[43]

UIDHIST A TUATH.

Leis an Urr. NIALL MACDHOMHNUILL.

Nach ’eil an ceann teagaisg so a’ toirt ’nar cuimhne na daoine gasda a baithne dhuinn agus air an cualar iomradh ann an laithean ar n-òige. Bha seann duine còir againn ann an UidhistIain MacIlle Iosa, aig an robh mar chleachdadh mun rachadh esteach do thigh sam bith seasamh air an starsnach far an toireadh e dheth a chomhdach cinn, agus theireadh e beag ris fhéin, “gum beannaicheadh Dia an Tigh sos na bheil ann.” Bu mhath leamsa matà, ’s an dol a mach guidhe an t-seann duine chòir so a chur a dhionnsuidh gach dachaidh anns am bi mo ghuth air a chluinntinn an nochd.

Bithidh sinne a chaidh altruim agus àrach ann an dachaidhean anns an robh blàthas is coibhneas ariaghladh, gu tric asmaoineachadh air laithean sona ar n-òige, agus air na seann daoine grinn a baithne dhuinn. Air mo shon fhéin is bitheanta leam a bhi ag gabhail turuis air eathair na cuimhne a null do dhUidhist a chum a bhi ag ùrachadh meòlais air na bodaich. Bho chionn beagan laithean bha minam measg a rìs, agus tha mi adol a dhinnseadh dhuibh-se an nochd beagan de na dhinnis iadsan dhomh-sa. Ach mun teid mi air maghaidh feumaidh mi a radh mun deidhinn gur iomadh uair a bhios e ag cur ioghnaidh orm, a dhaindeoins cho beag is a bha aca de chothrom, cho farsuing is cho domhain is a bha an eòlas, cho geurs a bha an comas breithneachaidh agus cho ealanta cothromach is a bha am briathran aig gach ám.

Tha cuimhne agam aon fheasgar ann an tigh brathair mo sheanair, sean Aonghas Camshron, agus e mach gu


[44]

math as acheithir fichead. Bha e ag innseadh dhuinn mu na h-atharraichean a chunnaic e fhéinna latha ann an Uidhist. Is ann car mar so a dhinnis e an naidheachd.

Ri mcheud chuimhne,” arsa esan, “ ’s ann an so a bha tìr an àigh. Air gach sliabh eadar Marabhal is Uinibhal, null gu loch Una, air na raointean mach gu Langais is Loch Sgadabhagh, fhads a chitheadh sealladh na sùla, bha àirigh an suds an so; an crodh laoigh agus feur gorm brìghmhor, aca gun cluasan; mnathan òga len còtaichean drógaid afigheadhs afuaigheal, aseinn dhuanag is an gàir cridheil, gun dragh gun chùram, alionadh na tìre le ceòl, ’s iad abuachailleachd nam .

Bha sgiobaidhean eile de mhnathan agus fhir ag oibreachadh na ceilp, agus bhiodh feadhainn dhiubh sin adol cho fad ri Lochportain agus Bagh aChàise. Cho fads as cuimhne leams e prìs na ceilp an uair sin deich no dusan punnd Sasunnach an tunna; an diugh chan fhaighear ach mu thrì notaichean an tunna.”

baobhar don phrìs tuiteam cho iosal so, Aonghais,” arsa fear de na bha an lathair.

Bha,” arsAonghais, “gun do thòisich amhuinntir a bha ceannach na ceilp air studhannan na bu shaoire thoirt a steach á rioghachdan eile, gu sònruichte as aSpàinn. Be sin latha na dunach do Uidhist! Bha an t-uachdaran afaotainn cuid mhaith airgid bhon cheilp, agus aon uairs gun dfhalbh sin cha robh feum air na daoine. Chunnaic mise ann an Sollas,” thubhairt brathair mo sheanair, “agus tha mi an dòchas nach faicear a leithid ann gu siorruidh tuilleadh. Bha mach á coig ceud duine ann an Sollas agus roghnaich an t-uachdaran an tuath fhuadach. Chaidh abhàirlinn a chur orra ann an toiseach an t-Samhraidh. Thàinig an Siorram le feachd mór de luchd cuideachaidh á Inbhir-Nis agus an


[45]

latha a ràinig na daoine sin be sin achruaidh fhortain. Thòisich iad air rùsgadh an tubha thar nan tighean agus air tilgeadh am beagan airneis a bhannta a mach air an dorus. Bithidh mi moladh rim bheò cho sgairteil is bha aon de na mnàthan. Ghuidh i air an t-siorram an tubha fhàgal air acheann den tigh anns an robh abheirt fhighidh aice. Cha déisd esan ri h-athchuinge, ach mur a do dhéisd, bha cualach mór de bhata aice, ’na làimh, agus dhfhiach i deagh sgailc dheth air an oifigeach a bfhaisge oirre. Chuir so cas bhacaidh orra. ’Nuair a chunnaic muinntir Shollais so cha burrainn iad cumal orra fhéin na bfhaide. Thòisich am batail. Fhuair muinntir abhaile làmh an uachdair. Ghabh am bàillidh agus an Siorram comhairle le chéile, agus shuidhich iad gum faodadh na daoine dol air ais do na tighean. Agus oh! mo chlann, be sin na tighean. Cha robh air fhàgail den chuid mhór dhiubh ach na ballachan. Rinn iad achuid a bfheàrr den chùis bhochd a bha ann. Bha cuid de na fir air an toirt gu cùirt ann an Inbhir-Nis. Dhìteadh iad, agus bha iad air an cur am prìosan. Be sud latha cho oillteils a chunnaic sinne riamh ann an Uidhist. Ged a fhuair cuid dhiubh air ais don dachaidhean aig an ám is duilich leam a radh gun robh iad air am fuadachsan ath Earrach. Chaneil fios agaibhillean, òga, gu bheil sibh beò an diugh.” Sin matà, a chairdean, sgeul Aonghais brathair mo sheanair air laithean òige.

Bha aon sònruichte air am biodh fadail air na bodaich gus an tigeadh e. Be sin latha na féille. Bha cead nan cailleach aca gu bhi adeanamh blasad beag air na gloinneachan làn. Air an latha mhór so bha móran reic is ceannachga dheanamh agus cha bhiodh bargain air a socrachadh no air a suidheachadh gun deur beag de


[46]

shùgh an eòrna. Bann aig Cnoc na Féille ann an Loch nam Madadh a bha an fhéillga cumail, is bhiodh sluagh mór cruinn ás gach cearn; h-Earraich is Leodhasaich, Muilich is Collaich, Sgitheanaich, is Tirisdich, Goill is Sasunnaich. Anns an ám sin bha Uidhist ainmeal air son an seòrseich a bhàtar atogail ann agus bhitheadh daoine tighinn as gach ceàrn a cheannach nan each. Nam burrainn Cnoc na Féille bruidhinns iomadh sgeul a bhiodh ri innseadh. Bha e air a roinn air bailtean Uidhist, àite air leth aig gach baile. Bhiodh na dròbhairean adol air feadh na spréidhe agus ag ceannach mar a chòrdadh iad fhéin agus na bodaich. Bu teann na h-argumaidean is an crathadh cinn a bhiodh adol air aghaidh. Mar a dhfhaodas sibh a thuigsinn bhiodh na Goill afeuchainn ris a char a thoirt ás na bodaich, ach is iad fhéin nach ruigeadh a leas. Bha na bodaich agus na cailleachan asuidheachadh prìs a bheothaich mum fàgadh iad an tigh. Chaidh Dòmhnull MacRuaraidh gu féill le làir ghrinn, sgiobalta agus e asmaoineachadh nam faigheadh e ochd nota deug orra gun deanadh e math gu leòir. Cha do thar e an fhéill a ruigheachdnuair a thàinig bodach Gallda far an robh e agus dhfheòraich e do Dhomhnull ciod a bha e ag iarraidh air an làir. Dhinnis Domhnull a phrìs dha agus thionndaidh an Gall agus thubhairt e, “Se mo chuid i.” “,” arsa Domhnull, “chan i, ach mo chuid fhéin.” Thuig Domhnull gum bfhiach an làir barrachd air ochd punnd deug Sasunnach agus mun deach an latha seachad fhuair mo laochan mach á fichead punnd Sasunnach air an làir. Dhfheòraich am fear a cheannaich i dheth, “A bheil thu cinnteach nach dean sìol coire orra?” “Ma ,” arsa Domhnull, “is e an gearan bu mhotha a bhaice fhads a bha i agam-sa cho beag dheths a bha i faotainn.”


[47]

Be latha na féille latha nam bodach gu dearbh. Bha iad ag coinneachadh ás gach àite, agus ag cur eòlais as ùr air càch a chéile. Tha iomadh bliadhna bho nach robh féill ann an Loch nam Madadh agus air mfhacal dhuibh cha robh na bodaich idir toilichtenuair a thòisich an dòigh ùr air reic is ceannach. Cha robh e cho taitneach ris an t-seann dòigh a bha cho càirdeil.

Chuala mi na bodaich ag innseadh dhuinn mun Inflexible, bàta mór a chaidh a bhriseadh aig Heisgeir. Bha ìm agus càise, feòl agus min innte, agus cha mhór teaghlach a bhann an Uidhist aig an ám sin nach dfhuair cuid den bhiadh mhath sin. Beagan bhliadhnachan an déigh an Inflexible, chaidh long mhór eile, a mhilleadh faisg air an aon àite. Ma thug an Inflexible biadh dhoibh thug i so deoch dhoibh. Bha cladach an iar Uidhist cha mhór comhdaichte le bocsaichean agus togsaidean den stuth a bfheàrr, eadar Mac na Braiche agus fion. Cha robh aig muinntir an àite ach iad fhéin a chuideachadh. Chualas fathunn gun robh na gàidsearan atighinn. Chuir so na firnan cabhaig. Thòisich iad air na fhuair iad a chur am falach, ged nach robh fhios gu ro mhath càitan cuireadh iad e. Bha cuid dheth air a thiodhlacadh, cuid eile air a chur anns na saibhlean, agus bha e air aithris os iosal gun deach togsaidean a chur a mach air loch an Athain, agus thàtar ag radh gum bheil iad an sin fhathast. Chaidh iad fodhasan lathaich. Bha Iain MacCùthais ag innseadh dhomh-sa mar a rinn esan. Thog e an t-ùrlar fiodha a bhas an t-seòmar, chladhaich e sios cho fads a dhfhaodadh e, lìon e an slochd cho làn is a ghabhadh e, agus chuir e an t-ùrlar air ais mar a bha e roimhe. Ràinig na gàidsearan, rannsaich iad gu teann gach bàthaich is sabhall, gach cùil agus seòmar a bhasan tigh, agus ged a rannsaich


[48]

cha robh aca ach saothair an diomhain. Dhfhalbh iad mar a thàinig iad. Fad iomadh an déidh sin bha Iain còir comasach air fàilte a chur air a chairdean agus rud beag a thoirt doibh mar a bu dual is a bu mhath leis.

Ann an Uidhist, tha e air aithris gum bheil móran ullaidhean air an tìodhlacadh anns na monaidhean agus na machraichean. Bha Deòrsa Beveridge ag cladhach agus ag cnuasachd ach gidheadh chan fhiosrach mi gun dfhuair e aon dhiubh. Neach a bfhaisge a chaidh air ullaidh an Dùn-bhàin fhaotainns e boirionnach a bha fuireach air cladach Chircibost. Bha e riamh air aithris mun ullaidh so nan tigeadh duine ás àite sònruichte mu na cladaichean anns am faighteadh fon ùir sraidhleam còmhlaich nach bitheadh an ullaidh fad air falbh. Nam faigheadh tu achòmhlach dhfheumadh tu cumail air cladhach. Fhuair abhean so achòmhlach ach a réir beul-aithris, ghabh i an t-eagal, air neo thàinig dorchadas na h-oidhche oirre. Co-dhiubh, cha deach i fad air aghaidhnuair a ruith i dhachaidh. Chaidh i air a h-ais a rithis ach tha an ullaidh air an Dùn-Bhàn fhathast. Chuala mi fhéin Gilleasbuig MacIlleathain ag innseadh gum faca e ann an aisling an ullaidh a tha tiodhlaichte faisg air tigh sgoil Thigh aGheàrraidh. Tha òr, airgiod agus clachan luachmhor ann. Bha an rathad a dhionnsuidh na h-ullaidh air a shealltuinn dha, agus an dòigh anns am faigheadh e i. Cha deach e riamhna còir, agus cha mhotha a dhinnis e do neach riamh far a bheil i. Bha e den bheachd nach robh ann ach cuilbheirt a bha aig an droch spiorad air son a mhilleadh.

Ann an laithean mòige bhiodh na seann daoine ag cainnt is ag aithris sgeulachdan air Iain MacCodrum, am bàrd Uidhisteach. Bha cuid de na daoine còire sin air bheag fòghluim seach mar a tha sinne an diugh, ach


[49]

bfhiosrach iad am measg nam bàrd. Chuala mise mi fhéin seann daoine ag aithris earrannan móra fada de bhàrdachd do chàch a chéile ann an dòigh a bha fìor thaitneach, agus a bha aleigeil ris cho mìon-eòlach agus fiosrach is a bha iad ann an litreachas an daoine. Bu gheur sgaiteach am bàrd MacCodrumnuair a bhuaileadh air. Faodaidh gun cuala sibh mar a thubhairt e mun aoidheachd a fhuair e an tigh coimhearsnaich. Thugadh dha cuach anns nach robh ach fìor bheagan bainne. Cha robh e idir buidheach do bhean an tighe a bhi cho spìocach. Thuit cuileag anns achuaich agus is ann mar so a leig am bàrd aithnichte dhith gum faodadh i bhina bfhialaidhe mun bhainne.

A,” arsesan, “a chreutair leibidich a dholg a dbhàthadh fhéin far am faodadh tu grunnachadh.”

Sgeul eile a bha air innseadh air. An ám a bhi atiormachadh Loch Asdainn bha amhór chuid de mhuinntir an àite ag cuideachadh leis an obair. Cha do chuir MacCodrum móran dragh air fhéin a dholnan còir gus an t-ámsam biodh na fir afaighinn rud-eigin a chumadh an cridhe riutha. Air dha tighinn far an robh an obairga deanamh thugadh dhà beagan de na bha adol, agus bha e air a radh ris gum be sin gloine debhùrn Loch Asdainn.” Ann a bhi ag gabhail ris na thugadh dha mhothaich am bàrd am fàileadh. Thuig e sin ciod an stuth a bhaige, agus so agaibh a bhriathran:

Gum beannaicheadh Dia bùrn Loch Asdainn,
Ge math fhàileadh is feàrr a bhlas,
S ma tha e mar so gu léir,
S mór am beud a leigeil as.”

Feumaidh sinn a nis, tha eagal orm, a bhi afàgail oidhche mhath aig na bodaich Uidhisteach, agus tha min dòchas gum bi e comasach dhuinn a bhi comhla riutha oidhche air choir-eigin eile.

titleUidhist_a_Tuath
writers MacDonald
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page