BUACHAILLEACHD A’ CHRUIDH.
A CHARAID SHUAIRCE,
’S gann a tha fath agam air peann a chur air paipear air an t-seachduin so le drip na h-obrach. Eadar faing is buachailleachd is strith ri lin-bheaga, thuilleadh air treallaich eile, ’s ann mi-shunndach a tha mi faireachadh an comhnuidh air cul a’ phinn, agus cha bu ghearan sin uile mur biodh gu bheil meirgeadh a’ tighinn air buadhan na h-inntinn agus sgleo air suilean mo mhac-meanmna. Tha fhios agam airson sin gu’n gabh sibh mo leth-sgial agus nach bi sibh an comhnuidh ag amharc ri litir shuspainneach bho bhodach sean bochd nach d’ fhuair cothrom air smior an fhoghluim bho oige.
’S ann anns na Sitheanan, agus mi a’ buachailleachd a tha mi sgriobhadh so—an aon fhath a fhuair mi air an t-seachduin so. Tha Murchadh
Tha mi creidsinn gu’n d’ eirich mi fichead uair bho ’n thoisich mi air so a sgriobhadh, a thilleadh a’ mhairt odhair. Tha spealg mhor de’n donas innte ma dh’ fhoghnas a bhi falbhanach e. Nach ann a theab mi-fhein agus Mairi a dhol a mach air a cheile ’n diugh air a son, agus ise ’g radh gu robh bhó gle choltach rium fhein—ach ged bhios dubh-fhaclan agam fhein ’s aig Mairi iomadh uair, chan’eil dithis eadar da cheann Bhearnaraidh cho coirdte ruinn, a chionn gu’n tuig sinn a cheile, agus nach-eil an dithis mall ann a’ sgaitearachd.
Bithidh orduighean Steornabhaigh ann latha na Sabaid so tighinn, agus bithidh duil agam ri sgriob eile thoirt bho’n tigh. Tha mi ’n dochas gu’m bi Padruig Iain Ruairidh air cheann cuid de na seirbhisean.
Mar sin leibh an drasda,
’S mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | Buachailleachd a’ Chruidh |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |