[59]

TIRIODH.

Leis an Urr. EACHUNN CAMSHRON.

Bithidh a muighs a stigh mu chóig agus cóig fichead bliadhna bhon a ghabh do sheanair agus do sheanmhair ann an ceann tighe is teaghlaich. Agus mar a thubhairt am mac a bòige, “Mac Eachuinnmar is bitheanta a theirte ris, “ ’S e do sheanair a rinn gach cuach is cuinneag, gach crannachan is cliabh, gach measair is stòl, gach farmail agus ballan a bhuineadh don tigh so. Aguss i do sheanmhair a chìrs a chàrd, ’s a shnìomhs a dhfhigh snàthain, lìn is ollainn a chaidh air drùims air cois gach creubh fo na cabair dhubha so. A thuilleadh air sin uile, bha obair eile aca a machs a stigh, a dhfheum iad a bhina ceann. Agus cha burrainn iad a bhi fadanan tàmh.”

Thug na briathran fàth smaointinn dhomh. Dhfhiosraich mi de na bodaich mu chor na Tìr Iosails an ám ud.

Tha cuimhne agam-sa mi fhéin,” thubhairt an Tuairnear( ’s tha esan ochd agus ceithir fichead seachad), “air suidheachadh an tighe a bfhaisge dhuinn, cho maths ged a bann an e. Ann an ceann-an-teine, bha bòrd tàilleireachd air an taobh shear far an robh aon de na gillean le a shiosars le a shnàthaid adeasachadh eididh nam feara. Bha uinneag aiguilinn ach cha robh gloine no craiceann innte: ach bha còmhla bheag fhiodha oirre le éill leis an gabhadh i dùnadh is fosgladh a réir na h-àirde on séideadh aghaoth. Bha coirean eile an taobh an iar, agus ceannag chònnlaich làmh ris, gus a chur ann no ás a fhreagairt don t-séideadh. Bha an teine ann am meadhon an ùrlair, ròpa bhon spar os a


[60]

chionn le slabhraidh agus cromag oirre air a cheann iochdrach air an crochte poit no greideal mar a bha feum orra, agus toll gu h-àrd a leigeadh a mach na toite. Bha aon de nigheanan an tighe agus fead is breab aice air beairt-fhighe, ’s an t-seòmar mheadhoin, agus uinneag anns an robh lòsan bheag ghloine aig a h-uilinn-se. Bha bràthair eile dhina shuidhes acheann-shios ag griasachd. Mar sin, tuigidh sibh far an robh triùir luchd-ceairds an aon tigh, nach be sin tigh a bu mhiosa cors an dùthaich. Bha cuid de na mnàthan a bha sònruichte air deanamh snàth fuaghail, lìn is ollainn, air son nan tàillearan, agus be na goibhnean a bham feum nan snàthad a dheanamh.”

Nach innis mise a nis,” thubhairt Dòmhnull Iain, “sgeul is fhaide air ais na sin? Is ann air Goirtean Dòmhnuill a bha bàillidhean na dùthcha afuireach mun do thogadh as ùr Tigh-an-Eilein. Bha sin mar a tha achlach a thanns abhalla ag innseadh anns abhliadhna 1748 (seachd ceud deug, fhicheads a h-ochd). Aig ám mo sgeoil bha muinntir na dùthcha la mòrlanachd alionadh suas achaoil a bha eadar an tigh is tìr. ’Nam measg bha duine bochd a bham feum coingheal eich fhaotainn bho choimhearsnach, agusnuair a thàinig am feasgar agus, ar leis, ám gu dol dhachaidh, bha e adeanamh mu réir gu falbh. Ach chunnaic am Bàillidh e, agus dhòrduich e dha luchd eile a tharruing mun tionndadh e aghaidh air a thigh. Chan fhaigheadh an duine bochd éisdeachd facail, agus on a bha fios aige mur deanadh e toil aBhàillidh nach biodh ann dha ach abhàirlinn, cha robh dha ach géill a thoirt: ach anns an fhalbh thubhairt e, ‘Cha chuir thusa seachad oidhche fo sparran Tigh an Eileins tu ann an céilidhn t-saoghail so.’ A nis be so an ceart a bha inntinn aBhàillidh


[61]

suidhichte air, gum be fhéin an ceud fhear a ghabhadh còmhnuidhs an tigh ùr; agus ma bha a chridhe an geall air roimhe, bha a chridhe agus inntinn suidhichte air a nis.

Coma co-dhiubh, mun robh an tigh crìochnaichte, ach gun do dhfhàs am bàillidh tinn, agus an àite dol na bfheàrr, ’s ann a dhfhàs e na bu mhiosa. Bhan tigh crìochnaichte, ach cha robh esan comasach air a mhath a ghabhail. Bha e cho danarra is cho dian air gun luidheadh e ann mum fàgadh e an saoghal, is gun dthug e air ceathrar sheirbhiseach a ghiùlan air plaide bho Ghoirtein-Dòmhnuill gu ruig Tigh-an-Eilein, ach dìreach air an starsnaich, dhfhàg an anail e. Sin agaibh a nis, agus mas breug uam e, is breug thugam e.”

Nach mairg,” thubhairt MacIain Ruaidh, “a theireadh a shàr-fhacal. Bhon a bha sibh air fad abruidhinn air seann nithean, agus cor is cleachdaidhean nan seann daoine, tha cuimhne agam-sa gu sònruichte air iad a bhi ag innseadhs mi ann am bhalach, mu phiuthar do Niall Mac Iain a bhas aChlachan Mhór— ’s tha sin bho chionn sia fichead bliadhna: bha an còrr den teaghlach abuain mòna (noga gréidheadh) air cùl Cnoc Bheiceapuil, mu dheas air Loch aChlàir, no Loch Stanail, mar theirte ris bho chionn fhadabha mòine cheartga buain ann an Tiriodh fhéin an uair udafàgail an tighe don chomunns amhaduinn dhfhàgadh òrdugh aig am piuthair a dhol thuca len dinneir an déidh mheadhon-latha. A thaobh an ám den bhliadhna bha buntàta is min aGheamhraidh air teirgsinn, agus bha bàrr na bliadhna gun bhi buileach abaich. Co ás, matà, a gheibhte dinneir do luchd-buain na mòna? Cho luath is a bha an nighean réidh de dhobair an tighe gun mhoille gun teagamh ghabh i mach agus spìon i na


[62]

bha dhìth oirre den arbhar eòrna. Dhàth im bàrr aige os cionn na griosaich. An sin fhrois i an gràin dheth: chàth i es aghaoith: mheil i e le bràth, chriathair i amhin, agus dhfhuinn i i, agus thog i oirre don bhlàr-mhona. Bha i aig cùl Cnoc Bheiceapuil le biadh na cuideachd aig ám dinneireachtrì mìle bhon tigh. Fichead bliadhna as a dhéidh so (no dhfhaoidte còrr), theirig amhòine buileach ann an Tiriodh. Cha robh ach dol do Cholla is don Ros Mhuileach abhuains a dheasachadh na mòna. ’S cha be sin an connadh saor. Ann am meadhon an t-samhraidh bha iad afalbh, fir is mnàthan is eich, ann an sgoithean fosgailte. Bhiodh iad ann an sin fad shia no sheachd de sheachdainnean air bheag dòigh, agus air bheag fasgaidh gu tric. Mar a bha ròlaisteach de fhear-dùthcha dhuinng a chur, cas ma sheach, “Seachd seachdainnean foghair air ùrlar sabhail, aig itheadh na gealaich le solus na cabhraich.”

Bha an ath ùpraid agus imrich ann an tarruing dhachaidh na mòna as na sgoithean anns na puirt Thirisdeach le eich is cléibh.

S anns an ám so a chuir na Tirisdich eòlas air Niall na Buaile ann an Colla. Bha aBhuaile Bheag aig Niall saor ás aghrunndachs e sgeul eile a tha sincha robh anns aBhuaile ach àite beag suarach gu leòir, agus cha robh Niall agus Catriona a phiuthar atighinn beò airfion is feadagan’. Ach bha pailteas de dheagh mhòine ra faotainns a Bhuaile-Bhig agus port freagarrachga luchdachadh faisg air làimh. Bha roinn nam blàr toirbheartach do Niall agus cothromach do na Tirisdich; agus mar sin dam barrachd eòlais. Lean malairt is iomairt na mòna fad nam bliadhnachan, ach bha an connadh cho daors cho saoithreachails nan gabhadh an t-atharrachadh faotainn, gum be fhaotainn


[63]

a bfheàrr. Cha robh Samhraichean na Buaile ach gu math neo-fhoisneachail, ma chreideas sinn mar a thubhairt Dòmhnull nan Cliabh, ‘gum fac e deargann air dùnan Nèill na Buaile agus ceann cnòdain aicena bial.’

Co-dhiubh, ni an éigin iom-fhuasgladh. Bithidh mu dheich is ceithir fichead bliadhna bhon a fhuair Tirisdeach no dhà bàtaichean mór dùinte, agus a thòisich iad air gual a thoirt dhachaidh a Inbhir Ar, Irbhinn agus Aird Rosain. Cha bfhada gus an do chuir so binn-bàis air na sgoithean agus sladairt na mòna, obair anns an do chaill cuid am beatha le bàthadh, aruith gun chairt-iùil gun chombaist air cladaichean dòbhaidh ann an ceò non gaillinn.

Ann am beagan ùine, cha robh ports na h-eileanan-an-iar ás an robh urad bhàtaichean aseòladh ri Port Scairinis. Tha deich thar fhichead air ainm agam féin. Bha iad o dhà fhichead gu deich is trì fichead tunna an luchd. Agus a bharrachd air giùlan guail bha iad roinn den bhliadhna ag aiseag sreud ás na h-eileanan gu tìr-mór air son margaidh na h-Eaglaise Brice. Rinn iad Tiriodh ainmeil bho Eirinn is Manainn mu dheas gu Sealtainis Arcaibh mu thuath. Dhfhàg seachd smacaidhean Port Scairinis air aon latha le sreud aon duine (Iain Mac Alasdair Oig an Còrnaig) air son na h-Eaglaise Brice, agus chuir iad am buar air tìr aig Carraig aGhràns an Oban.

Is tric a dhaiseag iad crodh fir Chana; ’s cha robh féill am Barraidh, no an Uidhist a Deas no Tuath, no am Beinn aFaodhla nach biodh iad ann.

Tham Buntàta-Ruadh fhathast an Tiriodh a thug Ailein MacPhàidein á Arcaibh an déidh aghalair a thighinn don dùthaich. ’S ann air tòir buntàta a bha


[64]

Ailein MacThearlaich an Eirinnnuair a dhfhoighneachd e don cheud Eireannach a thachair air, “ am buntàta is fheàrr agaibh an Eirinn am bliadhna, a Phàdruig?” “Am fear mór tioram,” fhreagair Pàdruig gun mhoille.

Chunnaic cuid agaibh a tha ag éisdeachd rium am Mary Ann. Be so bàta Shaluim, a thog Niall MacDhomhnuill ic Thearlaich ann an Cadha-gearr. Fhuair i an t-urram air na bha ann air seòladh. Dhfhag i Scairinis aig deich uaireans amhaduinn, le luchd each. Srann gaoithe as a déidh a mach cùl Ile, agus bha i ann am Port Ruis roimh dheich uairean a dhoidhche: deich is ceithir fichead mìle cho dìreachsa ni sreang tharruing e. Ach a chàirdean, nach e an saoghal a chabhagaich gu h-iongantach agus eadhon gu mi-reusanta bhuaithe sin.

Abruidhinn air bàta Shaluim,” arsa Dòmhnull Iain, “a bheil cuimhne agad a nis air Niall a bhi ag innseadh mar a chaidh e gu ruig Eilean Sheòna am Muideart a dhiarraidh fiodha na h-eathair cheudna?”

Tha gu math,” arsa na bodaich, á beoil a chéile, “ach ma dhfhaoidte nach cuala fear-an-tighe e.”

Cha chuala riamh,” arsa mise, “ ’s bu ghlé mhath leam a chluinntinn.”

Matà, dhfhalbh Niall, a ghràidh, gu ruig an Sàilean Suaineartach. Choisich e as a sin gus an Doirlinn, agus fhuair e an t-aiseag do Eilean Seòna. Bfheudar dha dol as a sin gu Aird-nan-darach mum faiceadh e am maor-coille. Bha Niall an uair sin ann an tréine a neairt, oir tha bhuaithe sin mu cheud bliadhna. Choisich e air adhart gus an do ràinig e bothan taobh an rathaid aig am fac e cailleachag bheag chiùin ag gabhail buntàta pronn is bainne. Thog i a sùil, ach cha do labhair i smid.

Ghabh Niall roimhe, agus mu dheireadh ràinig e tigh


[65]

amhaoir choille. Dhinnis e mar a thàinig e, agus ceann a sheuds a shiubhail. “Chaidh thu seachad air bothan beag taobh an rathaid,” thubhairt am maor. “Chaidh,” arsa Niall.

Am fac thu duine?” arsam maor.

Chan fhac,” thubhairt Niall, “ach cailleachag bheag ag gabhail a tràth aig an dorus.”

Sin agad,” thubhairt am maor, “mathair nan gillean móra.” Agus dhinnis en sgeul mar a leanas:—

Aig an áms an do rugadh an t-aon a bòige de na gillean móra (agus bha iad sin, mór agus calma) ach gun deachaidh am mathair bhochd air aimhreitna h-inntinn. Dhfhàg i an tigh gun fhios do dhuine, agus a dubh no a dath chan fhacas fad iomadh bliadhna. Bha daoine am beachd gun dthug i uthachd aisde fhéin, no gun do bhàthadh i le tubaist. Ach, aon de na laithean, nach faca aon do na brocairean coltas mnàtha gun bhréid gun chòta ach ruisgte am measg sgeirean dubha achladaich aig beul-thaobh uamhachan a bha aig bun stallachan eagalach na h-oirthir. Dhinnseadh an naidheachd do na gillean móra; agus an aghaidh gach comhairle bhòidich iad gun tugadh iad am mathair dhachaidh, oirs i am mathair a bha ann. Thug iad an oidhirp, ach ma thug cha bann gun am fuil a dhortadhs am feoil a reubadh. Ach cha do strìochd iad gus an dthug iad leotha dhachaidh am boirionnach bochd. mar a thàinig i beò am measg dhóbhran is fhiath-bheathaichean, no a bu bhiadh dhi, no càite an robh a leaba; mar a sheas i fuachd geamhraidh gun chomhdach da cneas, is ann aig an Dia Mór tha fios. Ach chunnaic thusa an diugh mathair nan Gillean Móra, ’s i air fàs stòlda ciùin, gun mhath gun chron.

Sin, matà, mar a thachair do Niall air a thurus.


[66]

Ach a chàirdean, nach e an saoghal a chabhagaich gu h-iongantach agus eadhon gu mi-reusonta bhuaithe sin: carbadan iarainn, is bàtaichean smùide, is bàtaichean athair. Tha sinn aruith na réise gun ar cead fharraid— ’sam fear a bhios air dheireadh beireadh abhéist air.

Chaneil ciall sgur; ach feumaidh mise mòraid a thoirt gu crìch, agus sin le bhiguidhe oìdhche mhath dhuibh uile.

titleTiriodh
writersHector Cameron
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page