[17]

DIURA.

Le NIALL MACGILLE SHEATHANAICH.

Fàilte bhlàth is fhuranach dhuibh-se thagam éisdeachd agus ged tha mi car tamuill am measg nam bodach, tha mi cinnteach nach gabh na cailleachan mìothlachd rium. Tha an ceann teagaisg a thugadh dhomhsa is do fheadhainn eile, adusgadh mhic-meanmain á suain ioma bliadhna, agus atoirt crathaidh oirnn, is ag curnar cuimhne gu bheil móran bhliadhnachan air dol seachad oirnn mar tha. Is suarach an ùine gus am bi sinn fhéinnar bodaich.

Is cuimhne leinn uile bodach, no cailleach, a bha math air aithris sgeulachdan beaga is uirsgeulan móra. Rinn cuid dhiubh drùdhadh air ar n-inntinnean oga, agus air cho sean is gum faod sinn a bhi bìdh cuimhne chùbhraidh againn orra-san a thug toil-inntinn sònraichte dhuinn an uair a bha sinn òg.

Tha cruth is dealbh nan daoine sin ag éirigh cho riochdail fa-chomhar mo shùla, aig an ám so, agus gu bheil mi air an dearg mhionaid aleum thar an t-Sruthain Ruaidh a dhol a chéilidh air Dughall Darach is Iain aGhobha, seanachaidhean barraichte le chéile agus daoine còire gasda; nach iomadh naidheachd éibhinn a chuala sinn bhuatha. Ach is iad naidheachdan an Tàilleir Mhóir as feàrr a lean ri cuid againn, oir bha iad sin mar bu trice mu dheidhinn shamhlaidhean is Eich Uisge. An uair a thigeadh an tàillear air a chuairt a dheanamh thrusgan dhuinn anns aBhuaile gheibheamaid an toiseach sgeul na dùthcha, oir bha sinne air ar cuartachadh le monadh farsuing, gun cheum rathaid fad ochd mìle. Gheibheamaid sgeul air bodaich eile a


[18]

bhas aChill, an Tigh aChaigeins an Tigh nan Dùnan; bodaich air nach robh agam-sa ach eòlas iomraidh.

Chuireadh mathair lòchran air ghleus is shuidheadh gach beag is mór cho faisg air an tàillear sa gheibheadh iad. Bu ghasda leis an tàillear a bhi ag innseadh sgeulachdan mu Loch aBhaile Mhargaidh agus gun robh a ghrunnd cho réidh, comhnard ri cabhsairean Ghlaschu. Faodaidh sinn sin a chreidsinn oir bha a leithid so de bhailtean margaidh feadh an t-saoghail cian mun robh làn cuinneig uisge far am bheil an loch an diugh.

Air leam gur ann mar so a bha aon de na sgeulachdan mun Each Uisge. Bha bean uair a bha sud a mach le a treud is iad ag ionaltradh faisg air Loch aBhaile Mhargaidh. Bha ina suidhe air tolman beag uaine an uair a chunnaic i coltas duinuasail atighinnna rathad. Dhfhan i mar a bha i is thàinig esan is shuidh e làimh rithe. Cha chuimhne leam co-dhiubh thubhairt an sgeulaiche gun do bhruidhinn iad ri chéile no nach dthubhairt ach, co-dhiubh, chaidil an duin-uasal. Thug abhean an sin an aire nach bu dhuine saoghalta e, agus a chum is nach dùisgeadh i e gheàrr i dhùth a h-apran is leig i sìos ceann achoigrich cho socairsa burrainn i is thug i a casan leatha astar bhuaithe. An uair a thill an creutair neo-chneasda so air ais don Loch ás an dthàinig e, ’s a mhothaich na h-uile-bheistean eile gun robh e an comunn neach talmhaidh, ghleac iad cho searbh is gun robh uisge an locha dearg le am fuil. An cuireadh e iongantas sam bith oirbh ged a chumadh sin astar math eadar sinn is Loch aBhaile Mhargaidh? Ann an eilean far am bheil móran lochan bu choltach gum biodh móran sgeulachdan mun Each Uisge, agus bha sin ann.


[19]

Bha Niall Cleireach a bhasan Learga Bhricna sheanachaidh barraichte agus is duilich leam nach do cheadaich astar dhomh a bhi na bu tricena chuideachd. Mu dhà fhichead bliadhna air ais sgrìobh mi sios bho sheana bhean chòir an Cnoc Crom, no an Airdfhearnail, na h-uile facal de Laoidh Mhic Ealair anns am bheil còrr is fichead sreath. Bha am boirionnach an uair sin gu math thairis air acheithir fichead ach cha robh mearachdna h-aithris. Tha singam thoirt gu ceann eile, agus is e sin cho dlùth agus a bheir comhradh sheann daoine na linntean a dhfhalbh dhuinn. Chaneil aon de na seann daoine a dhainmich mi, agus móran eile, nach robh eòlach air Màiri Ribeach. Bha mathair fhéinna fhichead bliadhna an uair a chaochail am boirionnach aosda so. A nis, bha esan agus amhuinntir eile a bhana choimhearsnachd an comhradh gach ri aon a bha ochd bliadhna deug a dhaois an uair a chuireadh Blàr Chulodair. Chuala an saoghal uile gu léir gun robh Màiri Ribeach ochd is fichead bliadhna an uair a chaochail i. Bha mu cheud bliadhna eadar i fhéins an GillOdhar, ach nach suarach sin an eachdraidh cinneadh a bha cho fad shaoghaltach ri Cloinn Mhic Ràine. Chaneil móran ri aithris mu Mhàiri ach gum bu bhoirionnach beag speisealta i, agus ged a fhuair i an t-ainm Màiri Ribeach cha robh sin ach ainm a thug a h-athair oirre an uair a bha ina caileig bhigs a cuailean beag camagach asnàmh anns aghaoith.

Tha móran beul-aithris mun GhillOdhar fhéin agus is e sinn a bhi cho cinnteach mun aois mhór a fhuair e gun robh duin-uasal air chuairts na h-eileanan siar mu leth-cheud bliadhna an déidh don GhillOdhar am bàs fhaotainn. Dhinnis bodach air choir-eigin an Diura dhomh-sa gur anns an dòigh so a fhuair an Gill


[20]

Odhar a liuthad de shìneadh laithean. An uair a bha e mu dheich is ceithir fichead bliadhna a dhaois dhìrich e ri aon de na beanntan àrda a tha cho lionmhor anns an eilean, agus thug e sùil mun cuairt air. Bha na glinn gu h-iosal foidhe cho feurach, boidheach, na h-uillt le crònan seamh atriall gu tràigh, coilltean ùrar uaine ri oir na mara agus crodh, caoraich, gobhair is féidh ag ionaltradh gu socair air ioma slios. Thubhairt e ris fhéin gum bu mhór am beud an saoghal so fhàgail agus na h-uile ni cho taitneach don t-sùil is don aigne. Dhéirich ena sheasamh, sgaoil e a dhà làimh a mach o ghuaillean agus ghlaodh e àird a chinn, “Och nach robh mi òg a rithist.” Fhuair emhiann, agus bha e beò deich is ceithir fichead bliadhna ás a dheidh sin.

Tha seann duine eile air aithris am measg nam bodach; Murchadh Buidhe nam Fiadh. Bha ena shealgair fhiadh agus bi Beinn an Oir a roghainn àite seilge, agus lean e air a tathaich gus an robh ena fhior sheann duine liath.

