AN T-EILEAN SGITHEANACH.
Leis an Ollamh NIALL ROS, C.B.E., D.D.
Rinn cuid de’n luchd labhairt iomradh air cleachdadh na céilidh cheana; agus theid mise air m’adhart gu bhi ag ainmeachadh cuid de na seann nithean a bhiodh air bilean nam bodach an laithean m’òige anns an Eilean Sgitheanach.
Bha móran de na sgeulachdan suidhichte air bonn eachdraidheil. Is ann mar sin a bhiodh Niall Mór ag innseadh mu Hacon an Righ Lochlannach—an déidh cath na Leirge ghabh na Lochlannaich an ruaig. Chaidh an luingeis a sgapadh bho chéile le gaoith, agus sheòl iad mu thuath ris na h-eileanan. Dh’fhàs an Righ Hacon tinn, agus chaidh e air tìr an Caol Hacoin—chuir e seachad ceithir latha deug air an reidhlein ghorm a tha ag giùlan ainm an Righ gus an latha an diugh. Tha e coltach gu’n robh an ceàrn sin de’n Eilean aig an ám ud fo ùghdarras nan Leòdach a bha de fhuil rìoghail Lochlainn iad fhéin. Tha e air aithris gu’m b’e sin an t-aobhar nach do chuir Sgitheanaich an latha sin dragh air an sgioba a bha leis an Righ ged bu naimhdean iad do Righ Alba.
Is tric a chuala mi Niall Mór ag innseadh sgeul mar an ceudna air Dil Mac Righ Lochlann, a chaidh a bhàthadh air a’ cheart turus sin ann am Poll Dil, an Gleanndail. Chaidh an long anns an robh am Prionnsa fhuadach is iomain air na creagan agus chailleadh an sgioba. Gus an latha an diugh their sinn Sgeir an Lochlannaich ris a’ bhad anns an d’fhuaradh corp a’ Phrionnsa. Thugadh an t-ainm aige air an loch—Poll Dil. Chaidh corp an òganaich rìoghail adhlacadh an Cill
Chomhghain an Gleanndail; agus ged tha muinntir a’ ghlinne a’ tiodhlacadh nam marbh anns a’ cheart chladh sin bho chionn còrr is seachd ceud bliadhna gidheadh nochd iad urram do uaigh a’ Phrionnsa. Rinn an seann bhàrd Sgitheanach, Dòmhnull MacLeoid, agus mar an ceudna a mhac Iain, dà dhuan chomasach air Dil mac Righ Lochlann.
Feumar ainmeachadh ’s an dol seachad mu bhuadhan inntinn nam bodach a’ seinn duain na Féinne. Tha cuimhne agam air Iain Ruadh mac Dhòmhnuill ’Ic Thormoid, a’ seinn “Bàs Dhiarmaid.” Dh’fheumadh gach duine a bhiodh an làthair an comhdach cinn a chur dhiù. Bha ceòl sònruichte ri briathran an t-seann duain, ceòl cianail; agus bhitheadh guth Iain bristeach aig an rann so gu h-àraidh:—
“A raoir ged a b’uaine an tulach
’S dearg i an diugh le fuil Dhiarmaid,
Gur ann leis an Fhéinn bu duilich
Mur a bhitheadh Fionn ’ga iarraidh.”
Bhiodh naidheachd eile gu tric am beul nam bodach—sgeul air Cath Milleadh Gàraidh. Timchioll air ceithir cheud bliadhna air ais thachair nì a rinn druidheadh air leth air beul-aithris an Eilein. B’e sin losgadh Eaglaise Thrumpain an Bhàtarnais. Bha cogadh aig an ám eadar Leòdaich an Eilein agus Dòmhnullaich Chloinn Ràghaill. Gun bhi togail ùine mu aobhar na h-aimhreite their mi an aon fhacal gu’n d’thàinig Clann Ràghaill air tir an Trumpan, air latha Sàbaid, agus an sluagh anns an eaglais. Chuir iad an eaglais leis na bha innte ri theine. Loisgeadh an coimhthional gu bàs ach aon bhean a thàr ás—Mairead Nic Leòid. Thàinig feachd nan Leòdach le cabhaig á Dunbheagain—chuir iad cath ri Cloinn Ràghaill làimh ri dìg a chaidh a thogail gus a’ mhuir a chumail a
mach. Chaidh an latha leis na Leòdaich. Sgaoil iad an dìg gus na Dòmhnullaich a thuit a thiodhlacadh. Is ann mar sin a thugadh Milleadh Gàraidh mar ainm air a’ chath. Theich na chaidh ás de Chlann Ràghaill anns na bìrlinnean, agus dh’éirich stoirm ghaoithe air Cuan Sgìth. Chuala mi Murchadh Mac Ailein a’ seinn na seann ghuidhe a rinn Leòdach aig an ám:—
“Gaoth an iar-dheas far na Féiste,
Gaoth is uisge, gaoth is uisge,
Clann Ràghaill air bhordaibh briste
Leam cha mhiste, leam cha mhiste.”
Is ann mu’n chomhrag fhiadhaich so a rinn Iain Odhar Mac Cruimein am port borb ris an can na pìobairean “Blàr Bhatarnais” gus an latha an diugh.
Is minig a thug na bodaich gàire a mach le bhi ag aithris nithean anns an robh àbhachd is fearas chuideachd. Chan fhaod sinn a bhi ag comh-dhùnadh gur e cuspairean muladach a mhàin air am biodh iad a’ luaidh. Chuala mi aig Iain Mac Thormoid am freagradh gleusda a thug bean chòir air a ban-nàbaidh. Chaidh an dithis bhan far a chéile. Thubhairt a’ cheud té le feirg ris an té eile, “Bi a’ dol dachaidh—is tu bu mhiosa de do dhaoine.” Fhreagair a’ bhean eile gu ciùin, “Cliù do’n Adh gur mise bu mhiosa de mo dhaoine, ach is tusa a b’fheàrr de do dhaoine fhéin.”
Bha ministear mór foghainteach ag ceasnachadh. Chuir e ceist air bodach anns a’ chuideachd, “Cia lìon pearsa anns an Diadhachd, a Chaluim?” Is e am freagradh a thug Calum do’n mhinistear, “Matà, a dhuine chòir, cha bheag a’ phearsa thu fhéin innte.”
Aig ceasnachadh eile. Dh’fheòraich an ceistear de sheann duine a bha làthair: “Nach ann de’n chinne-daonda a tha thu fhéin a Dhòmhnuill?” Fhreagair
Dòmhnull “Chan ann, chan ann, am fear a chunnaic sin chan iarradh e fhaicinn a rithist, is ann tha mise de dhearbh mhuinntir Bhràcadail.”
Ged nach robh triathan Shléibhte is Dhunbheagain a mach aig Bliadhna Thearlaich, gidheadh cha do bhac iad duine sam bith de an tuath a rùnaich éirigh le Tearlach. Is minic a thug na bodaich tarruing air Dòmhnull Ghaltrigil a bha air uidill is air allaban leis a’ Phrionnsa. Chaidh Tormod Macleòid, seanair mo sheanar, a mach le Tearlach ged bha a dhachaidh air oighreachd Dhunbheagain. Bha mo sheanair, de’n ainm cheudna, beò gu ceud bliadhna a dh’aois. Bha beachd aige gu math air a sheanair féin. Is iomadh cunntas a chuala e uaidhe mu bhliadhna Thearlaich is latha Phrestonpans, agus latha Chulodair. Chaidh mo sheann charaid a mach fo bhrataich Mhic ’Ille Chaluim Raarsair, oir bhuineadh e do’n mheanglan sin de Shìol Leòid.
Bha uair ann agus gheibhte anns an Eilean Sgitheanach sgeulachdan mu thaibhsean is mu shamhlaichean mu bhuidsichean is mu shìthichean, dìreach mar gheibhte anns na h-eileanan eile. Tha eagal orm gur e glé bheag de sin a chluinnear an diugh. Ach tha aon ni agam ri aideachadh. Na bodaich a b’fheàrr air sgeulachdan ri mo cheud chuimhne is ann air tachartasan fìor a bu toigh leo bruidheann. Anns a’ chearn de’n Eilean as an tainig mise—Dùthaich Mhic Leòid—bha cuspair sònruichte air bilean nan seanachaidh agus b’e sin Clann Mhic Cruimein. Is ann an Dùthaich Mhic Leòid a mhàin a gheibhear beul-aithris bheò agus chinnteach mu dheidhinn an teaghlaich aithnichte so. Bha iad ainmeil anns a’ cheàrn ud de’n Eilean feadh iomadh ginealach. Is e Coinneach Mac Iain Bhàin an sgeulaiche bu chothromaiche mu Chloinn Mhic Cruimein,
an tùs m’òige. Is e Coinneach a thug móran de na sean-fhacail do’n t-Siorram MacNeachdail. Theireadh Coinneach gur ann de shliochd nan Druidhean a bha Clann Mhic Cruimein, agus a dh’innseadh na fìrinn bha a choltas sin ’nan cruthachd is ’nan dòigh. Ged chaidh móran a radh le coigrich mu’n deidhinn, saoileam gu bheil luach sònruichte anns a’ bheul-aithris a dh’fhàs mu’n timchioll anns a’ cheart ionad anns an robh iad ag comhnaidh. Bha meas mór aig na seann Sgitheanaich air Cloinn Mhic Cruimein, agus air an ceòl. Chan ’eil ùine agam a nis gu bhi ag innseadh mu’n luchd teagaisg a dh’éirich an aghaidh a’ chiùil. Is e sin an t-aobhar gu’n deachadh alt a’ chiùil air ais gu mór anns an sgìr ’s an robh Sgoil Chiùil Mhic Cruimein. Ach ged tha beul-aithris nam bodach neònach na smuainich idir gur faoineis e. Oir tha an ceòl mór a thug Clann Mhic Cruimein dhuinn a’ dearbhadh ciod e cho airidh ’s a bha an luchd ciùil ud air a’ mholadh a thugadh dhaibh le seanachas nam bodach.
Is ann aig Coinneach Mac Iain Bhàin a chuala mi cia mar a rinneadh am port ris an canair “Maol Donn,” no “Leannan Mhic Cruimein.” Bha òganach de’n treubh so a’ feuchainn gu dian ri port molaidh a dheanamh d’a leannan. Cha robh so a’ dol leis ro-mhath, oir cha b’urrainn e bualadh air gleus puirt a bhiodh aig an aon ám ùr agus ciatach. Mu dheireadh chunnaic e aisling iongantach. Bhruadair e gu’n robh aon de a chuid shinnsir fhéin ag cluiche a’ cheart phuirt a bha a dhìth air fhéin. Mar dhùisg e ás a chadal bha poncan a’ phuirt ’na chluasan agus chluich e air a’ phìob gu’n dàil a’ phìobaireachd a chuala e ’na chadal. Bu taitneach a sheinneadh Coinneach canntaireachd Maol Donn, agus is breagha am port e, an uair a theid a chluich le deagh phìobaire.
Bha sgeulachd bheag ghasda aig bodach eile—Dòmhnull Mac Uillean Bhàin, mu phort ciùil mhóir a chaidh a chall. B’e sin “Stuadh a’ Bhogha Frois.” Bha aon de na pìobairean a rugadh dall. Cha robh beachd aige air na dathan seach a chéile, oir tha an fheadhainn a rugadh dall mar sin an còmhnaidh. Bha spiorad a’ bhàird anns an dall. Chuala e mu’n bhogha frois, agus bu mhiann leis port a dheilbh a chuireadh an céill na seachd dathan anns a’ bhogha. Bha e an sud latha le companach air an raon, agus nochd bogha frois an uchd nan speur. Air ball dh’innis a charaid so do’n dall. Bha uiseag a’ ceileir os an cionn. “Sud port a’ bhogha frois,” ars’ an dall; agus rinn e port air Stuadh a’ Bhogha Frois, anns an robh aoibhneas na h-uiseige air aithris. Ach tha am port so air a chall maille ri iomadh cuairt eile, troimh naimhdeas an luchd teagaisg a thug am mallachd air ceòl. Tha na seann nithean so annasach. Tha iad fuaighte ri oilean an àite; agus tha iad a’ nochdadh cho teòma ’s a bha ar luchd ealadhain fhéin fada mu’n tàinig cainnt no fòghlum nan coigreach ann ar measg.
Feumaidh mi iomradh a dheanamh air Buandaichean MhicLeòid. Is minic thug Tormod MacCaluim greis air innseadh mu na curaidhean sgairteil sin. Theireadh Tormod nach bu chleachdadh Gàidhealach air tùs a bha an sud idir; ach gur ann a thug triathan Sil Leoid an riaghailt sin bho sheann Righrean Lochlann. Bha freiceadan no buidheann fhrithealaidh aig MacLeoid de Bhuandaichean, is e sin gaisgich a thug a mach an “Dòrn Bhuar.” Ciod e bha an sin? So mar bha na curaidhean air an taghadh. Bhiodh tarbh òg air a bhualadh marbh le buille de thuagh-chatha an fhir leis am bu mhiann a bhi ’n a Bhuandaiche. Agus an uair a bhiodh closach an tairbh fathast blàth dh’fheumadh e cas deiridh an tairbh
a shnìomh ás a’ chlosaich le a làmhan rùisgte gun arm gun eile. Theireadh lasgairean foghainteach an latha an diugh nach gabhadh sin deanamh. Ach a réir beul-aithris nan ginealach bha freiceadan aig MacLeòid, dà ghaisgeach dheug, a bha air an taghadh leis an deuchainn bhorb agus dhuilich so. B’aithne dhomh seann bhean, agus b’e aon de na nithean air an tigeadh i thairis gu tric, gu’n tug a h-aon de a sinnsir féin a mach an dòrn bhuar.
So sgeul bheag bha Thormod mu na Buandaichean. Chaidh Alasdair Crotach, triath Dhunbheagain turus gu cùirt Righ Seumas an Coigeamh. Thug Alasdair sùil mu’n cuairt air greadhnachas na bùlc lùchairt. “Am bheil coinnleirean cho gasda sin agad féin a Leòdaich?” ars’ aon de na flathan. Fhreagar Alasdair “Tha sin agam ’agus na’s fheàrr.” Thachair gu’n cuala an Righ freagradh MhicLeòid— “Theid do chumail ri d’ fhacal,” ars’ an Righ, “thig mise ’g a do thadhal air an t-samhradh so a’ tighinn.” Thàinig an Rìgh a réir fhacail. (Tha e fìor gu’n robh an còigeamh Seumas anns an Eilean ceart gu leòir.) Rinn Alasdair ullachadh air mullach Halebheal mu choinneamh a’ Chaisteil. Mar thugadh an Righ gu mullach na beinne bha cuirm sgaoilte agus b’iad na coinnleirean an dà Bhuandaiche dheug gach fear le leus laiste de fhreumh giuthais ’na làimh chli, agus claidheamh ’na làimh dheis. “Sin mo choinnleirean a nis,” ars’ Alasdair ris na flathan, “agus tha iad deas gus mo Righ a dhion air muir no air tìr.”
Is ann mar chuimhneachan air a’ chuirm rìoghail sin air mullach na beinne a theirear Bòrd MhicLeòid ris a’ bheinn gus an latha an diugh.
title | An t-Eilean Sgitheanach |
writers | Neil Ross |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |