Litrichean a Bearnaraidh.
NA DEACONAN BOIRIONN.
A DHUINE CHRIDHE,
Chaidh mi suas gu tigh an tailleir an latha roimhe fiach an robh naidheachd ’s an oifis air a’ chogadh, agus nach ann a thuirt bial an tailleir fhein rium gu robh sibh air paipear-naidheachd airson Leodhais a chur air chois agus gu’m biodh Gaidhlig ann. Mur a biodh nach d’ fhuair mi ’n taillear briagach riamh ann an aon fhacal, cha chreidinn e, ach tha mi nise faicinn a’ ni le mo dha shuil. Bu sibh fhein an curaidh agus is iomadh Leodhasach aig an tigh, agus an tirean cein a bheir a sheachd beannachd oirbh airson meadhoin a thoirt dhoibh air naidheachdan gach sgire ’s an eilean fhaicinn cho grinn gasda agus a tha iad an “Naidheachdan Steornabhaigh.” ’S nach sibh a bha ciallach, tha searmon agaibh ann cuideachd. Feumaidh gu robh fhios agaibh gu robh sinn deidheil air a bhi sgrudadh shearmonan. Sinne tha sin, agus tha mi gle chinnteach nach’eil eilean eile anns a’ Ghaidhealtachd anns a bheil uibhir de dhaoine ’s de mhnathan
Bha mi-fhein gle dhona le cas ghoirt bho chionn seachduin. Bha duil agam gur h-e miala-criona bh’ innte, ach ’s mise bha air mo mhealladh. Chaidh mi far an robh an duine coir, Tomas Mac Eanruig, ’s a’ Chreag Mheadhonach, agus thug e dhomh ioc-shlaint bhuidhe ann am bocsa beag geal, agus dh’ iarr e orm a suathadh ri mo chois, moch is anmoch, agus chan’eil ni orm a nise. A dhuine chridhe, sinne bu chòir a bhi taingeil do’n duin’ ud—’s iomadh neach air an d’rinn e furtachd bho’n a thainig e air tir aig ceann an rathaid an toiseach. Tha e cho sgileil ri lighiche ’n Dun-eideann, agus cho suilbhire gasda timchioll air uile. Cha b’ urrainn mise moran comhraidh a dheanamh ris ann ach tha e ’g ionnsachadh na Gaidhlig a nise, agus chan fhada gus am bi e cho fileanta ’n a labhairt rium fhein.
Chan’eil eilean Bhearnaraidh ach dubhach bronach am bliadhna. Cia mar nach bi e mar sin, agus na balaich bhochda b’ abhaist a bhi deanamh cridhealais ann ar bailtean, an sas an claisean-
Feumaidh sibh innse dhomh am bheil Gaidhlig agaibh fhein. ’S mor a b’ fheairrde sibh i bhi agaibh, an uair a gheibheadh sibh litir mar so air a droch sgriobhadh bho bhodach ann am Bearnaraidh. Tha Ghaidhlig a’ togail a cinn a nise, agus ’s math sin. ’S iomadh uair a bhios mi-fhein a’ smaoineachadh mur a biodh gu robh i treun tapaidh gur fhada bho ’n a bha a naimhdean dubha, na Sasunnaich, air an rùng mu dheireadh a thoirt aisde, ach taing do Dhia, cha bhasaich i am Bearnaraidh ’n ar latha-ne co dhiu.
Bheil fhios an e an fhirinn a th’ ann gu bheil iad airson deaconan a dheanamh de na boirionnaich a nise. Chan ionghnadh idir ged a bhiodh cogadh ann, ma tha sin fior. Ged a thuirt mi sud, chan e nach math a dheanadh Mairsili Thomais agus Una Breabadair deaconan, agus ’s ann dhoibh fhein a leighte sin, ach an latha chi mise deaconan boirionn am Bearnaraidh, cha sheas mo chas ’s an eaglais.
Deanadh iad an rud a thogras iad an Glaschu,
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.
title | Na Deaconan Boirionn |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |