[25]

EILEAN I.

Leis an URRAMACH COLLA DOMHNULLACH, D.D.

A Chàirdean, —Mar is aithne dhuibh uile, is ann anns aGheamhradh a bha achéilidh air ghleus anns na h-eileanan an Iar. Bi chéilidh sgoil-oidhche ar n-athraichean agus be sin deadh sgoil, anns am faighte ceòl is sùgradh, toimhseachain, agus sean eachdraidh. Bha i fosgladh car mu oidhche Shamhna, agus cha robh tanachadh atighinn oirre gus an sìneadh an latha mu Fhéill-Brìde. Bha seann daoine còire làn seanchais aig an robh sean eachdraidh agus beul-aithris na dùthcha ann an I ri mòige. Chaneil mi idir air sonbodaicha radh riutha, a chionn ann an I bhiodh iad ag gabhail ris car tàireilbodacha radh ri seann duine.

Bu taitneach an còmhradh seach brosgul nan coigreach a tha dol do dhInam mìltean an diugh, agus nach cluinn thu facal uapa ach Calum Cille, Calum Cille is Calum Cille a rithist. Leugh iad na h-ursgeulan beaga neònach a tha atuiteam o phinn nam mannach cho nadurra agus a bhrùchdas dìtheanan on mhachair ann an òg mhaduinn chiùin Og Mhios an t-samhraidh. Ach ged a tha moll achoirce agus calg an eòrnanan ultaichean ann an leabhar Adhamhain, tha sinnna chomain air son spilgeanan de dheadh shìol. Rim cheud chuimhne, cha robh móran iomraidh air Calum Cille aig céilidh.

Bha gluasad mór ann am measg nan croitearan, agus aig ceardach Phàruig, ann an tigh nam beart aig Alasdair, air acha-buana, no aig fang chaorach is e òraidean Mhic Pharlain agus nan ceatharnach eile a bha seasamh gu suimeil air son an t-sluaigh air an robh iomradh.


[26]

Cha robh feum air soitheach-cogaidh a chur a smachdachadh croitearan I, ach bha an guth is an guidhe leis na seòid a bha cho gaisgeil aseasamh còir nan daoine bochda air feadh na dùthcha gu léir, ach gu sònruichte aig an ám sin ann an Tiriodh agussan Eilean Sgitheanach. Bu ghasda le balaich abhaile anns na laithean sin sgrìob a thoirt don cheardaich an uair a bhan sgoil mu sgaoil aig meadhon latha, oir bha Pàrlamaid nan seann daoine an sin cruinn agus bu chruaidh is bu sgairteil an deasbud a bha aca mun cheist chudthromach so a bha air beulaobh na dùthcha aig an ám. Bu gharbh an cnuasachadhnuair rachadh na fir an gleac comhraidh. Bhiodh sradagan cainnte nam fear cho taitneach leinne rin éisdeachd is a bha na sradagan eile a chìteadh an uair a shéideadh am bolg na h-eibhlean agus a chuireadh an gobha fuaim as an innein leis an òrd, agus gach buille a bheireadh esan mar gum biodh e adaingneachadh agus a co-fhreagart gach pong a bhiodh aca-san. Is ann car mar so a bu trice a thachradh. Dhfheòraicheadh aon dhiubh am faciad òraid Mhic Pharlain anns aphaipear. Bha sin gu leòir. Chunnaic iad uile an òraid, leugh is mhion-sgrùd iad i, agus gach aon is a leigheas fhéin aige air aghalar. Cha robh an-chòrdadhsam bithnam measg a thaobh iomchuidheachd ceartais a dhìol, agus is e a dh-aobharaich còmhradh cho dian, gun robh a dhòigh fhéin aig gach fear a chum achùis aréiteachadh. Bhiodh na seòid air uairean an cunnart a bhi afàs ro theth, agus an sin chuireadh seann Phàruig car eile an adharc an daimh, agus arsesan car mar so, “Saoil sibh fhéin fheara, a bheil ar cainnt ag cur eagail sam bith air maithean an fhearainn. Chuir cuid dhiubh, mar a tha fios agaibh, móran de ar càirdean thar chuantan agus


[27]

nacheil againne a tha air fhàgail ri saothrachadh moch is anmoch, fliuch is tioram, a chum ar lòn a chosnadh agus màl a phaigheadh, gun dearbhadh no urras againn nach tig abhàirlinn do ar n-ionnsuidh uair no uair-eigin, luath no mall? Is cùbhraidh dhuinn cuideachadh leotha-san uile a tha astrì anns an aobhar so. Nach cuimhne leibh mar a chuir iad Iain mo chliamhuinn a mach do Thiriodh a chomhairleachadh nan Tirisdeach a chum iad fhéin a ghluasad gu sìtheil. Ràinig Iain Scairinnis ach ma ràinig thuig esan an sin mar a bha aghaoth aseideadh, agus aon fhacal mun fhearann cha do labhair e. Thog e an sin ris aBhaca agus rinn e air Eilean Chalbha. Chuir maithean na dùthcha fàine mór òir cho garbh ri cearcal beagga ionnsuidh, agus sgriobhte air an fhàine so bha na facailair son misnich.” “Nacheil sin na dhearbhadh dhuibh,” arsa Pàruig, “gun robh eagal air na maithean is air na h-uachdarain?”

A chairdean, nach bu cheatharnaich na seann laoich chalma sin. Cha bu mhath gun di-chuimhnicheamaid iad an ám dhuinn a bhi atoirt iomraidh air na seann daoine.

Ach ged a bu mhath acheardach cha bu mhiosa tigh na beirte air son céilidh. Bha ann an sin figheadair aig an robh móran fòghluim gu sònruichte ann an cunntas agus ann an Algebra. Chaneil fhios agam càit no gu mar a fhuair e ionnsachadh ach bha e sgairteil co-dhiubh. Is ann á Ulbha bha a dhaoine, far an do ghabh iad comhnuidh an déidh Blàr Chulodair. An uair a thug am feòladair Cumberland léir sgrios air aCheapaich chaidh a sheanairna shaighdear ann am Freiceadan Bhraid-albainn, agus aig crìch a sheirbhis fhuair e mar dhuais croit bheag ann an eilean MhicGhuaire. a bhana choimhearsnach aige ach athair Dhaibhidh Mhic an


[28]

Léigh a chraobh-sgaoil an creideamh Criosduidh am measg nan daoine dubha an Africa. “Cha bu mhath leam di-meas a dheanamh air Mac an Leigh,” arsa an tàilleir, “ach tha mi cinnteach gum bi saobh chreidimh ann an Africa mar a bha saobh-chreidimh ann an I mìle bliadhna an déidh searmonachadh Chaluim Chille. Nach aithne dhuit Dun-mhananain? Bann do Mhananan a bha iad ag aoradh, oir nach besan a bha riaghladh na mara ann am beachd nan treubhan Ceilteach, agus chuala mise gum biodh muinntir I adortadh measan bhrochain, anns amhuir mar iobairt do Mhananan aig toiseach na naodhamh linn deug. Bha iad ag cur ubh na h-eireige dhiarraidh ubh agheòidh. Bha fiughar aca gun cuireadh Mananan feamainn aChéiteinna mill air na cladaichean.”

Cha do chòrd sgeul an tàilleir ri Alasdair agus thionndaidh e ri Seumas agus thug e cuireadh dha innseadh mu thurus an t-Sasunnaich mhóir, An t-Ollamh MacIain. Bha deagh chuimhne aig mathair air an t-Sasunnach ainmeil so agus am fear caol glas dom bainm Boswell a bhana sheòrsa gille-cas-fhliuch dha. Is e duine mór foghainteach a bha ann am MacIain, duine bronnach bruidhneach. Bha e cho goiridna leirsinns gun do leum e á bìrlinn MhicIlleathain na h-Innis mun do threabh a toiseach claise ann an gainneamh Phort-Rònain. Bha e fliuch gu shléisdean agus is e Boswell bochd a dhìol air amhi-fhortan. Las fearg abhodaich mhóir agus thòisich e air Boswell a chàineadh agus asmachdachadh.

Bha mi,” arsa MacIain, “air mo shàrachadh le luasgan cuain mar a bha an t-Abstol Pòl agus ann an cunnart mo bheatha feadh ghlinn dhòrcha agus bheanntan oillteil na dùthcha neo-chneasda so, agus ma dhéireas


[29]

galar mo bhàis ás an fhliuchadh so, gabh cùram gun cnàmh mo chlosach ann an ùir Lunnainn, agus chan ann idir am measg rìghrean borba agus luchd-reubainn nan treubhan Gàidhealach.”

Chuir e seachad an oidhche ann an tigh MhicIlleathain os cionn Port Rònain agus faisg air an eaglais dhuibh. Fhuair e am biadh agus an deoch a bfheàrr a bhasan tigh agus ged a dhith e cearc air aghaidh fhéin, coltach ri Domhnull Cuimeanach, cha robh e toilichte idir nach dfhuair e cuideach-cungaidh nach fhacas ann an I anns an linn sin. Cha do chaidil e gu math ann an leaba choimhich agus bha e air ghluasad ann an glaise na maidne agus gle neo-fhoighidneach gus an dfhuair e lòn-maidne.

Rinn e air an eaglais dhuibh agus chuir dreach is maise nan seann togalaichean iongantas mór air.

Shaoil leam,” arsesan, “gum bfheàrr Mac-Shomhairle nan Eilein air spùineadh na air togail eaglaisean, ach faodaidh mi aideachadh gun robh aon duine cràbhach ann an Albainn gun Boswell a chur a dhannsadh.”

Ghabh e roimhe gus an do ràinig e Crois MhicIlleathain agus an uair a dhinnis am fear-iùil dha gun robh ena sheasamh anns acheart àite anns an do ghabh Calum Cille anail agus anns an do leig e a sgios dheth an déidh dha, air a thurus deireannach, sabhal nam manach agus an t-eòrna a bha ann, a bheannachadh, las a ghnùis agus ghluais a bhilean mar gum biodh e ag ùrnuigh. Ach is ann an uair a ràining e Reidhlig Orain a rùisg e a cheann liath agus a rinn e a bheic mar gun robh e ann an làthair nan rìghrean a bha cadal fo na leacan. Cha chualas aon fhacal bhuaithe ach bha bhilean ag gluasad agus tha micreidsinn gun robh e ag radh


[30]

ris fhéinCha chulaidh fharmaid an duine nach mothaicheadh a ghradh da dhùthaich air a mheudachadh air Blàr-chath Maratoin, no a chràbhachd ablàthachadh am measg làraichean briste I Chaluim Chille.”

Dhfhan e cho fada ann an Reidhlig Orain nach robh móran ùine aige ri chaitheamh anns an Eaglais Mhóir. Cha bionnan dhà-san agus móran a tha tighinn air chuairt do dhI a nis. Bha fhios aige nach robh clach air làrach don Eaglais ann an linn Chaluim Chille, no ceithir cheud bliadhnana dhéidh. Ach dhìrich e Tòrr an Abba air an do sheas agus air an do shuidh Calum naomh gu tric. Shleuchd se e fhéin aig Crois Mhàrtainn, agus thug e buidheachas do Dhia gum fac e an caol agus na beanntan Muileach a thug sòlas do Chalum Cille cheud deug bliadhna roimh a latha-san.

Tha sin atoirtnam chuimhne nach be MacIain acheud Sasunnach no an Sasunnach mu dhéireadh a thug gràdh do dh-eilean I. Bha Sachabheril agus Pennant ann an I agus an Deathan Mac an Rothaich agus an deadh Ghàidheal Màrtuinn a sgrìobh an leabhar a dhùisg ann an inntinn Mhic Iain iarrtas air I fhaicinn.

Is e Sasunnach a bha ann an Leigh Richmond a chuir muinntir I fo fhiachaibh móra. Bha fhios aige-san gum be teachdairean bho I a sgaoil ar creidimh slàinteil am measg nan cinneach aineolach ann an taobh tuath Shasuinn. Bha e air a nàrachadh gun robh I, a sgaoil eòlas agus creidimh feadh na Roinn-Eorpa, gun tigh-sgoile, gun mhaighstir-sgoile, agus chuir e roimhe gun cruinnicheadh e airgead ann an Sasunn a thogadh tigh-sgoil agus mar so a phàigheadh beagan den ainfhiach a bhaig I air Sasunn.

Rinn e mar a bhana aire agus thruis e na ciadan punnd Sasunnach. Ach cha robh Diuc Earraghaidheal


[31]

dol a leigeil le Sasunnach a leithid de thàmailt a chur air Albainn agus thog e air a chosg fhéin an deagh thigh sgoil a tha againn ann an I. Gu a thàining ris an airgiod a chruinnich Leigh Richmond? Thugadh e don chomunn a bha craobh-sgaoileadh aChreidimh Chriosduidh anns aGhàidhealtachd. Is e sin an t-airgiod a thog an leabhar-lann briagha faisg air an tigh-sgoile agus a bharrachd air sin, a thaga dheanamh comasach leabhraichean ùra a cheannach a chum oilean agus eòlas, cho math ri toileachas-inntinn, a thoirt do mhuinntir I.

Is ann an tigh coimhearsnaich a bu trice a bha mise air chéilidh, Tigh Iain aChnuic. Asocrachadh bac easgaid air suidheachan, thòisicheadh esan mar soTha muinntir I ag gearan gum bheil iad air an sàrachadh ag cur cruidh agus chaorach gu ruagadh. Nacheil faidhir ann am Bun-easain aig Bealltuinn agus aig Lùnasdail; agus an Dunàra atoirt an cuid chaorach agus an uan glé sgiobalta do Ghlaschu. Chan ionann sin agus an t-allaban a bhair daoine ri mo chuimhne-sa. Cha robh annam ach am balach an uair a chaidh mi le Domhnull, brathair mathair, don Eaglais Bhric. Bha sinn ag iomain buaile de chrodh dubhcrodh seasg, crodh gamhnach, daimh agus aighean. Thug sinn troimh an ghleann mhór iad, agus cha robh sin ach toiseach saothrach. Thug sinn aiseag dhaibh o Rudha-an-Fheurain, do Chearara agus thar caol Chearara do Lathurna. Bha sinn ag cur seachad oidhche aig Tigh-an-Uillt, ag cadal ann an fasgadh pris, agus air ghluasad mum blaiseadh an lòn dubh an driùchd. Bha punnd no dhà de mhin choirce againn ann an sgirb abhreacain. Bha cupan fiodha agus spàin adhairc aig cuid ach chunnaic mi fear adeanamh fuaraig ann an sàil a bhroige agus ag imlich a bhileanna déidh. Le bùrn ás an t-sruthan rinn sinn bruthaist


[32]

agus ghabh sinn an rathad mór. Ràinig sinn Dail-Mhàili ann an àird an fheasgair agus leig sinn an spréidh gu ionaltradh. Air an màireach ràining sinn Tigh-an-Droma aguss ann an sin a bha an othail. Aig taobh an rathaid, bha tigh beag tubhaidh aig am minic a fhuair sinn dram. Ach mar a bha mi-fhortan an dàn dhuinn a bha romhainn ach an gàidsear agus e an déidh phige de dheadh uisge beatha a ghlacadh. Bha achailleach bhochd ag caoidh agus ag caoineadh gun robh i air a sgrios. ‘O chàirdean,’ arsise, ‘mur dean sibh cobhair orm, bithidh creach is tàmailt orm.’ Is ann an sin a ghabh Dòmhnull brathair mathair, an stiùir. Rinn e cagar ann an cluais gach cìobair agus dròbhair agus ann am priobadh sùla bha teine mór mòna air ghleus. Lìonadh gach cuinneag le uisge. Thòisich na fir air trod agus na coin air sabaid. Thilgeadh cuinneag uisge ma bfhior air na coin, ach da rìreadh air an teine. Lìon an seòmar le toit, agus anns an ùpraid thilg Domhnull an gàidsear air a dhruim. Mun deach an toit a mach ri luidhear, bha an t-uisge beatha far nach ruigeadh gàidsear air. Bha Dòmhnull ma bfhior air a nàrachadh gum be an duine uasal a bha aige ann an àite achiobair a thug oilbheum dha. Chuir e am maor gu càirdeil air ceann an rathaid, agus dhòl e fhéin agus a chompanaich cuach air chuach den deagh stuth air nach do phàigheadh cìs.

Bha achailleach fìor thoilichte mar a thachair, agus mur do chaochail i tha i beò fhathast. Reic sinn leth na buaile aig faidhir an Dùnaidh agus an còrr aig an Eaglais Bhric. Dhealaich sinn ri Dòmhnull chionn bha gnothach aige-san an Glaschu. A ghiorrachadh a shlighe ghabh e ath-ghoirid troimh choille. A mach á dubhair na coille leum mheirleach agus gu foirmeil dhiarr iad air Dòmhnull bochd a mhàileid a liubhairt, ach ged a bu


[33]

mhór a chunnart, cha deach Dòmhnullna bhreislich. Thilg e mhàileid air an làr, chrom an mheirleach comhlaga togail. Ach ma chrom, cha déirich iad. Le dheagh bhata dàraich, bhuail e na slaoightearan gu talamh. Thog e a mhaileid agus thug e a chasan ás. An uair a ràinig e Glaschu, chunnaic e daoine a leughadh an aon phaipeir-naidheachd a bha tighinn a mach aon uairsan t-seachduin, paipeir ris an abradh iadAn Courant’; dhfheòraich e gun rudha gnùis no crithna ghuth, am bheil sgeul ùrsa phaipeir an diugh? Cha chuala e riamh gu mar a chaidh do na meirlich, ach bha e ann an dòchas nach tugadh iad aghaidh gu bràth tuilleadh air dròbhair Muileach.”

Chaneil ùine air aon fhacal eile ach ma bhitheas sinn uile beò bithidh céilidh fhathast againn agus sin ann an I.

Oidhche mhath leibh.

titleEilean I
writersColl MacDonald
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page