[76]

TEA GUN SIUCAR.

A CHARAID RUNAICH,

Bha lan dhuil agam gu faighinn a dhol do Steornabhagh a dhionnsuidh nan orduighean air an t-seachduin so, ach leig mi Sine ann. ’S fhada bhon a bha deidh aice air sgriob a thoirt de cheanna-bhaile an eilein, agus an uair a chuali gu robh carbad-oladh atighinn gu Breascleit a dhiarraidh Peigi Aonghais Ruaidh agus an teaghlach, ’s ann a thog i oirre gu h-uallach, agus tha chead aice, bronag; ged is liath a dosan, cha dfhuair i riamh roimhe a leithid sud de onairan rathad ur a chur seachad an tri chairteil na h-uarach ann an carbad gun each gun diallaid gun srathair, ach nach ann mar sin a tha— ’s iomadh rud a chi am fear a bhios fada beo.

S ann glagach gu leor a tha mi-fhein, ma tha, fad an t-samhraidh, ged a tha mig eirighs agearan mar a bha achailleach eileg radh. Chan urrainn mi thuigsinn de tha cearr orm idir, ach tha mi cur na coire gu leir air an tea gun siucar a bfheudar dhomh a bhi gabhail bho chionn greise. ’S cinnteach gu bheil fios is faireachadh agaibh fhein air gainne an t-siucair am bliadhna. “Chan ann am Bòid uile than t-olc,” mar a thuirt an sean-fhacal, achs e ar cuid fhein is duilghe dhuinne dheth. Chaneil deifir dem biadh a gheibh mi-fhein, ged bhiodh e cho math ri dinneir


[77] Righ Sheorais, mur a faigh mi copan denlus bheannaichtecha dean e feum sam bith dhomh, agus chan e sin a mhain, ach be mo chleachdadh a bhi cur cruachadh thri spainean de shiucar anns gach cupa, agus an uair a gheibhinn lan copain de thea air a deagh tharruing mar sin, bhithinn cho sunndach agus a bha mi aig coig bliadhna diag. ’N uair a bha mi gearan na siataig as t-earrach, ’s ann a chaidh mi shealltuinn air an Dotair Moraidh, an duine coir, lathas eg amharc as deidh slainte nan sgoileirean againn. Bha Calum Sheorais shuas comhla ris, agus dhinnis e gu doigheil don dotair an turus air an robh mi. “Bheil fada,” arsesan, “bhon thoisich sibh ri gearan?” “ ’S iomadh bliadhna bhon uair sin,” arsa mi-fhein; “ ’s e fuachd is fliuchadh an iasgaich a rinn an gnothuch orm-sa.” “Bheil sibh trom air an tea?” arsesan. “ ’S mise gu dearbh a tha sin,” arsa mise: “ ’s i is cuibhrionn dhomhs is biadh, ’s bu mhi-chailmhor gach blasad as a h-aonais.” “Am bi thu gabhail siucair innte?” arsesan. “Bithidh, ’s mise gu dearbh a bhitheas,” arsa mi-fhein. “Bu cheart cho math leam-sa sughadh na tri-bhilich ri tea gun siucar.” “Feumaidh tu sgur dheth, ma tha,” arsan dotair; “tha siucar uamhasach dona air an t-siataigtha eg a beathachadhn a do chnamhan.” “O, ma tha, dhotair,” arsa mise, “nach iongantach nach drinn e coire orm roimhe so agus mi riamh cho deidheil air nithean milis.” “O,” arsesan, “tha t-fhuil afas lag a nise agus ani dheanadh feum
[78] dhuit an uair a bha thu og laidir, ni e coire dhuit a nise.” “Na toir barrachd air tri mionaidean de tharruing don tea,” arsesan, “mun toir thu mach puinnsean nan duilleagan.” “O, dhotair,” arsa mise, “cha chreid achailleach agam-sa sin ged a chanadh an t-abstol Pol rithe e. Feumaidh aphoit tea bhi air na h-eibhlean co dhiu leth uair a thide, agus cha bhin gnothuch ceart gus am bi smuid aisde mar gu faiceadh tu an Sheila nochdadh a steach aig tigh-soluis Arinis.” “O, mo chreach, Alasdair,” arsesan, “chaneil an sin ach an dearg phuinnsean, agus ma leanas sibh air an tarruing sin a thoirt dhith, bheir i an rusg bharr na stamaig agaibhs bithidh daor an ceannach agaibh air an tea.” “Tapadh leibh-se, dhotair,” arsa mise, “tha mi gu morn ar comain ach is mor meagal-sa nach bi teud reidhs an fhidhill an uair a chluinneas achailleach mun doigh ur air deanamh na tea.”

An uair a fhuair mi dhachaidh dhinnis mi facal air an fhacal mar a thuirt an dotair coir rium mun t-seorsa tea bha i deanamh. “Chan ionghnadh sinne bhi dubh,” arsise, “ ’s gun ar cruth a bhi air doigh, ach bho nach deachaidh an eitign ar corp roimhe so le tea air a deagh tharruing, cha teid agus cha tig an latha dholas mise tea mar uisge bhuntatarud tha thusag iarraidh.”

S e bun mun do stad an gnothuch gun do


[79] cheannaich mise poit tea ur bho Aonghas Mhurchaidh Chaluim, agus tha Sine deanamh tea an Dotair Moraidh dhomh-sa, agus than t-seann phoit aice fhein asmuideadh a mach acheo mar is abhaist.

Mise, le deagh run,

ALASDAIR MOR.

titleTea gun Siucar
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page