[34]

SGRIOB BHO’N TIGHIII.

FHIR MO CHRIDHE,

Sin agaibhse mar a bha, ma tha. Chaidh sinn gu math trath air bòrd naSheilachoir. Tha i afagail a nise aig uair cho mi-araidhs amhaduinns nach robh feum sam bith dhuinn smaoineachadh air cadal. Bhan oidhche aluinns i cho soilleir ris an latha, agus bhan Gearradh-cruaidhn a laighe cho samhach thall far comhair, agus tur Caisteal Mhic Mhathain ag eirigh gu mor-chuiseach eadar sinn agus fàire. Bha duines duine tighinn air bord. Bha saighdeirean gradhach ann a bha dhachaidh air forladh agus a nise tilleadh air ais gu claisean cogaidh na Frainge. Thuirt aon diubh riumbalach briagha sgairteil a Arnoilgur h-e aon oidhche a burrainn dha chur seachad comhla ri a mhathair a bha gle bhochd bho chionn iomadh bliadhna, ach bu mhath leis sin fhein. ’S beag a tha dhfhios aig luchd an airm cho fada agus a tha Leodhas againne as an Fhraing, ach de sinfeumar a bhi striochdte le cuisean mar a tha iad a nise. Thainig mu dhusan nighean air bord, agus chuala mi gu robh iad uile air an t-slighe gu Glaschu far a bheil iad adeanamh sligeanfudair airson cur as don namhaid. Tha na boirionnaich atighinn gu follais gun teagamh sam bith agus aseasamh an aite fhein gu doigheils an rioghachd.


[35]

Bhuail achiad ghlag, agus thug achaismeachd sin grunnan eile air bord. ’N am measg dhearc mi air Ian Mac Ghille Aindreis coir, seann phrothaist Steornabhaigh, agus ultach leabhraichean aige fo achlais. Be fhein fior charaid Leodhais, agus Bhearnaraidh cuideachd, agus cha di-chuimhnich mifhein am feasd an cuideachadh mor a thug e don eilean againn an uair a fhuair sinn an drochaid air faodhail Bhalasaidh. Bha Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein ag radh rium cuideachd gun dfhuair e siol-cura do mhoran am Barabhas bho Bhord an Fhearainn. Mo sheachd beannachd, ma tha, air a cheann liath. Gu ma fada beo esan airson tagradh cuisean muinntir Leodhais. Bhuail an dara clag agus an treas clag, agus chaidh Caiptein Camshron coir, fior Ghaidheal, suas a dhionnsuidh na drochaid, agus dhealaidh sinn air falbh gu socrach bhon laimhrig, agus bha iad-san a dhfhag sinn as ar deidh asmeideadh agus aguidhe aiseig shabhailte do na cairdean ris an do dhealaich iad. Chuir e gu h-urarn am chuimhne an oidhche mhor da bhliadhna na Lunasdal so chaidh, an uair a dhfhag na ciadan de ar gillean tapaidh laimhrig mhor Steornabhaigh, agus, mo leireadhs mo mhulad, nach iomadh laoch dhiubh sin nach till tuilleadh gu eilean an gaoil no gun cairdean gradhach. Leis an smuain so chaidh sinn seachad air tigh-soluis Arinis agus bha soluis Steornabhaigh lion beag is beag adol as an t-sealladh.


[36]

N uair a dhearc mi air an tùrrabhaidh (beacon) mu choinneimh an tigh-sholuis, dhinnis mi do Chalum mu shearmon a chuala mi uair aig Murchadh aCheisteir an Eaglais Phadruig an Glaschu. Bha e bruidheann air fireantachd Chriosd air a chur le creideamh ris apheacach, agus bu ghle thoil leis a bhi faighinn gach samhla ann an Leodhas. Thuirt e gu robh tigh-soluis Arinisn a shamhla air an fhireantachd so, agus mar a bha solus an tigh-sholuis adearrsadh gu cuilmeanachn a bhoillsgean air gloine dhorcha an tùr-rabhaidh mu choinneimh, agusg a lasadh suas mar gum bitheadh an soluss an tur fhein, mar sin gu bheil fireantachd Chriosda ann an anam iompaichte apheacaich, ’g a lasadh suas le gràdh don Fhear-Shaoraidh air aleithid de dhoighs gu bheil an t-anam sinn a sholus iuil anns an aite sam bheil e. Chord an samhla ri Calum. Chuir sinn coinnein ris aphiob agus ghabh sinn sgriob sios agus suas air clar-uachdair abhàta. Co thainig a bhruidheann rium ach Mgr. Mac Leoid, Ceistear nan Sgoilean an Leodhas. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais comhla ris ann am Bearnaraidh Bheag aon lathas t-samhradh so chaidh, ach is beag a bha dhuil agam-sa gun aithnicheadh e mi a ris. Be fhein am fior ghille coir, gun phrois gun fhiaradhagus cho ealanta agus a labhras e aGhaidhlig. Gu dearbh fheine, ged is ann air aGhaidhlig a thogadh mise, feumaidh mi aideachadh gu robh moran fhaclan aige nach robh mise tuigsinn, agus nach e sin an t-iomrall a tha


[37] sinn adeanamh gu math tric, gu h-araidh an oigridh a bhan Glaschu, a tha airson fios a bhi againn gu bheil Beurla Shasuinn acafeumaidh an comhradh a bhin a cholomadh eadar Gaidhlig is Beurlamullach an aineolais. Tha min dochas gun tachair mi ris an duine choir fhathast.

Feumaidh mi sgur an drasda. Tha eagal orm gu bheil an litir ro fhada mar tha, ach innsidh mi mun fhortan a thachair rium an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills.

Mise, le meas mor,

ALASDAIR MOR.

titleIII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page