[127]

EIRISGEIDH AGUS UIDHIST A DEAS.

Le DOMHNULL MACDHOMHNUILL, A.M.

Tha sean-fhacal ann a tha ag ràdhgur iomadh rud a chì an duine as fhaide beò.” Nis ged nacheil mise ro shean is iomadh rud a chunnaic mi agus a chuala mi cuideachd anns a bheagan a shiubhail mi den t-saoghal. Ach ged a shiùbhlainn seachd uairean a h-uile cearn a tha eadar ceithir rannan ruadha an domhain tha mi smaointinn nach fhaicinn gu bràth de dhioghnaidheans de rudan neònach uibhirs a chunnaicsa chuala mi mun dfhàg mi riamh taobh teine mathar ann an Eilean Eirisgeidh, agus be sgeulachdan is duain nam bodach a bu cheann aobhair da so. Cluinnidh mi daonnan an òrain nam bàrd iomraidhean air Muile nan Craobh, Eilean Sgitheanach aCheò, Ilen Fheòir, Tiridh ìosal an Eòrnas mar sin air n-aghaidh, ach tha mi duilich a ràdh nacheil Eirisgeidh comharraichte air son a h-aon de na nithean sin. Is thubhairt am Bàrd urramach Maighstir Ailean MacDhòmhnuill fhéin mu dhéidhinn:—

“ ’S lom e mhuran, ’s lom e dhuilleach,
S lom e churrac eòrna.”

Ach ged a bha sinn riamh an Eirisgeidh loms na gnothuichean sin bha daonnan fàs maith againn ann am bodaich, agus be na bodaich sin a chuir an céill dhomh-sa an toiseach na h-ioghnaidhean uamhasach a bha rim faicinns rin cluinntinn anns an t-saoghal neònach a bha na seann sgeulachdan atoirt fo mchomhair. Bha mi aig an ám sin cho eòlach air Fionn MacCumhails a bha mi air mo sheanairs bu tric a rinn mi còmhradhnam inntinn fhéin ri Cuchullain, Diarmad O Duibhne, Oisinn, An Garbh Mac Stàirn, Murchadh Mac Brian agus


[128]

gaisgich eile na Féinne. ’S tric a sheòl mi tarsuing an lòin thunnag anns an Iubhraich Bhallaichs a thug mi ruaig as déidh nan tunnagan fhéin le Bran is Fireach, na coin shealg a bhaig Fionn. Ghearrainn fead Chaoilte na bfheàrr na ghearradh Caoilte fhéin, is sheinninn ceòl sìthe cho binns gun cuirinn mo mhàthair fo gheasaibh los mfhàgail aig an teine air oidhcheannan geamhraidh ag éisdeachd ri cainnt nam bodach.

Ach thàinig caochladh mór air an sin, ’s dhfhalbh an saoghal sin mar bhruadars chaneil agam an diugh ach an càrn air an do stéidhich mi e, eilean creagach, corrach Eirisgeidh.

A réir nan sean eachdraidheans ann air aon de na rìghrean Lochlannach a bhanns na h-Eileanan uaireigin den t-saoghal a tha Eirisgeidh air ainmeachadh. ’S ann á Uidhists á Barraidhs ás an Eilean Sgitheanach a thàinig na daoine anns an toiseach. Clann Dòmhnuill á cùl na Beinne Móire an Uidhist, Clann Aonghais ás an Eilean Sgitheanach agus ClannIc Fhionghuin á Barraidh, agus na fineachan eile cuid ás gach eilean dhiubh sin.

Mar a thaainm a leigeil fhaicinn dhuinn, bha Eirisgeidhna eilean rìoghail o shean, ’s mar sin cha chuir e ioghnadh oirnn gum be cheud àite air an do dheònaich Prionnsa Tearlach a chas a churnuair a thàinig e a thoirt a mach fearann a shìnnsre. Bidh sinn fhéins na h-Uidhistich, ’s na Baoghlaich daonnan asabaid mu dhéidhinn aPhrionnsa ach cha ghabh e àicheadh gur ann air Eirisgeidh a chuir e an t-urram a bàirde. Nach dthubhairt Mgr. Aileans an òran,

“ ’S fhad on thugadh dhuitsan urram,
Aig aPhrionnsa Tearlach.”

S iomadh sgeul a thaig na bodaich mu dhéidhinn a


[129]

Phrionnsa agus is ann diubh sin mar a chuir e, anns an àite ris an abrar an diugh Coilleag aPhrionnsa, na lusan àluinn a thug e nall ás an Fhraing leis. Thafliùraichean aPhrionnsamar a their muinntir an eilein riutha afàs air na bruthaichean gainmhich a than cois na tràghad agus tha e ri ràdh mun déidhinn nach fhàs iad an àitesam bith air an t-saoghal ach an sud fhéin.

Dhfhàg am Prionnsa iad mar chuimhneachan air acheud phloc de rìoghachd athraichean air an do chuir e chas ach tha iad a nis air cnàmhs air seacadh air falbh, dìreach mar a tha am Prionnsa fhéin air sìoladh á cuimhne nan Gaidheal gu léir. Tha làrach an tighe anns an do chaidil am Prionnsa ri fhaicinn fhathast ged nacheil aon chlach air muin cloiche dheth. Chaneil uamh Thearlaich againn an Eirisgeidh idir mar a thaca an Uidhists am Beinn aBhaoghla ach rinn sinne na bfheàrr na iad sin, thug sinn dha tigh.

Tha eilean beag aig ceann a Deas Eirisgeidh ris an abrar an Staca, agus tha Caisteal air an eilean so air a bheil an t-ainm Caisteal an Reubadair. A réir eachdraidh nam bodachs e fear a bhanns an reubadair so a bhiodh aspùinneadhs amilleadh a h-uile long is bàta a bhiodh adol seachad air an Staca. Air oidhcheannan geamhraidh lasadh e solus ri taobh achladaich, is longsam bith a bhiodh an deuchainns aChuan Sgìth, dheanadh i air an t-solus is bhristeadhna biorain air cladach garbh an eilein i. Tha an caisteal air a thogail air bàrr creige àirde agus rathad caol cunnartach adol suas aodann na creigeg a ionnsuidh. Tha tòrr chlachan aig bonn an rathaid so agus their na bodaich risSac na Làire Bàine.” ’S ann le làir bhàin a bhiodh an reubadair atarruing suas an aghaidh na creige na clachan leis


[130]

an do thog en caisteal. Ach an bha so chuir e sac cho mór air an làirs gun do thuit i marbh foidhe, ’s tha na clachan an sud fhathast, tòrr air gach taobh den rathad dhiubh mar chuimhneachan air Sac na Làire Bàine. ’Nuair a thog an reubadair an caisteal bha bean a dhìth airs on bha nighean bhreagha aig Fear Bhaghasdail smaointich e gun goideadh e i. Tharruing e air a mhuin i á Baghasdal gu Taobh aChaolais. Shnàmh e Caolas Eirisgeidh leatha; tharruing e tarsuing Eirisgeidh i; shnàmh e Caolas an Staca leatha agus tharruing e ás a sin chun achaisteil i agus mar a thubhairt am bodach a bhaga innseadh dhomh fhéin, “gu dearbh cha robh cus an asgaidh aige dhìth.”

S e àitainmeil a bhann an Eirisgeidh riamh air son bhòcan. Bha aon uair, ma bfhior na bodaich, nach fhaigheadh duine gluasad ann le sìthichean is ùruisgean is creutairean neo-thalmhaidh eile. Tha loch ann ris an abrar Loch aChapaill agus Loch Dubhard agus a réir beul-aithris bha each-uisgegabhail còmhnuidh annta sin. Tha ùine mhór a nis bho nach fhacas iad sin ach bho nacheil ach mu thrì troighean a dhoimhneachds na lochain sin, cha chuir e ioghnadh oirnn ged nach fhuiricheadh na h-eich-uisge annta. Bhiodh iad afaicinn bòcan an Eirisgeidh uair-eigin ris an canadh iad an t-Eun Mórs bha ena chleachdadh aig an Eun so a bhi leigeil sgread eagalach ás aig tighsam bith anns am biodh bàs adol a thachairt. Tha an t-Eun-Mór e fhéin air nàire ghabhail a nis, ’s chaneil ega nochdadh fhéin idir achs dòcha, mar a bhios feadhainn de na bodaich ag ràdh, nach robh ann ach manadh air na soithichean-adhair a tha nis cho tric aseòladh mu na h-eileanan.

Chaneil sgeir no bàgh, no bogha timchioll Eirisgeidh nacheil sgeulachd aig na bodaich mun déidhinn.


[131]

Bheirinn-sa bliadhnagan innseadh ach tha ainmean mar tha Sgeir an Fhéidh, Sgeir nam Bàirneach, Sgeir aChaise, Sgeir na Poite, Hosgeir, is Hasgeir, Am bodha Ruadh, Bodh Ailein, Roc Lingeidh, An Roc Mór, Sloc Dallaig, Sloc aMhaide, Sloc na Ruaidhe, an Rudha Bàn, ’s an Rudha Caol, ’s mar sin air n-aghaidh, ag innseadh an sgeulachdan fhéin. Don choigreach a thig air a chuairt shamhraidh a dhEirisgeidh, chaneil annta ach ruic is sgeirean ach tha iadnan comharraidheansnan cuimhneachain air caol shàbhalaidheans air bàthaidhean, air beatha is air bàs, ann an cridheachan iasgairean Eirisgeidh. Tha ceathramh de shean òran ann a thag radh:—

Chì mi Eirisgeidh nan lusan,
Chaidh a chur ann le PrionnsTearlach,
Tobhta Flòraidhn Airidh Mhuilinn,
Far an drugadh ina pàisde.”

Fàgaidh mise nis Eirisgeidh agus bheir mi sgrìob a null gu Airidh Mhuilinn an Uidhist a Chinn a Deas far an drugadhs an dthogadh Fionnghal NicDhòmhnuill. Tha ainm Fionnghal cho bitheanta am beul mhuinntir Uidhist fhathasts ged a bann an a dhfhàgadh i fhéin is Tearlach cladaichean an eilein, is bhiodhgan àrach a chionn cha chualas riamh an eachdraidh boirionnaich a thug barrachd urraim gu eilean a h-araich na Fionnghal NicDhòmhnuill. Faisg air àite breith Fionnghal tha Corodal, an t-àitanns an robh am Prionnsfo choillnuair a bhan tòir air, agus an cois achladaich, aig bonn na Beinne Móire, tha an uamh anns an do chuir e seachad iomadh agus oidhchiomagaineach. Air an taobh eile tha Loch-eineort an loch ás an do thog Bìrlinn Chlann Raghailliùil oirro Uidhist nan Cradh-gheadh.” Shìos mu thuath air a so a rithist tha Caisteal Ormaclait


[132]

seann Tigh-còmhnuidh MhicIc Ailein. Banns achaisteal so a bha fear a chlannIc Ailein afuireach an turus a thàinig còmhlan uaislean bhàrr tìr-mór a choimhead air. Bha e fhéins na h-uaislean latha coimhead a mach air uinneig achaisteil air treabhaiche MhicIc Aileins e trang atreabhadh mu choinneamh achaisteil. thionndaidh an crann suas ach brisgean, agus thog an treabhaich es dhith e e. Ghabh MacIc Ailein a leithid de nàires e smaointinn gun saoileadh na h-uaislean gur en t-acras a bhair an treabhaiches gun deach e machs gun do mharbh e e air làrach nam bonn. Ach bha mac aig an treabhaiche, agus mhionnaich e gun toireadh e mach tòrachd athar. Fhuair e buidheann fhear, ’s ghoid iad air falbh oighre MhicIc Ailein, balach mu ochd bliadhna adhaois, ’s chuir iad am falach ann an bothan beag air taobh a Deas Uidhist eàite ris an canar an diugh Gleann Dail. Dhfhalbh mac an treabhaiche ri marbh na h-oidhche, ’ga mhort isnuair a ràinig e am bothan dheibh e mach air aghille. n cosnach a bhaig abhalachse gu bàsachadh leis an acras ach ag criomadh cnàmhas a h-uile uair a dheibheadh mac an treabhaice air, theireadh am balachStad an dràsd gun crìom min cnàimh.” Ghabh mac an treabhaiche a leithid de thruas riss gun do leig e bheatha leis, agus bann mar sin a shàbhaileadh òighre MhicIc Ailean.

Is ann an Uidhist a bha daoine riamh afaicinn abhòcain ainmeil ud, Alastair Mac Mhaighstir Alasdair. Tha e ri ràdh nacheil oidhchon bhàsaich Alasdair nach do choisich e air a làmhan on Fhadhail a Deas gu Polachara ann an ceann a deas Uidhist. Tha so doirbh a chreidsinn ach mas eadhs gu bheil e fìor, mar a thubhairt aon bhodach rium fhéin, cha chòir cus de na


[133]

làmhan a bhi an Alasdair còir a nis. Tha àitean eile an Uidhist ainmeil air son bhòcan mar tha ceann Beinn Corairidh, Ceann Charaiseabhal, agus gleanntan is beanntan iomallach eile. Mar a dhéirich do na h-eileanan air fad bha e uaireigin den t-saoghal anabarrach duilich faighinn o àite gu àite an Uidhist. Bhiodh iad acoiseachd á ceann a deas Uidhist agus ás acheann a tuath dheth cuideachd, gu Airigh Mhuilinn leis aghràn agus ag coiseachd air ais a rithists na h-eallaich mhine air am muin. Ach cho maiths gun robh iad gu coiseachd anns na seann laithean, cha burrainn dhaibh coiseachd don h-uile àite.

Tha sin atoirt am chuimhne sgeulachd mu dhéidhinn fear a mhuinntir Uidhist a bha suirghe air nighean ann a Hirt. Nis cha robh e comasach dha coiseachd gu Hirts cha mhotha bha bàta aige a bheireadh ann e. Ach bha bàrd afuireach goirid dha, aguss ann a rinn am bàrd so òran dha agus thubhairt e anns an òran gur ann air druim muice-mara a bha e dol a Hirt a phósadh. ’S en duais a bha amhuc-mhara ag iarraidh air son an turuis, a cuid fhaotainn de no bhiodh de leanns de dhuisge beatha aige.

So agaibh an t-òran:—

1.

Dòmhnull Fhearchairs e bha calma,
Dhfhalbh e air Di-Dòmhnuich,
E fhéins achist air druim na muice,
Dol a Hirt a phòsadh.”

Nuair a ràinig en cladach bha amhuc a feitheamh air.

2.

Thubhairt amhucs i tighinn am bàrr,
Tha t-fharadh pàidhta Dhòmhnuill,
Ma bheir thu dhomh leann an dràsd,
S a dhà de Mhac an Toisich. ’”

Thug Dòmhnull sud dhis thòisich e air deanamh deiseil air son an turuis.


[134]

3.

Fhuair e combaist is cairt-iùil,
S gun leag e cursa dòigheil,
S chur e sròns an àirde tuath,
Is ròpa cruaidh mu sgòrnan.”

Chaidh an t-uisge beatha gu ceann na muices a null meadhoin achuain thòisich i ri ùpraids dhfheuch Dòmhnull ri stad a chur oirre.

4.

Air do shocair nis, a mhuc,
Le dphubartaich gun dòigh ort,
Cum do bheul gu dùinte teann,
Mun tachair meall de ròin ort.”

Cha do chòrd so ris amhuic, ’s thuirt i,

5.

Mur a cùm thu dhiom do bheul,
Gun crìochnuich misen t-òran,
S tuigidh tu gu do chrioch,
Ma chual thu riamh mu Iònas.”

6.

Gabh mo lethsgeul nis, a mhuc,
Cha robh mi ach mar spòrs riut,
S air son an àigh riut gleidh do chiall,
Mun dean thu iasg is feòil dhiom.

Ach co-dhiubh, ràinig iad sàbhailte thalls thug Dòmhnull làmh air abhotul a rithist.

7.

Slàinte mhór dhuit fhéin, a mhuc,
S tu thug an fhurtachd dhomh-sa,
Ith do leòr de dhiasg achuain,
S gum a fada buan do sheòrsa.”

Chòrd so ris amhuic is thubhairt i,

8.

“ ’S e do bheathe Dhomhnuill chòir,
S mo phòsas tu ri Seònaid,
Gun cinneadh leibh a h-uile ,
S ur bothan àluinns ceò as.

Tha iomadh sgeul eile aca an Uidhist mu na h-Airighean nam biodh ùine agam-sa a dhinnseadh iad aguss iomadh sgeulachd àluinn cuideachd a tha co-cheangailte ri ainmean nan àiteachan eadar cheann an Eilein. ’S ann diubh sin Leum aBhrics na


[135]

Mnathan Geala air an taobh an ear, agus bailtean mar tha Cill Pheadair, Cill Bhrìde, agus Cill Dònain air an taobh an iar.

An co-dhùnadh, be mo mhiann taing a thoirt do na bodaichs do na cailleachan cuideachd a dhinnis dhomh na nithean a labhair mi an nochd. Mo mhìle beannachd aca, ’s gu dearbh an a dhfhalbhas iad, faodaidh sinn a ràdh le fìrinn gum bisgeul ùr am measg nam bodach.”

titleEirisgeidh agus Uidhist a Deas
writersDonald MacDonald
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page