[52]

SGRIOB BHO’N TIGHVIII.

FHIR A’ PHAIPEIR,

Mar a thuirt mi ruibh air an t-seachduin so chaidh, fhuair micopan tea air mo bhoisaig ionad-charbad Eiliginn, agus rinn e mor fheum dhomh. Is trocaireach an rud an tea fhein, ged is tric sinng a caineadhcha toir sin oirnn sgur dhith. Ghluais sinn gu sunndach air falbh agus bhon a bha am feasgar briagha ciuin, bha sealladh grinn againn air an duthaich mun cuairt. Bha da bhodach anns acharbad comhla rium, ach ma bha mise samhach, cha robh coltas orra-san gu robh comas labhairt aca idir. “Ma thogair,” arsa mise rium fhein, “tha mi ceart gu leor fhads a chumaspaipear an druggistleughadh rium.” Thainig sinn gu baile beag, ach ged a mharbhadh sibh mi, chan urrainn mi cuimhneachadh den t-ainm a bhair. Coma co dhiu an uair a stad an carbad, co thigeadh a steach comhla rium fhein agus na bodaich ach caileag og. Gu dearbh cha robh i boidheach, ach, a charaid, na faiceadh sibh-se sgeadachadh abhoirionnaich sin, theireadh sibh ruibh fhein nach robh gainne airgid no òir air sporan an duine a phaigh abhan-taillear aice. Bha brogan iosal ur nodha oirre. Bha na sàilean aca sia oirlich, nas docha còrr, air airde, agus bha na barr-iallan cho leathainn ri ribeanan curraic a chitheadh tu air


[53] cailleach ann am Bearnaraidh an uair a bha mise na boige na tha min diugh. Airson na stocainean dheth, ma bha iad fasanta, cha robh moran sgoinn annta. Dhitheadh na caoraich am fiar trompa, agus thuirt mise rium fhein nach e Tomas nan Ioc-shlaintean a rinn iad sud co dhiu. Cha be idir samhla de obair iad. Tha paidhear a rinn e bho chionn leth bhliadhna air mo chasan an diugh, agus chaneil toll no fàiling annta fhathast, a dhaindeoin gach allabain a fhuair iad eadar beinn is baile. Bha gùn de bhreacan glas nan ciobairean oirre, agus bha e a cheart cho goirids ged bhiodh aice ri siubhal troimhn mhointich gu airighean Beinn Mhòclaid. Bha tri usgraichean air an darna dorn agus dha air an t-eile comhla ri uaireadair duirn, agus airson fhainneachan, a mhic, ghabhadh e duine bfhearr ceann na mise airson an cunntadh, ach thuirt mise rium fhein ma bha gealltanas posaidh aice air fear mu choinneamh gach fainne bha sud, gur h-i dhfhaodadh a radh mar a thuirt an t-eile, “nach ann orm-sa than fheill.” Bha mig innse mu deidhinn do Thomas an latha roimhe, agus cha mhor nach do bhris e achathair air an robh en a shuidhe leis na rinn e de lachanaich. Thainig sinn gun cho-dhunadh gum biodh e iomchuidh agus ro fheagarrach gum biodh Morair araidhs an rioghachd air a chur air leth airson suil a chumail air riomhadh nam boirionnach aig an am so. Tha Morair Rhondda os cionn cuisean abhìdh, agus feumaidh sinn a bhi stuama ann an
[54] caitheamh mine agus siucair, ach chaneil guth air boirionnaich ghòrach a tha deanamh gloir ann an aodach cosdail aig an am so an uair a tha an rioghachd againn feumach air a bhi cleachdadh stuamachd chan e mhain ann am biadh ach an eideadh cuideachd. Ma bhitheas sibh-se sgriobhadh uair sam bith gu Seumas Iain Mac-Mhuirich, ball Parlamaid na siorramachd againn, bu choir dhuibh a ni churn a shuilean fiach de theireadh e. Cha robh ionndrainn oirre gu dearbh an uair a dhfhag i ar cuideachd air an t-slighe gu Obair-Dheathain. Chaneil fhios agam an do ghabh na bodaich shamhach mi-chiatamh dhithco dhaithnicheadh sin air an anail ach bha mise agam fhein mar a babhaist.

Rainig sinn baile mor Obair-Dheathain gun sgiorradh gun tubaist, agus leig mise latha math leis na bodaich, agus rinn mi direach air an t-sraid gus an do sheol Torcull mi mun dfhag mi Steornabhagh. Cha robh mi tur aineolach air na sraidean le bhi ann gu tric aig an iasgach, agus leis sin cha robh e ro dhuilich dhomh mo cheann-uidhe ruigheachd. Fagaidh mi cuisean mar sin an drasda agus innsidh mi dhuibh mar a thachair dhomhs abhaile mhor air an ath sheachduin.

Mar sin leibh ma tha, agus leis gach durachd.

Mise, le meas mor,

ALASDAIR MOR.

titleVIII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page