[106]

BARRAIDH.

Leis an Athair Urr. IAIN MAC ’ILLE MHAOH.

i a bhratach tha sud, Fhilidh?” “An i sud bratach Mhic treun bhuadhaich? Chì mi laoch gasda air a ceanns i fhéin atogail feadh shluaghaibh.” “Chan i tha sud,” arsa Fearghus, “ach a bhrichile bhrochaile, Bratach Ghoille mhóirIc Mhòrna. ’Se bu shuaicheantas dhan sròl bhuidhe toiseach tighinn agus deireadh falbh. Mar chliabhan atreabhadh gu tràigh bi aghàir chathaga diomain.” “Sin,” arsa Calum Barrach, “na ceithir ficheads a ceithir bliadhna mar a labhair Fearghas ri Earagan Mac Earra nan long, ’nuair a thàinig e bho Righ Lochluinn air son feachd na Féinne fhaicinn. ’S e an dòigh a ghabh iad gu so a shealltuinn dha Brataichean Féinne eubhach a mach an déidh agus an sluagh a bhaga leanamhuinn leis gach . Mu dheireadh nochd an Deò Ghréine, Brataich Fhìnn, Bratach Mhic Cumhail ri crann, naoi slabhraidhean aisde nìos agus naoi naodhnar do làn ghaisgich air ceann na h-uile slabhraidh.” Air oidhcheanan fada geamhraidh chruinnicheamaid timchioll teallaich an sgeulaiche no an duanaire. ’S mi dhfhaodas a radh timchioll an teallaich. Bhiodh craoslach mór air an teintean a bha am meadhon an ùrlairFear an tighena shuidhe air furm ann an ceairsle fhraoich agus smùid aige asnìomh an t-sìomain. Bean an tighe a bha math air calanas sgrìob aice air càrdadh, gliog air cuibhle, neo brag air beairt-fhidhe. Fead aig aghaoith ghruamaich gheamhraidh a muigh, neo osnaich neònach le tachdadh sneachd. Sinne, sean agus òg, gu seasgair tìorail timchioll aghealbhain. Bha aig an oigridh ris an sgeulachd a cheannach, agus be an


[107]

obair-san a bhi taghadh murain, ag cur cinn nan sop cothrom ri chéile agusgan deanamh suasnam badagan dòigheil agus mo thruagh am fear nach deanadh. Bha stad adol air abheairt-fhidhe. Bha an crùisgeanga chur ás is cha robh ach solus caomh achaorain a nis. Bha fear an tighe atòiseachadh mar so, “Gabhaidh sinn an nochd Laoidh an amadain mhóir, Duan na Ceàrdaich, na Dàn an Deirg?” air neo dhfheòraicheadh eCàit an do stad min raoir?” “Stad sibhnuair a dhfhaighnich Mac an Earraich Uaine dhen Ionmhuinn gu bu dùsgadh dhan Olach a bhana chadals a cheann na h-uchd agus bhan sgeulachd ag cumail roimpe as a sin.” Bha sinn a nochd air àraich batail far an robh móran marbh agus leònta, cailleach atighinn aig nach robh ach fhiacail dhiubhna bata na làimh, agus eile na dealgna h-uchd. Achailleach ag coimhead a cuid fhéin feadh na h-àraich, agus gach fear mar a gheibheadh i chuireadh i a corragna bheul, agus bha e leum suas cho beòs a bha e riamh. Thàinig i gu fear nach buineadh dhi, ach air leatha fhéin gum buineadh agus an uair a chuir i a corragna bheul sgar e dhith i bhon bhun. Thug, chanadh na bodaich, ordag a coise sanas do bhun a chruachain, agus thilg i fad seachd iomraichean e. Nach bu bhiasd achailleach? Cha robh i cneasda.

Bha sinn an sin ann an uamha fuamhair nan cóig cinn, nan cóig mìl, agus nan cóig muineilgar suaineadh fhéin am measg an òirsan airgid aige an uair a tha crithga chur air ar feòil le fuaim agus le straighlich ana-céill, gliongadaich mar gum biodh aig móran shlabhraidhean atighinn agus guth mar gun deanadh tonn mara ann an slochd Fi Far feòragaich. ’S fhada bha mo chorcag bheag mheirgeach ameirgeadh ann an toll afeitheamh


[108]

air greim dhe dfheòil agus balgam dhe dfhuil. Am bàs as do chionn gu dhéireas. Tha e iongantach mar a bha sinn afaighinn as gach càs eagalach. Tha famhair eile atighinnnuair a tha fear nan cóig cinn, nan cóig mìl, agus nan cóig muineal adol a dheanamh a shuipearach dhinn. Tha an fhamhair adol am bad a chéile adeanamh bogan air a chreagan, agus creagan air abhogan, ’s nuair bu lugha rachadh iad fodha rachadh iad fodha gun glùinean, ’s nuair bu mhotha rachadh iad fodha rachadh iad fodha gun sùilean. Tha sinngam fàgail adalladh air a chéile, agus atoirt ar casan leinn ag eubhach dha chéile: “O tàr as! O tar as! O tar as mum beir iad ort!” Is tric air an latha diugh fhéin aig Slochd nam Frangach an Aird-Ghrinn a bhios mi smaointeachadh air an sgialachd a bhaig seann duine còir. “ ’S garbh an Tombaca,” a bhaig air an sgeul. Bha gaine tombacasan eilean. Bhan seann duine truagh as aonais, agus thug a shannd agus a mhiann air an Sgialachd a dheanamh. Lean e sgarbh feadh gach cléite is gach sgors gach lotaig, ann an creagan Aird-Ghrinn gus an dfhuair e mu dheireadh nead an sgairbh ann an uamha an òir ann an Slochd na Frainge, ann an sin, ’eudail agus fhearaibh an t-saoghail: Tombaca nach fhaca sùil riamh a leithid. Tombaca caol agus reamhar, tombaca pronn. Spliùcain loma làn tombaca. Bha shòlas làn, ach mo thruaighe, cha robh ann ach aisling aBhodaich mar a dhùrachd. Is minic a bha mi ann am Bìrlinn Chlann Raoghails i cur nam both dhith feadh achuain, ròin is miallan móranan eiginn, onfhadh is confhadh na mara is falbh na luinge asradadh an eanchainean geala feadh gach tuinne. ris nach còrdadh Ridire na Sgéithe Deirge Mac an Earraich Uaine ri gaisge nam fear a gheibheadh bàs a réir Ridire Chùirn agus


[109]

Ridire Chlaimheimh am mòintich bhuig, asgealpadh creige no sgath gàraidh nan àit-eignnuair a bhiodh iad-san adol air ghaisge. Fear a rinn gach gnìomh gaisge, is ged a chaidh a bhrath, a fhuair ás is air a thilleadh dhachaidh a chuir snaoim nan trì chaoil gu daor agus gu dochair air dithis Mhic an Righ, agus a thilg seachad thar seachd sparran iad.

Buamhasach cho luath is a dhfhalbh an seann sgialaiche. Bha thu an dràsdaig do chagailte ann am Barraidham prioba na sùla bha thu thall aig Pàlais Righ Lochlainn. Ann an sin thog thu na siùil bhreaca, bhaidealach, dhìonach, agus mun canadh tuDia leatbha thu cumail còmhraidh milis ri nighean Righ na Greige, far an do choinnich thu Gruagach an Eilein Uaine, a thug leis thu air fras mhullach aghuaillnean gus na dhfhàg e thu air Pàlais an Naomh Padruig ann an Eirinn. Naomh-Padruig agus Oisein aig dinneir. ’Se mart-fheòil a bha aca agus bha cnàmh sliasaid mairt ann a bha aibheasach fhéin mór. “Am faca tu,” thubhairt an Naomh Padruig ri Oisein, “cnàmh mairt riamh aig an Fhinn a bha urad sin?” “Chunnaic mis,” arsOisein, “cnaimh luirge lon-duibh arachadh an cnàimh sin troimh tholl an smior aice.” Rinn an Naomh Padruig gàire fanaid air Oisein. Ghabh Oisein an fhearg agus chaidh e amach gu cnoc a bha air bialthaobh aChaisteil agus leig e sgairt ás a chualas ann an cóig coigeamh na h-Eireann. “Falbhaidh leamsa,” thubhairt Oisein a bha dall, “agus stiùridh mi gu Eas-glas aGhlinn Mhóir thu.” Rinneadh so, agus á toll dubh a bha ri taobh Easa, tharruing Oisein a mach cnàimh luirg lon-duibh a bha cho mór is a thubhairt e. “Bha,” thuirt an seann duine, “barrachd mór air a bhi againn air an Fhinn mar a be


[110]

gun do chuir Naomh Padruig teagamh ann am briathran Oisein.

Bho chionn fhadan t-saoghail chaidh seann duine còir a choimhead air MacNèill, Bharraidh, latha Nollaig, agus an déidh dhaibh fàilte chur air a chéile, agus gach sonas, slàintis fortan a ghuidhe dha chéile, thug an seann duine làmh air abhotul bhodaich a bha aigena phòca, ach stad MacNèill e is thubhairt e, “Modh na h-aoise do MhacNèill. So mar a bhitheas. Bidh bodach air abhodach, is bithidh bodach air MacNèill: Bodach air fear an tighe, is bodach orm fhéin.” Bha dram na Nollaige mar sin air MacNèill air fad.

Chaidh an t-Ollamh Alasdair MacIlle Mhìcheil, an Gàidheal eireachdail, air chéilidh air seann phiobaire a bha am Barraidh. Thug e leis botal bodaich air son geurag a chur air cuimhne Dhòmhnuill aMhuilinn. Be sin ainm aphiobaire. Thugadh tarruing air abhotul agus dhfhaighneachd MacIlle Mhicheil de Dhomhnull am fac e na sìthichean riamh. “Am faca mi iad?” arsa Domhnull, “Gu , luaidh, dheanainn as an aonais. Sin agaibh aphiob ann an sin mar a dhfhàg iad an raoir i. Cha do bhean mise dhi an diugh.” “An robh iad an so an raoir?” thubhairt MacIlle Mhicheil. “An robh iad an so an raoir?” arsa Dòmhnull, “Chaneil oidhchesa bhliadhna nacheil iad an so.” “An dthig iad a nochd.” “Thig iad an nochd. Chaneil ni nas cinntiche na sin,” arsa Domhnull is etoirt sùla air abhotul. “Sfheàrr dhomh coimhead a mach.” “Cha do nochd iad fhathast,” arsa Domhnull, air dha tilleadh a stigh. Sin mar a bha gus an dfhuair e na bu mhiann leis as abhotul. Chaidh e a mach mu dheireadh agus air a thilleadh a stigh thuirt e gun robh fios eagail air nach tigeadh iad an


[111]

nochd. “Bha e cho anamoch,” arsa Domhnull, “mun dfhàg iad an raoir, ach fàgaidh sibh agamna thasabhotul feuch am bi balgan agam do Shìtheanach beag Bial-an-fheadain.” Thuirt nàbuidh a bhaig Domhnull gun dfhuair e trosg briagha as achladach. “Am fac thu,” arsa Domhnull, “an robh reubag bheag fon bheul aige.” “Gu dearbh cha do mhothaich,” thubhairt am fear eile. “Ma tha,” arsa Domhnull, “is e an trosg agam-sa thann.” “Is fheàrr dhomh falbh dhachaidh gus am faic mi.” Dhfhalbh an duine bochd, agus an ceann tacan thill e agus an trosg aige. “ ’S e a Dhomhnuill, do throsg-sa thann gun teagamh. Nach e Dia rinn dhomh gun do dhinnis mi dhuit e.” Bha Domhnull na bu ghlicena ghinealach fhéin, agus na beòlaiche air iasg na bhan seann duine eile. Dhfhalbh ám ciatach nam bodach. ’S ann fìor ainneamh a chluinnear an diugh uirsgeulangan innseadh, duain no dàingan seinn nogan togail le ion-eòlais. Dheug na h-Aosdanan smearail, agus chaidh an cuimhne a thiolaichead. Tha seann daoine againn, gun teagamh, ach chaneil dreach no tuar nam bodach, mar a chunnaic sinn iad, ach air cuid aca. Cha mhotha tha spiorad nan seann laoch annta, na idir fuil dhaimheil, ghaolach air còir-bhreith an duthcha aruithnan cuislichean. Faigh an diugh am paipear naidheachd air an dean thu prabalais de leughadh, a roghainn air an eachdraidh a dhfhàg do shìnnsearan agad, a dhùisgeadh lùgh ann an smuais do chnàmhan, a chuireadh tinntinn air bhoil le fiabhras fearalachd. Gaol an t-seana Bharraich air a dhùthaich, farmad aige ris aGhréin:—

A ghrian ud shuas gur beag an t-ioghnadh,
Glòir na faoilte bhi mu dcheann,
Thu bhi triall bhon ghleannsan oidhche,
Null gu caoimhneas achuain thall.


[112]

Nam bu leam do thrialls na speuran,
Nàil! cha bhiodh mo cheum cho mall,
Ach pògaidh thusan nochd cuain Bharraidh.
S mise fo bharraibh chruaidh nam beann.
Fath mo mhulad a bhi ann.

* * * * *

Mo dhùrachd rim mhairean dhuit Eilean nam beannachd,
S an t-siorruidhechd bidh manail mar phaidearan ceò,
Ag iadhadh mun cuairt dhiot, ’s asileadh nam buadh ort,
Ma choisneas min duais tha cho luachmhor an glòir.

titleBarraidh
writersJohn MacMillan
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page