SGRIOB BHO’N TIGH—V.
A DHUINE CHOIR,
Tha mi direach a’ dol a thoiseachadh far an do sguir mi air an t-seachduin so chaidh. Cha robh duine ’s a’ charbad ’s an deachaidh mi steach anns a’ Chaol, agus mar sin bha cothrom agam toit mhath de’n phiob a ghabhail. ’S mairg a chaineadh an tomhaca ged a tha e daor, ’s caomh e gu sith chur air tonnan uaibhreach na h-inntinn, gu h-araidh an uair a bhitheas tu air do ludradh agus air do thaomadh bho shoitheach gu soitheach mar a bha mise. ’N uair a rainig mi an Strom, co thigeadh a steach do ’n charbad anns an robh mi ach cailleach neonach neonach. Gu dearbh bha lan dhuil agam gur h-i bana-chearrd a bha innte an toiseach. Cha toireadh tu tri sgillinn air gach stiall aodaich air a closaich, agus bha na bh’ ann cho seann fhasanta agus ged dh’ eireadh ban-righinn Mairi as an uaigh gun cheann oirre. Thoisich i ri bruidheann, a bhalaich, ann am fior Bheurla ionnsaichte agus cha b’ fhada gus an d’ thuirt mise rium fhein gu robh deise mhath aice ’s a’ chiste an ait’eigin. O, bha i neonach neonach, agus ge b’e co a leig a mach i, rinn e iomrall. Bu choir dhith a bhi am braighe an tigh-chaothaich. Ars’ ise, mu’n do tharr i an suidheachan a bhlathachadh, “An do smaoinich thu riamh air tighinn ri do bheatha?” “Dhia,
Tha eagal orm gu’n toir an cunntas so cho fada ris a’ chogadh mu’n tig crioch air, ach tha mise airson gach ni a thachair dhomh innse dhuibh an uair a tha sibh fhein cho gasda.
Mise agaibh, le durachd,
ALASDAIR MOR.
title | V |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Sgriob bho’n Tigh |