[62]

SGRIOB BHO’N TIGHXI.

A DHUINE CHRIDHE,

Gheall mi gun innsinn dhuibh air an t-seaahcduin so mar a thachair dhomh am buth fear nan speuclaran, agus gu dearbh fheine, nam burrainn domh-sa gach ni a chunnaic mi a chur sios an rogha na Gaidhlig, bhiodh seanchas agam a bfhiach a leughadh aig iomadh teallach. Coma co dhiu thug am bodach mor a steach mi do sheomar car dorcha agus chuir e min am shuidhe ann an cathair bhriagha ghairdeanach a bha cheart cho socair ri leabaidh itean. Chuir e an sin bord geal air an robh litrichean mora agus beaga, suas air abhalla mu mchoinneimh, agus chuir e a mhiar air seorsa de phutan buidhe bha anns abhalla ri taobh an doruis, ach fada fada mum burrainn thu thu fhein a bheannachadh, las tri soluis dhealrach bhoillsgeach, gach aon diubh an crochadh air sreang bho mhullach an tighe. Theann e sin ri foighneachd dhiom an robh mi faicinn aon de na litrichean a bhair abhord gheal mu mchoinneamhBadan dhiubh,” arsa mise, “tha mi faicinn an t-sreath as airde gu soilleir ach an uair dhearcas mi air an ath shreath, chi mi na litrichean adannsaGille Calumam measg a cheile. “O, seadh,” arsesan, “tha do radharc gle dhona aguss e mo bheachd gu feum thu speuclaran gle laidir, ach ni sinn an gnothuch.” “Thoireadh sibh-se dhomh


[63] paidhear den t-seorsa fhuair Tormod Taillear,” arsa mi-fhein, “agus cha ruig sibh a leas a bhi dol gu leithid sin de dhragh timchioll orm-se.” “Co tha sin,” arsesan. “Tha,” arsa mise, “seann duine coir ann am Bearnaraidh againne tha cho fiosrach ann an teagasg an taghaidh ri duine is aithne dhomh.” “O, seadh,” arsesan, “chan aithne dhomh dad mun chuis sin idir.” “ ’S olc an comharradh air an latha,” arsa mi-fhein. “Am bi thu ris aphiob?” arsesan. “O bithidh,” arsa mise, “ ’s nan do laimhsich sibh-se an fhicheadamh cuid de na lin-mhora tharruing misen a mo latha, bu mhaith leibh ann an cruas achathaidhs ann amire na stoirm gum biodh bunag phioba agaibh airson coinnean a chur rithe.” “Tha puinnsean an tombaca milleadh do radhairc,” arsam bodach, “agus feumaidh tu fiachainn ri fas nas aotroma air.” “Os fhasa sin a radh no dheanamh,” arsa mise—“ ’s laidir an t-slabhruidh droch cleachdadh.” Chuir e sin speuclaran (mar a bha duil agam-sa) air mo shuilean, ach an uair a sheall mi cha robh gloine idir annta. Smaoinich mi gu robh e airson mo char a thoirt asam, ach cha dthuirt mi dad. Dhfhoghlum mi an latha roimhe sin cho priseil agus a bha e a bhi tosdach sitheil an comhnuidh. Thainig e an sin le bocsa lan de ghloineachan de gach seorsa agus chuir e te dhiubh air mo shuilean. “Bheil thu faicinn na litrichean a nise?” arsesan. “Tha, badan, dhiubh,” arsa mise, “ach chan e speuclaran airson na litrichean
[64] mosach sin fhaicinn a tha miseg iarraidh idir, ach feadhainn leis a faic mi am Biobull Gaidhlig agam fhein a leughadh le comhfhurtachd.” “O,” arsesan, “na speuclaran a ni an aon rud ni iad an rud eile.” Chuir e sin gloineachan eile air mo shuilean agus shaoil leam gu robh mi faicinn gach ni mun cuairt domh ann an solus ur. Leughain gach aon de na litrichean a bhair abhord gheal, agus rud a thug snodhadh gaire orm, dhearc mi air ball-dorain beag, mu liad ploc prine a bha air barr sron abodaich.

So direach,” arsa mise, “leth-bhreac de speuclaran Thormoid Taillear, agus tha iad direach cho math dhomhs ged dheante iad air mo shon fhein.” Thug mi mo Bhiobull Gaidhlig as mo phocaid agus de dhfhosgail dhomh ach an ochdamh caibidil de litir nan Romanachcaibidil cho brighmhor agus a tha eadar da chlar nan Sgriobtuirean mar a chanadh Padruig Iain Ruairidh. Thoisich mi air achaibidil so a leughadh leis na speuclaran ura ann am fianuis abhodaich, agus na faiceadh sibh-se na suilean a chuir e airshaoileadh tu gu robh e air saoghal eile leis aghairdeachas. “O, dhuine,” arsesan, “nach milis ceolmhor am fonn a thair na faclan. Cha chreid mi gun cuala mi riamh cainnt cho taitneach ri a h-eisdeachd. ’S buidhe do na daoine a tha comasach air a leughadh agus a tuigsinn.” “Tha sin ceart gun teagamh.” arsa mise, “achs ann a than t-sochair ann a bhi


[65] comasach air firinnean mora na caibidil so a ghabhail a stigh, agus tha anns na faclan a leugh mi na chumadh cnuasachadh ruinn le cheile fad ar beatha.” “Tha mi gle dhripeil an diugh,” arsesan, “agus feumaidh min ath dhuine thoirt a steach.” “Gabhaibh mo lethsgial,” arsa mise, “ ’s mise tha gu mornur comain airson an dearrsadh den t-solus aimsireil a chuir sibhn a mo shuilean, agus tha mise an dochas gu faigh sinn solus mor spioradail le cheile, ann an lorg ar coinneachaidh an diugh. Dia leibh.”

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleXI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page