhòmhnaill, ris an canadh iad an Ciarán Mabach, mu dheas, thainig rudna chuimhne agus so mar a thubhairt e:—

“ ’S oil leam càradh na frìthe,
S mi bhith Lìte nan long,
Eadar Ceann Sàilein Sìothphort
S Rudha Ghrianaig nan tonn,
Agus Uiginnis riabhach
An tric a dhiarr mi damh donn,
S a bhith triall chon nam bodach,
Dam ba chosnadh cas-chrom.”

’S an aon uair riamh a chunnaic mise fear sa Scarpa agus cas chrom aige; ach chunnaic mi fear eile an agus e ag atharrais air bhodach Sgiathanach len casan croma. “,” arsa an dara bodach, ma bfhior, ris abhodach eile, “ fhads a bheirinn fhéins tu fhéin atreabhadh Chanada?” “Tha mi smaoineachadh,” arsa a ghoistidh, agus e dubadaich air achois chruim, “tha mi smaoineachadh gun deanamaid an am mios e, ach ar leòr uisge beathas tombaca bhith againn.” Ged a bhà beachd aig mo sheanchaidh air Canada gun teagamh, bha gu leòr sna h-Eileanan, ri linn, aig nach robh. Chuireadh iad daoine, glé thric, dhanTalamh Fhuaragus gu ruige taobh thallBeinn Chailifeòrnia”; ach co dhiù na co dheth, tha Canada gu leòr romhamsa a nis, agus chan urrainn mi gun fiamh beag gàire bhith orm an uair a chuimhnicheas mi air fear a baithne dhomh a bheireadh toll math ás an gheal shamhraidh mum biodh aon


[89]

seanchas beag fhéin aige cho réidh is cho cearts a dhiarradh e e bhith. Chaochail an duine còir sin, agus bè sin an duine còir, aig aois ceithir ficheads a seachd deugtrì a dìth acheudagus a sna laithean deireannach, thuirt e ri nàbaidh, “Bi thusa, a bhodaich, atighinn a chéilidh. Cha teirig seanchas.” Tha an Scarpa agaibhse sanTalamh Fhuarthugamaid a nall tharBeinn Chailifeòrniae, eilean beag air taobh an iar-thuath na Hearadh, a chùlaibh ri Amairioca, agus aghaidh ri Alba, eilean beag cnocach, beannach, creagach, glaiceach, geòthach, lochach, leacach, agus, mar a thuirt Maighstir Aileintràigh as gilean, àite cho fiadhaich, iargalta ri aghaidh achuain mhóir a siar agus fo shianntan troma na h-àirden iar-dheas, agus àite cho tìorail, agus a ni Alba sa gheamhradh, agus àite cho àluinn éibhinns a ni an Roinn Eòrpa san t-samhradh.

Agus mu na daoine? Is an air na seann daoine nacheil a nis buan a tha mise luaidh, agus canaim so, gun sòradh, gu bheil mi riaraichte gun robh daoine a sa Scarpa aon uair a thoill am moladh, agus rud aca nach bfheairrde sinne bhuainncàil Ghàidhealach a dhfhàg iad, ma rinn cluasan is sùilean dhomhse, air na barraibhnan càilnan cainnt agusnan cuairteachadh orra fhéin. Bha daoine de an chumail aca san dearbh linn air fìor cheann an iar-dheas Eirinn, oir tha ulaidh aig Gàidheil, agus canaidh mise, le cridhe làn taingealachd, an rud a thuirt Calum Cille, “Gàidheal Gàidheal, ionmhuinn ainm.”

Am measg nan iomadh buaidh Ghàidhealach a bha orra chan ainmich mi nis ach a h-aon, “An dàimhealach”; bha còiread agus cridhealas gràdhach, fosgarra, le furán fialaidh an sid gun dìth. Tha cuimhne agam aon fhear agus tha ioghnadh orm go ruige so an uair a


[90]

chuimhnicheas mi air an toileachas agus an gàirdeachas a dheanadh e rium an uair a ruiginn an Scarpa, agus chan aithne dhomh gun robh boinne dha fhuil annam. Chaidh Gàidheal gaolach mar esan latha chur fàilte air fear òg a bha glé chàirdeach dha agus ghabh duine uasal na càthadh sin ris dìreach mar a ghabhadh e, le modh Gallda, ris an Turcach. An uair a thill am bodach, ’s cha ba bhodach e, on fhàilteachadh od, bha fhallusna bhraon air a ghnùis. Is e an dàimhealachd so, an ceangal ro-nàdurra Gàidhealach, agus an ceangal cneasda Criosdail leis, a chuireas solus dhuinn air ris an canadh na daoine bhith duineil; ged a bhiodh tu cho làidir ri Aonghas Gréum, na ri Creach Mhangursta, an dithis a bainmeala aig Scarpaich, agus cho dàna agus gun tilleadh tu Musoilìni cha deanadh sin duine dhiotsa gun dàimh. Is e so, a rithist, a dhfhàg na seann daoine cho eòlach air a chéile air Gàidhealtachd Alba. Far am biodh do dhaoine bha e mar fhiachaibh ort an ruighinn uair no uair-eigin, agus o shean dheanadh na daoine còire, grinne, uasal a bha iad ann, aon uair sa bhliadhna air a char ba lugha, fàilte abhaile chur air baile eile, ge be air bith cho fada bho chéile agus a bhiodh an mhuinntir. Chunnaic mise sin ri linn mo sheanar agus na Leathanaichs na Leòdaichs na Moireastonaich a bhuineadh dhuinne ruigeadh iad an Scarpa agus thigeadh iad mar a chante a chéilidh, agus sin, ’nam beachdsa, acheud chéilidh agus an céilidh ba nàdurraiche agus ba laghaiche agus ba tarbhaiche bha dol. Tha cuimhne agam air a bhith an cois teine oidhche agus dhfhosgail an dorus beagcha robh glas no glag adolagus nochd coigreach san dorus agus dhéirich fear an tighe air a chasan agus le aoidh a bha cho soilleir ris aghréinna aghaidh agus le uile chridhe thuirt e, “A! fàilte air mo dheagh fhear-cinnidh.”


[91]

Bha balach á Tarasaigh an am bùth air an Tairbeart, agus, arsa bodach a bha sa bhùth ris, “Càitás an dthàna tu bhalaich?” “Thana mi á Tarasaigh,” “Agus co leis thu an Tarasaigh?” “Tha mi le a leithid so a dhfhear.” “Agus a bheil fhios agad, a bhalaich, gu bheil thu càirdeach dhòmhsa?” “A bheil?” “Tha, bhalaich; tha mi fhéin agus do sheanmhair a sna h-iar-oghaichean.” “Uel Iain,” arsa an ceannaiche, “nach tu tha math air sloinntearachd!” “A bheil fhios agadsa,” arsa Iain, “ bha mi deanamh an oidhche roimhe, agus gun an corr agam ri dheanamh; bha mi fiachainn an dheidhinn air ais go Adhamh.” Bha tuilleadh an; ach fóghnaidh dhòmhsa innse dhuibhse gun tug Iain thairis!! Tha daoine a san t-saoghal ùr so agus iad adeanamh uaill á sloinneadh an cuid chon, chruidh, chaorach, is each, agus chaneil fhios agam nacheil is chat is chearc, agus chaneil fhios aca an sloinneadh a bhair an seanmhair na acheud ainm a bha air aon sìn-seanair a bhaca. Bha sa Scarpa a baithne dhomh agus shloinneadh i a daoine go MacLeòid Dhùn Bheagáin; agus aon uair agus gun ruig thu Dùn Bheagáin, ged nach ruigeadh tu Adhamh, theid thu fada gu leòr á sin.

Chunnaic mi fear a Chlann Ghilleathain a bha càirdeach dhomh fhéin agus an uair a bha ena ghille òg, dhfhuadaicheadh e dhan Eilean Sgiathanach. Thàinig Sgiathanach far an robh iad agus dhfheòraich e de na Hearaich an robh duine aca a Chlann Ghilleathain, agus thug e leis an gille agus ghléidh e gu grinn e gus an dfhuair iad cothrom tilleadh dhachaidh; ged nach robh fhios aig aghille air bha an duine od càirdeach dha agus is ana dhfhìor mhuinntir Bhràcadaila bha iad le chéile. Bha mi am


[92]

Bréinis Uig, agus choinnich duine mór eireachdail rium a lionadh sùil duine an cuideachd air bith, agus thòisich sinn air seanchas. Dhinnis e dhomh gu dòigheil a chàirdeas ri Domhnall Cam mac Dhùghaill sàr-churaidh Chlann MhicAmhlaidh agus bha fuil nan uaislean Gàidhealach làidir an cuislibh abhodaich od, agus bha a bhuil air.

Is e an Teampull a chanar sa Scarpa ris an àite amhlaic. Tha eachdraidh san fhacal sin. Bha daoine sa Scarpa mun ám a fhuair mise na fiaclan a chunnaic an seann Chaibeal agus am mulach air. Leag maighstir sgoile Gàidhlig a thainig á Leódhas an Caibeal agus thog e tigh-còmhnuidh le na clachan. Thòisich tathaich san tigh, agus thainig air teicheadh. Bha cupán òir san aitreibh od agus thugadh fo thigh e agus thòisich tathaich san tigh cuideachd. Chaneil lorg a nis air, ach aige tha fhios nach tug fear-cuairt leis e, cuide ri nithean prìseil eile, air òrán, chan ann ach gun òrán fhéin. Tha eilean an loch mór am meadhon an Scarpa, agus an uair a phòsadh càraid sa Scarpa, chuirte iad a chadal dhan Eilean so air son na ceud oidhche co dhiù. Is dòcha leam gun robh Scarpaich sa linn sin cho fada bho eaglais agus a bha Diabaig o lagh, agus tha amharus agam gun robh eachdraidh air an eilean od agus ceangal aige ri cràbhadh is aoradh bho shean. Agus nach fhaod mi àite eile mar sin, ach gu mór air a chaochladh, ainmeachadhUamh Uladail. Bhà, co dhiù a thà na nacheil, sgàig aig muinntir ceann a tuath na Hearadh roimh Uamh Uladail. Bha MacLeòid na Hearadh ri linn Bliadhna Thearlaich, ’ga fhalach fhéin innte, agus cha ba bheag a mhisneachd dhà e. A nis, is e an sgial bha air Uamh Uladail gun robh uile-bheist innte agus gun do mharbh gaisgeach air an robh Dos i. Chaill esan a


[93]

bheatha ri linn na còmhraig agus dhfhàg an creutair fuathasach so cuilean san uamh, agus mu dheireadh thall bha dùil aig feadhainn gun robh am fear-millidh e fhéin afuireach innte.

Aonghais nach ba mhuladach
Gum fhad thu o Uamh Uladail,
Gum bàite tàimh ro lurach i,
S a cunnart na tòir taing air.”

Tha tuilleadh an, ach so agaibh an rud a thuirt am bodach Hearach ri cailleach Phapaigh— “Chaneil diadhachd idir agaibhse am Papaigh.” “Thà,” arsa chailleach, “nacheil Creag Churadainn againn?” “U,” arsam bodach, “tha Sron-a- Sguirt againn fhéin!”

Mas math mo bheachd so mar a bha na linntean sa ScarpaLinn mo sheanar,” “Linn nan creach,” “Linn Oisein,” agusLinn Chailbhein.” Is dòcha leam gur an mu linn nan creach a bfhearr leibh beagán a chluinntinn. Is ann an déidh do MacDhòmhnaill nan Eilean a chòraichean a chall agus a dhfhàgadh an tìr fada agus farsuinn gun stòladh aig crùn na aig crannaig a bha linn nan creach ceart an agus mar a thuirt Domhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn:—

Ba lionmhor cogadh is creachadh,
Bhan Loch Abar a san uair sin.”

Agus bha gu leòr aca a san Eilean Fhada, agus bha iad pailt feadh Leódhais is na Hearadh, agus is e Leódhas ba mhiosa dheth na na Hearadh, oir thainig cùisean an Leódhas gu bhith buileach gruamach, fuilteach agus borb. Tha àiteachan an Leódhas dlùth dhan Scarpa mar a tha Baile na Cilles Mangursta, Mialasdas Tobhta Choinnich, agus, mar a thuirt am fear eile, nam biodh còmhradh aca bhiodh sgialachd aca! Ach is fearr dhòmhsa iomradh a dheanamh air creachan Hearach.


[94]

An uair a bha an t-Ollamh MacIain air a chuairt chuireadh ceist air nach do chòrd ris, an an a Chlann MhicIain Ghlinne Comhann a bha dhaoine. Cha bhiodh achùis eadhon cho taitneach dha nan dearbhte air gur an a Chlann MhicIain na Hearadh a bha dhaoine. Is e dream sgriosail a bha annta, agus ged nach deanadh iad achùis air MacLeòid na Hearadh, is iomadh gniomh bradach, brùideil a rinn iad. Cha leigear a leas innse orra ach gun do ghoil cailleach còire mór uisge agus gun do dhòirt i air corp fear aca e agus e san uaigh le a malachd. Bha an saighead agus an claidheamh siùbhlach an uair sin, agus bha fear a sna Hearadh, fìor Leòdach, agus bha e ainmeil feadh Alba air claidheamh. Ràinig Eadailteach agus cleasaiche claidheamh MacLeòid na Hearadh, agus e air son dùbhlan a thoirt a dhIain MacLeòid, ach ma ràinig cha do thill. Is an an Eilean Bhearnaraigh a bha Iain MacLeòid afuireach ach theirte gun do thilg e air MacLeòid na Hearadh gun tug e rogha claidheamh dhan Eadailteach air tùs, agus leis an tàmailt gun tug e Tír Mór air, agus chaidh a bhàthadhs e deanamh na h-iomraich. Bha fear eile a sna Hearadh an déidh sin air an robh Aonghas Beag MacLeòid, agus bha e fhéin iomraiteach air claidheamh. Chuir Fear Bhréinis dùbhlan go MacLeòid na Hearadh agus dhfhalbh Aonghas Beag go ruige Bréinis agus chuir e fàilte air Fear Bhréinis, agus sheas iad aig a chéile. Tha e coltach nach robh MacAmhlaidh e fhéin tais, ach mu dheireadh thall dhlùthaich Aonghas Beag air agus bhuail e gu h-aotrom am pután ás a leine fon amhaich aig Fear Bhréinis agus thuirt e ris, “An dean sid an gnothaich?” “,” arsa MacAmhlaidh. “Tha dùil agad gur e MacLeòid a thagad,” arsa Aonghas, “agus chan


[95]

eil agad ach fear dha dhaoine.” Thuirt an duine còir fiosrach a dhinnis dhomh mu Aonghas Beag so gur e fhaotainn marbh a sa bheinn a rinneadh air Aonghas Beag, agus gur è am fear mu dheireadh a chuireadh an ciste cloiche an Eaglais Róghadail. Bha Dòmhnallach a sna Hearadh a rinn meirle mairt agus chaidh an duine leis an robh abhó far an robh e fiach am face abhò. a thainig a stigh air amheirleach ach gun robh amharus air, agus thug e ionnsaigh air an duine, agus mharbh e e, agus cheangal e suas e an seice na agus chuir e sa mhuir e. Is an am Baile air a bheil Driniseadar a rinneadh an t-olc; agus a thachair ach gun dfhuaradh an duine marbh san t-seice an Eilean Scalpaigh. Ma fhuair, theich am murtair dhan Eilean Sgiathanach go MacDhòmhnaill Dhùn Tuilm. Coma leat, chaidh fir ás na Hearadh air a thòir, agus, go naidheachd fhada dheanamh goirid, thug MacLeòid na Hearadh achroich dha. Dhfhàgadh sa chroich e, agus air oidhche dhorcha agus fear agabhail an rothaid bhuail aghaoth na cnamhan bochda air, agus so an rud a thuirt am fear sin. “Tha chead agad, is e luaths do laimhe fhéin a dhfhàg a sin thu.”

Ri linn nam -rian, a thainig ri linn nan creach, thaining rud ana-cneasda air daoine bochda Luchd nan Creach fhéin. An uair a bha daoine ris an droch obair air Tìr Mór agus creachangan togail eadar Peairt is Gallaibh ba neònach gum biodh na h-eileanan ás an aonais. Rud nach robh! Agus cuimhnicheamaid gun do leanadh air an obair go Bliadhna Thearlaich. Agus so agaibh aon naidheachd a chuala mise air togail nan creach sna Hearadh.

bha sid thainig culaidh mhór ràmhach bho thuath agus chaidh i troimh Chaolas an Scarpa go ruige


[96]

