Litrichean Alasdair Mhoir
[ii]Litrichean Alasdair Mhoir
LE Iain N. Macleoid
OIFIS “CUAIRTEAR STEORNABHAIGH,” 18 SRAID CHOINNICH, STEORNABHAGH.
[iv]Roimh-radh.
Tha corr agus coig bliadhna diag bho’n thoisich mise ri sgriobhadh nan litrichean seachduineach so gu “Cuairtear Steornabhaigh,” agus ’s beag a bha dhuil agam-sa, an uair a chuir mi a’ chiad litir air blar, gu leanadh an oidhirp cho fada. Thug sgriobhadh nan litrichean so toileachadh mor dhomh fhein a chionn gu robh mi deanamh luaidh air daoine agus mnathan a bha ’n an dluth chairdean dhomh riamh bho ’n chuir mi eolas orra an toiseach. Tha a’ chuid mhor de na litrichean ag aithris mu nithean a thachair, no a dh’ fhaodadh tachairt, an eilean Bhearnaraidh, agus b’e mo mhiann an comhnuidh a bhi cur an clo gach seanachais, nuadh agus sean, air am biodh na seann daoine toirt tarruing ’s an tigh-cheilidh. ’S docha ged nach saoilear moran an diugh de’n iomairt sin, gu’n tig an latha anns an cuir na seanachasan sin beagan soluis air rian an tigh-cheilidh—seann Pharlamaid a’ chlachain Ghaidhealaich.
Tha mi smaoineachadh gu bheil e ceart gu’m biodh co dhiu roinn araidh de’n rosg Ghaidhlig a tha air a chur an clo an diugh ag aithris mu nithean a bhuineas do ar latha fhein, eadhon ged nach biodh smuaintean moralach no arsaidh am
’S iomadh uair a thug sin aoibhneas agus misneach ur dhomh-sa an uair a bhiodh mo pheann gu math tioram, agus cha diobair mi gus an fheudar.
’S iad na litrichean a sgriobh mi anns na bliadhnaichean 1917 agus 1925 a’ chuid is motha tha anns an leabhar so. Tha iad air an cur an clo direach mar a dh’ fhoillsicheadh iad anns a’ phaipeir. Airson obair a’ chlo-bhuailtear a dheanamh beagan na ’s soirbhe, ’s e gle bheag de phongan—comharraidh a chuir mi air na foghairean
Tha mi ro mhor an comain an t-Ollamh Mac Leoid an Inbhir-nis airson a choibhneis ann a bhi sgrudadh nan litrichean, agus airson an teachdaireachd shnasail a sgriobh e aig toiseach an leabhair. Fhuair mi gach misneach agus baigh bho fhear-deasachaidh “Cuairtear Steornabhaigh” anns an oidhirp so, agus tha mi toirt buidheachais dha airson sin.
’S e mo dhurachd gu’n toir an leabhar so beagan toileachais do gach neach a leughas e, agus gu’m bi e ’n a mheadhon air speis do ’n Ghaidhlig altrum an cridhe nan Gaidheal.
Alasdair Mor.
Tigh-sgoile Chnuic-bhain, Sgire-Mhoire, Inbhir-nis.
10 de’n Mhart 1932.
title | Roimh-radh |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |