[74]

CANNAIDH, EIGE, IS RUMA.

Leis an Urr. SOMHAIRLE MACISAAC.

Eileanan sèimh Mhic Ic Ailean. Be sin a chanadh na seann daoine riCannaidh is Eige is Ruma is Eilean nam Muc.”

“ ’Nam bu mhi bha roinn an fhearainn,
Bu leat Rum is Eig is Cannaidh,
Eilean nam Muc bho dchuid ghearran.”

Bhitheadh na bodaich ag innseadh le sùrd gu’n d’fhuair Ceòlag Chlann Raonuill an dùrachd a bha i rùnachadh anns an duan so. Bhitheadh iad cuideachd ag aithrisach chan ann idir le sùrdmun mharsantachd leibideach a rinn MacIc Aileannuair a rinn e suaip ri Tighearna Cholla, ag gabhal bìrlinn an iomlaid air Rum. Gun teagamh bha bhìrlinn gun chomh-ionann air feadh nan eilean. Bha i aotrom air fairge agus snasailna cruthair a togail le fiodh annasach a bha air ùr-thighinn a nall thar achuan-siar agus ris an canadh na seòladaireanMagano.” Ach os cionn a h-uile maise bha oirre, bha i siùbhlach am measg nan garbh-thonn os cionn gach bìrlinn eile is dhfhàgadh i fad ás a déidh bìrlinn Mhicic Ailean fhéin nach robh iomchuidh idir am beachd Tighearna nan Eilean, oir nach robh e ag gabhail dha fhéin air réir a shuaicheantais, uachdaranachd na mara cuideachd. Co-dhiubh, fhuair MacIc Ailean a bhìrlinn, ach ma fhuair, chaill Ruma gach bha taitneach leis an t-sluagh. Cha robh ach còmh-strì agus droch rùn eadar muinntir an eilein agus na tighearnan neo-shuimeil ùra. Bha earalachadh abhàta bhuidhe ag aobharachadh fuatha is tuasaid, gus mu dhéireadh an robh muinntir


[75]

Ruim air am fuadach thar achuain is bha Ruma mean air mhean air fhàgail fàs.

Bithidh na bodaich le cianalas ag aithris fhathast iarrtas dheireannaich an Rumaichs e feitheamh an Colla ris abhàs— “Deoch den fhuaran Rumaich bho thìr nam fuar-bheinn chorrach, ’s gun teid orm an ola mun téid mi fon ùir an Colla.”

Ged a chaidh móran fhuadach á Cannaidh cuideachd, bha roinn air am fàgail a dhinnseadh sgeul— ’s cha robh cnoc no creag no sgeir gun sgeul.

S e an imcheist taghadh a dheanamh ann an ùine ghoirid mar so. ’S tric a bhitheadh na bodaich ag aithris mun chreach agus mun sgrios a rinn na saighdearan dearga ann an Cannaidh is iad an tòir air aPhrionnsa. Ged tha an eachdraidh oillteil gun teagamh, chaneil i gun tionndaidhean cridheil cuideachd. ’Nuair a rannsaich na saighdearan tigh mór aChorraghain far am bitheadh MacIc Ailean ag còmhnuidh an ám dha bhisan eilean, ’s nach robh Prionnsa no Tighearna ri fhaotainn, chuir iad an tigh mórna theine, agus thòisich iad air an ceudna a dheanamh ri tighean na Tuatha. Ach bhuail innleachd an ceann gille òig a bha fuireach am bràighe na Cille, a dhfhuadaicheadh iad. Bha fiughar aige falbh bho thigh a mhathair a bhana bantraichs i air laighe na leapa. Thairg e do na saighdearan an stiùradh a dhionnsuidh an àite anns an robh am Prionnsa, ma bfhior, am falach. Cha bu ruith ach leum aig na diùlnaichs dòchas mór aca ris an duais a bha an geall. Thug an giullan iad gu Creag Langainis agus sheall e dhaibh uamh a tha am meadhoin na creige, anns nacheil comas aig neach dol a stigh, ach an udalan le ròpa. Ged a bha an cunnart soilleir, bha an duais buaireasach. Ghabh fear de na saighdearan sios thun


[76]

na h-uamha; thilg e bhuaithe an ropa agus sud e stigh le farum air tòir aPhrionnsa. Cha bfhada gus an cualas éibh na h-uireasbhuidh a tighinn ás an uamha. Mach sìos fear eile. Bha an sin dithis ri tuireadh agus ri glaodhaich. Sios a ghabh fear an déidh fir, de na seòid, gus mu dheireadh an robh seachdnar anns an uaimh, agus iad uile glé iarrtach air faighinn ás. Is ann an sin a thuig càch nach robh am Prionnsa na duineile anns an uaimh, ach gur ann a chaidh cùis-bhùirde a dheanamh dhiubh. Cha bann gun amhradhs gun chunnart no gun chiorramachadh cuideachd a fhuair na saighdearan dearga an slaodadh a mach ás an uaimh suas gu bàrr na creige a rithist. Ghabh iad turus an sin làn de chorruich agus do thàmailt. Agus rinn muinntir Channaidh gàire. “Ach ma rinn,” chanadh na bodaich, “bha latha mun do rinn iad gàire a rithist.” Is ann an sin a thòisich an rannsachadh -rireadh, agus bha murt is marbhadh is sgaradhna chois. Mun dthug saighdearan suas dùil am Prionnsa fhaotainn, cha robh teaghlach ann an Cannaidh nach robh ag caoidh an daoine agus an cuid. “Bhan crodh air an togail, ’s na daoine air an reubadh.”

Mu dheireadh thall, ghabh na saighdearan air adhart an null gu Uidhist, ach mun do ràinig iad thar achuain Sgith, bha am Prionnsa air togail air.

Ma tha an sgeul sin fìoragus tha mi am beachd gu bheilfaodaidh e bhi gun dfhuair am Prionnsa barrachd comhfhurtachd bho uaimh Creag Langainisged nach robh e riamh inntena fhuair e bho gach uamh eile tha ceangailte ri ainm. Oir fhuair e an t-aotromach bhon tòir a thug dha cothrom air tàr ás achunnart.

Is ann am meadhon na truaighe so, bha aon bhodach ag innseadh dhomh, a chaidh am bàrd Alasdair MacMhaighstir Alasdair gu Cannaidh. “Shuidh e ag gal fad


[77]

fionn fòghnaidh an latha ag amharc air Eilean Mhàrtain thall an sin mu do choinneamhthubhairt na bodaich ruim, “agus bhon latha sin cha dthugadh air ach Eilean aBhàird.”

S tric a bhitheadh na bodaich ag aithris mar an ceudna sgeul nighean MhicIc Ailean a chuir seachad ioma latha ann am prìosan cuingeach air aChorraghain Mhór. Bha a h-athair diùmbach dhith a chionn gun do leig i a spéis air MacIc Nèill Bharraidh, agus nach deònaicheadh i cùl a chur ris. Ach is iad na cailleachan a bfheàrr a dhinnseadh an sgeul sins na deòir asileadh bhon sùilean. Dhinnseadh iad an còmhradh a bha eadar amhaighdein agus a banalaiche is iadnan suidhe air mullach na creige, is a sùil ri tuath is ri deas, afeitheamh ri nochdadh na bìrlinn Bharraich a bha an geall tighinn ga h-iarraidh. Thachair mar bu dual. Air a mheadhoin oidhche thàinig an t-òigfhear gu bonn na creige, shnaim amhaighdean Channach na plaideachan ri chéile, sud sios i gu gairdeanan a rogha-chéile, ’s mach iad a null thar aChuain, mun do mhosgail am bodach borb as a cheud chadal. Boillteil, agus bu taitneach leinn a bhi ag éisdeachd ri raoicill MhicIc Aileannuair a chaidh innseadh dha gun robh Mairead air falbh ann am bìrlinn anns nach robhan làmh dhearg air an stiùir.”

Be crioch na sgeoil so ged tha, gur e ogha no iar-ogha na càraid shealbhaich so a thill air ais gu Cannaidhna uachdaran, ’s e pòsda aig eile de mhaighdeanan Chlann Raonuil a fhuair Cannaidhna thochair.

Tha e air innseadh gun do nochd am fear as miosa e féin air an Rudha Liath anns an Leithirs e air tighinn an tòir air Dòmhnull Dhonaidh MhicIc Ailean, is ena laighe le galar a bhàis. ’Nuair bha Domhnull còir ag


[78]

gluasad a mach air cuireadh an duine eile, nach do ghairm an coileach; air dha so a chluinntinn, theich an Donas mar bu dual agus mar sin chaidh beagan moille a chuir air imeachd Dhomhnuill á tìr nam beò.

Tha e coltach gun robh Dòmhnull Donaidh, mas fhior an sgeul, ’na dhuine a bha borb agus cruaidh chridheach gu sònruichte ris na mnathan. Nach drinn e acheart ghnìomh oillteil ann an Cannaidh is a rinn e aig achaisteal Thioram. Bha Màiri nighean Alasdairna maighdein òig speisealta air an robh mór mheas am measg a co-eileanaich, ach aon latha, mo thruaighe, thàinig Dòmhnull Donaidh agus ach gun dthug e leis i gu cladach. Aig ìsle mhara phleat e a faltsan fheamainn, agus le tionndadh an làin bha Màiri bhochd air a bàthadh. An ioghnadh idir ged a thigeadh an Donas fhéinga iarraidh aig ceann a thuruis saoghalta, mar a bha na seann daoine ag innseadh a rinn e. Be na rinn Màiri de chron gun dthug i fàisneachd gum bitheadh Tigh Mòr MhicIc Ailean fhathastna chrò laoigh agus an gàradh mórna bhuaile cruidh. A dhaindeoin na rinn Dòmhnull Donaidh cha do chum e an fhàisneachd so gun a coimhlionadh, agus is iomadh bliadhna bhon a bha an Tigh Mórna làraich agus an gàradhna fhàsach.

Am Measg nan nithean aosdasan eilean, tha Teampull Chaluim Chille. Tha cuid de na fòghlumaichean a their nacheil iad ro-chinnteach an robh an Naomh riamh an Cannaidh, ach ge be air bith beachd a tha aca-san, cha robh teagamh sam bith aig na bodaich ri mo cheud chuimhne-sa. A réir aithris nan seann daoine, nach ann an Cannaidh a chuir e an car am beul na leabaig phròiseil a thàinig am mach á Port nam Bùsa. An ám dhith dol seachad air an Dòirlinn, thòisich i air eubhachA Chaluim Chille cham-chasaichris. “Ma’s


[79] cam-chasach mise,” fhreagair esan, “is cam-bheulach thusa,” agus riamh bho’n latha sin tha car am beul na leabaig.

Is tric a chomharraicheadh dhuinn am measgan Cannach a tha air a ghearradh as achreig, leis am biodh Calum Cille atomhas gràin nam bochd. Be làn amheasgain so a bha air a chur mar fhiachaibh air gach buanaiche a thoirt seachad a chum leas nan uireasbhuidheach air latha na deireadh bhuana.

Anns acheann an Iar, tha Sgor nam Bannaibh agus is iomadh cunntas a bhaig na bodaich air móran dhaoine a fhuair leigheas bho uisge an fhuarain a tha an so a bheannaich Calum Cille. Ach rachadh na bodaich Channach na bfhaide air ais an eachdraidh, na linn Chaluim Chille. Dhinnseadh iad mar gum bann an a thachair e, mu thiodhlacadh Righ Lochlainn air Rudha Langainis, a chaidh a chur fon ùir le cheann an àrd ris abhruaich, aghaidh ris aChuan an Iar, agus rud a bha ag cur ioghnaidh oirnne, gun robh coire aig a cheann agus coire eile aig a chasan. Bha rabhadh cudthromach ra thoirt dhoibh-san aig an robh iarrtas dol an tòir air an ulaidh so. Is coltach gun dthàinig Gall don Eilean is e an geall air an ulaidh a bhi aige-san. ’Nuair a theann e ri cladhach thàinig stoirm le tein-adhair is tairneanaich is le uisge adortadh gu talamh mar gun dfhosgail na neòil. Ghabh an Gall an t-eagal; theich e le bheatha, ach mo thruaighe, cha bfhad a mheal e i, oir ann a bhi aruith gu fasgadh chaidh e air iomrall, agus thuit e ri creig is fhuaireadh marbh e an ath làtha. Is e theireadh iad gun do dhaobharaich obair mhi-chneasda fhéin a bhàs dha.

Tha e air a radh gu bheil ulaidh eile an Dùn Channaidh far an do thiodhlaiceadh an Lochlannach a


[80]

thug ainm don Eilean, agus a réir mar a dhinnseadh na bodaich tha móran ionmhais aig Rudha Lichdeadal cuideachd. Chuala mi fhéin iad ag radhTha fo Lic Lichdeadal gibhte as feàrr na Pabadal.” Tha e coltach gu bheil ulaidh luachmhor an so ged nach bu ghliocas do dhuine sam bith dol air a tòir. Tha i an sud fhathast. Dhfhaodte gun teid sinn uile dhachaidh fhathast, is gum faigh sinn beartas is sinn an diugh cho earbsach ás na h-uaislean a bhios ag innseadh dhuinn gach maduinn gu an seòrsa sìde a bhios againn air feadh an latha. Mar sin cha bhi dùil againn gun cur an aimsir bacadh oirnnenar sireadh.

Chaneil ùine an nochd air iomradh a thoirt air sìthichean, bòcain, no uirsgeulan, ged a bha iad againn mar bha iad anns gach eilean eile. Tha an oidhche car dorcha co-dhiubh, gu bhi a deanamh móran bruidhinn orra. Feumaidh mi ged thà, facal no dhà a radh mun Doideag Channach, a chionn bha ise ainmeil agus cumhachdail am measg nan Doideagan eile. Tha e coltach gun robh ena chleachdadh aig na Doideagan a bhi ag coinneachadh am Muile gu binn dioghaltais a thoirt air gach neach a bha fom mallachd. Thuit gun do rinn muinntir Thobar Mhoire rud-eigin a thog feirg nan Doideag agus bha am baile ri mhilleadh. Bha bodach ag innseadh dhomh-sa gum be brathair a shi-seanair a shàbhail am baile. Bha an Doideag Channach ag gabhail an aiseig. Cha burrainn do chàch di-milleadh sam bith a dheanamh gus an ruigeadh i, ach bha ise ri port ann an Guirdeal an Rum. Bha i ateannadh ri togail oirre ann an slige bhàrnaich anns an robh iteag aice mar sheòl. ’Nuair a thug an seann duine fa-near dhi, gu grad bhrist e an t-slige. Cho fad is as aithne dhomh-sa,


[81]

than Doideag ann an Guirdeal fhathast agus tha Tobar Mhoire gun a mhilleadh.

Chan urrainn dhomh, mo chreach, a bhi ag cuimhneachadh air na seann daoine còire a baithne dhomh anns an eileans an dfhuair mi màrach, no air gach céilidh ghasda a bha againn, gun a bhigan caoidh. Dhfhalbh iad is bu laghach iad, is guidheamaid uile dhaibh glòir is sìth.

Oidhche mhath leibh, a chàirdean.

titleCannaidh, Eige, is Ruma
writersMacIsaac Sorley
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page