[28]

SGRIOB BHO’N TIGHI.

A CHARAID CHAOIMH,

Bha duil agam gum bithinn comasach air sgriobag ghoirid a chur thugaibh air an t-seachduin so chaidh, ach mar a tha mi direach adol a dhinnse dhuibh, bha mi air falbh bhon tighrud nacheil tric atachairt a nise bhon sguir mi dhol a dhionnsuidh an iasgaich. Thuirt Calum Ruadh rium gu robh turus aige do dh


[29] Inbhir pheofharain, agus an uair a chuala mi sin, nach ann a thog mi orm comhla ris, agus rainig mi cho fad ri Obair-Dheathain airson dotair shul fhaicinn, aguss mise tha buidheach de mo thurus.

Ma tha, ghabh mi-fhein agus Calum Ruadh an t-aiseag gu Breascleit ann an eithear Chaluim Sheorais. Bha mo charaid caomh, Tomas nan Ioc-shlaintean, ’s an sgiobabha e dol sios cuairt an Taobh-siar, agus bfheairrde sinn a chuideachd. Cha bhi aites am bi esan gun ghaire cridheil. Bha Bill adol a cheannach siol-cura do na Buailtean, agus bha esan air bord cuideachd, agus mar sin tuigidh sibh gur h-e seana mharaichean calma a dhfhàg an Tom Raineach an latha ud. Bha Mairi Mhurchaidh agus bantrach Knocsg ar faicinn gu sabhailts an eithear, agus cha burrainn mi gun a bhig ar samhlachadh ris achomhlan don drinn Mac Rath Beag Nis an t-oran.

Chaidh sinne gu traigh,
A choimhideachd chàich.”

Bha ghaoth fabharach agus cha bfhada gus an drainig sinn Breascleit, agus dhfhag sinn an t-eithear air dheagh acaire ann an Tob na Muille. Chaidh Calum don Tigh Mhor, dhfhalbh Tomas coir air a shlighe deanamh gairdeachais, chaidh Bill do na Buailtean agus sheas mi-fhein agus Calum Ruadh an sin gus an dthainig carbad-eich amhuilleir airson ar giulan do Steornabhagh.


[30]

Cha bfhada gu dearbh fheine gus an robh sinn air an t-slighe mach an rathad ùr, ’s cha burrainn sinn gun a bhi smaoineachadh air na goireasan mora tha againn an diugh cadhon ann an Leodhas, seach mar a bha cuisean an uair a bhithinn-sa dol a dhionnsuidh an iasgaich an toiseach, an uair nach robh doigh air faighinn gu ceanna-bhaile an eilein ach coiseachd, agus sin le do phoca ruadh air do ghuallainn, agus do leine phlangaid aleantuinn le fallus ri do dhruim bruite. Cha deanadh sliochd an lathan diugh sincha fhreagair an cota glas cho math do na h-uile fear, agus nach docha gu bheil sin cho math. Chaneil moran ri fhaicinn ann an cursan rathaid uir gun teagamh. Romhad faraons ad dheidh chaneil ni ach aonaichean anns a bheil fraoch, muran agus luachair, agus an drasdas a ris, chi thu uisge frith-sholusach loch uaigneach, ach mar a thuirt Calum, ged nach robh maise Bhostaidh ri fhaicinn annta, tha ailleachd anns gach ni a chruthaich Dia, agus tha iad uile cur an ceill, a shamhradh agus a gheamhradh, morachd an Ti a thug dhoibh am bith. Nacheil am facalaonachfhein samhlachailaite anns am bfheairrde sinn air uairibh a bhin ar n-aonar, gu bhi meorachadh air morachd an Ti a chruthaich sinn fhein agus na saoghail uile.

Cha dfhairich sinn an uine dol seachad an uair a bha sinn aconaltradh mar so, aguss gann a bha duil agam fhein gu robh sinn leitheach slighe


[31] an uair a fhuair mi mi-fhein aig buth Dhomhnuill Alasdair, far an robh e fhein agus Padruig afuireach ruinn oir bha fhios aca gu robh sinn atighinn.

Innsidh min corr dhuibh air an ath sheachduin.

Mise, le meas mor,

ALASDAIR MOR.

titleI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page