[136]

EISDEAL AGUS LUINN.

Le LIUSAIDH NICCOINNICH.

A cho Ghàidheil is achàirdean.

Bhon a chuireadh mise am measg nam bodach air an fheasgar so bu mhiann leam mar sin sgeula no dhà innseadh dhuibh mar a chuala mi iad aig na bodaich a bhiodh cho tric atighinn air chéilidh gu tigh mo sheanmhair, agus an uair a bhiodh iadsan cruinn mu thimchioll na teallaich, cha robh na bu gheur-chluasaiche na mise, oir bu mhath leam riamh a bhi ag éisdeachd ri eachdraidh is seanachas nan seann daoine. Tha migam faicinn fhathast, gach fear is e aig achnapan gurman fhéin. Bha aon dhiubh a bha an comhnuidh ag aithris mu bhòcain is bhuidsichean, mun Uile-Bheist a bha an Lochan Eilidir, aGhlaistig a bhasan Daoidh-Leitir, an Nathair a bha an Tòrsa, an Tarbh Dearg a bha an Eisdeal, ’sam Bruinidh a bha an Siùna. Chan e mhàin gum bitheadh e ag cur eagail oirnne a bhanar cloinn, ach bhiodh e abruidhinn orra sin cho tric is gun robh e fhéin mu dheireadh a làn chreidsinn annta, agus is e bha tachairt gum feumadh bràthair mo mhàthair fhaicinn gu sàbhailte aig leac-an-teintein a thighe fhéin, oir bha e air fàs cho gealtach mu na nithean uamhasach a ghabh bun cho làidirna inntinn, a chionn is gun robh e ag cainnt orra cho tric.

Bu tric a chuala mi na bodaich atoirt iomraidh air Alasdair Mac Iain Bhàin, no Iain Caimbeul, mar a bainm baistidh dha. Bha a chòmhnaidh aige an Achadh--Naduir agus be creideamh nan cùmhnantach a bha e ag agart. Ged a dhfhaodadh e bhi cumhangna bheachd cha ghabhadh e ràdh nach robh ena dhuine math agus cràbhach. Bha beachdan neònach aig Alasdair ged thà,


[137]

agus chladhaich e uaigh fhéin seachd bliadhna mun do chaochail e, is bhachiste-thasgaidh ullamh aige air an fharadh na h-ùine sin.

A bharrachd air sin chaidh e a dhionnsaidh a choimhearsnach Dòmhnull MacLathartaich a bha adeanamh na leacan-lighidh, is thug e òrdugh dha clach-chuimhne a chur an òrdugh dha. Dhearalaich e air Dòmhnull nach innseadh e do dhuine beò gu an sgrìobhadh a bhair an lic a chaidh a chur air an déidh sin, an uair a bha e air a thiodhlacadh ann an Cill-Chatain. Chan e mhàin sin ach chuir e suas clàr lice mun do chaochail e anns an àite cheudna air an robh an aidmheil chreidimh aige air fhoillseachadh. Cha do chòrd sin ri cuid de mhuinntir an àite, agus leag iad an leac so ri làr. An uair a chuala Alasdair mu dhéidhinn so dhòrduich e atogail suas a rithist, agus chuir e clach eile suas còmhla rithe a bha aleigeil ris gu a thachradh do dhuine sam bith a ghabhadh gnothach riutha. Sgrìobh e leabhar anns abhliadhna ochd ceud deug is a fichead agus chaidh móran earrannan ás a chlò-bhualadh anns an leabhar aig an Ollamh Urramach Dr. Phìn.

Chuala mi bean chòir ag ràdh mu Alasdair gun robh a màthairna bana-bhuachaille aige is ina caileig. Buamhasach leatha an uair a dhiarradh abhean-tighe oirre ni-eigin a thoirt thar an fharaidh. “Bha,” arsise, “am bocsa dubh ud tarsuinn nan casan-cairbeil.” Be so ciste-taisgidh Alasdair. Bha déidh mhór aig Morair Bhraid-Albann seanachas a bhi aige ri Alasdair, ged a bhiodh Alasdair a ghnàthga sheachnadh. Gu ach gun dthàinig iad aon latha aghaidh ri aghaidh air sgailc dhearg, meadhoin an rathaid mhóir.


[138]

Nach mi tha toilichte tfhaicinn, Alasdair,” arsam Morair, “ach gu idir is ciall gu bheil thugam sheachnadh air a h-uile cothrom? Is gasda leam còmhradh càirdeil a bhi agam riut.”

Matà, ler cead,” fhreagair Alasdair, “Is e is ciall dha sin, gu bheil e iomchuidh dhomh mo Thighearna a radh ruibh, agus sin rud nach abair mi ri neach air thalamh. Chaneil agam-sa ach an aon Tighearna.”

Abair thusa Iain rium-sa is bheir mise Alasdair riut-sa is tuigidh sinn a chéile nas feàrr an sin,” thubhairt am Morair is dhfhalbh iad le chéile gu tigh Alasdair. Be buntàta is piocaich chruaidh a bha aca gun dinneir, is tha e air a radh gun dthubhairt am Morair gum be sud an tràth bìdha bu bhlasda a dhith e riamh.

Bha Alasdairna dhuine diadhaidh, agus is tric a chuireadh iarraidh air a chum ùrnuigh a chur suas aig leabaidh an euslaintich. Nan robh sònruichte fo chùram dhfheumadh e crìoch a chur air a sin an toiseach, oirna bheachd cha robh nithean saoghalta rim measgachadh ri gnothaichean spioradail. Dhfhalbh e latha bha sud gu Coillipol a dhiarraidh ghoireasan bhon bhùth. Air an rathad an sin ruith nighean òg as a dhéidh is ghuidh i air tighinn a stigh is gun deanadh e ùrnuigh as leth a mathar nach robh ag cumail gu maith. “Chan e sin turus air an dthàinig mi an dràsd,” arsesan, is chum e air. Fhuair e agnothachs abhùth is chaidh e dhachaidh, thug e am bathar do bhean an tighe is thill e air ais a h-uile ceum gu Coillipol agus an sin chuir e suas ùrnuigh fhada réidh aig taobh leapana bha tinn.

Chaochail Alasdair còirs abhliadhna ochd ceud deug is a naoidh thar fhichead, is e ochd deug is trì fichead bliadhna a dhaois.


[139]

Bha Alasdair Caimbeul eile an Luinn, dotair an Drionain, mar a theireadh na seann daoine ris. Bha meas mór airna dhreuchdsan sgìres an robh e afreasdal mar fhear-sgileil barraichte. Cha robh e riamh an colaisde, ach bha e bliadhnair fhicheadsan armna ghille frithealaidh aig dotair airm. Bha iad le chéile iomadh bliadhnas na h-Innsean, aguss ann uaithe-san a dhfhoghlum Alasdair an t-eòlas a bha aige.

Chuala mi bràthair mo mhàthar, a chaochail bho chionn trì bliadhna ag radh gum be Dotair an Drionain a chuir abhreac air-san is ena leanabh an Eilean Bheul na h-Uaimhe.

Thog Caiptean Caimbeul a bha an cogadh mór Bhonapart tigh briagha an Ard-Luinnes abhliadhna ochd ceud deug is asia deug (1816). Tha sin snaighte air achloich a tha os ceann an àrd-doruis. Thug an Caiptean cuirm ghasda seachad an uair a bha an tigh ullamh. Bha seachd oifigich airm an làthair, isnam measg bha an t-àrd mharaiche, an t-Admiral MacDhùghaill, a cheannaich an òighreachd, is a ghabh a chòmhnuidh ann an Aird-nan-Capull. Tha Tigh Ard-Luinne a nis gu falamh, fuar.

Chuala mi cuideachd na bodaich gu tric abruidhinn mu Dhiormhorguil Nic aBhruithinn, a bhana-bhàrd Luinneach. Bha ise fuireach an Tobar-Dhonnchaidh. Bhiodh i le minnean bàn air teadhair adol gus am Barra-mór. Shuidheadh i an sin adeanamh suas nan òran, is aig acheart ám ag cumail a sùil air an linne, feuch am faiceadh i iùbhrach, a leannain, Alasdair Mac Cholla, adol seachad. Bha esan ainmeil mar fhear reubainn air muir, is ag creachadh is aspùinneadh air tìr. Biodh sin mar a thogradh e thug ise gaol a cridhe dha. Bann dha-san a rinn i an t-aon òran aice a tha againn ann an


[140]

clò. ’Nuair a bhitheadh amharus aig a cuideachd gun robh Alasdair atighinn, bha i air a fògradh gu Eilean Shiùna. So rann a rinn i:—

Gur a mise tha tùrsach,
S min Siùna ghorm a bharraich,
Tha mo shùil air achaolas,
S chan fhaod mi dhol thairis.”

Bha i suas an làithean an ám Phrionnsa Tearlaich. Bha a co-fhaireachduinn uile le cùis nan Stiubhartach. ’Nuair a bha i air leabaidh a bàis, dhiarr i cuach a thoirt dhìth. Rug i oirre, isga togail gu bilean, dhòl i slàinte aPhrionnsa le dùrachd, ag guidhe gach buaidh is soirbheachadh leis. Chaochail i mun deach Cuil-lodair a chur. Bha gamhlas eadar i fhéin is na Caimbeulaich. Rinn i bàrdachd nach do thaitinn riutha. Bho chionn trì fichead bliadhna bha tòrradh ann an Cill-a- Chatain. Bha aon de na Caimbeulaich an sin, agus gu rinn e ach leum e air uaigh Dhiormhorghuil, mar a shaoil leis, is mhallaich e an duslach a bha fo chasan. Thug Donnachadh MacLachuinn fainear dha, agus arsesan is e ag cur mun cuairt na cuaich, “A nis fheara, òlaidh mi deoch-slàinte Diormhorguil, is thusa Chaimbeulaich, cha teid boinne nadbhus. Nacheil fhios agad gur ann air uaigh do sheanamhair fhéin a leum thu? Chan ann a sin tha Diormhorguilna laidhe, ach cha seall mi idir dhuit i.”

Bha fear dom bainm Artair Mac Lachlainn an geall air carragh-cuimhne a chur suas an urram Diormhorguil, ach chaochail an duine còir sin gu h-obann, ’s cha deach achùis a thogail tuille.

Bithidh e car neònach leinne a bhi ag creidsinn na beachdan a bhaig ar sìnnsre. Ach sinne a bhi ag cur teagamh ann an cuid de nithean nacheil sinn fhéin a


[141]

tuigsinn. Bha duine afuireach ann an Ard Luinne ris an canadh iad Calum Nighinn Eoghain. Bha e air a radh gun robh e air a bhuileachadh le buadhan sònruichte. ’Nam measg bha an shealladh aige, agus ann a bhi ag cainnt ri neach sam bith, dhinnseadh e mu chuid de na nithean a bha ri tachairt. Bha e air a ràdh gun robh cumhachd leigheis aige cuideachd, is gun togadh e galar no tinneas bho dhuine no bho bheathach. Is e an t-iomradh a bha aca air mar a fhuair e an cumhachd so gun do ghoideadh e leis na sìthicheannuair a bha ena leanabh. Bha e fad cheithir bliadhnas abhrùth; chaidh fidilean-finndinn, seann sìogaidh sean-athair Chloinn Chròig fhagail aig a mhàthair, ach mhothaich ise gum be am fleasgach sin fhéin a bha aice, is le cuideachadh Griosal Mhóir rinn i braid-a- gill air Fidilean is sgiùrsadh e don dùn as an dthàinig e. Is ann mar sin a fhuair i Calum aice fhéin. Biad na sìthichean a chuir an t-seunmhorachd ud air Calum.

Chuala mi iad ag radh mun Bhruinidh a bha ann an Eilean Shiùna gum biodh e atoirt sanais air a theachd le bhi adeanamh fead chruaidh. Mo thruaigh iad-san a dheanamh dearmad air a chnotag bhleith a lionadh làn bainne is ceapaire somalta fhàgail dha. Bhiodh e a réir coltais, a nuallanaich mun cuairt an tighe is gach ball airneis adannsadh is atuasaid, is am bitheantas bhiodh aon den chuid feudail le cas bhristena laidhe an slochds amhaduinn.

Anns abhliadhna ochd ceud deug is a h-aon deug thar fhichead (1831) be àireamh an t-sluaighsan sgìreachd mhìle, ochd ceud is trì deug thar fhichead. Ceud bliadhna an déigh sin, anns abhliadhna naoidh ceud deugs a h-aon deug thar fhichead, cha robh ann ach ochd ceud is trì thar fhichead, no ann an ceud


[142]

bliadhna a bhàrr air mhìle duine nas lugha. Bha thuathanach thar fhichead an Luinn a thuilleadh air croitearan, ’san ám sin, is chaneil ann ach leth dusan an diugh. Bha toradh an fhearainn apàigheadh an cuid màil, is bha am Muillear air a chumail cho trang is a ghabhadh. ’Nuair a chaochail am Muillear-Bàn, cha robh a mhac ach bhliadhna deug a dhaois, ach chum esan an obair air aghaidh, ’s aig ceann na bliadhna bhleith e deich ceud is ceithir bolla mine. Sheall duine measail a bhan Luinn dhomhsa achadh thar an dthug an tuathanach leth-cheud bolla mine. Chuir e sin gu gàirneal aMhorair an Eisdeal, phàigh e am màl is fhuair e aon nota deug air ais. Tha sin aleigeil ris duinn cho dìchiollach, tapaidh is a bha an tuath le crann is spaid, le fàl is corran, is bha gach trusgan air a chalanas leis na mnathan.

Is iomadh céilidh mhór a bha aca an tigh aghreusaiche anns aBhail’ -Ur. Ged nacheil ann ach na làraichean an diugh, bha còrr is leth-cheud pearsa afuireach ann. Banns aBhail-Ur a bha na plaideachan a bfheàrr air am figheadhs an dùthaich. Is bu mhath na brògan a dheanadh iad cuideachd. Bha lìon ag cinntinn gu pailt an sin. Sheall bean dhomhsa bhréid leapach a rinneadh le lìon a chinn an Luinn, ’s a bha air an dualachadh le figheadair aBhail-Uir. Bham baile bòidheach sin an ceann an Ear-thuath de Luinn. Ged nacheil móran maise air an diugh, is caomh leam cuairt a ghabhail feadh nan làraichean, air leam gur aithne dhomh iad-san uile a bha atàmh an sin le bhi ag cluinntinn an cliù bho na seann daoine. ’Se aireamh an t-sluaigh trì cheud, ’s cha bhiodh eadhon an àireamh sin fhéin ann mur be gu bheil oibrichean sgliatasan Eilean. Bhan aireamh sin am Beul-na-h- Uaimhe bho chionn


[143]

fhichead bliadhna ged nacheil aon duine fhéin ann an diugh. Tha e duilich a radh cùina thòisich iad air obair an sgliata an Eisdeal an toiseach. Chuala mi na bodaich ag radh gun deach an cur air Caisteal Aird nam Madadh a chaidh a thogail anns abhliadhna sia ceud deug, trì ficheads a sia deug, agus bha e air a ràdh cuideachd, gur iad a bhair Caisteal an Stalcairesan Apainn Latharnach a chaidh a chur suas fhichead bliadhna is a coig roimhe sin. Bha an sgliat air a cheangal ris na tighean anns na laithean sin le prìneachan fiodha.

Than t-eilean sin gu falamh, fàs,
Gun ann ach plaosg den tìm a bhà,
Gach fàrdach leagten Earsan Iar,
S tha eunlaith fhiadhaich aneadach ann.”

Sin mar a tha anns gach ceàrn agus is e ar dòchas uile gun tig cùisean nas feàrr is gum bi am pailteas lòin is cosnaidh le sìth is sonasna cheann, aig òigridh an lathan diugh, mum fàs iad suas gu bhinam bodaich is nan cailleachan.

titleEisdeal agus Luinn
writers MacKenzie
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page