[69]

SGRIOB BHO’N TIGHXIII.

A DHUINE CHRIDHE,

Bha e feumail dhomh-sa nach robh ceilidh fada agam anns an tigh-osda ud an Obair-Dheathain. Nam biodh thiginn dhachaidh a cheart cho bochd ri radan eaglais. Phaigh mi coig air fhichead airson aoidheachd na h-aon oidhche, agus tha fhios aig sealbh mor nach robh mise comasach air luach leith an airgid ud ithe an latha bfhearr mi riamh, ach de math a bhi bruidheann. Bheirinn coig air fhichead eile airson nan speuclaran a fhuair mi, aguss ann domh-sa bfhiach.

Dhfhag mi Obair-Dheathain aig leth uair an deidh seachds amhaduinn, agus air dhomh mi-fhein a shocrachadh anns acharbad, thug mi mach mo Bhiobull Gaidhlig as mo phocaid, agus thoisich mi air leughadh direach far an dfhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh. Cha chreidinn mo shuilean fhein an uair a bha mi faicinn gach litir anns an leabhar cho mor ri cruach mhònadh a bhithinn adeanamh anns na Sitheanan. Chaneil ionghnadh sam bith orm ged bhitheadh daoine agus mnathan le dith fradhairc deidheil air speuclaran cumhachdach fhaotainn mar a fhuair mise, ged a bha mi uair de mo shaoghal a bha mi saoilsinn gu robh gach neach air am bitheadh iad an impis srachdadh leis amhoit


[70]

agus amhor-chuis. Co dhiu de dhfhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh ach an dara caibidil agus an t-seachdamh rann diag far a bheil eg radh, “Agus bheir mi dha clach gheal, agus air achloich ainm nuadh sgriobhte, nach aithne do neach air bith ach don ti a gheibh i,” agus nach bu neonach leibh-se gur h-e sin acheart phuing air an robh mi-fhein agus Scottie abruidheann timchioll air an teallach agam an t-Sabaid mun dfhag mi Bearnaraidh. Bhan earrann atoirt mo theannaidh dhomh iomadh latha, agus chuir mi direach mo chomhairle ri Scottie an latha ud fiach de bha e saoilsinn dhith. Thainig mi air as fhaireachadh ach cha do chuir sin miapadh sam bith air. Sparr e a shuilean gu teann agus thug e truiseadh beag air fhiasaig le laimh, agus arsesan, “Gun teagamhs e cainnt shamhlachail a tha anns an leabhar so bho thus gu eis, agus chan urrainn an duines foghlumaichte sheas riamh ann am broig grunnd na doimhneachd mhor a tha anns na briathran so aruigheachd, achs e mo bheachd fhein nach bitheamaid atoirt ana-ceartas don Fhirinn le bhig radh gu bheil achlach gheal so aciallachadh geallaidhean Dhe don chreidmheach mar a tha iad sin uile air an cur sios gu simplidh anns an Sgriobtur, oir geallaidhean Dhe ann-san is seadh iad agus ann-san is amen iad.” “Ciatach,” arsa mise, “tha sin sgriobturail agus chaneil leabhar mineachaidh air an Sgriobtur cho math ris fhein. ’S de nise than t-ainm nuadh a tha sgriobhte air achloich a


[71]

samhlachadh, bheil dad a bheachd agaibh?” “ ’N uair a tha an Tighearna deanamh gnothuich slainteil ri anam sam bith,” arsesan, “tha e toirt seallaidh ur agus tograidhean ura dha, agus acur a sheula fein air an anam sin direach mar a thugadh gu h-eachdraidheil Israel air Iacob, agus Mata air Lebhi a bha ri triuthaireachd aig bord na cise.” Abradh sibh-se gu robh sinn coirdte timchioll air ar meorachadh air an earrainn so, agus gu dearbhs i chum minntinn rium air an latha ud an uair nach robh duine ann ris am burrainn mi conaltradh a chumail.

N uair a thainig mi mach as acharbad anns aChaols a rinn mi direach air an t-Sheila, co thachair rium ach mo charaid còir, Mgr. Padruig, agus a bheans a nighean. An surd a rinn an duine caomh rium, agus bha sinn abruidheann air na seann laithean aig an iasgach, gu h-araidh abhliadhna bha e an Ceann Phadruig an uair a rinn Rainy searmon tomadach do na h-iasgairean, agus a bheil fhios agaibh gum bi Aonghas Neill abruidheann fhathast air cuid de na puingean a chuale an latha ud. Bha mi cho toilichte thuigsinn gun do chuir Mgr. Padruig an tinneas dona ghabh e seachad, agus nach fhada gus am bi e cho slan agus a bha e riamh. Chaneil duine an eilean Leodhais nach luigeadh slainte cuirp is inntinn agus sineadh saoghail dha.

Dhfhuirich mi an tigh Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein an oidhche rainig mi Steornabhagh,


[72] agus gu moch an ath mhaduinn thog mi orm gu Callanis le carbad nan litrichean. Cha robh duineg am aithneachadh leis na speuclaran. Bha duil aig Donnchadh Challanis gur h-e Sasunnach a bhannam agus bhruidhinn e rium am Beurla chruaidh mar is math a leigte leis, agus an uair a chaidh mi air bords abhàt’ -oladh, shuidh mi ri taobh da chaillich a Uige, agus chuala mi te acag radh os iosal, “Nach cinnteach a nise gur mor an t-airgiod a thaig an duinuasal sin, seall na speuclaran òir a thair,” ach cha do leig mise dad orm.

Thainig mi air tir aig ceann an rathaid, agus bha Tormod Beag an sin acoinneachadh maileid nan litrichean, agus chuir e a lamhn a bhoineid dhomh gu modhail, agus rinn mise an ni ceudna agus ghabh mi seachad. Co thachair rium aig Ceann aMhorghain ach Bean Bhills i dol a mach leis achrodh. “Fine day, ”arsa mise, cho gallda agus a burrainn mi. “Yes, sir, ”arsise. “Could you tell me where Coast Watcher Mr Malcolm Macleods house is? ”arsa mise, ’s dhinnis i dhomh gu doigheil, ach nach ann a bhris air mo ghairecha burrainn mi cumail orm na bfhaide. ’S iomadh latha bho nach dfhuair mi uibhir de mhodh gallda shealltuinn dhomh agus a fhuair mi an latha ud, agus taing do na speuclaran airson sin.

Sin agaibh-se, ma tha, facal air an fhacal, cunntas


[73] air mo sgriob bhon tigh, agus be sin turus an àidh dhomh-sa a rinn mo leirsinn cho math agus a bha e riamh.

Mise, le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleXIII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page