Tùisinis agus sid air tìr na fir agus thòisich am murts am marbhadhs achreach an Tùisinis gus mu dheireadh nach robh duine beò aca ach aon fhear a bha shìos fo bhruthach agus e deanamh eathair. Dhfhalaich am fear so e fhéin agus chuala e iad ag radh ri chéile, “Bidh sinn an nochd an Tarasaigh, agus bidh sinn an ath oidhcham Papaigh,” agus a rinn am fear od an Tùisinis ach an t-eathar a bhaige chur a mach agus teicheadh go Tarasaigh. An uair a ràinig e Tarasaigh fhuair e sluagh neo-chumanta cruinn, oir tha e coltach gun robh banais na rud-eigin mar sin aca, agus an uair a dhinnis e naidheachd an fhir mhaoil gun fhalt chaidh na fir fo armachd agus chuir iad iad fhéin an òrdugh catha. Thàinig na ceatharnaich eile, agus ma thàinig fhuair iad rud ris nach robh dùil aca, agus thòisich an cath, agus abair cath. Ma dheireadh thall cha robh beò air clàraibh na h-iùbhraich od ach aon fhear agus ghabh e am muir agus shnàmh e Caolas Tharasaigh, ach ma shnàmh cha bann air a shocair agus na Tarasaich atilgeil achuspair fhad agus a ruigeadh saighead e. Chaidh e air tìr air sgeir a leigeil anail agus is e sin a dhfhàg ainm air an sgeir. Coma leat co dhiù, thug e mach tìr mór agus thug e bheinn air, agus cha robh an corr mu dhéidhinn, agus chaidh na bliadhnaichean seachad gus abhliadhna bha so agus muinntir Tharasaigh air a dhol go ruige Gleann Mhiabhag a thoirt na spréidh go baile geamhraidh a tha agam air dhuit, ach gur ann a bha am beathach eich a bfhearr aca air chall. Cha robh air sin ach sin fhéin, ach suas eadar thu agus Nollaig nach an a thainig fios go ruige Tarasaigh gun robhas a faicinn each gun fhios co leis e mu thuath an Leódhas agus rinn iad a mach co dhiù gur e each taobh Loch Mhiabhag a bha san each, agus


[97]

dhfhalbh an Tarasach fiach am faigheadh e lorg air, agus cha do stad e gus na ràinig e Nis, agus dìreach shios eadar thu is ceann shios Nis dhinnis iad dha far an robh an t-each agus an duine aig na stad e, aguss e an t-each a bha sid ceart gu leòr, agus cha robh an corr mu dhéidhinn ach gum feumadh an coigreach fuireach far an robh e air son oidhche, agus abair thusa gun dfhuair e gabhail aige. An uair a thainig tràth cadail agus a chaidh an teaghlach mu thàmh, cha robh aig an teine ach am bodach mór, fear an tighe e fhéin, agus a rinn am bodach ach cùl nan cas a chur ris an teine, agus arsa esan ris an Tarasach, “Tha cleachdadh againne san dùthaich sa, agus chaneil fhios agam a bheil e agaibh sna Hearadh, air a bheil garadh-cùl-chas againn. Sheall am fear eile air cùl nan cas agus a leithid sin a dhuireasbhuidhs a lotan, ’s an a ghabh an Tarasach a dhioghnadh na bhaige. “Tha ioghnadh ort,” arsa am bodach, “ach sin agad e an rud a chaidh a dheanamh ormsa an aon uair a bha mi a riamh an Tarasaigh. Chaidh na h-ochd saighdean annam agus mi teicheadh le mo bheatha bhuaithe, agus is cinnteach gum ba luath do làmhsagan cur ann.” Mha bha ioghnadh roimhe an abair thusa eagal a nis. Ach is an a bha an gaisgeach laghach an am bodach mór e fhéin. “Tha eagal ort,” arsesan, “ach is tu fhéin nach leig a leas, a bhalaich. Mur deanadh sibhse oirnne dheanamaide oirbhse.” A nis chaneil an so ach rud a thachair ceart gu leòr. Thàiniglinn nam bodachis bha i gu math na bfhearr nalinn nan creach,” ach bha i fhéin làn cruais agus ana-cothrom aig daoine bochda. Chan an idir nas miosa tha cùisean a nis. “Dhfhalbh sid is thàinig so!”

Beannachd leibh.

titleAn Scarpa
writersCalum MacLean
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page