[55]

SGRIOB BHO’N TIGHIX.

A DHUINE CHOIR,

Mar a thuirt mi ruibh cheana, fhuair mi an tigh-osda gus an do sheol Torcull mi agus bhuail mi clag buidhe a bha an ursann an doruis mhoir, agus thainig caileag chaol ard le aodann fluirn am choinneamh, agus dhinnis mi dhith gu robh mi airson cuid na h-oidhche fhaighinn agus suipeir mun rachainn a laighe. Thug i mi gu uinneag anns an t-srannsa, coltach ris an uinneig thogalaich a tha anns an t-seomar òils an Tigh-osda Rioghail againn fhein an Steornabhagh. Bha caileag ghreannach ruadh a stighs an aite bheag sin agus moran leabhraichean aice, agus airgiod agus treallaich eile mun cuairt dhith. Thug i dhomh paipear odhar agus thuirt i rium gu feumainn mainm agus mo shloinneadh agus ainm an aite as an dthainig mi a chur sios air mum burrainn iad aoidheachd a thoirt dhomh. “ ’S carson nach robh an riaghailt sin agaibh,” arsa mise, “an uair a bha mise an so aig an iasgach bho chionn dusan bliadhna ?” “O,” arsise, “ ’s en cogadh a rinn so. Feumaidh sinn a bhi mionaideach timchioll air coigrich a nise mun toir sinn aoidheachd do na Gearmailtich gun fhios duinn.” “Seadh direach,” arsa mise, “cha dean muc am poca an gnothuch a nise, ach thug neach eile aoidheachd do ainglean gu nfhios da.” Rinn i gaire, bronag.


[56]

Tha mi creidsinn gur h-ann afanoid air aBheurla agam a bha i, ach ma thogair. “Ma tha, mo nighean mhath,” arsa mise, “cha lair dhomh-sa dad a tha air aphaipear so, aguss e cion an radhairc a ghluais a Bearnaraidh mi, fiach a faighinn speuclaran leis an leughainn an Fhirinn le comhfhurtachd.” “O,” arsise, “bi sin ceart gu leor. Sgriobhaidh mi-fhein sios na h-uile dad, direach mar a their sibh rium, agus cuiridh sibhur lamh ris agus cumaidh sin ceart sinn.” “Mo bheannachd agad-sa,” arsa mise, “ ’s mise than dochas gur tu gheibh rogha nam fearaibh air do chluasaig.” Thainig an sin balach beag agus sreath de phutanan gealan a chota, agus thuirt e rium gu sealladh e an seomar-cadail dhomh. Thug e leis amhaileid bheag a bhagam agus chaidh sinn a steach do chlosaid bhig agus geata iaruin nn a dhorus rithe. Nach ann a ghabh mi an t-uamhas bu mhotha ghabh mi riamh gum be sud maite taimh re na h-oidhche ach cha do leig mi dad orm. ’N uair a chaidh sinn a steach, dhuin am balach an geata iaruinn a bha sud, chuir e car no dha ann an laimh bhuidhe bha ann am bosca dubh a bhan oisean na cuil, agus am priobadh na sula chriothnaich an t-urlar fo mo chasan agus thoisich mi-fhein agus am balach agus achuil gu leir air eirighs air eirigh na bairde, agus theabmi direach a dhol a cochull mo chridhe, agus leis abhriosgadh a ghabh mi cha burrainn domh eigheach. Smaoinich mi air Pol coir air a thogail a dhionnsuidh an treas neimh


[57]

achchuir am balach car gu tuath anns an laimh bhuidhe agus air ball stad aphlaigh bhocsa anns an robh sinn. Dhfhosgail e an geata agus chaidh sinn uile mach, agus aig sealbh mor fhein tha brath den t-asdar a rinn sinn suas gu mullach an tighe. Dhaithnich am balach gle mhath nach robh mi suas ris aghnothuch, ach ma thogairs ma thogair eile. Chuir mi boiseag air maodanns air mo lamhan, agus cha burrainn dhomh gun a bhi briseadh air mo ghaire leam fhein an uair a smaoinichinn air abhocsa aighearachs an tugadh mi suas an staidhre. “Fhearaibh,” arsa mise leam fhein, “nam biodh Eilidhs Bantrach Chaluim shios an Roulinis comhla rium nach ann aca bhiodh aghaoirs na sithicheang an togail beo slan bho thir an amhghair chumas daoinen am bruaillean an uair nacheil iad eolach air a ghnaths. Fhuair min seomar dinneireach, agus sheol caileag dhubh mi a dhionnsuidh abhuird air an robh mo shuipeir. Cha robh gainne air sgianan agus forcaichean agus poitean tea is poitean siucair airgid, ach gu dearbhs ann spiocach spiocach a bha na bha dharan air mo bhialamh, ach fhuair mi mach uaithe sin gu bheil aca ris gach mir arain a thomhas a nise, agus unnsa no dha chur mu choinneimh gach neach. Nach math nach dthuirt mi dad ged is ann acrach a chaidh mi laighe an oidhchud. Cha robh moran aig an t-suipeir, ach dhearc mi air aon bhodach agus coltas gle stagach air cuideachd, agus bha botul mor uisge-


[58] bheatha aige air sgornan, ’s bheireadh e balgam as an drasdas a rithist, agus leis abhlaiseagraich a bha air, feumaidh gu robh an stuth ataitinn ris gu math. Chuireadh e sin coinnein ris aphiob, agus an smuid a bhag eirigh uaithe, bheirinn mo mhionnan gu robh mig a shamhlachadh ri cleireach an t-sagairt alosgadh na tuise.

Feumaidh mi sgur.

Leis gach muirn,

ALASDAIR MOR.

titleIX
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page