Sanas
Tha sia bliadhna diag pailt a nis bho ’n chuir Caraid nan Eilean, Alasdair Mor còir, a mach “Bardachd Leodhais,” co-chruinneachadh ciatach de dhàn is oran a thaitinn ro-mhor ri Gaidheil an Alba is thar chuan. O’ n am sin cha deachaidh seachduin seachad nach tug e dhuinn litir Ghaidhlig ghasda am paipeir—naidheachd Steornabhaigh, a bha ’n a mheadhon gu sonruichte air an dachaidh is cuisean nan eilean, a chumail fo shul chairdean air feadh an t-saoghail.
Is tric tha litrichean ’g a ruigheachd a Canada, Australia is New Zealand, sgriobhta an Gaidhlig, is ag iarraidh air na litrichean aige fhein a chlo-bhualadh an leabhair chum gu’m bi iad deiseil ri ’n laimh airson urachadh d’ an inntinn is d’ an spiorad. O chionn ghoirid runaich Alasdair so a dheanamh agus so agaibh clach eile aige air a chur an carn-litreachais nan Gaidheal is gu h-araidh nan Eilean d’ an buin e.
Ma tha run seach run an cridhe Alasdair ’s e bhi labhairt, sgriobhadh, no ’g eisdeachd na Gaidhlig, agus chi gach neach ’s an leabhar so is
Tha e ro-fhreagarrach gu faigheamaid o ’n laimh a chruinnich uiread de bhardachd nan eilean, toradh a chnuasachaidh an rosg. Rannsaich Alasdair gach cùl is cial bho Cheann Bharraidh gu Rudha Robhanis, fhuair e eolas air gach aite is gach cleachdadh ur is sean ’s an Eilein-Fhada, is ma fhuair e urram is speis bho cho-Ghaidheil, is geal a choisinn e iad.
Tha e nis an so a’ craobh-sgaoileadh aireimh de chuid litrichean a thagh e gu curamach. An neach a shireas toil-inntinn agus aig a bheil speis do nithean dachaidheil, gheibh e iomradh a chordas ris ’s an leabhar so. Ma tha naidheachdan an tigh cheilidh a dhith air neach gheibhear-an so iad agus sin an Gaidhlig ghlan nan eilean a tha nochdadh gnaths-cainnte ghnetheil a tha ro-thearc ’n ar latha-ne. Bithidh an leabhar a tha so feumail fada an deidh linn Alasdair Mhoir—’s e sin a runaicheadh e fhein—airson gach boillsgeadh tha e toirt seachad air doighean, air smuaintean, air cleachdaidhean, is air canain a dhuthcha.
Fasaidh an leughadair eolach air Fear-Bhearnaraidh, air Calum Sheorais, air Calum Ruadh nach maireann, air Sine is Bean Bhill, air Barraich, Uibhistich is Eileanaich air fad, is cha
Tha feum air leabhraichean Gaidhlig de’ n t-seorsa so an diugh air an sgriobhadh gu cothromach an rosg shnasail agus a tha a’ cumail greim air nithean a bhuineas do ’n linn againn fhein cho math ris na linntean a dh’ fhalbh. Tha mi ’g a mheas ’n a urram gu’n do dh’ iarr Alasdair, ar caraid, orm an roimh-radh beag so a’ sgriobhadh is tha e toirt toileachais ro-mhor dhomh sin a dheanamh.
Cuireadh gach fear a lamh an cliabh Alasdair is gheibh e a rogha de liabaig as.
Mar sin chan fhan mi na ’s fhaide “mar chloich an ionad cabaig,” ach co-dhunaidh mi leis an dochas gu’ m bi leabhar Alasdair an lamhan gach Eileanaich bhos is thairis an uine ghoirid.
DOMHNULL S. MAC LEOID
[xii] [xiii] [xiv] [xv]title | Sanas |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |