NA HEARRADH.
Le SEUMAS MACCOINNICH.
Chan ’eil neach a bha riamh air chuairt anns na Hearradh na fhuair a thàladh le tuinn chìr-ghealach, luaisgeanach, a’ Chuain Siar nach tuig ionghnadh is glòir is maise Tùr Chliamhainn anns an robh ealain nan naomh ’s nan cliar air an seirm o linn Chaluim Chille.
“Aig ceann a’ Ghlinn uaisnich ud,” arsa Seann Choinneach, is e a labhairt a mach á toit liath-ghorm na mòna, “tha eachdraidh air casgairt, ’s air cogadh, air sìth is gràdh is carthannas aig nach ’eil coimeas ann am beul-aithris no ann an duan.”
“O!” ars’ esan ’s e ’tarruing na sunaig shochraich anns an robh e ’na shuidhe na bu dlùithe air an teallaich chraosaich a bha ag cur blàthais is deàrrsaidh fo chabair dhorcha an tighe, “thuirt beul gun bhreug,” arsa esan, “Màiri Nighean Alasdair Ruaidh gu’n tigeadh latha na bochdainn air Ròdal. ’S e faidheadaireachd a b’aobhar dhith a bhi air a sgiùrsadh do Dhiùra, gus an do ghabh Sir Tormod truas dhith air dha a h-òran muladach a chluinntinn:—
“Thoir mo shoraidh do’n dùthaich,
Tha bho dhubhair nan Garbh-Bheann,
Gu Sir Tormod ùr allail,
Fhuair ceannas air armailt.”
’S math dh’fhaoidte, ’laochain, gu’n tug Coinneach Odhar iomradh air, ach fada roimhe sin, ’s abair thusa sin ri Raoghnall ’nuair a chì thu rithist e, oir chuala mise mo sheanamhair ag radh, gu’n robh cuimhne aice air ban-altrum a bh’aig Clann ’Ic Leoid ioma bliadhna, agus tha so agam-sa cho cinnteach ’s ged thigeadh e a beul a’ mhinisteir fhéin ’s e ’s a’ chrannaig, o’n latha a
chuir Alasdair Crotach, ceann-fheadhna Chloinn Leoid, anns an t-siathamh linn deug, trì cheud ceithir fichead Domhnullach agus a còig gu bàs le teine-mùchaidh ann an uamha ann an Eilean Eige, o’n latha sin, cha tàinig piseach no adhartas orra.
Tha sgeul eile aig na Hiortaich orra, o’n a chaidh an teaghlach treun lùghmhor ud, a chur gu bàs fhaotainn air creagan eunach uamhalta Hiort, gu’n robh e anns an Dàn gu’n tigeadh crìoch air ughdarras, urram is onair Chloinn MhicLeoid. Biodh sin mar a bhitheas e, a bhalaich, ach an ath uair a theid thu gu Ròdal, coimhead anns an oisein an Iar de’n Tùr—an t-oisean a chaidh a leasachadh ri linn an ceud Righ Daibhidh is chì thu an sin fìrinn mo sheanachais, chì thu uaigh Alasdair Mhic Uilleam ’Ic Alasdair Chrotaich, ’s bheir mi m’fhocal fìrinneach mo bheoil nach ’eil a leithid an Alba. Tha iad a’ labhairt air Caisteal Amhuinn-Suidhe, a chairdean, ach chan ’eil ann ach Dùn faire Lochlannaich ann an coimeas ri cuspair mo sgeòil, chì thu obair cloiche snaidhte grinn, clach a thàinig as an Ros Mhuileach, oir cha robh, ’s cha bhi a ghnè cloiche sin anns an Eilean Fhada. Tha an uaigh ann an sud, mar sheòmar air a dhealbh gu h-innleachdach. Air a ghearradh a mach ás a’ chloich tha na h-abstoil, agus an Naomh Cliamhainn, ’s lorg aige ’s an darna làimh agus claigionn ’s an làimh eile, os cionn sin tha soitheach seòlaidh fo aodach, agus air do làimh dheis ag coimhead air uaigh Alasdair Chrotaich chì thu Mìcheil agus Sàtan le sligean tomhais,” agus arsa an seanchaidh fìor-ghlic, fìor-eòlach, “na’m bu sgoileir no fear-fòghlum mise dh’fhaodadh fios a bhi agam gu dé a tha sgrìobhte ann an Laideann os cionn na Gáidhlig Olgharrach so, oir b’e Olgharr an Lochlannach rìoghail o’n tàinig Clann ’Ic Leoid uile.”
“A Choinnich,” arsa Seòras le mór ionghnadh, “chan ann ag cur bacaidh air ’ur cainnt a tha mi, ach gu dé a tha an soitheach ionnlaid a tha anns a’ cheann an Iar thuath ag ciallachadh; is minic a bha e ’nam ùidh fhaighneachd”; “Ma’s math mo chuimhne,” arsa Coinneach, “chuala mi Domhnull Mór na h-Ordaig ag radh, gur e sin an soitheach anns an robh na cailleachan dubha ’gan coisrigeadh féin gach bliadhna. Tha còrr agus leth cheud bliadhna o’n a chuala mise an eachdraidh o bheul glic pongail Dhomhnuill Mhóir ’n ar suidhe ’n ar dithis ann an Rudha Phuinnd. Cha tig an aois leatha fhéin agus feudaidh e bhi gu bheil mise am mearachd agus ged a tha sin mar sin, ’fhearaibh, tha cuimhneachan Dhomhnuill ’Ic Leoid Bhearnaraidh agam air mo theangaidh. Chan ann a’ deanamh uaill ás mo chuimhne tha mi, na’m b’ann, ’s e a theirinn gu bheil Rann na Féinne agam o bha Fionn ’na leanabh gus an latha ’san robh Oisean ag caoidh le òran mór a mhulaid dha. Tha mi ’gar riasladh is ’gar sàruchadh ’illean.”
“Chan ’eil, chan ’eil,” arsa Niall na beirte ’s e toirt slaodaidh air fhiasaig, “a mach le cuimhneachan Dhomhnuill ’Ic Leoid, a Choinnich! Cha leisg leinne annas do làimhe a chluinntinn, is fhiach sgeul mhath a h-innseadh dà uair.”
“So agaibh i ma ta, bithibh buidheach no diombach—Mar chuimhne air Domhnull MacLeoid Bhearnaraidh, Mac Iain, fear-teagaisg Chloinn ’Ic Leoid, neach a bha ann am buadhan cuirp is inntinn ag cur an céill éuchdan agus feartan nam fear treuna a bha ann o thùs. Chaidh seanair agus brathair a sheanar a dheanamh ’nan Ridirean leis an dara Righ Tearlach air son an dìlseachd agus an treubhantais aig Blàr Uorstar, far an robh Bratach Rìoghail nan Stiubhartach air a sgaoileadh. Anns
a’ bhliadhna seachd ceud deug, dà fhichead agus a còig, ged a bha Fear Bhearnaraidh air teachd gu aois, ghlac e a chlogad, a sgiath agus a chlaidheamh, agus aig Blàr na h-Eaglaise Brice, chuir e ruaig air feachd ’na aonar. O sin a mach thill e gu ’thigh féin ann am Bearnaraidh air a ghràdhachadh leis na h-uile agus ann am mór mheas aig a chàirdean agus a luchd-eòlais. Aig trì fichead bliadhna agus a còig deug, phòs e an treas bean agus uaipe bha naodhnar a theaghlach aige, agus fhuair e bàs air an t-siathamh latha deug de’n Dùdlachd, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug ceithir fichead ’sa trì. Tha carragh cuimhne air a chur air le a mhac Alasdair, agus sud na briathran gun lide ceàrr a null no nall.”
“Glé mhath, a Choinnich, math da rìreabh, ach an e sin Alasdair a reic na caileagan Scalpach ris na h-Eireannaich?”
“O mo ghille math, tha thu mearachd, cha robh anns na h-Eireannaich sin ach luchd reubainn cuain, ach cha d’fhuair iad leotha oir chunnaic té de na caileagan suaicheantas a cinnidh air saighdeir ann an còigeamh Ulaidh, oir bha feachdan Gàidhealach an Eirinn aig an ám so, agus ghlaodh i mach “Cobhair a bhrathair! Cobhair!” Le sin chaidh an luchd reubainn a chur gu bàs. Phòs cuid de na caileagan saighdearan, ’s bha cuid pòsda aig Eireannaich, agus ma’s math mo chuimhne tha sliochd nan Eireannach an Scalpaidh gus an latha diugh. Na toir thusa cluas gur h-e Fear Bhearnaraidh bu choireach. Bha Fear Bhearnaraidh agus na Caimbeulaich aig an robh Scalpaidh ro dhlùth an dàimh. Cho fads’ is fhiosrach mi ’s e te a Chlann ’Ic Leoid a bha pòsda aig Domhnull Caimbeul a thug aoidheachd do’n Phrionnsa an déidh Chul-lodair. B’e sin na Caimbeulaich de’n robh Anna Chaimbeul a’ sgrìobh an t-òran iomraideach
“Ailein Duinn” a tha air a sheinn aig Mòd is céilidh an diugh. Chan ’eil fios aig móran air eachdraidh a Phrionnsa, anns na Hearradh,” arsa Coinneach, agus e ’ga shocrachadh fhéin ann an cathair an t-seanachaidh.
“ ’S e sinn-seanair an fhir ris an obair sinn am Morair MacAmhluidh bu mhinisteir anns an eilean aig an ám, fear Amhluidh MacAmhluidh; b’esan a bhrath am Prionnsa agus tha “Cnoc nan Saighdearan” ann an Scalpaidh gus an latha diugh a’ toirt fianuis air casgairt a bha iargalta agus borb. Far am bheil Tigh Comhnuidh ministeir na h-Eaglaise Saora, ’s ann an sin a bha Làrach tighe Dhomhnuill Chaimbeul a thug aoidheachd agus fialaidheachd do Thearlach Og. A réir mar a tha e sgrìobhte dh’fhaodadh Domhnull deich mile fichead punnd Sasunnach fhaotainn o’n Chrùn, ach cha robh sin ach suarach aig cridhe glan, onarach, còir an laoich. Tha cuid ag cumail a mach gu’n d’ràinig Domhnull Airidh-bhruaich maille ris an Fhògarrach, ach le facal na fìrinn cha deach bàta a’ Chaimbeulaich na b’fhaide na beul Loch Sìophort. Ràinig am Prionnsa a’ bhean-uasal Nic Coinnich ann an tigh Chille-dùine làimh ri Steornabhagh ach bha eubha nan creach roimhe an sin, agus thill e air a chois-cheum chiadna do Scalpaidh an ceann trì làithean, ach thàinig air dol a steach do dh’fhasgadh Loch Seal oir bha an Cuan Sgitheanach làn luingeis chogaidh. Mu dheireadh thall, ràinig e Scalpaidh ach bha Domhnull Caimbeul a’ siubhal sléibhe is monaidh agus na saighdearan dearga air a thòir. Chuir am Prionnsa aghaidh air Uidhist, troimh ghàbhadh is cunnart, troimh loch is luib is òb ràinig e caladh, agus cò nach cuala iomradh air Fionghall Nic Dhomhnuill, ach is mór am beud gur ise a fhuair an cliù uile, oir bha fear a Chlann ’Ic Leòid maille ris, fear Domhnull Macleoid
á Port Righ, a latha agus a dh’oidhche ann an teanntachd agus ann an cruaidh-chàs; b’fhìor laoch agus ghaisgeach e agus fhuair e bàs gun urram gun iomradh.
“Ged is leisg is fheudar, a Choinnich! Ach thig orm falbh.”
“A laochain,” arsa na bodaich á beul a chéile, “thoir leat fàd lasrach mu’n teid thu le Creag Losgaidh nan Gall.”
“ ’S ioma fear math a chaidh leatha,” arsa Coinneach, fear cathrach an tigh chéilidh, “o’n cheud latha a chuir na Lochlannaich sradag ri Laoisguitir ’s a chaidh coilltean na Hearradh ’nan smàl; anns a’ ghleann udlaidh ud os cionn Mhiabhaig a deas tha Hoosa, nighean Righ Lochlainn ’na cadal agus crònan Allt nan Caorach ’ga cur fo gheusaibh gu latha Luan.”
“Cuir coinnean ri do phìob, ’s gu’n innis mi so dhuit, mo ghille math,— —”
“Tha solus Laoisgiutar an sud fhathast, tha solus na Leacainn ann cuideachd, ach chan urrainn sinne innseadh an e taibhs air a bheò no air a’ mharbh a tha sin, ach cho cinnteach ’s a thionndaidheas Uisge Gluba nan Clòintean ’na fhuil thig comhlionadh air nithean do-rannsaichte na h-aimsir so.”
Mhothaich mi gu’n d’thàinig lannair dealrach dubh-ghorm ann an sùil Choinnich, agus air dha éirigh gu na h-uinneige, labhair e mar neach á saoghal nan Spiorad— “Seall sud,” ars’ esan, “seachdain o’n nochd theid neach air choireigin a ghiùlan gu àite taimh nam marbh, làimh ris bi druidh is manach, cha b’e Cliamhainn, no Tarans a dh’òrduich sin, ni motha ’s e Priomh Athair Phapaidh no Maol Ruibhe nan Eileanan Móra, cho àrd ’s gu robh an inbhe ann an Eaglais nan Ceilteach, ach a laochain bi a’falbh mu’n goir na coileach, sàth do chorran
anns an fhàd chòsaich ud agus gach beannachd a d’ chois.”
Bha mi air mo bheo-ghlacadh le ionghnadh do-labhairt, oir ged nach cuala mi Gairm nam Marbh, agus ged nach faca mi na nithean a chuir solus mi-nàdurra ann an sùil an t-seanchaidh, chunnaic mi a’ Bheithir theinntidh a’ tuiteam le steall is srann os cionn Ròineabhal agus i a’ togail a cùrsa air Tùr Chliamhainn. Mar is beò mi chan ’eil mi creidsinn ann an droch-shùil, taibhs, no dà shealladh ach a Choinnich! a Choinnich! Oidhche mhath leat.
Tha eachdraidh fhéin aig gach bodach; chan e sodal no plaosgan nan daoi, ach fìrinn nam fàidh le dà shealladh air a ghiùlan air sgiathaibh nan saoidh. Seanachas air treubhantas, ’fhearaibh, sgeul air cogadh is sith.
Gràdh agus coibhneas ’gar tarruing gu cladach ar n-Eilein ’s ar Tìr. Oidhche mhath leibh a chàirdean.
title | Na Hearradh |
writers | MacKenzie |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |