COLLA.
Le EACHANN MACDHUGHAILL.
Tha sinn an nochd a’ dol a thoirt cuairt do thigh na céilidh, an eilean m’àrach am mach an sud ri aghaidh a’ Chuain an Iar, agus ’nar mac-meanma, a’ suidhe sios far am biodhamaid cruinn anns an ám a dh’aom ag éisdeachd ri ur-sgeulan is còmhradh nam bodach.
Ged nach ’eil mise ’gam chunntadh féin sean fhathast, chunna mi is bha mi an seanachas ri daoine aig an robh cuimhne gu math air Cogadh Bhoniparte, is a dh’fhiosraich iomadh sgeul bho am bilean-san a bha an Cogadh na Spàinnte, is aig Waterloo. Bha iomradh aca air a’ chùram a bha air muinntir an Eilein gu’n tigeadh na Frangaich orra gun fhios dhoibh, agus gu’m biodh an t-Eilean air a chreachadh is an sluagh air am milleadh. Bha iad uile deas, na’n tachradh sin, gu an spréidh a thogail am mach ri sluic is uamhachan an Taoibh a Deas; agus is cinnteach gu’n tachradh sin, oir nach fhaca Dòmhnull Taibhsear gach speir cruidh a bha anns a’ Ghallanaich ’nan sineadh air am blian air a’ mhachair, is féithean móra an spadagan deiridh air an gearradh! Eadaruinn fhéin, ged thà, cha d’thàinig a’ cheart taraigeanachd ud air a cois riamh fhathast, ach gus an latha diugh tha na bodaich ag ràdh gu’n tig i uair-eigin!
Nach robh Anna Nighean Ailein ag innseadh dhuinn gu’n robh i féin, is i an uair sin ’na caileig, air Beinn Ghriseabuill am feasgar a sheòl an long air an robh Iain MacAilein, ughdair na “Coille Ghruamach,” am mach do’n Chuan an Iar, is a h-aghaidh air Canada. Thachair sin anns a’ bhliadhna 1819.
Agus nach b’ann dà gheamhradh ’na dhéidh sin a
thàinig soitheach an fhìona air cladach Thota-Raoghnaill. B’iad sud na làithean! Is ann an sud a bha an droghach air buidealan fìona, bodaich is gillean, cailleachan, mnathan is clann ’nam fuil ’s nam fallus air a’ chladach ag cur nam baraillean fo dhìon. Nach robh “fion dearg na Spàinnte” cho pailt anns na tighean air a’ gheamhradh a bha an sud ’s gu’n do bhruich Bean Eoghain Bhàin aon latha am buntàta anns an fhion, ’s i an dùil gur e uisge an Tobair Dheirg a bha aice anns a’ chuinneig.
Bha cleachduidhean na h-àirigh fathast air an giùlan air aghaidh anns an eilean an uair a bha na daoine a chunna mise ’nan gillean ’s ’nan nigheanan òga. Dh’innis Sine Chaimbeul dhomh gu’n robh i féin air an àirigh mu dheireadh a bha an Colla, shuas an sud am bràighe Thorastain, is i an uair sin ’na ceithir bliadhna deug.
Bha gu leòr de sgeoil air na seann làithean aig na bodaich. Bha gu leòr de òrain aca, is bhiodh iad féin ag cur riu. Bha de òrain aig Tearlach Og a bha anns a’ Chaolas ’s gu’n robh aon aige air leth air cheann gach latha anns a’ bhliadhna. Chan fhaca mise an duine, ach chuala mi bodaich eile a’ toirt iomraidh air. Is bochd gu’n do thriall an seanachaidh ainmeil so, is nach d’fhàg e a’ bheag de na sgeoil is de na h-òrain a bha aige air a mheomhair aig an àl a thàinig ’na dhéidh.
Is iomadh latha bho nach do chuireadh bàir le caman anns an eilean againne, ach bu lionmhor iomradh aig na seann daoine air gach iomain mhór a bhiodh aca an uair a bha iadsan òg.
Bha na gillean anns an eilean an uair sin gu iomain a dheanamh; agus cha b’iad an òigridh a mhàin a bhiodh rithe, ach na bodaich iad féin. Bha an sud latha a chaidh iad do’n Chladach fheamann an Torastan. Cha
robh an tràigh ann fathast, agus leis gu’m biodh an uair ud a chaman aig gach fear anns a’ chliabh an ám tarruing ris an tràigh—eagal ’s nach biodh feamainn air a’ chladach idir, na’m b’fhior—b’ i an iomain ris an do theann na suinn! Leigeadh na h-eich am mach ri bruthach, is ghlaodhadh “bualam ort” is “leigeam leat” gun an còrr dàil.
Thàinig an tràigh, is co-dhiubh a bha feamainn oirre no nach robh, chan fhios dhòmhsa; ma bhà, gas cha do chuireadh suas an latha ud! Thàinig an ath làn, thàinig am feasgar, is thàinig an t-acras, ach lean an iomain! Agus bha na bodaich ag radh gur ann ri solus na gealaich a chuireadh crìoch air a’ bhàir.
Bha an t-iasg pailt air a’ chladach an uair sin. Cha d’thugadh langa a stigh do Bhagh Chòrnaig bho chionn còrr is fichead bliadhna; ach bha na bodaich ag ràdh gu’n robh an langa cho pailt air na cladaichean suas mu cheithir fichead bliadhna air ais ’s gu’m biodhteadh ’gan glacadh leis na madhair air na creagan-iasgaich! Bha i aon bhliadhna air a faotainn cho pailt ’s gu’n do theirig na tubachan-saillidh air na h-iasgairean an Eillearaig, agus bha iad a’ taomadh nan lòn an creagan a’ chladaich is a’ sailleadh an éisg an sin.
Bhiodh na bodaich a chunna mise a’ dol do chreag-nan-eun an uair a bha iad òg, is a’ deanamh “biùmh-lamhach” mu’n d’thubhairt iad féin e, air na sgairbh. Is iomadh sgeul a bha aca air a bhi a’ dìreadh na Stalla Duibhe an Sùl-ghorm, seadh, agus air an t-sraighlich mhi-nàdurra bhiodh iad ag cluinntinn am mullach a’ mhill ud, far an do thogadh an tigh-soluis a tha air an diugh ’nar linn féin. Bha iad ag radh gu’m biodh na sgairbh, an ám dol a laighe anns a’ chreig, a’ fàgail aon air faire is an còrr dhiubh a’ pasgadh an cinn fo’n sgroib.
An uair a rachadh na bodaich—gillean lùthmhor anns an ám ud—air tìr air a’ chreig, a’ cheud rud a dheanadh iad, b’e an sùil fhaotainn air sgarbh-na-h- aire. Bhiodh esan daonnan air binnein na b’àirde na an còrr, agus b’e faotainn chuige mu’n toireadh e gorc-rabhadh as, ris an robh obair na h-oidhche uile gu léir an crochadh. An uair a gheibhteadh esan as an rathad, cha robh ach gabhail do’n chòrr as an leth-oir gus am biodh feumalachd gach teaghlaich a bhiodh ri roinn do na sgairbh fhaotainn air a sholar gu pailt is gu tomadach.
Tha gnàth-fhocal againn an Colla gur ann “air na tòraidhean is air na bainnsean a bhiodh an càirdeas ’ga chuimhneachadh.” Glé thric, is ann orra mar an ceudna a bhiodh na seann chaonnagan air an ath-ùrachadh, agus aicheamhail ’ga shireadh. Bha iomradh aig na bodaich air aon tòradh a bha an Cill-Ionnaigh, agus mu’n do sgaoil a’ chuideachd, bha còig fir-dheug as an léintean “a’ toirt am mach an aicheamhail is a’ togail na h-éirig.” Is e “Mac-na-Braiche” a b’aobhar air a leithid so de mhi-stuamachd; agus is math gu’n d’thàinig caochladh air na cleachdaidhean sin.
B’e “Mac-na-Braiche” mar an ceudna a réir nam bodach, a b’aobhar gu’n do sguireadh de chluich na pìoba air na tòraidhean; ach chan ’eil sin ro fhada air falbh idir, ged a bha e roimh mo latha-sa. Bha bodaich a chunna mise iad féin air an tiodhlachadh mu dheireadh air an robh a’ phìob air a cluich an Colla. A réir na h-iomraidh a bha aca-san, is coltach gu’n d’thugadh tuille ’s a’ chòir de na bha anns a’ phige do Dhòmhnull Mac Pheadarais, an curaidh a bhiodh air ceann na piobaireachd, agus an uair a thug an giùlan ceum le bruthach, sios le Bealach an Fhraoich, far am biodh a’ chumha— “Cha tig Mór mo bhean dhachaidh,” am bitheantas—is iad an nis
an sealladh na cille, daonnan air a séideadh suas, nach ann a thog Dòmhnull còir ceòl dannsa, agus b’e “Calum Crùbach,” is cha b’e nach robh “Mòr a’ tighinn dhachaidh,” a bha a shiunnsair a’ froiseadh am mach sios am bruthach! Chuir so, “an ceòl air feadh na fidhle” no air feadh nan dos, ma thogras sibh, agus r’a linn, chuireadh stad air a’ phiobaireachd air na tòraidhean an Colla. Lùghdaicheadh mar an ceudna na bha air a riarachadh de uisge-beatha, air na tòraidhean; agus is cinnteach gu’n robh a’ chuid sin de’n atharrachadh freagarrach gu leòr. Ach bho’n a rinneadh sin, is gur e tuille ’s a’ chòir de’n uisge-bheatha a b’aobhar air Dòmhnull MacPheadarais a dheanamh a leithid de bhrionglaid ’s a rinn e dh’fhaodteadh leigeil leis a’ phiobaireachd mar a bha i, or is gasda an nì pìob air a deagh chluich gu cothromach, réidh, is fuaim na cumha r’a cluinntinn pong air a’ phong, ri ceum stàtail an t-sluaigh a’ tarruing gu cill. Ach ma bha cuid de dhaoine a’ dol thar garadh-criche na stuamachd, aig amannan, bha an sluagh an coitcheannas ro chùramach ’nan gluasad. Le cumail ris a’ cheartas, is ann mar a bhà gur e cho beusach ’s a bha an giùlan a chuir gu’n robh cuimhne idir air a gleidheadh air tuiteam-air-falbh bho dheagh bheus, mar a dh’ainmich mi. Bha daoine ro chùramach mu’n t-Sàbaid, agus gu sin a leigeil ris gu ro-chomharraichte, so agaibh sgeul a bha aig na bodaich air Niall na Buaile. Bha Niall a’ fuireach leis féin an ionad glé ònrachdach, agus an uair a bha e air tighinn suas an aois is a bhiodh an aimsir doirbh, theagamh gu’m biodh air uairean suas ri seachduin mu’m faiceadh e duine. Aig a leithid so de ám, is e sniomh sioman-fraoich a b’aon obair dha; agus a réir gach sgeoil, bha e ro-mhath aig a’ cheart chéird sin.
An déidh àireamh làithean do dhroch shid an sud, matà, thàinig aon latha briagha, latha-eadar-dhà-shion, mar a theireadh na h-Eileanaich r’a leithid, agus leis gu’n robh ceirsle mhór shìomain deas aig Niall, smaointich e gu’n toireadh e aghaidh air Còrnaig Bheag leatha, oir is ann do Fhear Chòrnaig a bha e a’ sniomh an t-siomain. Ach ciod a tha agaibh air no dheth ach gu’n deach an t-seachduin iomrall air Niall bochd, agus is è a bha anns an latha bhriagha a thàinig an so Latha na Sàbaid. Bha Niall glé dhlùth air a cheann-uidhe, leis a’ cheirsle shiomain aige air a mhuin mu’n do thachair neach no neach-eigin air a dh’innis dha gur e Latha na Sàbaid a bha ann. Chuir an gniomh a rinn e Niall an droch staid, oir bha e cinnteach gu’n robh an nis peacadh dòruinneach air anam. So agaibh, matà, dé a rinn e gu faochadh a thoirt d’a choguis; fhuair e teine, is chuir e sud ris a’ cheirsle shiomain far an do thilg e bhàrr a ghualainn i. Loisg e ’na luaithre i, is an uair a chuir an lasair ceann-finid oirre, thog Niall air, is thug e an tigh air.
Bha iomradh aig na bodaich air iomadh gaillionn is làn-mór a chur séisd ris an eilean. Bha an sud latha fuathasach le stoirm is éirigh fairge a rinn trì eileanan de Cholla. Bha Tiridhe, làimh ruinn, ’na sheachd eileanan aig a’ cheart ám. Bha an stoirm leis an do chailleadh a’ Phacaid is an do bhàthadh an sgiobair—Calum Ruadh—ainmeil an seanachas nam bodach.
B’e ám an fhoghair a bha ann, agus far an robh an t-arbhar gearrte, is e air adagachadh, is e a roinn a b’fheudar do na croitearan a dheanamh air na dh’fhàgadh gun a sguabadh am mach do’n chuan! Agus air son na bha fathast gun bhuain (am mach bho chuid aon duine a mhàin) is gann a bha spilgean sil air fhàgail air
craobhaig no air déis nach do fhroiseadh dhiubh leis an stoirm.
Ach an aon fhear a bha an sin, cia-mar a chùm esan, saoil sibh, a chuid barra bho dhol a dhith? So agaibh, matà, mar a bha na bodaich ’ga innseadh. Is coltach gur e latha ro bhriagha a bha anns an latha roimh an stoirm a bha an so. Bha obair an fhoghair a’ dol air aghaidh gu trang, is arbhar ’ga ghearradh far an robh e deas air cheann a’ chorrain. Ach cha b’e aon chuid gearradh no adagachadh a bha air aire Aonghais Mhóir, ach obair a bha, am beachd a choimhearsnaich, ’ga chomharrachadh am mach mar fhear a bha air dol as a riaghailt. Fhuair Aonghas sgonn mór de chrann-spreòit soithich a thàinig air a’ chladach. Chuir e an t-each fo chuing, is cheangail e crann-spreòit an t-soithich air a tharsuinn ’na dhéidh, mar gu’m biodh ann cliath no roileir. Am measg an arbhair ghabh e leis a’ chrann-spreòit is mu’n do stad e cha robh gas nach robh air a leagail gu teann, dlùth ris an làr, is a bhun anns an Airde ’n Iar—an taobh bho’n do bhris an stoirm! Cha mhór nach d’thug na coimhearsnaich ionnsuidh gharbh air gu a bhacadh, oir, ’nam beachd-san, bha e air dol as a chiall; ach dhearbh an làrna-mhàireach nach b’ann as a chiall a bha Aonghas Mór, ach glé ghlic.
An ath latha, an uair a bhris an stoirm so, nach d’fhiosraicheadh a leithid eile riamh ri cuimhne dhaoine anns an ám, chunnacas cho fad-sheallach ’s a bha an gniomh a rinn Aonghas Mór. Bha an t-arbhar aige-san, leis gu’n robh e air a leagail lom, còmhnard ris an làr, le bhun anns a’ ghaoith, gun mhilleadh gun dochunn, ach a mhàin nach biodh e cho furasda a bhuain leis a’ chorran: ach bha arbhar nan coimhearsnach a bha fathast gun ghearradh air a leithid de dhian-chrathadh
fhaotainn ’s nach robh ach gann, spilgean air fhàgail air craobhaig no air déis nach do fhroiseadh dhiubh.
Is iomadh sgeul is iomradh eile air na seann làithean a chluinnteadh aig na bodaich. Chomharraicheadh iad am mach a’ cheart bhad anns an do thilg cù a’ phiobaire a chaidh troimh an uaimh an anail an uair a thàinig e am mach air a’ cheann eile, is gun sgeul air a’ phiobaire e féin.
Sud shuas an t-iomaire air an robh am buanaiche am feasgar a bha an sud an uair a ghuidh e cuideachadh a thighinn air, is e ’ga shàrachadh. Thàinig an cuideachadh, is bha naidheachd air! Bha duais ri bhi ’ga ceann; agus bu daor i! Bha eallach a dhroma aig an fhear-cuideachaidh r’a fhaotainn leis; bha an ceangal fada is righinn, agus bha a choltas air nach robh sguab air an achadh nach gleidheadh e! Ghuidh am buanaiche an sin air a’ Chruitheir cobhair a thoirt dha is arsa esan:—
“Tha Màrt gu cur is tha Màrt gu buain,
Tha Màrt gu tarruing dhachaidh nan sguab,
Is Fhir a dh’òrdaich na trì Màirt,
Na leig mo bhàrr-sa ’san aona ghad!”
Leis na briathran so bhris an gad; bha gach sguab a bha ceangailte ann turraich-air-tharraich, thall ’s a bhos air an iomaire, is am fear-cuideachaidh—am fear-millidh e féin—air falbh ’na dhrilsean gorma teine do na speuran.
Agus sud an cnoc ud shuas, Càrnan Mór Eillearaig, bho am facas an sealladh mu dheireadh de’n luing ud a dh’fhalbh bho chladach na h-Albann, an long a dh’fhalbh le gaol nan Gàidheal air a clàr—Tearlach Og Stiubhard. Bha “am blàr air a chur air Monadh an Fhraoich.” Bha na fineachan air an sgapadh; bha na gaisgich a dh’éirich le Tearlach air am mort is air am beubanachadh, is an
dachaidhean air an creachadh. Dh’fhalbh Tearlach is “cha do thill e tuille!”
Sin agaibh, matà, cuid de na seanachasan a chluinnteadh aig na bodaich an eilean m’àrach-sa, agus is iad féin a chuireadh am blas air a’ chòmhradh. Fàgaidh sinn soraidh aca an dràsd, ach faodaidh gu’m faigh sinn cothrom cuairt eile a thoirt ’nan rathad uair no uair-eigin.
title | Colla |
writers | Hector MacDougall |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |