SGRIOB BHO’N TIGH—IV.
A CHARAID, MO RUN,
Tha mi creidsinn gu’m bi sibh a’ smaoineachadh gur h-e dhol a mach air cliathaich na “Sheila” agus tumadh fhaighinn ’s a’ Chuan Sgith a thachair dhomh, an uair a thuirt mi gu’n do thachair an cruidh-fhortan rium anns a’ Chaol. A dhuine chridhe! b’ fhasa gu mor leam-sa sin air doigh, agus snamh gu leor agam, na na thachair dhomh mu’n d’ fhuair mi air tir air fearann na mor-thir. Ma tha, gun a dhol thar mo sgeoil, an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills agus a
Thuirt e rium nach fhaighinn a larach nam bonn gus am faighinn litir-shiubhail, agus cha d’ thuirt mise dad ach “uill” —de math a dheanadh e
Dh’ fhag mise bata-smuide Steornabhaigh gu toileach as mo dheidh agus rinn mi direach air an ionad-charbad, agus gu fortanach dhomh-sa, bha mi ann an leth uair a thide ’n am shuidhe gu socrach anns a’ charbad-iaruinn a bha ruith gu siubhlach (air uairibh) gu baile mor Inbhir-pheofharain.
Soirbheachadh leibh agus roimhibh.
Mise, gu dileas,
ALASDAIR MOR.
title | IV |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Sgriob bho’n Tigh |