[31]

SGRIOB BHO’N TIGHII.

A DHUINE CHRIDHE,

Mar a thuirt mi ruibhs an litir mu dheireadh, dhfhag carbad amhuilleir sinn aig buth Dhomhnuill Alasdair, agus chaidh mi-fhein agus Calum do Thigh-Osda aChruin air aMhol a Tuath, agus dhorduich sinn blasad bìdh, oir chaneil ni air an talamh is fhearr airson deagh chail a thoirt do neach na sgriob bho Bhreascleit gu Steornabhaghcuiridh tlath-ghaoth fhallain na mointich spionnadh nuadh araon an corp agus an anam. Fhuair sinn tea ghasda agus ar leor de sgadan ur. Bha an sgadan gun teagamh ro mhath, ach air mo shon fhein dheth, chan fhaigh mi an aite sam bith sgadan ur cho blasda cailmhor agus a gheibh mi am Bearnaraidh againn fhein,


[32] agus nacheil gach iasg a shnamhas an Loch a Ròg ainmeil air feadh an t-saoghail uile. Chaidh sinn cuairt troimhn bhaile, agus bha sinn atachairt an sud agus an so ri seann eolaich. Co chunnaic sinn atighinn a mach a buth Dhomhnuill Uige ach ar seann charaid, Torcull, a Garrabost. Bha eg innse dhuinn gu robh duil aige dhol gu Ard-Sheanaidh na h-Eaglais Shaoir Aonaichte am bliadhna, agus nam bithinn seachduin air dheireadh bhitheadh a chuideachd agam cho fad ri Inbhir-nis. Bha mig innse dha an turus air an robh mi agus thuirt e rium gun dfhuair esan speuclaran an Obair-Dheathain bho chionn da bhliadhna, agus gu faic e nise cho math agus a chitheadh e an uair a bha en a shia bliadhna diag, agus thug na briathran ud bhon duine choir togail nach bu bheag do minntinn. Thug e dhomh ainm agus seoladh na butha, agus dhiarr e orm innse gur h-esan a chuir ann mi, aguss ann dhomh-sa bfhiach sin a dheanamh.

De mar a dhfhas Steornabhagh cho mor bhon chiad uair a sheas mise air cabhsair Sraid Chrombhell an toiseach. Ah, dhuine, ’s iomadh ceann a chaidh an currac bhon latha sin. Cha robh mi ach dusan bliadhnan uair a chaidh mi comhla ri Aonghas Drobhair gu Steornabhagh aig am na dròbh. Tha cuimhne agam air an aran-cridhe fhuair mi an ann aon de na buthancho milis agus a bha eagus afarmad a bhagam ri clann bheaga abhaile gheibheadh e an


[33] comhnuidh. ’S ann an uair sin a fhuair mi achiad phaidhir bhròg ann am buth Sheumais Chaluim. Bha iad laidir toirteil, le seachd sreathain thacaidean, agus tha cuimhnagam fhathast air aphròis a bhorm airson an diosgain a bha annta. Cha chreid mi, mas math mo chuimhne, nach robh iad tri oidhcheanan co dhiu fo mo chluasaig an deidh dhomh tighinn dachaidh leotha, leis cho leig agus a bha mi an ruthadh boidheach a bha anns na buinn aca a mhilleadh, achdhfhalbh sin agus thainig somar a thuirt an sean-fhacal, agus mar is luaithe tha dion-ruith nan linntean adol seachad air mo cheann, ’s ann is caoimhe agus is cubhraidhe tha maoth bheachdan moige tighinn air uachdar minntinn. An deidh cuairt mhor a chur air gach cuil agus cial fhuair sinn sinn fhein ann an oifis Mhic aBhriuthainn atogail cairt-fhairidh airson turus cuain a ghabhail ann am batasmuide Steornabhaighagus gheibh sibh an corr an ath sheachduin.

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page