Bann do na sithichean a bhuineadh na féidh, agus bhiodh iad diombach do Mhurchadh air son a bhi cho trom air na daimh. Latha bha e asiubhal na beinne chunnaic e damh breagha air an dèalaidh e gus an robh e an dlùths saighead a thilgeadh air. An uair a chaog e a shùil a ghabhail cuimse, thionndaidh an damhna dhuine, agus thubhairt e, “Tha thusa an sin, a Mhurchaidh Bhuidhe nam Fiadh, is tu afàs liath ad shuidhe air sliabh Beinn an Oir.” Fhreagair MurchadhMa tha mise air fàs liath air sliabh Beinn an Oir, is furasda do Dhia mo dheanamh òg.” Air dha so a ràdh phill neart na h-òige ris a rithist agus bha e beò iomadh bliadhna an déidh sin. Tha beagan ceangal aig an sgeul so ris an eile a dhaithris mi, ach tha barail agam gun


[21]

robh Murchadh Buidhe beò linn no dhà roimh an Ghill Odhar.

Tha an GillOdhar air a thiodhlacadh an cladh Chill Arnadail agus Màiri Ribeach an cladh Chille Chiamhlaig an Ardlusa.

Tha sloinneadh Mhurchaidhgam thoirt gu sgeul eile. Bhiodh seanachas aig na bodaich mu bhrìgh ainm an eilein, agus mar a thugadh an t-ainm air. Chuala mi feadhainn ag ràdh gun robh bhràthair ann air an robh Diù agus Rath, agus tha an sean-fhacal againndiù rath an domhain is diù dath an domhain ann, buidhe, dubh is riabhach.” Tha sinsan eilean fhathast, CloinnIlle Bhuidhe, CloinnIlle Dhuibh, is cloinnIlle Riabhaich. Is e na Daraich a their sinn ri Cloinn MhicIlle Riabhaich an diugh. Fhuair iad an t-ainm so bho na Domhnallaich air an do rinn iad furtachd le sùistean daraich an ám na h-eigin.

A leigeil ris gun robh an t-ainm iomraiteach an Diùra bheir mi dhuibh sgeul a fhuair mi bho Dhonnchadh aGheata còrr is deich bliadhna fichead air ais. Bha meomhair mhath aig Donnchadh ach cha bu chuimhne leis thug dha an sgeulbha i aig móran is cinnteach leam. Is e brìgh na sgeoil mar a thàinig Cloinn a Phì do Dhiùra.

Uair a bha sud chaidh MacIlle Riabhaich a bha an Sannaig do Cholbhasa a mharbhadh gu buileach na h-uile neach do am bainm Mac a Phì. Fhuair MacIlle Bhuidhe na Learga Brice fath air a thurus, agus dhiarr e air am biodh e cho math agus an t-aiseag a thoirt dhàna bhìrlinn do Cholbhasa. Dhaontaich am fear eile gu togarrach oir bu bheag fhios a bha aige ciod an turus air an robh MacIlle Bhuidhe adol. An uair a ràinig iad Colbhasa thoisich MacIlle Riabhaich air mort is


[22]

marbhadh gach leanabh mic, ceart mar a rinn Righ ainmeil roimhe.

Chunnaic MacIlle Bhuidhe bean ateicheadh agus naoidhean aicena h-achlais, ’s i ri gul is bròn.

Thubhairt e rithe, “Mas mac e thoir dhomh-sa e agus mi seòl air Mac a Phì a ghleidheadh beò fhathast, oir tha achùis coltach nach mar e beò agad-sa.” Bha i afaicinn gum bu bhàs do a mac e co-dhiubh, is thug i dha e agus ghabh e an t-aiseag air ais le MacIlle Riabhaich. An uair a bha iad mu leth an rathaid dhùisg am paisde agus thug e mothar as. “Gu tha sud?” arsMacIlle Riabhaich. “Tha,” arsam fear eile, “an ràmh agam-sa.” Chaidh so seachads chaidh gach cùis air aghaidh gu math ged a bha dithis ag iomram an aghaidh MhicIlle Bhuidhe, gus an robh iad a nall mu Aird na Sgithich. Mhothaich MacIlle Bhuidhe don leanabh ag gluasad agussan ámsan do glaodh an leanabh thug e buille falls don ràmh agus bhrist se e. “Carson nach biodh ràmh agad-sa a sheasadh ri ceatharnach?” ars esan, “Is e ceatharnach a bhristeadh e,” arsam fear eile. Dhiarr MacIlle Bhuidhe a chur air tìr aig Aird na Sgithich, a chionn gum biodh e na bu ghiorra dha na dol mun cuairt troimh Chaol Ile gu Sannaig. Rinneadh so agus fhuair e a chas air tìr is Mac a Phìna achlais. An uair a fhuair e gu bràigh achladaich thug e am paisde a mach ás an lùraich agus ghlaodh e, “Tha Mac a Phì beò fhathast.” “Nan robh fios na fàth agamsa, cha dfhuair thusa an t-aiseag uam-sa air ais,” arsMacIll Riabhaich. “Ma thig thu am dhéidh a nis,” arsMacIlle Bhuidhe, “tha coimhlion saighead an achlais na lùraichs a tha de sgiobas abhàta agad-sa, agus fuaighidh mi gach fear a thig a mach ri beul mór na bìrlinn.” Cha do chuir Fear Shannaig an


[23]

còrr dragha air is ghabh e suas ris amhonadh, a mach troimh Bhealach Bhriste Chnàmh gu ruige Uamh Beinn an Oir. Bheathaich e an sin an leanabh le sithinn gus an robh e comasach air deanamh air a shon fhéin, agus a réir mo sgeòil is ann bhuaith a thàinig na tha an Colbhasa an diugh de Chloinn a Phì.

Cha chuimhne leam a bhi an còmhradh ri neach a chunnaic Long Mhòr an Eilthirich aseòladh bho Thraigh Meile, ach chan e is nach faodadh sin tachairt. Tha mi cinnteach gu bheil iads an eilean fhathast a chuala sgeul abhròin sin le an cluasan fhéin, bhuatha-san a chunnaic an long sin. Tha mu cheithir bliadhna a dhìth air acheud bhon chuireadh an Learga Bhric mu sgaoil agus is ann mun ám sin a thachair sud.

Feumaidh gur ann mun ám sin a thugadh na gobhair bho na tuathanaich bheaga a bha an Cnoc Crom, an Airdmheadhoinis, is bailtean mar sin. Rinneadh òran air aghnìomh an-iochdmhor so le bean a mhuinntir Chnoc Cruim agus sgrìobh mi sìos beagan rannan dheth bho mo mhathair an uair a bha i mu ochd is ceithir fichead bliadhna dhaois. So agaibh na rannan:—

ORAN NAN GOBHAR.

’S fheudar dhomh bhi beò
Chaidh na gobhar dhìom,
Ciamar gheibh min smuairein
So chumail dhìom.
S fheudar dhomh bhi beò,
Chaidh na gobhar dhìom.

1.

Tromhad a machIlleasbuig,
Bhon is tu is deise,
Dhfheuch an dean thu fead riu,
Nam bi beagan cruinn.

2.

Ach thubhairt Iain gu h-obann,
Chaneil stath bhi togail,
Bha misen Lag Odhar,
’S bha na gobhar cruinn.


[24]

3.

’S ann an uamh Mhic Mhàrtainn,
Thog iad creach an tàilleir,
Nan robh mise làimh riu,
Cha bu shlàn iad dhuibh.

4.

’S ann an Lag nan Capull,
Fhuair iad grunnan Eachainn,
Nan robh fios mar thachair,
Cha robh iad cho cruinn.

5.

’S ioma creag is mullach,
Air an dean iad fuireach,
Feamainn air gach rudha,
Chuideachadh an sìl.

Tha gobhar ri am faicinn an cois na mara an cuid a dh’aitean ’s an eilean ach cha do thill iad riamh gu mainnir na tuath bhig mar bha iad.

Sin mata, cuid de na chuala mise bho na bodaich. Chaneil ann ged thà ach beagan de na dhfhaodainn a ràdh, ach theagamh gun teid sinn air chéilidh orra uaireigin eile. Bithidh mi air acheart-uair so afàgail soraidh leibh is beannachdna chòis.

titleDiura
writersNeil Shaw
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page