BEINN A’ BHAOGHLA.
Leis an Urr. SEUMAS MACDHOMHNUILL, A.M.
Am Measg nam Bodach—nach iomadh rud a tha na facail sin a’ toirt ’nar cuimhne? An nochd air dhomh a bhi ag cainnt ruibh an so tha iad a’ toirt fa-chomhair m’inntinn-sa iomadh cuimhneachan air laithean sona m’òige ann am Beinn a’ Bhaoghla—aon de dh’eileanan beaga iomallach a’ chuain Siar. Tha mi an ceart uair féin a’ faicinn gu riochdmhor fa chomhair mo shùla na seann daoine còire air an robh mi eòlach agus a thug dhomh iomadh fiosrachadh air na nithean sin anns an robh iad fhéin ag gabhail tlachd is ùidh. Tha iad a nis ’san dachaidh bhuain, chan ’eil an làthaireachd againn, is ged nach gluais iad tuille ’nar measg cha teid iad air dhi-chuimhne oirnn oir tha àite aca ’nar cridheachan nach toir sinn do aon nì eile.
Chan ’eil ach sia seachduinean bho’n a bha mise air ghluasad ann an soitheach athair a bha a’ seòladh aon dà mhìle troigh os cionn Bheinn a’ Bhaoghla. Chunnaic mi iomadh rud a chuir ioghnadh orm agus ged a bha fhios agam gu’n robh gu leòir de lochanan beaga ’san Eilean cha do thuig mi riamh gu’n robh na h-uibhir dhiùbh ann. Bha iad an sud mar sgàthanan beaga airgid gu soilleir ri fhaicinn gu h-iosal fodhainn. Chan ’eil iasgair aig nach ’eil fios gu bheil bric gu leòir annta, ach chan ann air na bric a bha mise a’ smuaineachadh aig an ám. Nach tric a chuala mi aig na bodaich is mi’m bhalachan beag mu na h-easganan móra agus na h-uamhasan eile a bha ri’m faicinn ’s na lochanan sin. Easganan móra grànda aig an robh corp cho garbh ri each, agus a bha comasach air snàmhaiche làidir a tharruing fodha ’s a bhàthadh. Bha e air a ràdh cuideachd gu’m bitheadh
iad a’ dol bho loch gu loch air feadh na h-oidhche, agus a’ fàgail an lorg ’nan déidh. Saoil am b’ann a chur an eagail oirnne bha iad, ma’s ann bu mhath a chaidh aca air. Mar a dh’fhaodas sibh a thuigsinn cha robh e idir ’na annas leinne ’nuair a chuala sinn mu’n uile-bheist a tha tathaich Loch Nis, oir b’eòlach sinne air a bhi ag cluinntinn mu iomadh creutair neo-chneasda mar sin ann am Beinn a’ Bhaoghla bho chionn iomadh bliadhna.
Chan ’eil aon a labhair air a’ chuspair so, nach d’thug iomradh air mar a bha a’ chéilidh anns an eilean d’am buineadh iad. Bha a’ chéilidh againn cuideachd is bha móran fiosrachaidh air seann eachdraidh aig bodaich Bheinn a’ Bhaoghla. Nach d’fhuair an t-Ollamh Alasdair Mac ’Ille Mhìcheil móran de na tha aige ann an Carmina Gadelica bhuapa. Ma sheallas sibh air deireadh an dara leabhair chì sibh na tha aige ri ràdh mu mhuinntir an eilein agus na thug iad dha. Cha ruig mise leas mar sin móran a radh uime sin oir nach ’eil e aige-san air a chur far comhair mar tha, na’s feàrr na’s urrainn dhomhsa a dheanamh. Bha na h-òrain a bhiodh gu tric air an seinn aig na céilidhean air an gabhail sìos cuideachd agus tha a’ mhór chuid dhiubh anns na leabhraichean aig a’ mhnaoi uasail Nic Ualraig Friseal, agus a thaobh nan sgeulachdan, bha aon a tha iomraiteach air son eòlais air beul-aithris na Gàidhealtachd ag innseadh dhomh gu’n d’fhuair e ann am Beinn a’ Bhaoghla mór ulaidh de sgeulachdan nach robh aca ann an àitean eile. B’iad sin uile toradh na céilidh.
Mar a thigeadh e do dh’Eileanaich bha iad ’nam maraichean barraichte. Is ann an Tigh na Céilidh a fhuair mi mo cheud leasan. Cha robh mi ach glé òg ’nuair a thuig mi gu’n robh an saoghal beagan na bu mhotha na’n t-eilean beag againn fhéin. Bha fios agam
gu’n robh àitean eile ann mar tha an t-Eilean Sgitheanach, Eige is Rùm a bha ri’m faicinn gu liath neònach air taobh thall a’ chuain, agus bu tric mi a’ meòrachadh ciod an seòrsa dhaoine a bha a’ fuireach annta. Is ann ag éisdeachd ris na bodaich a dh’fhiosraich mi gu’n robh dùthchannan mór eile ann, thall air cùl nan eilean far an robh bàiltean móra, rathaidean iaruinn le traingead is ùpraid. Bha e ’na ioghnadh leam a bhi ’gan cluinntinn a’ toirt iomraidh air na bailtean anns an robh iad agus na seallaidhean a chunnaic iad. Bha aon bhalach ’nam measg faodaidh mi a radh, a bha ag gabhail mór shuim air ciod a bha aca ri ràdh mu na turusan air an robh iad. Bithidh sinne gu math tric ag gearan air cho duilich is a tha dhuinn gluasad bho àite gu àite gu sònruichte am measg nan eilean, ach nach mór na sochairean a tha againn seach mar a bha aig ar n-athraichean bho shean. Cha robh e ’na shùgradh móran siubhail a dheanamh ’s na làithean sin. Is ann le sgoithean a bha iad a’ fàgail an eilein. A réir m’eòlais bhiodh cuideachd dhiubh a’ togail orra gu Glaschu mu dheireadh an fhoghair le bathair sam bith a bha aca ri reic. Tha iomradh fhathast air aon turus a rinn Murchadh Mac Iain Ruaidh, ann an seann Sgoth Leòdhasaich. Bha e an déidh cur a mach a Cannaidh le srann math gaoithe a’ séideadh o’n Ear, agus dùil aige a bhi an Ceann a Tuath Mhuile mu’n tigeadh an oidhche air. Cha deach e ro fhada gus an d’fhairich e stracadh neònach far nach bu chòir dha bhi. Thug e sùil fodha feuch gu dé a thachair agus an sin mhothaich e sgàineadh mór eadar a dhà de na cuairtean anns am faodadh e a mheuran a chur. Cha robh aige ach cumail air a chùrsa agus taobh an sgàinidh a chumail ris an fhuaradh gus an do ràinig e Muile. Gu fortanach dha cha do dh’atharraich a’
ghaoth, ach nach b’eagalach a shuidheachadh. C’àit’ a bheil iad an diugh a bheireadh sgoth a aon air bith de na h-eileanan air astar cuain cho fada ri Glaschu.
Nach tric a chuala mi cuideachd mar a dh’éirich do Lachlann Mac Ghilleasbuig air a rathad air ais as a’ Ghalldachd. Bha an t-astar á Glaschu fada anns na laithean sin agus ghabh e fhéin is dà charaid ath-ghoirid air bàta a bha dol troimh ’n Chrionan. Chan ’eil agam air dhuibh ach gu’n deach na diùlnaich do thigh a bha dlùth làimh aig aon de na h-àitean anns an do stad am bàta, air son greim bidh, agus mu’n d’fhuair iad air ais bha’m bàta air falbh. Cha robh aca air sin ach an t-Oban a thoirt orra—rud a rinn iad ag coiseachd fad an rathaid; ach mar bha mi-fhortan an dàn chaidh iad air seachran oir cha b’aithne dhoibh an t-slighe. Bha Lachlann fhéin ag innseadh gur ann an camp nan ceàrd a fhuair iad aoidheachd, agus riamh bho’n latha sin bha meas mór aige air na ceàrdan.
Nach mór a’ choiseachd a dheanadh iad ’sna seann laithean. Chuala mi mu dhaoine a mhuinntir an eilein a rachadh gu tìr mór agus a choisicheadh gu Inbhir Nis agus ás a’ bhaile sin gu Ceann Phàdruig. Is bitheanta a chuala sinn, agus a rinn sinn gàire, air a’ chuairt a ghabh Gilleasbuig MacRaghail do dh’Inbhir Nis agus a choisich e air ais gu Port an t-Sròim le srathan a cheannaich e do dh’ Iain Bhóid air a mhuin. Ged bu taitneach leinne a bhi ag éisdeachd mu thurus ’Illeasbuig, tha mi cinnteach nach bu chùis ghàire sam bith ’san ám dha a bhi a’ siubhal na dùthcha le a leithid de dh’uallach.
Chan ann a mhàin air na chunnaic is na dh’fhiosraich iad fhéin a bhiodh na bodaich ag cainnt. Thigeadh iad thairis gu bitheanta air sean eachdraidh agus seann bheul aithris. Is tric a dh’fhaighniceadh dhiom-sa an
robh móran beul-aithris am measg nan seann daoine mu thimchioll Prionnsa Tearlach, agus Fionnghal NicDhomhnuill. Bha sin aca.
Chaidh àiteachan a chomharrachadh dhomh air taobh an Ear an Eilein aig a bheil an sgeul fhéin ri innseadh. Chì sibh ann am Fiughaidh agus ann an Ruaibhil na tuill agus na sgorran anns an robh e am falach. Is ann a shaoileadh sibh gu’n robh iad air an deanamh air son a’ ghnothaich. Tha leabaidh a’ Phrionnsa ri fhaicinn an sud fhathast, agus ann an Roisinich tha Loch nan Arm far an do thilg e fhéin agus na bha maille ris an cuid airm is iad an déidh cuideachd fhaicinn astar beag air falbh a bha coltach ri saighdearan dearga. Sud làrach na h-àirighe an Roisinich far an do ghabh e comhnuidh fo chùram Ban-tighearna Mhic ’Ic Ailein is anns an do dheasaich e a bhiadh fhéin. B’ann á so a dh’fhalbh e le Fionnghal NicDhomhnuill anns an riochd sin a thug e le tearuinteachd gu a chàirdean ’san Eilean Sgitheanach. Chì sibh mar an ceudna laimhrig a’ Phrionnsa far an deach e fhéin is Fionnghal air bòrd na h-eathair a thug a null gu Trotoirnis iad.
Is dòcha gur anns a’ cheart àirigh anns an robh am Prionnsa an Ròisinich so a bha an gille buachaille mu’n cuala mi na bodaich a’ toirt iomraidh agus bu mhath a chòrd an sgeul rium aig an ám. Bha Ròisinich ’na fhearann chaorach aig Baile nan Cailleach far an robh Mac ’Ic Ailein agus b’fheudar do’n bhuachaille fuireach am muigh anns an àirigh. Air uairean bhiodh Dòmhnull Og a bha ’na bhuachaille ann am Baile nan Cailleach a’ dol a dh’ionnsuidh a’ ghille ann an Ròisinich le mart bainne agus a tilleadh le mart seasg. Bha an t-astar fada agus air gach sgrìob a ghabhadh e b’fheudar dha an oidhche leigeil seachad le buachaille Ròisinich ’s a’
bhothan. Air oidhche bha sud ghabh na gillean mu thàmh is Domhnull Og ’na laighe air beingidh mu choinneimh a’ ghealbhoin. Gu dé a thachair ach gu’n d’thàinig coigreach a steach ann an sàmhchair na h-oidhche. Ghabh e null far an robh Domhnull agus ars’ esan gu foirmeil, “Teann suas a Dhomhnuill Oig.” Cha b’fhada gus an d’thàinig fear eile steach agus an déidh sin fear an déidh fir, gus mu dheireadh an robh a dhà dheug dhiubh ’sa’ bhothan agus a’ cheart fhàilte aca uile “Teann suas a Dhomhnuill Oig.” Rinn Dòmhnull Og bochd mar a dh’iarradh gus mu dheireadh an do thuit e thar na beinge agus laigh e gu sàmhach air an ùrlar le chridhe air chrith ’na chochull leis an eagal. “Nach bochd a bhi gun bhiadh,” arsa fear de na coigrich. “Cha bhi sinn gu’n bhiadh is a bhó reamhar aig Domhnull Og am mach an sud,” arsa fear eile. A mach a ghabh iad is thug iad a steach a’ bhó. “Ach ciamar a mharbhas sinn i gun sgian againn,” dh’fheòraich fear diubh. “Nach math an sgian a tha am pòca Dhomhnuill Oig,” fhreagair fear eile. ’Nuair a bha iad mu thimchioll na bà theich Domhnull agus chuir e aghaidh ris a’ bhaile is thàr e air falbh cho luath is a’ leigeadh a chasan leis. Fhad is a bha e a’ ruith bha e ’cluinntinn farum air a chùl. A’ dol tarsuing Abhainn a’ Chròig aig Ruaibheal thuit e is laigh e an sud cho sàmhach is a b’urrainn dha feuch an rachadh gu dé sam bith a bha ’na dhéidh seachad air. Gu dé bh’ann ach tòrradh. Dìreach ’nuair a bha iad ri thaobh gu dé ach gu’n do bhris aon de na luinn leis an robh iad ag giùlan na ciste. “Ciod a nì sinn a nis,” arsa fear dhiubh, “Nach math an lann a nì Domhnull Og” thubhairt fear eile agus ciod a thachair ach gu’n do chuireadh Domhnull fo’n chiste, greim aig fear air a cheann agus fear eile aig a chasan is mar sin thog iad orra. B’e cladh Bhaile nan
Cailleach a bu cheann uidhe dhoibh agus air dhoibh uaigh fhosgladh an sin, thubhairt fear aca gu’n robh iad ’san àite cheàrr, gur ann do Chladh Amhlaidh ann an Iochdar an Uidhist a Deas a bu chòir dhoibh a bhi. Thog iad orra matà is Domhnull aca fo’n giùlan mar a bha e roimhe. Dh’fhosgail iad uaigh an sin cuideachd ach cha robh iad fhathast ’san àite cheart. Is e Aird Mhicheil a bha rompa a nis. Nuair a ràinig iad Ard Mhìcheil dh’fhosgladh uaigh agus gu dé ach gu’n do rinn iad tuille ’s domhain i. Ciod a bha ri dheanamh? “Cha ruig i leas a bhi tuille’s domhain,” arsa fear aca, “nach cuir sinn Domhnull Og fo’n chiste, ni sin a chùis.” Air dha sin a chluinntinn thug Domhnull sgreuch ás is dh’fhosgail e a shùilean agus b’ann le taingealachd a thug e fa-near gu’n robh e ’na laighe air a’ bheingidh ann an Ròisnich.
Tha eagal orm gu bheil an ùine air dol seachad is gun mi ullamh fhathast air na bu mhath leam a ràdh mu bhodaich Bheinn a’ Bhaoghla. Tha mi toilichte an cothrom so a bhi agam mu’n eilean ’san d’fhuair mi m’àrach. Mo dheadh dhùrachd dhoibhsan uile a tha a’ fuireach ann agus dhuibhse a bha ag éisdeachd rium.
title | Beinn A’ Bhaoghla |
writers | James MacDonald |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |